Doctor Goes North,le George Mair. Clo-bhuailte Peter Owen. 21/ -.
Sgrìobh Seòrsa Mair leabhar mun Aird an Iar turus air an tug eDoctor Goes Eastmar ainm. Tha e coltach gun do shoirbhich an leabhar sin thar tomhais, agus, tha sinn a’ creidsinn gun do rinn e airgead mór do’n ùghdar. Cha b’iongnadh ged a dhéanadh, oir ameasg rudan eile, dh’innis Mair mar a chunnaic e maighdean mhara ann am baile Aden.
Chan eil sinn buileach cho cinnteach gun soirbhich cho math leis an fhear so ged a chunnaic Mgr. Mair uile-bheist Loch Nis. Gu mì-fhortanach cha robh duine còmhla ris, agus, air an dearbh latha ud, nach ann a dh’fhàg e a’ chamara aig an tigh! Chan e sin an aon rud a lorg an t-ùghdar so. Lorg e cuideachd 175,000 Albannach aig an robh Gàidhlig, agus tha sin cho math ri uile-bheist Loch Nis latha sam bith.
Tha sinn a’ fàs caran sgìth de leabhraichean a tha a’ déiligeadh ri Alba, agus ris a’ Ghaidhealtachd gu sònraichte, mar dhùthaich choimhich anns a bheil daoine éibhinn a bheir spòrs do luchd-leughaidh. Tha sin cuideachd a’ fàs caran sgìth de na manaidhean ’s na taibhsean a bhios luchd turuis leithid Mair a’ faicinn air gach cnoc.
Thòisich cuairt an sgrìobhadair so ann an Dun-éideann, agus rinn e geur sgrùdadh air a’ bhaile sin a’ dùsgadh an àird seann eachdraidh agus, gu tric, a’ dol cas ma-sheach eadar eachdraidh agus beul-aithris. As a sin, chaidh e suas cuairt roimh dhùthaich Rob Ruaidh agus feumar aideachadh gun tug e dealbh eireachdail de lochan ’s de bheanntan Pheairt. Ach eadhon am meadhon na deilbhe sin cha b’urrainn dha cumail caoiteas seann sgeulachdan oillteil a thugadh dha air gnìomhan fuilteach á eachdraidh na h-Albann.
[Sanas]
A Peairt suas a dh’Obar-Dheadhainn. As a sin a dh’Inbhirnis. Agus a Inbhirnis do na h-Eileanan an Iar. Sin far an do rinn e latha mór dheth.
Tha e duilich a thuigsinn có na daoine ris an do thachair e ann an Leódhus agus anns na Hearadh, ach is e an aon cho-dhùnadh chun an urrainn dhuinn tighinn gun do thachair e ri feadhainn a bha a’ bùrd mhagadh air. Ann an Steòrnabhagh, bha crac aige ri Pròsdanach dubh nach itheadh iasg a chaidh a ghlacadh air an t-Sàbaid gus an robh e cinnteach gur e Caitligeach a ghlac e. Bha an t-iasg anuairsin ceart gu leòir, oir cha b’urrainn an Caitligeach e fhéin a dhamnadh na bu mhòth eadhon leis an t-Sàbaid fhéin a bhriseadh.
Ge be có an Leódhusach a bh’ann, thug e ar caraid air chuairt do na Hearadh, a dh’aon ghnothaich gus brot feamann òl ann an Roghadal. A leithid eile de bhrot! Bha am blas aige fìor mhath, oir bha e air a shailleadh le salchar nan eun, agus a réir na te a rinn e, cha robh am brot air a bhith ceart mur a biodh sin mar sin. Ach bha an truinnsear so buileach blasda a chionn ’s gu robh spog giomaich ann a bha air gréim a thoirt á sròn a’ choin duibh. Obh, obh!
Tha dara leth an leabhair a’ bontainn ri cuairt Mhgr. Mair. Tha an còrr dheth làn de chlàran innsidh a tha a’ déiligeadh ri eachdraidh, ri Gàidhlig, ri gnathasan, ri dùthaich agus ri sluagh na h-Albann. Tha iad sin mar a tha iad.
Ma tha ginidh buidhe agaibh ri sheachnadh ceannaichibh so, oir, ma tha sibh coltach rinne, bheir e gàire oirbh ged a dh’fhaodas an gàire a bhith rud beag searbh an dràsda ’s a rithist.
F. McD.
title | An Sgeilp Leabhraichean (Doctor Goes North) |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 24 %p |
parent text | Gairm 24 |