Anns A’ Bheairt
BHA an t-Ollamh Coinneach Jackson gus togail air gu Breatainn na Frainge nuair a chuala sinn bhuaithe mu dheireadh. ’S e sgoilear air leth trang a tha anns an Ollamh Jackson, agus cha b’ ann ’na thàmh a bha e rè saor-làithean na Càisge. Ach de’n turus so thug e naidheachd dhuinn air saothair a tha an ìre mhath gu bhith ullamh—is e sin Leabhar II deMore West Highland Tales.B’ ann sa’ bhliadhna 1940 a chuireadh amach Leabhar I, dòrlach de na chruinnich Iain Og Ile ’s a luchd-cuideachaidh o chionn ceud bliadhna, air eadar-theangachadh le Iain MacAoidh, agus air a dheasachadh le Uilleam MacBhàtair, Dòmhnall MacGilleathain agus leis an Ollamh H. J. Rose.
Chan eil beò an diugh de na laoich sin ach an t-Ollamh Rose, agus tha làmh aige anns an leabhar ùr so a tha anns a’ bheairt an dràsda. Cuide ris, agus ris an Ollamh Jackson, tha compàirt aig dithis sgoilearan eile anns an obair: an t-Ollamh Aonghus MacMhathain agus Mgr. Iain MacAonghuis. Tha deasachadh na Gàidhlige an urra ris an Ollamh MacMhathain, agus tha Mgr. MacAonghuis air eadar-theangachadh as ùr a dhèanamh air na sgeulachdan.
Tha an t-Ollamh Jackson ag innse dhuinn gum bi seachd sgeulachdan deug ar fhichead anns an leabhar so—gach nì nach deach an clò fhathast de na sgeulachdan 62-169 a rèir àireamh Iain Oig. Bha trì dhiubh anns an leabhar a chuir Iain MacAoidh amach fo’n ainmThe Wizard’s Gillie. ’S e Oliver & Boyd a tha a’ clo-bhualadh an leabhair, is bithidh fadachd oirnn gus am faic sinn e.
Tha an t-Ollamh Jackson an sàs ann an obair eile nach teid crìoch a chur oirre an cabhaig: is e sin ath-dheasachadh de na làmh-sgrìobhainnean sin a dh’ fhàg Clann Mhuirich, an Leabhar Dubh is an Leabhar “Dearg”. Ach bithidh greis ann mus fhaic sinn so.
RAITHEACHAIN AGUS IRISEAN EIREANNACH
Is dòcha gu bheil cuid de ar luchd leughaidh a chuireadh a dh’ iarraidh cuid de na h-irisean so, ach fios a bhith aca air a’ phrìs is air an t-seòladh:
AR AGHAIDH. Coláiste na h-Ollsgoile, Gaillimh, Eire. (Tha am mìosachan so a’ cosg 5/- anns a’ bhliadhna.)
DEARCADH. 3, Cearnóg Thuaidh an Choláiste, Belfast, Eire (Mìosachan, 4/6 sa’ bhliadhna.)
FEASTA. 14, Cearnóg Pharnell, Baile Atha Cliath, Eire Mìosachan, 8/- sa’ bhliadhna.)
INDIU. 29, Sráid Uí Chonaill Ioch., Baile Atha Cliath, Eire. (Paipear-naidheachd seachdaineil, 17/6 sa’ bhliadhna.)
AN T-ULTACH. 22, Faithche Bhadalaí, Baile Munna, Baile Atha Cliath, Eire (Mìosachan, 3d gach mìos.)
COMHAR. 44, Sráid Chill Dára, Baile Atha Cliath, Eire (Mìosachan, 7/6 sa’ bhliadhna.)
DEIRDRE. 11, Sráid an Rí, Baile Atha Cliath, Eire. (Ràitheachan, 9d gach ràith.)
title | Anns a’ Bheairt |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Gairm 24 %p |
parent text | Gairm 24 |