Ag altramas Gairm
Le NA FIR-DEASCHAIDH
Anndra MacIain agus Anndra Dick—dà chlò-bhualadair—ag ullachadh a’ chlò airson Gairm.
THA e duilich dhuinne uaireannan a chreidsinn gu bheil Gairm an aois a tha e! Gu bheil an t-seachdaimh bliadhna a’ tòiseachadh, agus gu bheil suas ri ochd bliadhna bhon a choinnich sinn airson cupa coifi (no rud-eigin!) agus a chuir sinn romhainn ràitheachan Gàidhlig a chur air bonn. Aig Sealbh tha fios dé an seòrsa ràitheachain a bha ’nar beachd. Cha b’e so e co-dhiùbh. Ghabh an Gairm air am bheil sibh eòlach an diugh a chumadh fhéin troimh na mìosan agus troimh na bliadhnachan. Bha an làn leinn ann an iomadh dòigh. Bha feum air leabhar ùr aig an àm. Bha sinn cho bras agus gun tug sinn geallaidhean nach bu chòir dhuinn a thoirt, ach bhon a thugadh iad b’fheudar an cumail. Bha sinn fortanach gun d’fhuair sinn grunnan math de shanasan-reic, oir is iad na sanasan-reic a tha a’ cumail ràitheachain no mìosachain sam bith a’ dol. Bha sinn fortanach thar tomhais gun d’fhuair sinn cuideachadh airgid bho bhuidhnean Gaidhealach de gach seòrsa, agus bho Ghaidheil anns gach àite. Ach, os cionn gach nì eile, bha sinn fortanach gun do lorg sinn càirdean anns gach ceàrnaidh a bha deònach ultaichean de Ghairm a reic dhuinn. Tha móran aca sin ’gar cuideachadh fhathast, agus tha sinn ’nan comain.
Nan robh fios againn, anuair a thòisich sinn, air an obair a bha romhainn cha robh eagal dearg ar beatha air leigeil leinn an coileach a chur air a spiris. Oir tha an obair uaireannan marbhteach.
[Dealbh]
So far a bheil an obair a’ tòiseachadh—ann an oifis Gairm aig 227Bath Street. Gu h-àrd, chì sibh Fionnlagh MacDhòmhnaill, Dòmhnall Mac’Illeathain, agus Raibeart MacFhearghuis a’ beachdachadh air na sanasan-reic, agus a’ cùnntas fiach an toir iad asteach airgead gu leòir.
[Dealbh]
Ann an so shuas chì sibh Anndra Learmonth (an clò-bhualadair) còmhla ri Ruaraidh MacThómais. Tha iad le chéile a’ beachdachadh air inneal ùr a bhios a dh’aithghearr a’ cur dealbhan ioma-dhathach ann an Gairm. Tha Uilleam Wilson a’ tearraideachadh ochd duilleagan oir tha an ràitheachan air a chlò-bhualadh ochd duilleagan aig an aon àm.
[Dealbh]
Tha rudeigin ceàrr! Agus tha Ruaraidh MacThómais ann an Sruighlea a’ comharrachadh mearachd do fhear de’n luchd oibreach aig Mgr. Learmonth—Alasdair Innes.
[Dealbh]
So agaibh Murdag NicCoinnich a bhios a’ sgrìobhadh airson nam ban. Is e an cidsin gnothaich bhoireannach, agus tha Murdag a’ cur an céill gu bheil i cho math aig a’ chòcaireachd ’s a tha i aig an sgrìobhadh.
Tha an ath Ghairm a’ tòiseachadh anuair a tha am fear mu dheireadh ullamh! Bithidh sinn an còmhnaidh a’ cur dà fheasgar seachad còmhla a’ cur Gairm ri chéile—a’ cur nan dealbh ’s nan sanasan-reic ’nan àitean dligheach, a’ strì gu bàrdachd, dealbhan agus sgialachdan a chumail as leth-oir a chéile. Mar is trice bithidh an duilleag mu dheireadh ullamh aig dà uair ’sa’ mhadainn, agus, anuairsin, le toit ri taobh an teine, bithidh sinn a’ beachdachadh air na rudan a bu mhath leinn anns an ath àireamh.
[Dealbh]
Iain A. MacDhomhnaill
B’e Iain A. MacDhòmhnaill fear de’n chiad fheadhainn a thug làmh-chuideachaidh dhuinn. Tha cuimhne aige fhathast air na feasgair fhada a chuir e seachad a’ sgrìobhadh litrichean agus a’ postadh pharsalan de Ghairm aig 9Cromwell Street. B’ann bhoauctioneera fhuair sinn iasad de’n oifis sin agus cha bu rud ùr sam bith dhuinn a bhith astigh còmhla ri seann dhreasairean, seann leapannan agus seann àirneis de gach seòrsa anuair a bhiodh an t-auctioneer trang. Tha ùidh aig Iain ann an Gairm fhathast; tha leasan Gàidhlig aige anns a h-uile àireamh bho thòisich sinn. Gu mì-fhortanach tha sinn air sealladh a chall air Rhona Sykes, a’ bhana-Sgiathanach a chaidh air tòir nan sanasan-reic dhuinn an toiseach.
Cha robh sinn fada a’ dol anuair a thuig sinn gu robh sinn na b’fheàrr air bàrdachd is sgialachdan na bha air cùnntasan a chumail! Mar a rinn Nì-math, thainig fear-cuideachaidh anuair a bha feum air—Dòmhnall Mac’Illeathain á Barraidh. Is eaccountanta tha ann an Dòmhnall Iain, agus tha e còmhla rinn fhathast, daonnan a’ gearain mu airgead ach daonnan a’ cumail nan leabhraichean ceart.
Bha Calum Ceanadach greis a’ lorg shanasan-reic dhuinn cuideachd, ach anuair a dh’fhalbh esan cha robh fios againn càite an tionndamaid. Gun fhios gun fhàth có a nochd ach Raibeart MacFhearghuis. Cha robh fios againn có e no có as da, ach nam fàgadh e sinn a nise cha bhiodh fios againn dé a dheanamaid as aonais.
Agus sinne! Tha sinn cho eòlach air a chéile a nise agus a bha dithis riamh. Bithidh sinn a’ gearain ’s a’ cnàmhan, ach chan eil dad romhainn ach Gairm a chumail a’ dol. Bithidh sinn a’ dol amach air a chéile gu dubh mu rudan an dràsda ’s a rithist, ach, an còmhnaidh, thig rudeigin a bheir gàire oirnn an uair a chuimhnicheas sinn cho òg, bras ’s a bha sinn ochd bliadhna air ais.
title | Ag altramas Gairm |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Gairm 24 %p |
parent text | Gairm 24 |