[311]

Nighean An t-Sagairt Oig

Chaidh an sgeul so a sgrìobhadh le Ruairidh MacIllemhoire á Circebost, am Beàrnaraidh, bho chionn trì fichead bliadhna (1898) an uair a bha ena oileanach an Sgoil Steòrnabhaigh. Bha Mgr. MacIllemhoirena dhéidh sinna mhaighistir sgoile am Bhaltos Uig agus an Cros an Nis. Chaochail e bho chionn beagan bhliadhnachan. Tha sinn an comaine na bantraich airson cead an sgeul ghrinn so, a dhfhàg sinn facal air an fhacal mar bha i aige, a chur an clò.)

ANN an Loch Ròag, air taobh an iar Leódhuis, tha iomadh eilean bòidheach, ach tha aon ann a tha toirt bàrr orra uile ann am maiseBeàrnaraidh Bheag. Tha cnuic àrda ghorma a thag éirigh suasna mheadhon, a ghrunnd a tha gu léir air a chòmhdachadh le gainneamh, agus thràigh bhòidheach, aon air an taobh a tuath dan goirear an Tràigh Mhór, agus an aon eile dan goirear Tràigh an Teampuill air an taobh an ear dheth, ri cur dreach àillidh air.

Ged tha an t-eilean maiseach so an diugh fo chrodh is fo chaoraich, agus gun aon neach ri gabhail còmhnaidh ann, gidheadh tha cuid beò fhathast aig a bheil cuimhne air an àm san robh e air àiteachadh.

O chionn àireamh mhór bhliadhnachan bha Eilean Leódhuis, no mar a theirte ris Innse Gall, fo chìs aig rìghrean Lochlainn; ach ged a bha buaidh aig na Lochlainnich orra, cha tainig daoine an eilein riamh gu bhith creidsinn ann an Odain, dia na muinntir a thug buaidh orra, no gu bhith géilleadh dha. An àite bhith ag adhradh do Odain bha aig muinntir Bheàrnaraidh Bhig talla anns an robh iad air an teagasg, ann an creideamh na Ròimh, le manach, dan goirte An Sagart Og, neach a bha mar fhear iùilgan seòladh. Bha ena dhuine ro-chliùiteach, agus bha mór-mheas aig muinntir an eilein air. Aig an t-sagart so bha nighean òg dam bainm Gealchos. Bha i anabarrach maiseach, agus biomadh fleasgach òg a thug rùn dhi.

Mun àm so bha ena chleachdadh aig daoine Lochlainn a bhith ghnàth acòmhrag agus aglacadh creich air an nàimhdean, agus anns na còmhraig sin bha abhuaidh aca mar bu trice.

Bha so atoirt misnich dhaibh, air chor agus gun do sheòl iad a dhionnsaigh ceann a tuath Eireann, an dùil gum faigheadh iad abhuaidh air muinntir an àite sin mar an ceudna.

Bha acana cheannard air an turus so Suain, an rìgh, neach a bha làidir, calma, agus a choisinn buaidh air iomadh raon. Ràinig iad Eirinn, agus choinnich iad féin agus an nàimhdean samhachair ann an òrdugh catha. Ach bha na nàimhdean, sìol Eireann a thàrmaich a nuas o Chonn, ro bhorb; agus an uair a thòisich achòmhstri leag iad sìossìol nan tonnmar a leagas an spealadair sìos an luachairna làthair. An uair a dhaithnich Suain gun robh an latha ri dolna aghaidh, thug e òrdugh da dhaoine agus chaidh iad gu gruamach a dhionnsaigh nam bàtaichean, afàgail iomadh gaisgeach treunna shìneadh sabhlàr. Thog iad na siùil, agus dhfhàg iad Innse-fàilnan déidh. Air an t-slighe labhair Suain rilaoich. “Fheara,” ars esan, “togaibh fonn air suinn nach maireann, na suinn a thuit sabhlàr agus nach buail sleagh nas motha san t-sreup.” Rug am fear-ciùil air an stoc, agus sheinn e tuireadh abhròin. “Ann an Eirinn nan cluaintibh gorma thuit ar seòid le làmhan Bhriain agus a shlòigh. Gidheadh tha iad agleusadh fleadh nan còrn an tallOdain. Ni iad còmhnaidh ann anBhalhalla,” an t-àite am bi iad ag òl gu bràth. Oighean Lochlainn,



[312]

dòirtibh deòir air an sgàth, agus na leigibh le an glòir meirgeadh; oir chan amhairc sibh orra nas motha, ni motha ruaigeas iad fear na cròice tuilleadh, mar bu ghnàth leo.” Am feadh a bha am bàrd mar so ri tuireadh theann iad gu luath ri fearann. Leag iad na sùil, agus chaidh iad gu tìr a dhamharc air an fhearann agus air daoine an àite.

Latha an déidh do na Lochlainnich seòladh asteach do Loch Ròag bha Gealchos, nighean an t-Sagairt Oig, ri falbhna h-aonar air Tràigh an Teampuill, agus ri cruinneachadh shligean bòidheach a bha rim faotainn air an tràigh. Cha robh an sin ach bhana chleachdadh aice bhith dèanamh, agus a chionn nach tainig dochann sam bith riamh roimhena rathad ann a bhith acur seachad ùine anns an dòigh thaitnich so, ni smuainich i gun robh sam bith ri dol a chur dragh oirre air an latha sin. Mar so bha i toilichtena h-aineolas air faguisgeachd an nàmhaid.

Bha tiugh cheò asnàmh air aghaidh achuain, ionnas nach fhaiceadh Gealchos sam bith ach na bha glé fhagus di. Choisinn so dhi nach fhac i am bàta bha tarraing gu stuadh, ach thug e do Shuainoir is e am bàta san robh Suain a bha tighinn gu tìrcothrom air ise fhaicinn, agus òrdugh a thoirt do a dhaoine ullachadh a dhèanamh airson a glacadh. Oir an uair a bha Suain aseòladh amach troimh na sgeirean agus na h-eileanan beaga tha gu lìonmhor timcheall air Beàrnaraidh Bheag, dhfheumadh e bhith glé fhaiceallach air na bàtaichean, agus mar sin bha a dhaoineg iomradh gu socrach, air chors nach cuala Gealchos fuaim nan ràmh, agus bha an tiugh cheòna mheadhon air nach fhac i am bàta. Bha Suain ag amharc air an tìr air an robh e dol seachad, agus an uair a thainig Tràigh an Teampuill am follais chunnaic e Gealchos ag imeachd oirre. An uair a chunnaic Suain an òighe mhaiseach, mar reult dheàlrach air an tràigh, dhfhairich e mar gum biodh saighead gheur adol gu chridhe, agus smuainich e nach biodh fois aige na bfhaide mura faigheadh e an ainnir òg so mar mhnaoi dha fhéin. Dhòrdaich e da shuinn iomradh gu cabhagach gu tìr. Bha am bàta gu ruigheachd tìr mun cuala Gealchos an iomairt agus fuaim nan ràmh. Thog i a ceann, thuig i gur e Suain a bha ann, agus ruith i an dòchas gun ruigeadh i tigh a h-athar mun glacadh e i. Ach cho luaths a fhuair Suain gu tìr ruith ena déidh, agus bha a ghràdh dhi, ged nach robh e air faicinn ach eadhon aon sealladh oirre, aluathachadh a cheum, air chors gun do rug e oirre ann an tiota, agus ged a bha i agul gu goirt agus a broilleach bàn fo osnaich mhór, ghiùlain e gu grad sìos don bhàta i. Sheòl iad gu cabhagach air falbh, le Gealchos air bòrd. Bha ise ri gul gu cràiteach, asmuaineachadh air suidheachadh a màthar chaoimh, an uair nach pilleadh i féin dhachaidh; air a h-athair bochd, acoimhead air a son anns gach creig is còs; agus air na càirdean agus gach tlachdmhor a bha i fàgailna déidh, agus, mar a bha i smaoineachadh, nach fhaiceadh i tuilleadh. Ri dol seachad air Innse-thorc aChuain, agus ise ri gul gu muladach, bha an stoirm agus na seòladairean, a bha dèanamh gàirdeachais airson an luachmhor a rinn iad a ghlacadh, ri mùchadh a guth a bha cho binn.

Air dhaibh a bhith seachd latha air an tonn, an déidh dhaibh Beàrnaraidh Bheag fhàgail, ràinig gach bàta sàbhailt achala ann an Lochlainn. Cho luaths a ràinig iad tìr thug iad Gealchos a dh



[313]

ionnsaigh tigh an rìgh. Rinn an rìgh cuirm mhór do na daoine bha maille ris air a chuairt. Bha en dùil Gealchos a phòsadh, nach dèanadh e gun a h-òrdugh féin, agus air dhà bhithga faicinn cho dubhach, dhfheuch e a h-inntinn a thogail le cuirm is ceòl, an dòchas gun tigeadh i gu bhith toirt toil dha féin agus don àite, agus mar sin gun aontaicheadh i a phòsadh. Ach cha robh sam bith ri dol ga dèanamh sunndach agus àghmhor ach faotainn air ais do thìr a gràidh, còmhla ri h-athair agus ri a màthair agus ris na càirdean eile dhfhàg ina déidh, agus air an aobhar sin cha robh buaidh sam bith aig coibhneas an rìgh oirre, a chràidh a chridhe-san gu goirt, oir bha e air a gràdhachadh gu mór.

Ged a bha so mar so, cha do sguir an rìgh a nochdadh coibhneis agus a dheanamh aithnichte a ghràdh dhi, agus bainneamh latha chaidh seachad nach robh fleadh aig an rìgh. Bha leann-dubh agus feòil thorc air an roinn air muinntir an àite am pailteas, agus na h-uile bha sin a chùm gun aontaicheadh Gealchos a dhol fon bhòid. Mar so chuir Gealchos seachd bliadhna seachad ann an Lochlainn, agus gach neach mun cuairt di ri cleasachd is ri ceòl, ach na h-ùine sin cha do dhamhairc Suain oirre gun ise bhith dubhach agus fo bhròn.

Bha ena chleachdadh aig Suain a bhith a ghnàth asealg an tuirc, agus cho luaths a thigeadh e dhachaidh, rachadh e a dhamharc air Gealchos, ach bhitheadh ise dubhach mar bu ghnàth leatha. Aon latha air dhà tighinn dhachaidh bho shealg, fhuair e i ri gul. Labhair e gu coibhneil rithe. “Carson, a ghràidh, a tha thu fo ghruaim? Nach eil thu air do chuairteachadh leis gach sòlas, agus nach eil gach neach mun cuairt duit ri cleasachds ri ceòl a chùm do thoileachadh? Nam biodh tu am Beàrnaraidh Bheag, cha bhiodh còrn no fleadh ann, agus cha chluinneadh tu ceòl sam bith ach MacTalla nan creag ri toirt freagairt do bhàrcadh nan tonn. ’”

Fhreagair i e ann am briathraibh ciùin, agus na deòir aruith gu luath bho sùilibh:

Chaoidh cha toir miLochlainn rùn,
Do na sléibhtibh mùgach fuar;
Ged nach eil mim Beàrnaraidh Bheag,
Na creid nach eil e air mùidh;
Bàill leam na Màgh Ra- theach*
Bhith coimhead nan clach san Stùigh.”

An uair a chuala Suain na briathran tlàth, dhfhalbh e le Gealchos thairis air cuan, agus lìbhrig e i air Tràigh an Teampuill on tug e i. Mar sin fhuair ise mu dheireadh an sin bu mhiann leathafaotainn air ais don àite sin dan robh i air a buan-ghràdh a thoirt. Iomadh bliadhna an déidh so, chìte i ri cuallach nam air an raon, a falt a bha cho dubh air fàsna chiabhan bàna, agus i gu socrach ciùin aseinn òrain. Ach mu dheireadh thainig latha anns nach robh ise gu bhith air a faicinn acuallach nam mar a bàbhaist; oir thug an t-aog as an t-sealladh i, agus chaidh a càradh fon fhòd anns achill a tha os cionn Tràigh an Teampuill. Ann an sin tha i acadal gu sèimh san t-suain fhada, dheireannach.


* Tha so dìreach mar a bha e aig Ruairidh MacIllemhoire. Tha an sgeulachd agus an rann air chuimhne fhathast am Beàrnaraidh, is their cuid meadhar rìgh-theach an àite Màgh Ra-theach.

titleNighean An t-Sagairt Oig
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Ruairidh MacIllemhoire in Gairm 24 %p

parent textGairm 24
<< please select a word
<< please select a page