Deich La anns an t-Suain
Le RUARAIDH MACTHOMAIS
Konung Gustaf Adolf
BHA an talamh air uideal a’ chiad mhadainn ud ann an Goteborg, is cha b’ ann ag òl snaps a bha mi. ’S e droch Viking a dheanainn, thuirt mi rium fhìn, is là gu leth de luasgadh nan tonn air tolladh asteach cho domhainn ’na mo stamag. Cha b’ ionnan ’s na Lochlannaich o shean, nuair a bheireadh iad a’ chuairt fhada sin, ann am bàtaichean fosgailte, bho’n dùthaich aca fhéin gu ruig na dùthcha sin a chaidh ainmeachadh orra, Innse Gall. Dh’ fheumadh làmh a’ chlaidheimh a bhith gu math gramail nuair a rachadh iad air tìr, gun fhios có an ceatharnach a nochdadh bho chùl creige—do shinnsir no mo shinnsir-sa—a dhìon a bhaile fhéin. Is cha chumainn-sa eadhon an camara dìreach! Chuir e bochdainn orm nuair a chaidh an dealbh so fhoillseachadh, is a chunnaic mi anlista bha ann an Gustavus Adolphus, no Konung Gustaf Adolf, mar a their na Suainich ris an rìgh iomraiteach so.
Tha Gustaf Adolf ainmeil an eachdraidh na Suain agus an eachdraidh na h-Eòrpa. B’ esan an comanndair airm a b’ iomraitiche anns a’ chogadh sin a lean deich bliadhna fichead (1618-48), ged a fhuair e fhéin bàs aig Blàr Lutzen anns a’ bhliadhna 1632. Tha fhios gu robh ainm uaireigin air bilean nan Eileanach againn fhìn, oir bha cuid aca a bha ’nan amhais, no ’nan saighdearan air thuarasdal, anns an arm aige. (Feumaidh nach ann soitheamh a bha feadhainn dhiubh sin, no de na h-amhais air an robh na Gaidheil eòlach rompa, nuair a ghlac am facal a’ chiall a tha aige an diugh, fo’n riochd amhaisg! ). Tha pàirt de chliù nam fear-cogaidh ud air mhaireann fhathast am Barraidh, anns an òran a bhiodh Ruairi Iain Bhàin a’ seinn,
“ —— —— ’S math ur gnothach sa’ Ghearmailt,
Gur neo-chearbach ur gnìomh ann.
Thig an claidheamh sìos faraibh,
Nial fallais gu chùl air.”
Ri linn nan cogaidhean sin air clàr a tuath na Roinn Eòrpa fhuair an t-Suain leasachadh fearainn air còrsachan Muir na Baltaig, ged nach do lean cuid diubh sin rithe ach ùine ghoirid. Ach fhuair i iomadh iasad agus tiodhlac bho dhùthchannan na Roinn Eòrpa a tha fhathast ris fhaicinn. Bha seana bhailtean, mar Lodose, air an làrach air a bheil Goteborg air a thogail, ach ’s e Gustaf Adolf a stéidhich am baile a tha air sgeul an diugh, agus b’ e Duitsich a bha anns na h-ailtirean agus na innleadairean* a dheilbh am baile ùr anns a’ bhliadhna 1619, le sràidean farsaing agus le cladh-aibhnean a rèir modh na h-Olaind.
Cha robh mo chuairt an Goteborg gu bhith ach goirid, is an ath mhadainn chaidh mi air bòrd na trèana gu Karlsborg, ri taobh Loch Vattern. Tha trèanaichean na Suain gu math nas motha na an fheadhainn againne; co-dhiùbh, tha iad nas àirde, agus barrachd rùm ’nam broinn, ged a bha na suidheachanan cruaidh gu leòir. Agus, iongnadh nan iongnadh, tha iad glan, oir ’s ann o’n dealain a tha a’ chumhachd aca a’ tighinn. Chan eil fhios agam fhathast carson nach robh mo thiceard a’ còrdadh ri fear-nan-ticeardan, ach cha robh Beurla no Gàidhlig aige-san agus bha mi fhìn cho gann de Shuaineis is nach bu dùraig dhomh tòiseachadh ’ga caitheamh. Is dòcha gu robh sin feumail dhòmhsa: dh’ fhalbh e ’s a làmhan os a chionn.
Bha dithis shaighdearan ’nan suidhe faisg orm. Bha bloighean Beurla aig an dàrna fear dhiubh, is cha b’ fhada gus an robh sinn le chéile a’ strì ri cànainean coigreach. Ged nach do ghabh an t-Suain gnothach ris an dà chogadh mu dheireadh (is tha a bhuil sin air soirbheachadh na rìoghachd aca) chan eil iad gann de shaighdearan idir. Tha aig na balaich òga ri greis de sheirbhis airm a dheanamh, is chì thu iad thall ’s abhos air feadh na dùthcha, is iad gu math pròiseil leis.
* .i. architectsagusengineers!
[Dealbh]
Ri taobh Loch Vattern
[Dealbh]
Cafe fosgailte an teis-meadhon Stockholm
Chan fhaca mi móran de’n dùthaich air slighe na trèana so, oir bha a’ choille gu math dlùth; caoban dhith eadar na h-achaidhean, agus uairean gun ach iomaire no dhà de thalamh-àitich còmhla. Bha am bàrr aca car mar a th’ againn fhìn, ach gu robh barrachd de sheagal ’s de chruithneachd ann. Gus am feur a thiormachadh, tha iad a’ cur sreath de bhiorain fhada an sàs anns an talamh, agus a’ crochadh an fheòir orra sin. Anns an dòigh so tha e ’ga thìoradh nas luaithe. Is dòcha gun tòisich muinntir nan Eileanan air a’ chleas so nuair a dh’ fhàsas a’ choille nach deach a cur fhathast. B’ e so am pàirt de’n t-Suain anns a bheil an t-uabhas de mhaitseachan air an dèanamh, is air feadh na Suain gu léir chan fhaic thu bòrd-bidhe ancafeno an tigh-òsda gun bocsa-mhaitseachan air, ri do làimh.
Chuir mi dà là seachad ann an Karlsborg, baile beag dùthchadh, nas lugha na Steòrnabhagh theirinn. ’S e deireadh seachdanach a bh’ ann, is bha an sluagh saor bho ’n obair, ’gan cluich ’s ’gan grianadh fhéin ri taobh an locha, cuid a snàmh is cuid a’ seòladh. Air an fheasgar chruinnich móran de’n òigridh gu pàirc mhór air taobh muigh a’ bhaile anns a’ choille, is abair seinn is dannsa is othail. Nam b’ ann an Tolastadh a bha so air tachairt bha ainm an àite air a bhith iomraiteach air feadh an t-saoghail. Tha e ’na chleachdadh cumanta aig na Suainich pàircean móra mar so a chur air leth do’n òigridh, agus tha e glé choltach nach eil srian ’ga cumail orra. Is dòcha nach fheàirrde iad so, ach cha mhotha a b’ fheàirrde iad an t-srian a bhith ro theann orra. Tha dlùth-dhàimh aig na Suainich ris na Gearmailtich, is saoilidh mi gu bheil seòrsa de dhàimh aig caitheamh-beatha an òigridh-san ri
[Dealbh]
Vasterlanggatan ann an seana bhaile Stockholm
caitheamh-beatha na h-òigridh Gearmailtich roimh ’n chogadh mu dheireadh. Tha iad a’ deanamh uaill mhór á bòidhchead a’ chuirp, agus a’ strì ri a chumail fallain le lùth-chleasan. Mas e ’s gu bheil an inntinn cho slàn sin, chan eagal di.
Ach cha do ràinig mi Stockholm fhathast, is tha a thìde bhith tarraing. Thig duine air a’ bhaile mhór so, bho’n iar, mar gum b’ ann gun fhios da. Eiridh na togalaichean àrda geala roimhe, os cionn uisgeachan nan caolas, oir tha am baile air a thogail air grunn de eileanan, is tha an t-uisge dlùth ort ge be càit an téid thu. Tha rud math de’n t-seana bhaile air fhàgail, is chuir mi seachad feasgar a’ coiseachd nan seann sràidean caola is nan cidheachan, is an aghaidh air Finland no Suómi. ’S ann an so a bha na seòladairean a’ fuireachd uair, is tha iad ’ga thathaich fhathast ’nam mìltean. Ged a chì thuTobak Automatair an t-sràid( ’s e sin inneal anns am faigh thu pacaid thoiteanan! ), tha aosmhorachd nan sràidean gun a mùchadh, is an seann saoghal a’ tighinn beò fo chomhair do shùl.
Ach tha mi smaoineachadh gur h-ann air an oidhche as bòidhche Stockholm buileach, leis na soluis neon a’ lasadh air na sràidean, is am faileas air chrith ann an uisgeachan nan caolas is nan aibhnichean. Bha an t-sìde blàth— ’s e toiseach August a bh’ ann—is bha sluagh air feadh nan sràidean, á iomadh dùthaich, is gach dath is fasan bu rìomhaiche na chéile air an aodach. Bha brat blàth na h-oidhche, mar gum b’ eadh, a’ toirt iasad de shèimheachd do na togalaichean móra geala a dh fhàsadh fuar agus cruaidh a rithist fo ghréin na maidne.
[Dealbh]
“Ged nach eil mi ’m Beàrnaraidh Bheag . . . .”
Far an d’ fhuair mi leabaidh a’ chiad oidhche cha robh biadh aca ’ga thoirt seachad idir, is tràth an ath mhadainn chuir an t-acras chun na sràide mi. Bha an t-Suaineis agam, a rèir mo bharail fhìn, a’ sìor dhol am feabhas, is ged a tha a’ Bheurla an ìre mhath pailt ann am bùithtean Stockholm, cha robh mise gu bhith ’na h-eiseamail. Sud mi steach do thigh-bìdh, is dh’ iarr mi lite is ugh is aran is cofi aig a’ chuntair. ’S e an t-Suaineis air litegrot, agus chuir an tè a bha ’ga riaghladh ceist orm: Manna grot?Cha b’ aithne dhòmhsa “mana” ach an t-aon, ach fhreagair mi Ia ann an guth làn misneachd, is sguab mi leam mo thruinnsear is mo mhuga bainne anull gu bòrd. Agus b’ e sin brod an truinnseir. Chan fhaca mise a leithid, a thaobh meudachd, bho bha mi aig mòine mu dheireadh, is tha greis bho’n uair sin. “Ach nach i tha geal,” arsa mise rium fhìn. Bha na h-aobhair aice. Nuair a bhlais mi oirre, dé bh’ agam air mo bheulaibh ach truinnsear mór semolìna—aig ochd uairean sa’ mhadainn! Agus bha i milis cuideachd. Ach is math an còcaire an t-acras. Cha do dh’ fhàg mi gràinean, mìn ’s ga robh iad.
Bha ban-charaid dhomh, nighean piuthar mo mhàthar, a’ fuireach ann an Stocksund, air taobh muigh a’ bhaile, is i pòsda aig fear aig a bheil dreuchd àrd ann anEmbassyBhreatainn. Bha i air cuireadh coibhneil a thoirt dhomh tadhal aca, agus chuir mi seachad dà là an sin nach teid as mo chuimhne ann an cabhaig. ’S ann a mhuinntir Bheàrnaraidh a tha a h-athair, agus air dhuinn ar biadh feasgair a ghabhail, sheall an duine aice dhuinn film a bha e air a dhèanamh an Leódhus agus air taobh siar na Gaidhealtachd, agus bha clàir Ghàidhlig aice-se ’gan cluich air a’ ghramofon fhad ’s a bha na deilbh ’gam foillseachadh. Bha a’ Ghàidhlig a’ dol, thuige ’s bhuaithe oir cha robh móran aig fear-an-tighe, is bha sinn air ais, car tacain, ann an Eilean an Fhraoich.
An ath là chaidh sinn sgrìob ann an eathar gu Lùchairt Drottningholm (no Eilean na Bàn-righinn), pàileas a chaidh a dheilbh anns an t-seachdamh linn deug le Nicodemus Tessin, ailtire Suaineach ainmeil. Anns an ochdamh linn deug bha pàirt dheth air a chleachdadh martheatreleis an rìgh Gustavus III, agus thatheatre ’ga cumail an so fhathast, le modhan is aodaichean is dealbh-chluichean na linne sin. Thog mi dealbh de mo bhan-charaid air beulaibh natheatre, is air eagal gun diùltadh i cha do dh’ iarr mi cead oirre a chur an clò an so!
Ged bu mhath a’ chuideachd b’ fheudar falbh an ath là, oir bha mi airson sgrìob chabhagach a thoirt gu ruig Uppsala, far a bheil an t-Oil-thigh as sine anns an t-Suain, anUniversitas Regia Upsaliensis. Chaidh an t-Oil-thigh a stéidheachadh sa’ bhliadhna 1477, agus bhà is thà ainm mór aige airson sgoileireachd. Bha mi duilich nach b’ urra mi fuireach na b’ fhaide anns an t-seann bhaile bhrèagha, shèimh so. Ach mus do dh’ fhalbh mi as, an déidh cuairt a thoirt chun an Oil-thigh, chaidh mi asteach do’n Chathair-eaglais a tha làimh ris, is chunnaic mi uaigh an sgoileir mhóir sin Linnaeus, an duine a chuir rian air eòlas nan lus, agus a bhàsaich o chionn dà cheud bliadhna (1757).
[Dealbh]
Oil-thigh Rìoghail Uppsala
Bha agam ri Oslo a ruighinn air madainn Di-Sathuirne, is chuir mi romham trèana na h-oidhche a ghabhail. Tha i so a’ toirt ochd no naoi a dh’ uairean a thìde air an t-slighe eadar na ceanna-bhailtean. Bha dùil agam àite-cadail fhaighinn air an trèana, ach cha robh gin air fhàgail. Mar a thachair, chaidh an oidhche seachad gu luath, eadar còmhradh ri Suaineach aig a robh deagh Bheurla, a’ gabhail ealla ri buidheann de Fhinnich a bha air turus gu Oslo, agus a’ cumail sùil air an dùthaich. Bha i an ìre mhath soilleir eadhon am marbhan na h-oidhche, is bheirinn oidhche cadail uair sam bith air an t-sealladh ud de Varmland: na raointean arbhair ag abachadh, is tighean nan tuathanach a’ faire orra, is an sin a’ ghrian a’ sgaoileadh a gathan trasd an speur is a’ tairgse solus maoth do na buailtean is do na lochan. ’S e so a b’ fheàrr na soluis neon Stockholm. Thuirt mi rium fhìn gum feumainn a bhith air chois na bu trice ri éirigh na gréine. Chan eil bliadhna ann bho’n uair sin, is nì mi fhathast e.
[Sanas]
title | Deich Là anns an t-Suain |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 24 %p |
parent text | Gairm 24 |