Bho Bhaile gu Beinn
Le F. S. MACTHOMAIS (Manchester)
(Eadar-theangaichte le AONGHUS DOMHNALLACH)
DE a bhios tu fhéin a’ dèanamh air Là Buidhe Bealltainn? —dol cuairt an carbad-ola, no caitheamh an latha a’ buain na mònach, ag ullachadh connaidh a’ gheamhraidh? An tàinig e steach riamh ort ciamar a bha muinntir nan eilean anns na làithean a dh’ fhalbh a’ cur seachad ciad là a’ Chéitein? B’ e sin an là air an deidheadh iad gu léir chùm na h-àirigh agus is mór an togail-cridhe a bh’ aca ris an là sin: bodaich is cailleachan; òganaich is caileagan; agus a’ chlann gu h-àraidh. Cha robh fiù ’s na beathaichean fhéin, crodh is caoraich, nach saoileadh neach gu robh fhios aca gu robh an Là Mór a’ tighinn.
Smaoinich air an t-sealladh air a’ mhadainn sin! Tha e tràth, glé thràth. Tha an uiseag fhéin fhathast gun dùsgadh agus cha do ruaig a’ ghrian fhathast o’n chnoc a’ cheò a bha a’ greimeachadh cho dian ri thaobh. Cha toir sinn fada ri ar lòn-maidne agus théid sinn air fàth do’n dorus a choimhead amach. Tha daoine cheana ag ullachadh airson am baile fhàgail agus an aodann a chur air a’ mhonadh. Tha an crodh a’ nuallanaich, na caoraich a’ mèilich, agus a’ chlann a’ ruith ’s a’ lachanaich. Agus os cionn sin cluinnidh sinn na bodaich ag osnaich, na cailleachan a’ comhairleachadh, na fir òga a’ toirt comhairle, agus na caileagan, nas ciallaiche, a’ caomhnadh an anail airson na slighe chun na mòintich. Sin far an téid an samhradh a chaitheamh ri taobh lochain de uisge glan loinnireach, air a bhreacadh le eileanan beaga gorma, ameasg chnoc còmhdaichte le fraoch, agus ag éisdeachd o mhoch gu dubh ri pongan binn na h-uiseige shuas ann an glainead nan speur, agus a’ deoghal air an àileadh fàile cùbhraidh na mòna ag éirigh gu mall do’n adhar.
An ùine ghoirid, tha gach aon cruinn aig ceann a’ bhaile deiseil gu falbh. ’S e an Triall a chante ris an treud bheathaichean, agus air an t-slighe tha an òrdugh fhéin aca ’ga chumail. Air an toiseach tha an crodh is na caoraich a réir an aois. Air an cùl tha na gobhair is na h-eich le cliabh air druim gach aoin. ’Na bhroinn tha gach acfhuinn a bhios feumail air an àirigh. Thig an uair sin na fir le spaidean, cnagan, agus ròpaichean a chùm nì sam bith a chàradh a tha gaothan làidir a’ gheamhraidh air a chur as a chéile. ’Nan déidh-san thig na mnathan a’ giùlan aodach-leapa, min, is soithichean a’ bhainne. Chan eil stad a’ dol air a’ chloinn ach a’ ruith ’s a’ riagail fad an t-siubhail.
Mu dheireadh théid na h-àirighean a ruighinn. Théid càradh a dhèanamh air nì sam bith a tha cur feum air, théid na teinntean a chur thuige agus am biadh a dheasachadh. Théid fraoch a chruinneachadh agus a sgaoileadh air an làr airson àite cadail, agus air beulaibh na leapa théid ruith no dhà de cheapan a chàradh airson àite-suidhe.
An uair a théid gach nì ullachadh timcheall na h-àirigh théid sinn suas do’n chrò a dh’ fhaicinn a’ chosgoraidh: ’s e sin beathaichean gach
fir a chunntadh agus a chuid fhéin de’n mhòintich a thoirt dhà a réir an àireamh a tha aige. Cha toir sinn fada ri sin agus tillidh gach aon againn chùm na cuirme. Tràth anns a’ mhadainn chaidh uan gun smal gun truailleadh a mharbhadh agus ’s e sin a tha sinn dol a ghabhail. Roinnidh sinn e ri ar càirdean agus ar coimhearsnaich agus fhad ’s a tha sinn ’ga itheadh guidhidh sinn sealbh agus soirbheachadh is tuilleadh spréidh do chàch-a- chéile.
“Aman còir gach fireach
Piseach crodh na h-àirigh.”
Cha toir sinn fada ri ar biadh agus lùbaidh sinn an sin ar glùinean agus iarraidh sinn air gach duine is ainmhidh “Gleidheadh Abrahaim, Isaac, agus Iacoib. Air Buachaille Israeil cadal cha tig no suain.” Eiridh gach neach an sin agus glaodhaidh aon fhear gu bheil an tigh aige-san ullamh airson na ciad chéilidh.
Ann an ùine ghoirid tha gach fear, bean, is pàisd ’nan suidhe mu chraos de theine air beulaibh an doruis. ’S math a’ chéilidh: òrain ’gan seinn, seann sgeulachdan ’gan innseadh, toimhseachain ’gan cur, sean-fhacail is bàrdachd ’gan aithris, agus gach duine a’ cur earrainn fhéin ri cur-seachad na h-oidhche. Fhad is a tha iad ag éisdeachd tha na fir a’ dèanamh sìomain fraoich no taodan de fhreumhan airson a’ chruidh a cheangal. Tha cuid eile a’ suaineadh de mhuran basgaidean far an téid a’ chlòimh a chumail.
Tha an oidhche blàth agus chan eil ciaradh a’ tighinn air an là; tha an solus sin nach fhaicear an àite sam bith ach anns na h-Eileanan gu daonnan sna speuran os ar cionn. Tha sonas is suaimhneas an cridhe gach neach—sonas nach eil sinn a’ call nuair a dh’ éireas sinn agus a théid sinn gu ar bothanan fhéin a chadal agus a bhruadar.
Ach mum falbh sinn théid an teine mór a thasgadh agus thig bean-an-tighe agus canaidh i am Beannachadh-Tasgaidh. Cluinnear a guth air a’ mhonadh anns an t-sàmhchar, agus freagraidh Mac Talla nan Cnoc a rann:
An Trianaid Bheannaicht’
Gu teàrnadh,
Gu caomhnadh,
Gu cuairteachadh
An teallaich,
An taighe,
An teaghlaich
Am feasgar so,
An oidhche so,
O! Am feasgar so,
An oidhche so is gach oidhche;
Gach oidhche air leth.
Amen.
Seadh, sin agaibh ciad là an t-samhraidh san àm sin. Là Bealltainn an diugh! Có dhiùbh a thaghadh tù? Tha fhios agam có is fheàrr leam-sa.
title | Bho Bhaile gu Beinn |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Aonghus Dòmhnallach in Gairm 24 %p |
notes | Translation |
parent text | Gairm 24 |