An Cogadh Fuar
Le DOMHNULL LODUINN
“A Ruairidh! éirich, —tha an t-àm agad thighinn anuas!” Bha beagan gluasaid shuas an staidhre. Dé am fuaim a bha sin? Chuir e làmh amach gu taobh eile na leapa ach cha robh sgeul air bean. O seadh! Feumaidh gur e madainn a bh’ ann, ’s gu robh Màiri aig an eadradh ’s gun do leig i na cearcan amach mun d’ fhalbh i ’s gu robh an cuilean ’nam measg. Gheibheadh e norrag bheag eile mun tilleadh i.
Shocraich e e fhéin sìos agus dhùin a shùilean. Ge be dé cho goirid ’s a tha norrag, cha d’ fhuair Ruairidh leth ’s na bha ’na ùidh, agus mar gum biodh ann an tiota bha e air a dhà bhonn am meadhon an ùrlair agus a h-uile ròineag fuilt a dh’ fhàg an aois aige ’na seasamh air corra-biod.
Thachair e! Cia meud uair a thuirt e gu falbhadh fear de na h-innealan mallaichte sin aig an R.A. F. air cuairt leis fhéin aon là. An e mullach an tighe a bha ’na spealgan? A shìorruidh, fear eile dhiubh! Chaidh e air a bheul fodha, agus bha a cheann á fianuis fo’n leaba mun tainig an glaodh ud suas an staidhre a rithist— “A Ruairidh! Gu sealladh Sealbh ort! Nach eil thu ’gam chluinntinn! Cuimhnich an là a th’ ann. Bithidh am bus a’ tighinn an ceartuair!”
“Ceart gu leòir, ceart gu leòir, tha mi a’ tighinn,” arsa Ruairidh ann an guth fann agus e air a chasan aon uair eile. B’ fheàrr leis gun cuireadh i stad air a’ chleas sin, a’ bualadh a basan air balla na staidhreach. Aon là dheidheadh an cridhe aige an sàs gu buileach eadar a dhà uga agus chuireadh sin crìoch air. Agus dé a chanadh ise an uair sin?
Ach dé a bha i ag ràdh an dràsda fhéin?— “Cuimhnich an là.” Dé an là a bh’ ann? O, gu dearbh fhéin, an t-Sàbaid! Agus an Dòmhnallach Beag aig an Eaglais Mhóir am Baile-nan-Coigreach. Searmoin Ghàidhlig cuideachd! Bu mhath a’ Ghàidhlig a bh’ aca am Baile-nan-Coigreach seach mar a bha i an àiteachan eile air feadh an eilein. Thuig e a nis bun na h-ùpraid; dh’ fheumadh e cabhag a dheanamh.
Sheall e amach air an uinneig air cluaintean Eabair, oir b’ e sin ainm a’ bhaile air Eilean Rocadsaidh far an robh e a’ tuineachadh. Bha ospagan gaoithe a’ luasgadh an fheòir, ’s bha a’ ghrian a’ boillsgeadh anuas gun neul anns an adhar. An dearbh là airson spealaidh—ach cha deanadh math smaointeannan mar sin a leigeadh troimh a cheann—cuimhnich an là.
“A Ruairidh!”
“Ceart gu leòir, tha mi a’ tighinn,” arsa Ruairidh, ’na dhòigh shocair fhéin, agus e a’ cromadh na staidhreach. Aig a’ cheart àm, suas le Màiri, agus an ceann cóig mionaidean sìos i a rithist, cho beag agus bigeileach ’s bu dual dhi.
“Seall sin, tha mise deiseil, ach m’ ad, agus thusa ’nad shuidhe an sin gun choilear ort fhathast, agus do ghalais a’ slaodadh riut. Crìochnaich do bhiadh agus deasaich thu fhéin an ainm an Aigh.”
“Ceart gu leòir, tha mi a’ falbh,” arsa Ruairidh ’na dhòigh shocair fhéin, agus e a’ dìreadh na staidhreach.
“Agus a Ruairidh, fiach am faigh thu gréim air a’ chat mus falbh
sinn. Tha i air na piseagan a rug i san t-sabhal an dé a chur am falach, ’s chan fhaic mi dalladh dhith—an creutair bochd, ’s i cho laghach.”
“Ceart gu leòir,” arsa Ruairidh, ’na dhòigh shocair fhéin, agus e a’ cumail roimhe.
Chaidh Màiri ’na boil airson greiseige a’ sgioblachadh an tighe agus a’ nighe nan soithichean, agus sùil aice air an uinneig.
“A Ruairidh! am bus! tha e dìreach air nochdadh aig Bun-na-Sitige. Bithidh e a’ feitheamh airson Peige Lachlainn ’s an t-slaodaire sin aig a bheil i pòsda— ’s a cead aice,” arsa Màiri gu h-amh.
“ ’S mo bheannachd aige,” arsa Ruairidh an guth ìosal agus e a’ tighinn, ’na dhòigh shocair fhéin, gu ceann na staidhreach.
Agus le sin suas le Màiri a lorg na h-aide agus sìos le Ruairidh air tòir a’ chait, agus mus gann a ràinig e ceann shìos an tighe thainig e gu stad mar gum bualadh le peilear e.
“O, a shalachair!” Chaidh cluasan Ruairidh suas agus cluasan a’ chuilein sìos. Dé a nis a bha gu tighinn? “O mo chreach! O, m’ ad! O, a Ruairidh! Trobhad ’s cuir amach an cat mì-chollach so. Tha m’ ad bhochd làn phiseagan! Fiach gum bàth thu ’n drabhas ud anochd, i fhéin ’s na biasdan beaga eile. M’ ad ùr nach d’ fhuair mi ach Diciadaoin so fhéin bho Ghlaschu air “appro” ’s nach fhaca duine beò sa’ bhaile fhathast!”
Chaidh Ruairidh a dh’ iarraidh bocsa na h-aide agus a luchd neo-amharusach air a robh a’ bhinn mhuladach air a toirt amach. Fhuair e àite-falaich anns an t-sabhal, thug e tachas no dhà air cluasan na màthar, dh’ fhàg e “Ud, ud” aice, agus thill e do ’n tigh.
Le sin thainig a’ ghleadhraich ud, le smùid agus toit ’na cois, mu choinneimh an tighe, a chuir na cearcan suas ameasg nam faoileagan agus a nochd chun an t-saoghail mhóir gu robh an uilebheist aig Mac-nan-Carbad an gnìomh. Chaidh Ruairidh amach a dh’ aithghearr agus asteach do’n bhus. Chaidh sùil èasgaidh feadh na bha m’a choinneamh. Cha robh ach dà àite-suidhe air am fàgail, fear dhiubh am meadhon a’ bhus ri taobh nàbaidh agus fear eile os cionn na cuibhle-deiridh ri taobh Pheige Lachlainn, boireannach a bha farsaing ged nach robh i fada, ’s le ad ùr oirre a bheireadh gàir air gamhainn.
Ach càite a nis air an talamh am faca esan ad eile coltach rithe sin? Rinn e air an àite-suidhe a b’ fhaisg air, agus gun dàil chaidh e am bog gu dùrachdach le a nàbaidh ann an còmhradh domhainn air nach tigeadh crìoch gu dorus na h-eaglaise.
Agus Màiri? Bha ise fhathast air an rathad mhór a’ deanamh ath-chunntais. Faradh? Tabhartas? Sgàilean-uisge? Neapaicin? Na meurtagan - nylon - a - fhuair - i - bho - Mharks - agus - Spencer - an - Steòrnabhagh - fhéin - ’s - nach - bu- shnog - iad? Ceart! a h-uile dad! Shreap i suas do’n bhus.
“A Rua—— — .” Bhuail a sùil air ceann Pheige. “M’ ad! Cò-bloigh mi!”
Nach bu gheur a’ Ghàidhlig a bha a’ brùchdadh á Baile-nan-Coigreach; agus nach b’ fhuar an sìth a thainig air Màiri ’s i ri taobh Pheige, agus an dà ad a’ bocadaich mar aon—le cead na cuibhle-deiridh—gu Eaglais Mhór Rocadsaidh.
title | An Cogadh Fuar |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Dòmhnull Lòduinn in Gairm 24 %p |
parent text | Gairm 24 |