A’ Chreach Bho Dheireadh A Thogadh Am Morar
(Bho phaipearan an Athar Cyril Dieckhoff)
Chuireadh an sgeulachd so thugainn leis an Athair Mark Dilworth, o’n Abaid, Cille-Chuimein. Tha e an ìre mhath cinnteach gur h-ann bho athair an Athar Dominic MacCeallaig a fhuair Cyril Dieckhoff an sgeulachd. Tha an comharradh* a’ ciallachadh nach robh Dieckhoff no an t-Athair Dilworth buileach riaraichte leis na facail a tha sgrìobhte aca, ach so dìreach mar a bha an sgeul sgrìobhte aig Dieckhoff. Cha do dh’ atharraich sinn lide dheth ann a bhith ’ga chur an clò an Gairm. Tha leth-bhreac eile de’n sgeulachd anns an leabhar Moidart, le Teàrlach MacDhòmhnaill; is e Ailean nan Corc a tha aige-san air Aonghus.
Sgrìobh Dieckhoff an sgeul so air an 11mh de October, 1922, bho aithris Mhic Ceallaig, ann am Beoraid, am Mòrar (an tigh a tha an ath dhorus ri tigh an t-Sagairt). Bha deagh chuimhne aig MacCeallaig air an sgeulachd, oir bu tric a chuala e aig athair i an uair a bha e òg. Bha athair tri fichead ’s a seachd deug an uair a chaochail e, agus b’ann bho Dhùghallach a bha ’na bhuachaille aig Ceann a’ Chreagain, an Loch Aileart, a fhuair esan an sgeul. Bha an Dùghallach so a’ teannadh ris a’ cheud nuair a chaochail e, agus fhuair esan an sgeul an uair a bha e fhéin òg.)
BHA pairt de na daoine air an t-saighead. Gun robh Aonghus nan Corc anns a’ Cheapaich an Arasaig, agus gun robh e ann am Muideart air cuairt, agus gun robh fear de a mhuinntir leis a’ tighinn a nall Bealach nan Ian a dh’ ionnsuidh Ceann a’ Chreagain. Air an rathad a nall bha e cur a chinn fair nan conbhaichean leis an t-saighead. * Agus nuas aig Poll a Nis chunnaic iad Mac ’ic Dhughaill agus dh’iarr Aonghus nan Corc air saighead a chur ann. Agus cha do chuir e a’ chiad te ann ach chuir e seachad air i. Agus thuirt e ris: “Mur a cuir thu ann an te seo, cuiridh mise unnadsa i. Is math a chuireadh an ceann fair nan conbhaichean mu’n am seo an de, ged nach cuimsich thu bais mhor Mac ’ic Dhughaill. ” * Is air an uair sin chuir e saighead ann am Mac ’ic Dhughaill. Chaidh teicheachd* le mac Mhic ’ic Dhughaill (is e ’na phaisde og) air an uair sin do Loch Abair do Mhac ’ic Alasdair Loch-Abair; is e caraid a bha ann. Dar a thainig an gille gu aois dh’ fhaighneachd Mac ’ic Alasdair dheth am biodh e toileach aicheamhail a thoirt a mach is thuirt e gum biodh. Chruinnich iad a Loch Abair tri fichead fear de dhaoine foghainnteach airson an aicheamhail a thoirt a mach. Thainig iad leis gu cul a’ chnoic* fos cionn na h-eaglaise (eaglais Arasaig, tha i ’na cladh† an diugh) agus is ann air an Domhnach a bha ann* is bha na daoine cruinn san eaglais.
Thuirt a charaid ris: “Is e seo do chothrom; cha ruig thu leas duine leigeil as an laraich.” Thuirt an gille an uair sin, ged a bha feadhainn coireach ann a seo, gun robh moran neochiontach. Is thuirt a charaid an uair sin ris: “Ma ’s e sin an duine a tha annad, bi coimhead air do shon fhein; chan eil mise deanamh an corr dhuit.” Is thill a charaid le a chuid dhaoine air ais do Loch Abair is dh’ fhuirich fear de’n sgioba comhla ris. Is bha iad ’gam falach fhein feadh nan coilltichean agus fhuair Aonghus nan Corc a mach gun robh iad ann is bha e airson cur as
* = sic.
† = LS ’na chladh.
dhaibh. Chruinnich e tri fichead fear airson faoghaid a chur ris* a’ Chreig Mhoir ann an Suanas-leitir agus cha d’fhuair iad iad. Is ann an sin a smaoinich iad gun cuireadh iad da sheann bhoireannach air falbh le pocannan coinnich thromh *Mhoinich Mhoir airson gun saoileadh na daoine a bha fo choille gur ann do’n tigh-fhighidh a bha na boireannaich a’ dol. Agus aig an am gun robh an cleachdadh a bhith toirt leo mulachag caise gu ’n fhigheadair (an aite airgiod). Is a’ dol seachad air a’ chnoc a tha ann am meadhon na Moinich Mhoir, * thainig an da dhuine a bha fo’n choille a mach a dh’fhaichneachd dhe na boireannaich de bha aca anns na pocan. * Thuirt te dhiubh: “A dhaoine uaisle mar a tha sibhse, cha bhi sibh a’ faighneachd de bhios aig creutairean bochda mar a tha sinne.” Is thuirt fear dhiubh. “Feumaidh sinn an t- aodach* uile,” is ag cur a lamh air fear de na pocannan dh’ aithnich e gur e coinneach a bha ann. Thug e suil air ais air a’ mhonadh* Shuanas-leitir is bha na tri fichead fear a stigh aig an fhang. Thuig iad mar a bha is rug air te an t-aon agus stob iad fodha iad anns an fheith, agus gus an latha an diugh is e Na Cailleachan Buidhe a tha air an aite.
Thair iad as iad fhein a dh’ ionnsuidh Amhuinn Mhorair airson dol far na h-amhuinn. Is aig an am sin cha robh drochaid oirre ach maide a bha am braigh an eas air a cheangal air an da cheann le gad. Dar a bha e fairis air a’ mhaide thuirt am fear a bha thoiseach ris an fhear a bha deireadh: “Carson nach do bhuail bhiodag* air a’ ghad.” Is thionndaidh e agus bhuail bhiodag air. Is anns an am bha fear de na tri fichead nall air a’ mhaide as an deigh is chaidh e fhein is am maide leis an amhuinn. Is thill Aonghus nan Corc air ais leis an da fhichead fear sa naoi-deug. Dar a bha iad a’ dol seachad air a’ chnoc am meadhon na moinich thuirt e: “Theid sinn a choimhead de bha aig na meirlich anns a’ chnoc” agus gus an latha an diugh is e Torr nan Meirleach a tha air a* bha an uair ud fo choille.
An dithisd a bha fo’n choille chum iad suas gu Drochaid an Loin, far an do thachair da bhoireannach riutha, is iad ag caoineadh. Dh’ fhaighneachd iad dhiubh de bha orra. Thuirt iad gun robh MacLeoid Dun- bheagan* an deigh a’ chreach* a thogail bho bhraigh Mhorair gu ’h-iochdar. Is dh’ fhaighneachd iad cait an robh iad is thuirt iad riu: “Aig Cille-Chuimein” is thill iad air ais is thainig iad fos cionn Cille-Chuimein anns a’ bhruthach a bha an uair sin fo choille. Aig an am sin bha iad a’ toirt a stigh nam bataichean airson an crodh a chur annta aig a’ Bhuarbhlaich is bha MacLeoid ’na shuidhe air an raon ag gabhail a bhidh. Is thuirt fear dhe na daoine seo: “Nach bu shuarach oirnn agus fiachainn air.” Is thuirt am fear eile: “Chan eil math dhuinn; bidh sinn an lamh leis am beil an seo de dhaoine. * ” Is thuirt am fear eile: “Nach eil an da bho as fhearr an taobh seo de Lochaidh agam fhin agus agad fhein.” Is dh’fhiach e air MacLeoid is chuir e an t-saighead ann. Is chaidh a’ chreach a leigeil mu sgaoil is dh’fhalbh iad dhachaidh le MacLeoid. Is e sin a’ chreach mu dheireadh a chaidh a thogail ann am Morair.
Thill an dithisd aca air ais do Arasaig is bha iad ’gam falach fhein anns an Laraich Mhoir. Is bha nigheanan Aonghus nan Corc a’ dol
leis a’ chrodh gu’n Laraich Mhoir is bha iad a’ tachairt air na gillean seo. Agus thoisich iad ri deanamh suas te dhiubh ri mac Mhic ’ic Dhughaill is mu dheireadh dh’innis i dha a h-athair mu a dheidhinn. Is thuirt a h-athair rithe gum feumadh i a thoirt leatha a dh’ ionnsuidh a tighe agus dh’ aontaich e gum faodadh iad posadh. Is oidhche na bainnse, an deigh dhaibh dol a laidhe, thainig am bodach, Aonghus nan Corc, leis a bhiodaig airson cur as dha: ach le fios a bhith aig Mac ’ic Dhughaill an duine a bha ann bha e deiseil air a shon is tharraing e an claidheamh aige is thuirt e ris, nan tigeadh e a rithisd, gun cuireadh e an ceann dheth. Is cha do chuir e dragh tuilleadh air.
Ach oidhche bha iad ag cluiche nan cairtean. Thug e sar sgailleag le cul a laimhe do’n bhean, is thuirt ise an uair sin: “Bha latha nach biodh sid gun dhioghlachduinn* air. Is thuirt esan rithe: “Ma’s e na cnaimhean buidhe sin shios a tha thu maoidheadh ormsa, cha mhaoidhich orm nas fhaide iad.” Is leum e air a chois sios do cheann eile an tighe is bha Aonghus nan Corc air urnuigh anns an am is chuir e a bhiodag ann is mharbh e e.
Notaichean.
Suanas-leitir. Is ann an sin a rugadh MacCeallaig.
Cill-Chuimein. Is e so an cladh ri taobh an rathaid mhóir aig a’ Bhuarbhlaich. ’S e so an t-aon àite-adhlacaidh a tha am Mòrar.
* = sic
[Sanasan]
title | A’ Chreach Bho Dheireadh A Thogadh Am Morar |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Cyril Dieckhoff in Gairm 24 %p |
parent text | Gairm 24 |