Air An Spiris
RIAMH bhon a thug am bigean an aghaidh air an iolaire cha chualas mu aramach leithid na h-aramaich a tha eadarIcelandagus an dùthaich so mu chrìochan an iasgaich. So dùthaich bheag anns nach eil ach 163,000 de shluagh a’ toirt dùbhlan do neart Bhreatuinn. Dùthaich nach eil ach mu thrì uiread Innse Gall!
Tha e nàdurra gu leòr dhuinne a shaoilsinn gu bheil ar dùthaich fhéin daonnan air taobh a’ cheartais, ach tha e mithich dhuinn a chuimhneachadh gu bheil an t-iasg a’ ciallachadh beatha no bàs do dh’Iceland. Tha Iceland an crochadh air an iasg airson 95% de a beò-shlaint; chan eil sinne ach an crochadh gu ìre glé bhig air na bheir ar tràlairean air ais. Anns na bliadhnachan so chaidh, tha Iceland air a bhi a’ toirt air tìr 450,000 tunna éisg ’s a’ bhliadhna. Tha sin suas ri tri tunna mu choinneamh gach aon cheann anns an eilean.
Chan eil ann an Iceland mar is aithne dhuinn an diugh i ach dùthaich òg. Ged a fhuair i a’ chiad cheum de a saorsa bho’n Lochlann ann an 1918, chan eil ach ceithir bliadhna bhon a sgar i i fhéin buileach. Spiol An Lochlann na ghabhadh spiolladh, agus rinneadh diol air na h-Icelandaich ceart mar a rinneadh air na Gaidheil ri linn an tuath a chur far an fhearainn, agus tha na mìltean aca bus ri bus ri sliochd na Gaidhealtachd ann an Canada, airson an aon adhbhair. Mar sin, an uair a fhuair an dùthaich a saorsa cha robh dad de mhaoin air a cùl.
Ann an 1953 bha sluagh na dùthcha ann an droch staid ri linn an t-iasg a bhi a’ dol bàs le sgrìobadh nan tràlairean. Gus am beò-shlaint a ghleidheadh ghluais na h-Icelandaich crìochan an iasgaich amach gu ceithir mìle, agus na ceithir mìle sin air an tomhas bho ghoban nan rubhachan.
Ri linn agus gun do rinn sinne othail mu dheidhinn sin, thionndaigh cuid de’n t-sluagh ri na Comunaich, a thairg margadh dhoibh airson an cuid éisg an uair a dhiùlt sinne margadh mar dhioghaltas. Am bheil sian a’ dol a dheanamh an dearbh rud a rithist, seach gu bheil na h-Icelandaich a’ leagail na h-aon riaghailt air na tràlairean againne agus a tha iad a’ leagail air an tràlairean fhéin? Tha an latha seachad anns an còir do’n bhéisd as motha a bhi ag ithe na bèisde as lugha. Ri àm cogaidh tha Iceland ann an suidheachadh feumail. Bu chòir dhuinn a chuimhneachadh gur fheàrr caraid ’s a’ chuirt na beagan éisg ann am barailean.
Tha Iceland a’ ceannach asteach luach nam mìltean pùnnd de ghoireasan—bho ghual gu todhar—a h-uile bliadhna. Ma tha iasg a dhìth oirnne, b’fheàrr dhuinn a bhi ri bargan na ri trod.
title | Air An Spiris |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Gairm 25 %p |
parent text | Gairm 25 |