Ceol Na Pioba
(5) DOMHNALL MACLEOID
Le FIONNLAGH MACNEILL
THA Dòmhnall MacLeòid cho làn de cheòl ’s a tha an t-ugh de’n bhiadh, bho bharran a mheuran mar a bhios iad a’ dannsadh air feadan na pìoba sìos gu òrdag mhór a choise—gu dearbh cha mhór nach mionnaicheadh tu gu bheil a dhà shùil, nuair a sheallas tu riutha, a’ cluich port dhaibh fhéin.
’S ann am baile Steòrnabhaigh an Eilean Leódhuis a rugadh Dòmhnall, agus chan eil duine nas moiteile airson sin—mur eil Dòmhnall fhéin—na na Leódhusaich. Bha dithis bhalach agus triùir nighean anns an teaghlach, agus bha iad uile ’nam pìobairean no ’nan dannsairean. Tha Aonghus, a bhràthair, an diugh air ceann còmhlan phìobairean Leódhuis, agus tha e fhéin cho math air a’ phìob ’s nach mór nach canadh tu aig amannan gum b’ e Dòmhnall a bha a’ cluich.
Thòisich Dòmhnall ag ionnsachadh na pìoba bho athair nuair bha e mu sheachd bliadhna. Chaidh e aig aois naoi bliadhna a dh’ ionnsachadh bho Uilleam Ros, ach ’s ann gun teagamh bho Iain Dòmhnallach an Inbhirnis, “rìgh nam pìobairean”, bu mhotha thug Dòmhnall de a phìobaireachd, oir thug e faisg air fichead bliadhna dol thuige gus an do chaochail e ann an 1953. Tha inneas gu leòir aig Dòmhnall air cho math ’s a bha Iain ’na fhear-teagaisg, agus tha e coltach nach b’ e h-uile nì a riaraicheadh e. Chan fhóghnadh leis idir gun coisneadh tu am bonn òir, mur cluicheadh tu am port dìreach cho math ’s bu mhiann leis-san. Bho dheireadh, bha e ’na fhasan
aige uaireannan a bhith a’ dol a chadal fhad ’s a bhiodh fear de na h-oileanaich aige a’ cluich pìobaireachd dha, agus na maireadh e ’na chadal, b’e comharr math a bh’ ann, oir a cheart cho luath ’s a dheidheadh aon mheur ceàrr, bha e ’n àirde mar pheilear á gunna.
B’ ann gus am biodh e na b’ fhaisge air Iain Dòmhnallach, agus gus am faigheadh e cothrom air a’ phìob ionnsachadh nach biodh aige ann an Leódhus, a chaidh Dòmhnall do’n arm. Chaidh e do na Sìthphortaich, far an robh athair roimhe, agus tha e fhathast gun chrìoch buileach a chur air an ùine a bha air anns an réiseamaid sin. Tha e air iomadh onair a chosnadh do’n réiseamaid agus dha fhéin anns an ùine sin, agus tha bocsa aige aig an tigh a chuireadh farmad air pìobaire sam bith, làn mar a tha e de dhuaisean—buinn òir, bratach gorm Mhic Cruimein agus bonn eile a fhuair e bho làimh na bànrigh fhéin anns a’ bhliadhna san deach a crùnadh. Ach ged tha sin mar sin, cha b’ urrainn do dhuine a bhith na b’ irisle na Dòmhnall.
The e air a bhith iomadach uair air chuairt anns na Stàitean Aonaichte agus ann an Canada, a’ cluich agus a’ teagasg phìobairean, agus tha deagh bheachd aige air na chuala e de phìobaireachd anns na h-àiteachan sin.
Aon rud a tha a’ deanamh dragh gu leòir do Dhòmhnall, ’s e sin cho beag ’s a tha de chothrom aig balaich òga anns an eilean aige fhéin air a’ phìob ionnsachadh, a dh’ aindeoin dé cho eudmhor ’s a bhiodh iad air sin a dhèanamh. Chaill pìobairean Leódhuis deagh mhisneachd o chionn beagan bhliadhnaichean nuair a bhàsaich athair Dhòmhnaill fhéin, agus cuideachd an duine uasal iomraiteach sin, Iain Moireasdan á Assynt House. Tha facal mór aig Dòmhnall mu dheidhinn Iain, mar a bha gu dearbh aig a h-uile duine aig an robh eòlas air. Tha Dòmhnall de’n làn bheachd cuideachd gu bheil a’ Ghàidhlig ’na cuideachadh mór do phìobaire, agus gu h-àraidh nuair thig e gu ceól mór a chluich.
Mar a chanas e fhéin mu dheighinn chàich, feumar a ràdh mu thimcheall fhéin, gur e fìor fhear-teagaisge math a tha ann. Tha a h-uile gibht aige airson sin—eòlas math air a’ chuspair, foidhidinn gu leòir, dòigh air ionnsachadh, agus is dòcha an rud as fheàrr a tha ann—cha dubhairt e riamh facal ri duine a bheireadh droch mhisneachd dha, ged bhiodh e aige ri ràdh.
Tha Dòmhnall cho math air ruidhle agus a tha e air pìobaireachd, agus cho math air puirt a sgrìobhadh ’s a tha e air an cluich. Bha e uaireigin a’ falbh ann am bus a chluich còmhla ris na pìobairean aige anns na Sìthphortaich, agus bha e a’ fiachainn ri norrag chadail a dheanamh air an t-slighe. Chunnaic fear de na balaich so agus thuirt e: “Isd, tha Dòmhnall ’na chadal!” “O, chan eil” arsa fear eile, “ ’s ann a tha e a’ ‘composigeadh’ ”. Sin mar a bhitheas le Dòmhnall. ’S ann nuair a bha e ’na shuidhe aig cuibhle na carbaid aige fhéin agus a theab e marbhadh cearc bhochd a bha ’na deann-ruith le eagal a beatha roimhe air an rathad, a chuir e ri chéile am port“The Hen’s March” .Sgrìobh e port gasda eile uair anns an trèana eadar Inbhirnis agus Caol Loch Aillse agus e air an t-slighe gu Steòrnabhagh. Chan eil a bheul aig fois uair sam bith, agus tha an tigh aige làn de chriomagan de phuirt a sgrìobh e sìos ann an cabhaig mar a bha iad a’ ruith troimh
“The Hammer and the Anvil”
le
Domhnull MacLeòid
[Ceòl]
[Ceòl]
inntinn— ’s math-dh’ fhaodte air paipear toitein no air seann phaipear naidheachd.
Ged tha e air puirt a sgrìobhadh de’n h-uile seòrsa, saoilidh sinn gur h-e puirt-caismeachd bheaga, mar“Mrs. MacDonald of Uig”no“Walter Douglas of Vancouver” ,agus na puirt ris an can iad anns a’ Bheurlajigs ,as fheàrr a tha a’ nochdadh gibht Dhòmhnaill. Tha na puirt mar as trice furasda gu leòir an cluich, ach dìreach nuair a shaoileas tu gu bheil iad ro fhurasda, cuiridh Dòmhnall car beag unnta a dh’ fhàgas an luchd-éisdeachd gun fhacal. Sin agaibh mar a tha am port a tha againn an so. Chan eil e duilich a chluich idir ach mur h-eil am port gu léir, agus gu h-àraidh an treas pàirt, làn de bhlas na Gàidhlige, chan eil am blas sin ri fhaotainn an àit. Eisd cuideachd ri glagraich an ùird anns a’ cheàrdaich a’ ruith troimh ’n phort gu léir.
Bithidh Dòmhnall glé thric an sàs a’ cur òrain Ghàidhlig an òrdugh airson a’ phiob mhóir, agus a’ cleachdadh as ùr na seann phuirt aotrom dannsaidh. Chan eil sin ’ga fhàgail riaraichte a bharrachd; tha e a’ deanamh co-chruinneachadh dha fhéin an dràsda de cheòl na pìoba, agus chan eil fad sam bith on chaidh an dara leabhar dheth a chlo-bhualadh.
“Piobaire Gharstaing”
An uair a leugh mi an naidheachd a rinn Niall uasal MacGille-Sheathanaich air Garstang, agus am pìobaire a lorg e air cloich shnaighte so mar a thainig rud asteach orm,
I
Gu h-ualach éibhinn le ceum tha togarach,
amuigh fo’n ghréin ghil air réidhlean fosgailte,
tha e cho stàiteil cur gleus le làmhaibh
air pìob a’ mhàla ’s feile-geàrr gun osan air.
II
Trì mìle bliadhna bho thriall an curaidh so!
ach dh’ fhàg e iarmad is triall as urrainn duinn
a chur san àireamh, MacCriomain ’s càch ann,
’s tha Alba làn dhiubh ’s gach ceàrn a thogras tu!
CALUM MACGILLEATHAIN
an Scarp
[Sanas]
title | Ceòl na Pìoba (Dòmhnall MacLeòid) |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacNèill in Gairm 25 %p |
parent text | Gairm 25 |