Leabhar Bliadhnail Ard-sgoil an Obain (1958)
Bha sinn toilichte am bliadhna a rithist leth-bhreac fhaighinn de’n leabhran so, agus ochd duilleagan fhaicinn ann de Ghàidhlig ghlan, eadar sgeul is dhàn. Chan iongnadh leinn idir ged a bhiodh sin mar sin. Tha deagh Ratharsach air ceann na sgoile, tha dithis Leódhusach a’ teagasg na Gaidhlig, is tha bard Leódhusach eile a’ teagasg Beurla anns an sgoil. Chan eil duine de’n cheathrar ud, Iain MacGilleathain Dòmhnall MacThòmais, Domhnall Moireasdan agus Mac a’ Ghobhainn, aig nach eil ùidh mhór ann an Gàidhlig. Bha sinn toilichte cuideachd rud fhaicinn ann bho charaid Gairm, Ollachar MacIlleMhartainn á Muile. Bithidh làn dùil againn tuilleadh a chluintinn bho na gillean is na caileagan a sgrìobh na h-earrannan so.
title | An Sgeilp Leabhraichean (Leabhar Bliadhnail Àrd-sgoil an Òbain) |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Gairm 25 %p |
parent text | Gairm 25 |