[92]

Anthony Dilworth, Mainland Dialects of Scottish Gaelic. (The Abbey Press, Fort Augustus, 1958.)

Anns na naoi duilleagan a tha anns an leabhran so tha Anthony Dilworth adeanamh iomradh air dha no trì nithean a tha comharrachadh dual-chainntean na Mòrthir, mar a tha an dòigh a tha aca air fuaimneachadh faclan mar a tha duan agus dubhan air an dara làimh, no faclan mar a tha falbh agus seirbheis (anns a bheilsvarabhakti vowel) air an làimh eile. Le bhith beachdachadh air comharraidhean mar so, tha e atighinn chun acho-dhunaidh gu bheil sgaradh eadar dual-chainntean taobh-an-ear is taobh-an-iar na Mòrthir, agus buntanas eadar dual-chainnt taobh-an-iar Siorrachd Inbhirnis agus dual-chainntean Uibhist is Bharraidh,mar a bhiodh nàdurrach ann an seann chrìochan Mhicic Ailein, agus gu bheil lorg abhuntanais tha so ri fhaicinn air Gàidhlig na Ceapaich. Ach aig an aon àm, tha buntanas aig Gàidhlig na Ceapaich ri Gàidhlig Siorrachd Pheairt, rud a bhiodh nàdurrach cuideachd is an chrìoch, mar gum beadh, fosgailte dha chéile. Tha mhap aig deireadh an leabhrain adeanamh dealbh air crìochan nan dual-chainntean sin, agus asealltainn dhuinn gu bheil crìoch eile eatorra anns a bheil an dhual-chainnt rudeigin measgaichte.

* * * * * *

Bha móran de ar luchd-leughaidh afaighneachd cuin a nochdadh an cruinneachadh a gheall muinntir John Grant, an Dun-éideann, de ainmean is de phrìsean gach leabhar Gàidhlig a tha fhathast ri fhaotainn an clò (Gairm, Leabhar lv, d. 374). Tha muinntir John Grant airson innse do ar luchd-leughaidh gu bheil iad duilich gun deach dàil anns an obair so, ach nach fhada tuilleadh gus am bi i ullamh.

[Sanas]

titleAn Sgeilp Leabhraichean (Mainland Dialects of Scottish Gaelic)
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Gairm 25 %p

parent textGairm 25
<< please select a word
<< please select a page