[24]

Ubraid Chaluim
Le CALUM MACFHEARGHUIS

THA dealachadh mór eadar sùgh éisg aguszoobheathaichean. Aigzoobheathaichean chitheadh sibh na moncaidhean (clann sinnsirean ar sinnsirean) asealltainn ciamar a bhiodh sinne, mur biodh againn gliocas agus borbairean.

Chitheadh sibh ann cuideachd, ginealach na nathraichean len athraicheans am màthraichean, ’nan lùbanan, afighe cach-a- chèile.

N dùil an e aGhàidhlig a bhaig an Nathair a bhann an Gàrradh Eden, agusn dùil an dubhairt Eubha ri Adhaimh, “Siuthad, rùisg an ubhal mus ith thu i”?

S e diathad leómhainn: ubhal abhìogais, agus pàirt de chaol-Anna do sheanmhar.

Chan eil calman-tighe anns an rìoghachd nach bruidhinn Gàidhlig. Nuair a bhios e atrod their e, “Chan e mo chuideachd thù. Chan e mo chuideachd thù.” Nuair bhios e asuirghe their e, “Is e mo chuideachd thù, etc”. Cha chuala mi calman-tighe riamh nach robh atrod, no ri suirghe.

An t-ainm ceart air calman boireann, an e cearc calmain, no an e calumìna?

Tha coileach mór againne airson na Sàbaid; cha chrìochnaich an Gairm nuair chrìochnaicheas an coileach.

Guis! ris achearc. Tugad! ris abhó. Piosgad! ris achat. Teich! ris achù. Gu ris an duine?

* * * * *

A bheil dealachadh eadar ? agus goo-duh-duh?

Is math a dhfhaoidte gur h-ann bho na h-Innseanaich a tha ri planndrachadh anns na h-eileanan a fhuair sinn am facal iongantach sin. Tha sinn acluinntinn gu bheil iad cuideachd deònach air toirt dhuinn an creideamh aca.

S éibhinn leam cho subhachs a tha cuid de na daoine dubha, bho fhuair iad an saorsa, agus cho dubhachs a tha cuid de na daoine geala bho fhuair iad e. Hindu ann no Hindu as, ma thig mise air ais mar chaora, ’s e rud a dhiarrainn (1) deamhas nach biodh abìdeadh agus (2) mialan-caorach nach biodh atachais.

Mas e stàbhaigean-rùide a bhios annad, obh-obh, mo thruaighe! Cha bhi beans cha bhi teaghlach aig mult!

* * * * *

An aithnich sibh na comharraidhean so—! Slat uamhais
? Corran ceist
Cromag
“ — —” Cromagan còmhraidh
. Ball-sguire.

S em Bràthair Mór am buachaille a bhaca am bliadhna aig Faing Shealtainn. Chaidh aon chonadal air seacharan air na Ruiseanaich, ged bha iad air cur clach-dhearg air, agus ged a bha am buachaille ri seinn,



[25]

A chailleach chrùbach anns aghleann
Teann anull na caoraich againn— —— ”.

Carson a ruith e? Ris acheist sin cuir corran mór le òrdna bhroinn!

* * * * *

A bheil fhios agad a bhodaich am facal a thaig na h-Eireannaich airsonsauce” ?

Chan eil.

Thaannlan”.

Ud, Ud! chan eil achòrr a chiall aca.

Aig an dara cuid, “Tharesponsibilitymhór aig naGaelic speakersa bhith ri teach-igeadh na cloinnenan cànan fhéin, agus a bhith ag encourag-igeadh anoff - springann a bhith arealis-igeadh gu bheil acainheritancea tha prìseil da rìribh.”

Aig achuid eile, “Tha trom-uallach mhór air na Gaidheil ann a bhithg eideachadh na cloinnenan cànan fhéin, agus a bhith ag earalachadh an ginealach ann a bhith toirt fa-near gu bheil aca oighreachd a tha prìseil da rìribh.”

Tha gach cuid adeanamh cus còmhraidh.

Chan e a mhàin gu bheil feadhainn de na Gaidheil tàmailteach agus cachdanach, ach tha iad cuideachddisappointedgu bheil uiread de dhfhacail Bheurlanan cànan.

Is duilich do Ghaidheil Steòrnabhaighs an Ath-leathainn gu bheil fhacal Gàidhlignan seanchas; ’s e singaloreagusrightio” .

Ann an ceàrnaidhean eiles e Beurla is Laideann tòrr as uaisle leis an òigridh na Beurla is Gàidhlig. Ann an uaigneas cruach-mhònaich cluinnear “Semper te amabo, my honour! ”

Their iad gu bheil aGhàidhlig marbh; ’s e is aobhar gu bheil sinn an dràsdaga bruidhinn, nach do chrìochnaich an tigh-aire fhathast.

* * * * *

Their na paipearan-naidheachd gum bi a h-uile rud aca, ann an ceud bliadhna eile, ’ga reic anns na bùthan ann an canasdairean, is botuill. Smaoinich nam biodh agad ri dhol do bhùth a dhiarraidh,

Botul faochaidh,
phunnd foidhidinn,
Fiach tasdain den fhìrinn, agus
Canasdair modh.

Modh achoin: bhith fuireach fon bhòrd gus an ith a mhaighstir a bhiadh.

Modh aghille leisg: bhith feitheamh na Bùird gus am faic e na criomagan a thuiteas thuige.

Nuair a roinn iad na tacaichean eadar na croitearan cha be Bòrd an Fhearainn a bhaca, ach Bòrd an Earrainn.

* * * * *

Dhéirich bantrach achoilich bhair na h-uighean, aguss e suidhen déidh éirigh seach mìle mollachd achéilidh.

* * * * *

Canaidh miBeannachd leibh”, mun sguir mi a chreiceal, a ghlam-bar, a ghlagadaich, ’s a chopraich còmhraidh.

titleUbraid Chaluim
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Calum MacFhearghuis in Gairm 25 %p

parent textGairm 25
<< please select a word
<< please select a page