O Chionn Leth-cheud Bliadhna
Le SEUMAS MACTHOMAIS
THEID sinn air ais le sùil na cuimhne gu bhith beachdachadh airson tiotaidh air a’ chlachan a b’ aithne dhomh o chionn leth-cheud bliadhna.
Tha an clachan ann an sud gun charachdainn an cois a’ chladaich, ri gàir nan tonn air an tràigh ’s ri sluaisreadh an làin air a’ mhol. Ach is iomadh caochladh a thàinig an lùib nam bliadhnachan. Chan e na tighean a b’ aithne dhòmhsa a tha an diugh air na seann làraichean, agus na daoine air an robh mi eòlach ’nam òige chan eil móran diubh an làthair a nis. Tha an clann agus clann an cloinne faicinn ’s a’ cluinntinn ’s a’ dèanamh nithean a bha an dubhar oirnne. Dh’ fhàs an saoghal cho beag, dòighean siubhail cho lìonmhor, is naidheachdan cho furasda fhaighinn agus gu bheil clann a’ chlachain an diugh nas eòlaiche air cor an t-saoghail na bha na seann daoine uaireigin.
Ri mo chiad chuimhne cha robh tigh nach robh làn le teaghlaichean mòra, agus iad uile aig baile aig amannan de’n bhliadhna, timcheall an teine air being is séis, air cathraichean cruaidhe no stùil, agus le suidheachan falamh a’ feitheamh air an fhear tadhail, thigeadh e moch no anmoch.
Bha na tighean dubha seasgair agus blàth oir cha robh dìth connaidh ann. Bha an riasg an asgaidh agus pailteas deth mu chrìochan a’ bhaile. Dhèanadh grian an t-samhraidh an caoran dubh a chruadhachadh fa chomhair frioghan a’ gheamhraidh.
Bu mhath leam iomradh aithghearr a dheanamh air muinntir a’ chlachain—an crannchur làitheil, an nàdur ’s an dòighean, an cleachdaidhean mar a dh’ fhoghluim iad o’n sinnsearachd, agus am fearas-chuideachd.
Airson an teachd-an-tìr bha iad an urra ris na bheireadh iad le fallus an gnùise as an talamh, agus na choisneadh iad as an fhairge. Bha bàrr na talamhainn feumail airson duine is ainmhidh, ach bha an obair trom leis na h-innealan a bhàtar a’ cleachdadh, agus chan ann gun saothair a bheireadh fearann creagach is talamh réisg amach toradh.
B’ e an t-iasgach am prìomh obair. Am mìosan an earraich bhiodh na lìn mhóra an sàs, agus cha robh gainne air annlan fhad’s a bhiodh na sgothan air sàl, truisg is langannan mar a shlaodadh iad gu tìr. Bha an t-iasg glas math airson biadh an teaghlaich, ach cha robh e riamh airgeadach. Mur tigeadh airgead le iasgach a’ sgadain cha tigeadh e idir. Mar sin, cha robh fear no té aig ìre cosnaidh nach robh a leantainn iasgach a’ sgadain aig baile no anns na puirt-a- sear. Air an aobhar sin bha an clachan air fhalamhachadh gu mór fad an t-samhraidh, agus bha obair samhraidh an crochadh ris na màthraichean agus na seann laoich a bha air am muir a leigeadh seachad. Bha mòine ri h-àrach, buntàta ri ghlanadh, an crodh ri’m buachailleachd agus na caoraich ri’n rùsgadh. Bha uair a bha an crodh air an àirigh aig an àm-sa de’n bhliadhna, ach ri mo là-sa cha robh ach làraichean nan seann àirighean far am bu chridheil an òigridh uaireigin.
Nuair a thilleadh na h-iasgairean dhachaidh bhitheadh greadhnachas sa’ bhaile, cosnadh ann no as. Mur a robh soirbheachadh san dàn bu ladarna bhith gearain! A’ bhliadhna a bhitheadh iasgach math ann thigeadh a’ chlann-nighean dhachaidh le’n cisteachan làn de gach goireas. ’S e là mór anns a’ chlachan an là a thigeadh na cairtean á Steòrnabhagh le cisteachan nan caileag, agus cha bu lugha togail sean is òg, ri ath-thighinn nam bàtaichean á Gallaibh.
Bha àm cura is buain ann, àm iasgaich is àm gu fois a ghabhail àm tadhail air càirdean agus àm gu gabhail riutha gu coibhneil nuair a thigeadh iad. Is e a’ chuimhne as fheàrr a tha agam air inbhich a’ chlachain cho dàimheil ’s a bha iad ameasg a chéile. Bha iochd is carthannas nach bu bheag air a nochdadh leotha. Cha bhitheadh duine feumach nach fhaigheadh còmhnadh bho a choimhearsnaich gun dàil. Nam bitheadh teaghlach air dheireadh le obair earraich no foghair, thigeadh luchd cuideachaidh o na tighean mun cuairt. Cha tigeadh eathar gu cladach nach e cuid na bantraich a churte air leth an toiseach.
Bha muinntir a’ bhaile daonnan amach ’s asteach á tighean a chéile. Cha robh glas air dorus a là no dh’ oidhche, agus bha àm sam bith freagarrach airson tadhal anns an dol seachad gu bhith fàilteachadh a chéile agus a’ reic na naidheachd a bha dol. Cha robh cagailt air a’ cheann-baile nach ruigeadh a’ chlann i, co-dhiùbh bhitheadh iad air cheann-turuis no nach bitheadh.
Bha càirdeas air a chumail, agus luaidh air a dheanamh air nuair a choinnichte. Ged nach robh rian siubhail ach tearc, ruigte na càirdean anns an ath bhaile agus air taobh eile an Eilein air na casan, agus ruigeadh iadsan sinne. Coibhneas is càirdeas, dìlseachd is carthannas—fhuair na subhailcean sin uile àite ann am beatha an t-sluaigh. Cha robh duine ’na choigreach do neach eile. Bha iad cho eòlach air a chéile agus nach robh feum air sloinneadh ach là baistidh là pòsaidh. Bha fios againn uile có bh’ ann Aonghus Choinnich, ’s Màiri Mhór, Iain Nèill, ’s Calum Tàillear.
Fad trì ràithean na bliadhna cha robh feum air fearas-chuideachd, oir bha cus r’a dhèanamh airson ùine gu bhith gabhail fadachd. B’ e an obair làitheil an fhearas-chuideachd bu mhotha. Cha robh iarraidh air airgead rìoghachd gu bhith cumail sùgraidh ri daoine gun chàil airson oibreach mar a chithear an diugh. Ma bha an obair trom air uairean, bha an dòighean fhéin aca gu bhith ’g a h-aotromachadh. Nuair a bhitheadh an sgioba sàraichte ag iomradh no cur suas an t-siùil thogadh iad iorram cuain agus chaillte cuimhne air sgìos nan gàirdean. Dhèanadh na h-òrain aotrom, aighearach an luadh na b’ fhasa, am miosradh na bu taitniche, a’ bhrà agus a’ chuibhle shnìomha na bu shiùbhlaiche.
Nuair a thigeadh marbh na bliadhna, dùlachd a’ gheamhraidh thogadh an òigridh orra gu céilidh nan tighean. Cha robh tigh-céilidh anns a’ chlachan nach bitheadh làn ri solus gealach. B’ e an tigh-céilidh an sgoil-oidhche aig an àm, an oil-thigh aca, far an robh iad a’ teagasg a chéile anns na nithean a b’ aithne dhaibh, ag aithris na nithean a chunnaic agus a chuala iad anns na puirt iasgaich. Bhitheadh làmh aca air eachdraidh is beul-aithris an Eilein agus na
Gaidhealtachd—fear a’ teagasg, fear a’ feallsanachd, agus fear a’ càineadh slaodairean an ath bhaile. Bhitheadh sùrd air seanachas is òrain, air deasbaireachd, gearra-cainnt’ is tòimhseachain. An oidhche a bhitheadh luadh anns a’ bhaile bhitheadh an tigh luaidh làn gu dorus an tallain, agus gheibheadh an tigh-céilidh faochadh an oidhche sin. Cha teirgeadh òrain no gleadhraich gus an sgaoileadh a’ chuideachd. Ach ’s e réiteach no banais a chruinnicheadh am mór-shluagh. Thigeadh na braisichean chon a’ réitich agus na cailleachan chon a’ bhanais-tighe, agus cha diùltadh aon aca deoch slàinte na càraide. Bha an òigridh uile agus a’ chlann a’ tional chon na bainnse far a faigheadh iad an cuibheas de bhiadh is deoch is dannsadh gus an éireadh grian là-arna-mhàireach.
Theirgeadh ùine ag iomradh air iomain na bliadhna ùire, féisd na Samhna agus na Càisge, comunn Calluine aig balaich is caileagan, glacadh nan eun ri àm sneachda, no dèanamh agus a’ seòladh shoithichean air loch no allt no linne. Bha clann-nighean a’ chlachain a cheart cho math air céilidh ris na gillean, ach bhiodh iadsan daonnan ri fighe no fuaigheal gun mhaille chur air còmhradh.
Cha robh e air a mholadh do na màthraichean no do na seann mhaighdeanan a bhith tric san tigh-chéilidh. Bha obair tighe ’gan cumail trang—aran ri fhuine, biadh ri dheasachadh, aodach ri nighe ’s ri chàireadh, càrdadh is snìomh is toinneamh, agus beathaichean ri’n riarachadh.
Dh’ fhaodadh na fir nuair a sguireadh iad a bheartachadh no a chàradh nan lìon sgadanach an làmhan a sparradh ’nam pòcaidean chon nan uinnlean a chionn nach robh iad a’ faicinn a’ chorra ri dhèanamh, ach cha robh làmhan gu leòir air na mnathan airson crìoch a chur air an obair-san. Mur a d’ fhuair iad an duais chan e nach do choisinn iad glé dhaor i.
Dh’ fhalbh an là ud agus thàinig là eile. Ach, co-dhiùbh, mo bheannachd aig muinntir a’ chlachain.
[Sanasan]
title | O Chionn Leth-cheud Bliadhna |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Seumas MacThómais in Gairm 25 %p |
parent text | Gairm 25 |