[39]

Gnothaich Bhoireannach
Le MURDAG NICCOINNICH

THATAR, gu tric, acur oirnn nach eil cus ùidh againn ann an riaghladh ar bailteans ar sgìrean. Cha chuirear sin as leth mhnathan Steòrnabhaigh co-dhiùbh, oir gu minig is ann a tha abhean-tighe a chuir iadsan, len deòin fhéin, a shuidhe an Comhairle abhaile acur an gnothaich air adhart le sgil agus le dìlseachd a bhiodh cruaidh air fear sam bith a bharrachadh no chur am feabhas.

Is e so, matà, aBhan-bhàilidh Anna Urchardan, ban-Leódhusach pòsda aig Gaidheal a tha air iomadh bliadhna a chaitheamh astrì ri dìomhaireachd an àrdchunntais a theagasg an sgoil mhóir Steòrnabhaigh. Bha i fhéinna bean-teagaisg air dùthaich Leódhuis car àm, mun do phòs i. Mar sin, tha i làn fhiosrach, chan ann a mhàin air cor an luchd-dùthcha san eilean, ach air staid muinntir abhaile cuideachd; chan e mhàin cùisean òigridh troimh shùil bean-sgoile ach troimh bheachd màthar cuideachdoir tha Anna, a nighean, pòsda an Ameireaga. Tha làn a claiginn aice den Ghàidhlig, a tha anabarrach feumail dhi, gu h-àraidna saothair daonnan air sgàth nan seann daoine, gun luaidh air a h-obair mar bhan-bhàilidh.

Ged a bha làmh aig dithis mhnathan roimpe an cùisean riaghlaidh Steòrnabhaigh be Anna Urchardan achiad bhoireannach a choisinn barrachd phaipearan-taghaidh na na fir. Is e so fìor dhearbhadh air cho measails a tha i an diugh, oir cha dfhuair i steach air achiad oidhirp. Aig achunntas mu dheireadhs i bha air thoiseach air càch. Cha ruigear a leas an còrr a ràdh.

Dhfheòraich mi dhith, agus mi air greiseag tìde a chaitheamh gu a càirdeil, taitneach mu chupan tea maille rithe fhéins ra fear, ciamar a thug i smuain air an obair-sa. Is ann a chaidh iarraidh oirre seasamh, as leth mnathan abhaile. Cha robh i ro chinnteach aig toiseach



[40]

[Sanas]



[41]

tòisich, ach rinn i ionnsaigh mu dheireadhagus nach math gun drinn! Tha aig mnathan Leódhuis guth air an taobh an so, a tha astrì gu dìcheallach, dèanadach, dùrachdach air an sgàth, nach eil acleith nan cothroman, air nach eil geilt a guth a thogail, agus nach eilga sàbhaladh fhéin, ge be seirbhis air bith a ghabhas i os làimh.

Tha aGhàidhlig ro fheumail cuideachd dhi ann a bhith rannsachadh na tha de fharraids de cheasnadh atighinn thuice mu staid dhachaidhean an t-slòigh. Is i an ceann-suidhe air aChomhairle ris a bheil tighean abhaile an urra. Cha mhór nach eil cuideigin air a tòir, agus tha làithean a bhios seisearga tadhal. Chan eil e doirbh faicinn gu bheil achùis so faisg air a cridhe, oir tha i astrì ris gach gnè thogalaich a thatar atoirt gu a h-aire a sgrùdadh le a shùil fhéin. Sin, saoileam, aon aobhar air cho soirbheasachs a tha i. Chan e facal neach eile tha i agabhail.

Tha aobhar pròis aig Comhairle Baile Steòrnabhaighnan cuid tighean-còmhnaidh, oir tha seachd ceud tigh aca air an togail a nis. Tha so a cheairt cho math ri, nos dòcha nas fheàrr na, baile eile san dùthaich, ’gan coimeas meud ri meud.

Gu faicsinneach, tha aon acur bròin oirre— ’s chan eil ina h-aonar. ’S e sin mar a tha e coltach nach eil an Stàit acur ach beag shuim ann an staid an iasgair air achroit. Is soilleir do neach air bith nach deanar teachd-an-tìr air achroit a mhàin san lathan diugh, agusna beachd tha an sìol saor, neo-eiseamaileach a bha san eilean acall am fearsantachd agus an stéidh. Bha ann, a tha an cunnart aomaidh, abfhiach iad toirt orrluaidh.”

Nuair thainig am MorairStrathclydedon bhaile dhfhiosraich i dheth carson nach deidheadh aca air cor nan iasgairean air achroit a leasachadh, le furtachd a thairgse dhaibh bho iomagain bochdainn, agus aig acheairt àm a bhith gleidheadh na gnè fhìnealta, ghrinn a bu dual daibh o chian?

Bu fhreagarrach da rìribh gur h-e Anna Urchardan a thiodhlaic don Bhànrigh achutag òirachutag mar chomharradh is mar chuimhneachan air gineal eile a bha air leth an treibhdhireachd, an seasmhachds an toil-inntinn: clann-nighean an sgadain.

Aon dleasdanas nach còrd rithea bhithna suidhe sachùirt lagha. Chan eil in dùil gur h-e àite no fir aig nach eil ionnsachadh fir-lagha bhith suidhe an nàdur breitheimhnar cùirtean. Ach tha làn tlachd aice san earrainn mhóir de a h-obair. Is toigh leatha bhith measg an t-sluaigh agus tha i co-fhulangach, bàigheilna dòigh, furasda bruidhinn rithe.

Dhaontaich i gu robh móran gearain aig luchd turuis nan eilean agus an luchd-tadhail mun dìth-chomhfhurtachd a tha iad afulangnan teachdsnam falbh. ’S ann aice tha fios a bha air tir-mór cóig uairean sabhliadna chaidh. Tha ena chùis ghràin a bhith cumail sluaigh bho chùl cóig uairean samhadainn gu cùl seachd uairean anns aChaol, eadhon an teis meadhon agheamhraidh, agus sin gun na goireasan a gheibh spréidh an àiteachan. Tha fios math againn air cho deònachs a tha trèana Ghlaschu air a bhith gluasad amach á Mallaig, dìreach nuair a tha an luchd-turuisnan deann atighinn air tìr bhon Loch Sìthphort.



[42]

Is mór na tha dhobair an cois gnothaichean riaghlaidh. Cha robh Anna Urchardan an dùil gu robh uimhir ann; ach cha chreid mi nach gabh i sin gu léirna ceum gun ghearain. ’S e ar dóchas gu bheil iomadh is bliadhna roimpe, gu bhith toirt am follais dhochair, no bhith cur leasachaidh air chois, gu inbhe a h-eilein agus a shluaigh, a tha cho dlùth ra cridhe, chur bho neart gu neairt.


ABHLIADHNA na tìde-sa thug Dun-éideann ionnsaigh air aGhàidhlig a chur air chois an Sgoil Pàirc Nortain. Ged nach eil e ro fhurasda an dràsda, fo ghuirmead àrd nan speuran, ri taobh iomair coirces an uiseag adòrtadh a chuid ciùil oirnn, an inntinn a thilleadh gu dùmhlachd abhaile mhóir, gu clann nach cuala riamh an uiseag, fiachaidh sinn.

Tha deagh fhios aig an dream a tha toirt beachd air na seòrsachan chùisean so, gur tric a tha treallaich mhath den Ghàidhlig aig achlann ma tha i aig am màthair; no, ’ga chur air dòigh eile, nach ainneamh a tha achlann as a h-aonais, ged a tha làn mór a chinn aig an athair. Air an aobhar sin is ann le iomagan a bheir sinn smuain air gainnead nam ban a tha sàs ann a bhith cumail cànain an sinnsrean am bitheantas.

Is ann do chaileagan a mhàin a thug sinn cothrom air aGhàidhlig ionnsachadh an toiseach. Cha robh boinne de fhuil Ghaidhealta an aon diubh, agus gu deimhinn cha robh aon diubh air Gaidhealtachd a riamh (ach fhuair mi cairt-phostail bho thè aca as an Eilean Sgitheanach air amhìos-sa, agus sin ann an Gàidhlig nach robh ro thruagh idir).

[Sanas]



[43]

Chan eil e furasda don dream a tha an cois fòghluim Gàidhlige sachuid as motha de ar ceàrnaidhean, beachd a thoirt air meud na bhaig na cailleagan so ri ionnsachadh, nach robh ach ainmig fada bho na sràidean. So ceàrnaidh sam faicear co-chruinneachaidh de naTeddy boys” ;so àite sa bheil, gu daonnan, ra chluinntinn gleadhraichrockn roll. ”

Cha ruigeadh iad a chaoidh an àrd-sgoil mhór. ’S ann a bha iad atoirt amach sgil an obair-oifis gu aois nan cóig deug. Sin, matà, far na chuir Comunn Fòghluim Dhun-éideann mise, le dha no trì leabhraichean, deugachadh dhealbh, agus rùm nach robh idir freagarrach.

Chuir fortan fìor bhana-charaid tac an doruis dhuinn. Bha i air chuairtnar measgna bean-teagaisg seinn, a treas cuairt mun t-saoghal mhór, cuairtean a thug i ameasg rìghrean agus uaislean agus iomadh urram. Cha do dhfhàg sin mórchuis innte.

[Dealbh]
Marguerite Leech.

Chithear an so i, aseinn òran ann an cànain nam Maori, air a h-éideadh mar bhan-Mhaori, oir is ann á Taranaki ann anNew Zealanda thug i sgrìob anall. Bha i aseinn an so air beulaibh cuideachd inbheil airson airgead a thogail, gu cuideachadh a thoirt don bheag bhaile a



[44]

tha nise an Dun-éideann, far a bheil fir a chaidh a leòn gu doirbh anns an chogadh mhór ri faotainn cothrom am beatha a chaitheamh maille rin cuid teaghlaichanThistle Foundation.Tha feum gu daonnan air cobhair airgid an so, agus bha Marguerite Leech aseinn saors an asgaidh. Bha suaicheantas aChomuinn Ghaidhealaich suas nuair a thainig i thugam, ’s a thug i oirre, gu h-iomlanna tìde shaor fhéin, fuinn nan òran a theagasg do na caileagan. Nuair dhfhàg i sinn aig aChàisg a chaidh, bha iad ri seinn leth dusan òran anns aGhàidhlig. Tha sinn gu mórna comain, is tha fios againn gu bheil Gairmna cois agus i nise air bhàrr achuainbana-charaid da-rìribh don Ghàidhlig.

Is ann troimh na nithean bu dlùithe don caitheamh-beatha a rinn sinn oidhirp air aGhàidhlig a theagasg. Tharraingeadh iad dealbh ag ainmeachadh buill achuirps achulaidh, no uaireadair acur na h-uaire air, no bòrd deis gus na h-annlain a ghabhail.

Thadhail dithis Leódhusach, air a bheil mór mheas ameasg luchd na Gàidhlig gu léir, sinn troimhn bhliadhna: Dòmhnall Dòmhnallach á Tolastadh fo Thuath, a thana mhaighstir-sgoile sabhaile, Seumas MacThómais, mu nach ruig mise leas an còrr a ràdh. ’Nar barail uile, chan eil teagamh sam bith nach robh aGhàidhlig acaga togail, agus sin gun iad a bhith acluinntinn dùird dhith amach dorus na sgoile.

Aig àm an dùnaidh, thug Comunn Gaidhealach Dhun-éideann cóig puinnd Shasunnach dhuinn. Shaoil sinn gu robh so cus airson dhuaisean a mhàin, agus ghléidh sinn cuid dheth gu leabhraichean a cheannachd. Thug sinn bràisd Cheilteach don bu chlisge sachànain (thagh Seumas MacThómais eadar dithis); agus don nam bheachd-sa, a rinn an spàirn bu mhotha a rèir a cothroim.

Thug obair na bliadhna-sa, matà, deagh mhisneachd dhuinn. Faodar an cànan aosda, grinn a chur an ceann cloinne air bith a sam bith an Alba, co-dhiùbh, le tìde agus saothair. Dhearbh na cailleagan sin dhuinn gu dearbha. Tha tigh dubh againn a nis, a thog cuid de na balaich air agheamhradh. Tha gach leabaidh-àrd is dreasar ann, agus crodh air an todhar. Ach is e tha buileach misneachail a thig, mar as trice, gille an suds an so a thairgsinn sgil a dhà làimh dhuinn gus an tigh dubh a chumail adol.

Rinn cuid eile de na sgoileirean dealbh mór a theid bho taobh gu taobh den rùm, air a dhreach-dhath, gu foillseachadh nàdur beatha achroiteir, agus chan eil an so ach an tòiseachadh.

Tha sinn ag ionnsachadh Eachdraidh troimh iomradh nam fine Gaidhealta, eadhon gu clibeadh den bhreacan, a tha Eóghain MacPhearsain atoirt dhuinn as abhùth aige, agus is aobhar mìorbhail cho beag de dheachdraidh an t-saoghail mhóir ris nach do bhuin an caitheamh beatha uair no uaireigin. Thog sinn I Chaluim Chillemar a bha i aig àm-sanann anALOPLAST, agus cuideachd Clachan Chalanais. ’S e ar miann gun achlann a chur an aghaidh achànan le cus spàirn a bhithga chur air cainntna h-aonar. Le sin dheth dhionnsaich sinn eòlas nàdurraflùran, craobhan, eòins an ainmeans tharraing sinn iad. Rinn sinn cairtean Nollaige le na litrichean Ceilteach.



[45]

Gach latha, ben cuid innse saGhàidhlig n a bhann, beagan mun aimsir, mun éideadhs mar sin air adhart.

Air an Fhoghar a tha tighinn, tha sinn gu bhith buileach dàna, ann a bhith toirt iompais air suas ri cóig deug thar fhichead, eadar chaileagan agus ghillean, a thòiseachadh ceart còmhladh. Is e so achiad oidhirp air cànain sam bith a thoirt do na gillean an Sgoil Pàirc Nortainsna seòrsa. Gheibh iad cuideachd bhuam am fòghlum anns aBheurla, ’s an Eachdraidh, acumail nithean Gaidhealta fon comhair, agus tha so gu bhith fad nan trì bliadhna a tha iad againn.

Chan eil teagamh sam bith agam nach fàs mi seachd seann sgìth dhiubh an dràsdas a rithist, ach tha dòchas agam gum , chan e mhàin treallaich Gàidhlignan cinn mus fàg iad an sgoil, ach a bhàrr air a sin, gum bi tlachd cho mór aca anns gach Gaidhealtas gun toir iad sgrìob gu Tuath. Tha an dream a tha astiùireadh an fhòghluim an Dun-éideann làn deònach air an cuideachadh troimh Bhruidheannan na h-Oigridh, no naYouth Hostels.Achs e as buidhich idir gu bheil aGhàidhlig air làrach a coise fhaotainn gu diongmhalta, agus tha sinn an dùil, neo-ghluasadach, ann am baile a tha cliùiteach, iomraiteach airson feabhais a chuid sgoiltean.

titleGnothaich Bhoireannach
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Murdag NicCoinnich in Gairm 25 %p

parent textGairm 25
<< please select a word
<< please select a page