[51]

An Te A Chaill I Fhein ....
Le MAIRI NICILLEMHOIRE

BHA mi gu bhith deiseil an Colaisd Chnoc Iordain san Og Mhìos a chaidh agus ullamh gu aghaidh a thoirt air an t-saoghal mum thimcheall airson àite fhaotainnna mo dhreuchd ùr fhéin. Shaoil leam ameasg thoirealaich Ghlaschu gum bu toigh leam sgoil bheag fhaighinn dhomh fhéin ann am bad beag fada o chàraichean, bho ùpraid agus h-ullaidh h-allaidheachd abhaile mhóir. An déidh ceithir bliadhna ann, ar leam gu robh mi air gu leòir de fhaicinn.

Fhuair mi dìreach mar a mhiannaich mi, sgoil bheag Chrùilibhig, air taobh siar eilein Leódhuis, faisg air Beàrnaraidh. ’S ann an uair sin a thòisich briathran mo chàirdean agus mo chuid chompanach acur dragh air mo spiorad agus amharus air minntinn, mu ghliocas mo roghainn.

A bheil thu as do chiall— ’ga do chall fhéin ameasg nan cnoc?” . . . . “Cha dean thu móran danns an sudcha mhotha a chì thu na deilbh-chluich air an robh thu cho déidheil.” “Oidhche Shathuirn afighe an tac an teine— ’s ann ort nach tig e!” Agus an te bu mhiosa, “Chan fhuirich thu cealla-deug.”

Ach le deireadh ar tìde thainig mi dhachaidh agus le toiseach na sgoile as ùr, bha mina mo sheasamh air starsaich mo sgoile fhéin, ag amharc air an shrianag chloinne aseasamh gu modhail fa mo chomhair. Bha na balaich bheaga le sùilean mór ageur-choimhead na te ùir a chaidh a shuidheachadh os an cionn, agus na caileagan chòir le crotan móra agus còtaichean samhraidh; iad uile ag éisdeachd airson facail na h-ùghdarrais, agus èasgaidh, deiseil airson a bhith rèidh ri gach a dhiarradh i orra. Shaoil leam, agus cha robh mi air mo mhealladh, gum biodh an taobh so de mo bheatha taitneach gu leòir.

S e bha cur orm na h-uairean eadar ceithir agus àm cadailbhitheadh iad buan am aonar, fiùs leis an ultach leabhraichean a chaidh a bhuileachadh orm aig an tigh airson cur seachad na tìde, agus na geansaidhean a bha mi dol a dhfhighe do gach duine bhuineadh dhomh eadar abhainn Chluaidh agus Port Nis . . . . Obh, Obh, tha na geansaidhean a dhìth orra uile fhathasd, agus bithidh iad fada raggam feitheamh, tha Freud agus Damon Runyon afaotainn urram nach gann ma theid thaobh duilleig a leughadh san t-seachdain, oir is e tha fìor mun ghnothaich nach eil tìde agam.

Cha robh mi ann ach oidhche no dhà an uair a thòisich an òigridh anochdadh asteach, le botul bainne neo cnap ìmagus an ath thurus bheireadh iad leò caraid eile, balach no caileag as ùr. Rodheireadh na mìos cha robh oidhche nach biodh làn an tighe astigh acéilidh.

An uair a dhfhàs sinn na bu eòlaiche air a chéile bha gu leòir seanchasan ann airson cumail ruinn fad an fheasgair, agus cha bfhada gus an dfhuair mi air amhodh so eòlas mionaideach air na bha timcheall orm. Cha chreid mi nach e òrain Ghàidhlig air an radio a thug oirnn tòiseachadh air seinnnar measg fhéin (bu dheagh chaomh leinn iadsan ach cha deanadh sinn bun no bàrr de na h-òraidean



[52]

mar bu tric). Tha deagh ghuth aig Iain Aonghais agus aig Ceit Anna, agus cha robh òran ann nach bitheadh na facail aig Seòras. Is iomadh ruith a thug sinn air an fheadhainn a bfheàrr leinn air na h-oidhcheannan fuara geamhraidh is aghaoth amuigh acur an tighe chriths atoirt srann mu mhullach. “Chaidh Mi Latha a Thrusadh ChaorachagusMoch Di-Luain” —biad sin bu trice bha againnach dheanadh sinn ar n-òrain fhéin cuideachdgu tric air fuinn aighearach luadhaidh.

An ceann mìos bha mi acluinntinn bho iomadh duine am meas a chuireadh iad air teagasgnan cànain féina bha iad alabhairt gu glan is gu fileanta daonnan, ach nach litricheadh agus nach leughadh iad mar bu mhiann leotha. Be sin a dhaobhraich an sgoil oidhche againn a bhith air a cur air chois. Bha sud an ùine gheàrr atoirt amach oidhche san t-seachdain, oir is ann mar sin a bfheàrr a fhrithealainn an fheadhainn a bha ag ùr-thòiseachadh agus iadsan aig an robh beachd air aghnothaich mar a bhà. Cha robh riamh sgoilearan nas inntinniche aig duine oir bha iad fhéin afaicinn luach anns an rud a bha iad adèanamh agus is mór an adhartas a rinn cuid. Is mór a dhionnsaich mise uapasanfacail nach cuala mi riamh, facail le brìgh eadar-dhealaichte, agus iomadh seanfhacal gu sònraichte mun chuan agus na tràighean mun cuairt air. An uair a dhfhàs na h-oidhcheannan goirid agus bha gach duine ach mi-fhéin ag obair gu na reugan gach oidhche ag àiteach no aig mòine (agus mura robh, cha ghabhadh iad orra a bhith dol seachad air slighe a chéilidh air na daoine bha trang!) thainig ar céilidhean agus sgoiltean oidhche gu crìoch, airson greis co-dhiùbh. Ach theich am feasgair socair blàth cheart cho luath is mi adeanamh aithne air tìr mo shinnsrean( ’s ann á Beàrnaraidh a dhfhalbh iad), neo toirt beagan cuideachaidh le buntàta neo mòine dhaibhsan a thug uimhir dhòmhsa. Agus is iad a bfhiach gu cinnteach. Tha an diugh am Bradhagair fo sgàile géillean na muice mara cruach mhath mhònach a bhuaineadh air Di-Sathuirn faisg air gu h-iomlan le òigridh Chrùilibhig, Earsiadair, agus Bheàrnaraidh a thainig sìos air sgriog maille rium.

Bha cothrom agam cuideachd a dhol ameasg an fheadhainn nach robh air chothrom a thighinn a shealltainn ormsa, agus is iad nach biodh fada asloinneadh amach an càirdeas rium, neo ag innse sgeulachdan mu na tacan agus eachdraidhean eile.

Their iad an so: “Is dual do mhac a ròin dhol thar a shròin chun na mara” —agus mar sin cha robh mi fada gus an do nochd mi an dualchas. Agus cha do chuir cur na mara dragh orm. Thug sinn feasgar neo dhà ag ioladh * ri taobh na Droichit san t-sruthachs ann a bha an oidhche mhór ann an uair a chaidh mi mach a dhorghadh faisg air Eilean Phabaidh.

Thug Murchadh Ruadh agus Dòmhnaill na h-Airde mi leotha gu coibhneilbha beachd aca nach biodh fois aca gus an deanadh iad sin tha mi acreids’, agus gu freasdalach cha do thoill mi an tomadh fhairge a gheall iad dhomh nan robh mi air -shoirbheachadh aobhrachadh dhaibh.


* ’S eflyigeadha their an òigridhach be so facal nam bodach.



[53]

Shaoil leam is sinn ag iomradh seachad nach fhaca mi riamh àite anns an eilean neo an eilean sam bith eile, nas bòidhche na tràighean Uige. Bha tràigh na Ribheadh le gainmheach mar rioban abréideadh bonn cleòca gorma na sléibhtean, le Mealasbhal agus Suainbhal ag éirigh gu greannmhor air an cùlaibhs acur an ìomhaigh sìos gu fad anns na h-uisgeachan. Tighean Bhaltois, is iad adeàlradh an grian an fheasgair mar sheudan air uachdair bhrat uaine an uinneag bùthaidh, bha iad gu deas, air leathad dhoibh fhéin, le gleansa wèirichean an dealain agus an telefon apriobadh an dràsdas a rithisds acurnar cuimhne nach be cnoc shìdhichean a bha ann. Bha e gu léir àluinn. Cha burrainn dhomh ach smuaineachadh air luach airgid an àite a bha so, agus e air a dheanamh goireasach do luchd gabhail cuairt.

Is mór a dhionnsaich mi air mo thuruis, mu na h-eòin mhara a bha ag itealaich seachad air uachdar na mara is iad atoirt gu làidir am inntinn sgeulachd Choleridge mun t-Seann Mharaiche. Chunnaic mi an sgarbh, an lamhaidh, an t-alc agus am pulasdair crom-cheannach nach eil -choltach ri calman agus tha cheart cho peatail, is cho faisg: an gearra breac, am buthaid, an colc, an sùlaire, an steàrnag agus faoileag achinn duibh; chunnaic mi an lacha bhiorach, an learg o nach cluinnear cròchan ach an uair a bhios uisge am fagus, agus am puirbheileach glas a tha daonnan leis fhéin agabhail sàmhach seachad mar tha taibhse troimh chaisteal. Cha bu bheag sin fhéin an aon do thè nach fhaca roimhe sin ach aon dhealbh de sgairbh an leabhar-sgoile.

Agus chaidh an oidhche dorghadh leinn mar a chaidh leis na h-abstoil an uair a stiùir Iosa iad gu iasgachd. Bha na h-adagan agreimeachadh mus robh an luaithe air grunnd gach turus, agus lean Murchadh air adhartgan slaodadh asteach mar a bfheàrr a burrainn da. Ach bha fios aig Freasdal gu robh cruaidh fheum agam air ainmean nan iasg ath-ionnsachadh agus chugam thainig gach seòrsa a bha san domhain. Fhuair mi cnòdan nan sgiathan biorach, sòrnan, bodach ruadh, saithean, caoiteag, agus fiùs bhrùid trosg a theab mi fhéin a chur amach air mo cheann dìreach. Mu dheireadh bha mi cho mór asam fhéin agus nam biodh adag air gabhail oirre greimeachadhs e a sadail air ais a dheanainn. Leis an chrùbag, an dallag agus an leóbag a bha romhainn anns an lion-leóbag, cha ghann nach robh cuideam oirre atilleadh.

[Sanas]



[54]

Mar as motha a gheibh an is ann as motha a dhiarras e.” Dhfheuch sinn a rithisd aig Buidhe-ath, agus bu mhath an airidh nach tainig an còrr ar taobh . . . .

Chan eil fada bho an oidhche a thurchair sinn gu léir astigh agus a thainig fear asteach maille ris na chuir sinn seachad greis gu toilichte. Be Seumas Duthie a bainm dha, duine balbh agus bodhar, a bha air cur roimhe a dhol air feadh nan eilean, agus gu sgrìobhadh e leabhar a rithisd. Bha e air aon leabhar a sgrìobhadh mu thràth, “I Cycled into the Arctic”, agus bha e nis afalbh air an -chuibhleach troimh Leódhus. Agus abair gu falbhadh e. Chuir sinne matà, greis seachadna chuideachd ag innse mun àite, agus mu ar deighinn fhéin gun aon fhacal a labhairt, ach a sgrìobhadh gach air paipear neoga litreachadh an cànain nan corrag. Be sud an aon oidhch a chleachd sinn Beurla bho chaidh mi suas.

Bithidh an tìde agabhail seachad air sgiathan làidir agus bithidh ceann na seachdaineach againn gu luath air sàilean Dhi-luain. Air an ath gheamhradh ma bhitheas sinn beò leis achothrom, tha dùil againn tuilleadh neart a chur san sgiath le bhith toirt oidhirp air deilbh-chluich neo dràma, ge be air bith an teid sin leinn neo nach téid. Feumaidh sinn cuideachd ainmean nan cnocs nan gleann a thionaladh, ach an toir sinn beagan cuideachadh don Ghearmailteach urramach an Dun-Eideann a ghabh os làimh an sgrùdadh.

Tha tuilleadh oilean romham ameasg nan cnoc. Agus tha ceud fadachd air an te chaill i fhéin annta gus an teid i air chall annt a rithisd.

[Sanasan]

titleAn Te A Chaill I Fhéin . . . .
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Màiri NicIlleMhoire in Gairm 25 %p

parent textGairm 25
<< please select a word
<< please select a page