[67]

Cas Shiubhail An T-Sleibhe

CHAIDH an sgeul so a chur sìos bho bheul-aithris Aonghuis Mhic Dhòmhnaill nach maireann. Bann air an ochdamh fichead den Ghiblean 1953 a dhinnis Aonghus còir an sgeul agus cha robh e an dàn domh fhaicinn tuilleadh. Tha còrr is bhliadhna on thriall Aonghus. Dhfhàg e an t-Eilean Sgitheanach nuair a bha e glé òg agus chaith e a bheatha ann an seirbhis Oifig aPhosta an Glaschu. Dhàraicheadh e an Cille Mhoire an Eilean aCheò. Bha ionndrain glé mhór air Aonghus ameasg luchd Gàidhlig is luchd dràma an Glaschu agus bha muinntir Albann air fad eòlach air aghuth aige air an adhar.

Bu ghasda agus buasal an Gàidheal a bhann.
Aonghus Mac Dhòmhnaill a dhinnis:

BHA sud uair seann chailleach mhór, chrotach saGhàidhealtachd ris an canadh iad Caoinnseag, agus cha robh aice ach an aon mhac. Mar bu dual, far nach robh ach an aon leanabh, bha cridhe na màthar gu h-iomlan toinnte suas anns aghille. Mar a bhana chleachdadh anns an sgìre, bhiodh Caoinnseag afalbh gach madainn don mhonadh a dhiarraidh chonnaidh agus, nuair a dhfhàs am balach gus am burrainn da an aire a thoirt da fhéin, bhiodh a mhathairga fhagail aig an tigh. Latha dhe na lathaichean air dhi tilleadh as amhonadh fhuair i an tigh is gach a bhana bhroinn mar a dhfhàg i iad, ach cha robh sgial air aghille. Shiubhail i shìos is shiubhail i shuas, shiubhail i thall is shiubhail i abhos ach cnàimh den ghille cha robh ri fhaotainn. Rachadh i amach gach madainn gu cnocan beag, uaine a bha air cùl an tighe far am babhaist do na sìthchean a bhith acluich agus ghlaodhadh i air aghille air ainm; ach be an aon fhreagradh a gheibheadh imac talla nan creag amagadh oirre. Mar sin anns an dóruinn inntinn anns an robh i, thug i bòid air a h-anam, gus an tilleadh a mac dhachaidh, nach tugadh i aoidheachd do dhuinena tigh gu bràch agus nach iarradh i air duine suidhe. Agus chum i a bòid.

Mar sin chaidh ainm na cailliche fada is farsainn air feadh na dùthcha mar achailleach nach do dhiarr air duine riamh suidhe. Coma co dhiùbh cha bann air so a dhaithris an sgeul, an ceann àireamh bhliadhnachan thàinig coigreach don sgìre agus air dha a dhol asteach don tigh-òsda a leigeil a sgìs dheth, chuala e an fheadhainn a bha astigh atoirt tarrainn air achaillich iongantach a bha afuireach shuas anns aghleann nach do dhiarr air duine riamh suidhena tigh.

Cuiridh mi geall,” ors an coigreach, “gun iarr i orm-sa suidhe.”

Cuiridh mi geall,” ors a chuile fear riamh, “nach iarr.”

Agus chaidh an geall a chur agus bha an geall math. Agus air dhaibh an coigreach a stiùireadh air tigh na cailliche, dhfhalbh e. Ràinig e an tigh gu dòigheil agus fhuair e dorus dùinte air a shròin. Coma co dhiùbh, thog e an dealan agus choisich a asteach. Bha achailleachna gurraban taobh thall an teine agus i adàthadh cinn agus casan caorach. Cha do thog i sùil is cha do chuir i fàilte sabith air achoigreach, ach thuirt i mar so:

thu is as a thàine tu, fhir abhuilg chraobhaich is do cheum cho tartach, trom, tarbhach?”



[68]

Is mise,” ors eisean, “Cas Shiubhail an t-Sléibhe a thàinig air lic chaoil beul an anamoich a dhamharc na cailliche chruadhaiche, chruthaiche, chrotaiche.”

Cia mar,” ors ise, “a fhuair thu thairis air beul-àtha na h-aibhne sgìthiche, sgùthaiche, sgothaiche?”

Fhuair mi thairis air beul-àtha na h-aibhne,” ors eisean, “air beul-àtha mo dhà ghlùn is air beul-àtha mo dhà shùl is air beul-àtha na h-aibhne.”

Cha chreid mi fhéin,” ors achailleach, “nach bàrd a bathair dhut.”

Cha bàrd is cha bìseal e,” ors eisean, “ach bha e anns an eadar-mheadhoinn.”

Cainm thu?” ors ise.

Uilleam Bid Shuidhe,” ors eisean.

Uilleam Bid Shuidhe!” ors achailleach.

Suidhidh, suidhnidh,” ors eisean, “on a dhiarr thu orm.”

Chunnaic Caoinnseag gun deach an car a thoirt aiste agus gheàrr i cruinn-leum air cnàimh an ùrlair.

Uilleam Bid Shuidhe,” ors ise,
Mo Rìgh, chan fheàirrde!”
Chan fhaigh thu càil an so
Ach làr lom is talamh toll
Is corraiche-còsag is deargannan,
Deargannan móra, loma, làir
A chriomas do dhà shlinnean gu h-anasglaid.”
Thoir thusa, a chaillich, dhomh-sa biadh,” ors eisean,
Is leig eadar mi fhéin is mo Dhia is an anasglaid.”
Ged tha mise gun aran,” fhreagair achailleach,
Cha bhidh mi fo ghearain craosaig;
Is chaneil agam de bhiadh
Na rachadh air sgiath faochaig.”

Fhreagair eisean:

Na dhfhoghnadh dhomh fhéin is do mmhuirchinn gu leur
Nach foghnadh dhomh fhéin car aon oidhch’ ?”
Sobhraichean chreag,” fhreagair achailleach,
Bàirnichean lic, uisge teth agus deanntagan.”

Tha na cearcan,” ors eisean, “adol air iris.”

Bithidh, fanadh!
Chan eil annta,” ors ise, “ach eòin earraich
Is iad làn galair.”

Chuir i an sin làmh fo a leth-cheann is leig i oirre gu robh ina cadal.

So,” ors ise, “cadal an doichill.”
So,” ors eisean, is e aleum anull far an robh i,
dùsgadh do dhunach.”
Thig, ma ta,” ors ise, is roinnidh mi leat an ceann is na casan.”
Glé mhath!” ors eisean. “Cad e a nis do chuid fhéin!”
“ ’S e mo chuid-sa,” ors ise, “na bheir mi amach le aon rann.”
Siuthad, ma ta,” ors eisean.
Agus thòisich Caoinnseag:



[69]

lir, léir,
chluais, chéir,
cham-pheirceall,
Ochd ìnean dubha dùirn,
Ard-labhradh achinn
Is na ceithir smear-luirgnean.”

Dleasaidh,” ors eisean, “fear cosgairt achinn
Sùil is boillsgean is eanchainn,
Cluas amach o bhun stic,
Peirceall is leac is leth-cheann.”

Thòisich iad air iche le chéile.

Is uaigneach a chriomas tu,” ors ise.

“ ’S annnam aonar a cheannaich mi,” ors eisean.

“ ’S iomadh fear a cheannaich is a thug,” ors ise.

Ga be dan dthug thusa, faigh bhuaithe,” ors eisean, is e atogail làn alodair de dheanaraich gu a bhial.

Is trom aluchd a thair do lurg chaoil,” ors ise.

Chan eil fada aige ri dhol,” ors eisean.

Ge goirid e, is dìreadh,” ors ise.

Cha luaithe dìreadh na teàrnadh,” ors eisean.

An sin dhamharc Caoinnseag gu geur air achoigreach. “ thu, a laoich, is as a thàine tu, oir cha do dhfhreagair duine riamh, Caoinnseag cho sgaiteach sin ach mac a cuim? thu?” “Is mise,” ors eisean, “Cas Shiubhail an t-Sléibhe, do mhac a bha air chall.’

An sin thuit amhàthair is amac air amhuichean a chéile agus ghuil iad le aoibhneas. Agus thuirt Caoinnseag mar so:

Cha tig fuachd gun tig earrach,
Cha tig cruas no cruaidh-ghailleann,
Is cha dèan màthair ach air éigin
Aithne air a ceud duine cloinne.”

* * * * * * *

Bha còmhradh fada, tlachdmhor againn le Aonghus còir mu thimcheall an sgeòil agus thubhairt e gun cuala e an toiseach eaig an fhear a bha pòsda aig piuthar mo mhàthar, Iain Dhonnchaidh. Agus tha cuimhne agam nuair a bha minam bhalach beag anns an Eilean Sgitheanach gum bitheamaid adol a dhionnsaigh an tighe aige a dhéisdeachd ris na sgeulachdan aige. Cha robh mise an uair sin amach air seachd na ochd a bhliadhnachan. Ach bha Iain an còmhnaidh ag obair adèanamh sìomain, sìomain fraoich no sìoman fodair. Agus nuair a bhitheadh afodar ann, bhitheamaidenar creutairean beaga adèanamh nan sùgan. Agus bhitheadh Iainna shuidhe aig ceann na seinnseadh agus sinne ag obair leis na corrainseann chorrain, tha fhios agaibhagusgan cur timcheall agus adèanamh nan sùgan. Ach nuair a thigeadh àm agheamhraidh, nach bitheadh afodar cho pailt, bhitheadh asìoman fraoichga dhèanamh an sin, agus cha robh tigh anns abhaile bheag againn fhéin nach robh air a thughadh le sìoman fraoich Iain Dhonnchaidh. Agus cha robh oidhche nach robh an tigh làn bhon dorus, agus bhitheadh achailleach, piuthar mo mhàthar, bhitheadh ina suidhe a



[70]

snìomhsrann aig achuibhlidh agus ise asnìomhagus Iain fhéin aig ceann na seinnseadh agus fallusga dhalladh agus e ag obair air an t-sìoman fraoich agus aseinn òrain no ag innseadh nan sgeulachd.”

Bha Iain Dhonnchaidh (Iain Mac Laomuinn) ’na sgeulaiche agusna òranaiche maraon. Rugadh, thogadh is chaith e a làithean an Cille Mhoire anns an Eilean Sgitheanach. Chaochail e bho chionn cóig bliadhna deug air fhichead agus cha dfhuair e aois mhór idir; cha robh e amach air leth-cheud bliadhna nuair a dheug e. Dhfhàg Aonghus MacDhòmhnaill an t-eilean glé òg agus bha e air tighinn a Ghlaschu ùine mun do thriall Iain Dhonnchaidh.

Air feadh na Gàidhealtachd bha iomadh tigh eile ann mar a bha tigh Iain Dhonnchaidh an Cille Mhoire. “Sin an tigh-céilidh a bhaig abhaile, tigh Iain Dhonnchaidh. Bhitheadh a chuile duine acruinneachadh ann agus bhitheadh iad afaotainn rudeigin ùr agus sean a chuile h-oidhche . . . . Bhitheadh gu leòir eile atighinn astaigh a bha ag innseadh nan sgeulachdan cuideachd, agus dòch gur h-e sgeulachd a dhinnis e fhéin a bhitheadh ann agus bha i a cheart cho ùr dha na céilidhich is nuair a bha Iain Dhonnchaidh fhéinga h-innseadh, ach cha robh duine ann a dhinnseadh coltach ris i. Duine beag a bhann; cha robh e mór idir. Cha bhitheadh e amach air, theirinn, mu chóig troighean agus sia òirlich, ach bha e dèante, cumadail agus bha fiasag mhór air, dubh . . . . Agus A! ’s e fhéin a sheinneadh na h-òrain! Cha chuala sibh duine riamh aseinn seann òran coltach ris . . . . Bhitheadh òg is aosda atighinn gu tigh Iain Dhonnchaidh. Bhitheadh an t-seinnse làn de na fir agus bhitheadh cathraichean is sunnagan agus bhitheadh na boireannaich ann agus bhitheamaidenar rudan beagnar suidhe air fòidean mòna mun cuairt don teine mhòna am meadhoinn an ùrlair.”

Bha cuimhne air leth aig Iain Dhonnchaidh. “Bha cuimhne aige air a chuile càil a thachair is air a chuile càil a chuala e riamh bhon a bha ena bhalach beag, eadar naidheachd is sgeulachd is òran . . . . Aguss e call air leth a bhann nach robh duine ann aig an robh suim, nuair a bha Iain Dhonnchaidh beò, a sgrìobhadh sìos beagan de na seann sgeulachdan a bhaige gu h-àraidh agus na h-òrain. Chuireadh e geamhradh seachad agus cha ruigeadh sibh a leas a ràdha gun do dhinnis e an aon rud uair.”

Thog Aonghus sgeul eile a bharrachd air Cas Shiubhail an t-Sléibhe bho Iain Dhonnchaidh agus biad sin Logaidh Og Mac an Tuathanaich agus Triùir Ghillean Ghobha nan Sgeul.

Gheibh leughadairean iomradh air innsidhean eile den sgeul annScottish Gaelic Studies,111, 10-51 agus ann am Béaloideas, XV 237

CALUM I. MAC GILLE EATHAIN

[Sanas]

titleCas Shiubhail An T-Sléibhe
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Calum I. MacGilleathain in Gairm 25 %p

parent textGairm 25
<< please select a word
<< please select a page