[305]

Ile: “An t-Eilean Crom

MAIREAD NICASGAILL

Bogha-mór (Domhnall Bell)

THA e air a mheas gu bheil mu chóig mìle duine an diugh afantail anns an eilean thorrach ghorm so, anns an do chuir iomadh gaisgeach treun lorg a choise. Tharraing e thuige féin gaisgich mar Ghoraidh Chròbhain, Lachlainn Dhubhairt is na Dòmhnallaich mhóra. Bhuilich e air an t-saoghal Iain Og na Féinne, Donnchadh MacIain agus Uilleam MacDhunléibhe.

Tha an t-eilean air a roinnna sgìreachan: Cill mhEithne (Kilmenny) ,Cill mhael Rubha (Killarrow) ,Cill Dhaltain agus Odha (Kildalton and Oa) agus Cill Chomain (Kilchoman) .

Buinidh dara leth an eilein do bhodach, am Màidsear Moireasdan, a thann an Tigh na Pàrlamaid airson siorrachd Shasunnach, ’s a thig gu Ile, e fhéins a theaghlach, mìos no mìosan san fhoghar, nuair a tha abhreacs am bradan reamhar, am fiadh san fhireach, ’s achearc-fhraoich air iteig.

Anns an ear-thuath den eilean tha an earrainn Lossit, a bhuineas do Bharan Schroeder; eadar Bhogha-mhóir is Phort-eilein tha talamh aMhàidseir Clapham; anns an Odha tha an Comanndair Montgomery, ’s tighean nan tacan atuiteamnan làrach, ’s esan acur an talaimh fo chaoraich; ann an sgìre Chill Daltain tha Clifton is Gall no dhà eile. Chan e mhàin gum buin an talamh dhaibh, ’s gum feum an t-Ileach na h-uiread màil a phàidheadh air apholl-mòna, ach mur e Sasunnaich a thanntas e Gearmailtich.

Tha talamh air leth math anns an eilean agus tha sin afàgail móran thacannan air fheadh gu léircuid ag àrach chaorach, cuid crodh-bainne, agus cuid eile mart.


[307]

Port Sgiobaidh (Domhnall Bell)

Ceàrdach DhomhnaillIc Dhùghaill, ann am Port Eilidh.


[306]

Ach ged a tha an tuathanas math, tha na bailtean-fearainn a tha so an diugh ag iathadh talmhainn anns an do thuinich bailtean chroitearan a dhfhàg, ’nan imrich, an carragh-cuimhne: tobhtaichean fuara falamh afàs nas maoile le feur, agus làrach na spaide is na casa-croma an sliabh an aonaich. Chithear sin an Ile ro bhitheanta .i. Maolantraigh, Dùn Bhoraraic, taobh Loch Fhionnlagain.

Achuid as motha de na tacaichean so cha bhuin do dhIlich fhéin. Beachdaich air fearann aMhàidseir Mhoireasdain aig a bheil a thigh mór fhéin aig Beul an Ath (Bridgend)— “An Tigh Bàn.” Co-cheangailte ris an Tigh Bhàn tha mu 34 tuathanais. Ann an cuid dhiubh sin tha daoine a tha pàidhte gus an taca oibreachadh; feadhainn eile dhiubh a tha rim faotainn air mhàil bhliadhnail.

Ma bhitheas an t-Ileach freasdalach, agus beagan airgid aige, is math a dhfhaoidte gum faigh e taca air mhàl bhuapa-san, no bho Chomunn nan Croitearan. Ach chrìonaich Baile an Abaidh an creideas anns abhuidheann sin! Bha Baile an Abaidh gu bhith air a roinnna chroitean, ’s e gu robh, ach thainig e roimhn sùilna cheithirbheagthuathanais, agusnam measg-san a shealbhaich iad cha robh ach aon Ileach. Bha an còrr bho Tir-mór. Aguss e so fear de na Comuinn a tha gus aGhaidhealtachd ath-leasachadh!

Chuir e iongnadh ormsa, á eilean far nach eil meas air bith air talamh, ’s ena cheap-starraidh iomadh uair, faicinn cho déidheils a bha uiread de ghillean-na-sgoile air tuathanachas, agus tac fhaotainn dhaibh fhéin uair no uaireigin. Air an aobhar sin tha móran ag obair air tacannan co-cheangailte ris an Tigh Bhàn. ’S e Cranston, Sasunnach liath eile, a tha os cionn gnothaichean an Tigh Bhàin— “am factor,” ged a tha iomadach ainm eile air nach tuigeadh e fhéin. Tha tighean-còmhnaidh airson nan luchd-oibreach co-cheangailte ris an Tigh Bhàn.

Tha tighean-còmhnaidh gu tric air feadh nan tacannan a bhuineas don Tigh Bhàn, agus tha e ri ràdh, ma thàrlas fear aca tighinn falamh, nach en deòin a bheir orra oidhirp sam bith a dhèanamh gu daoine fhaotainn a thuinicheas ann. Mar a thuirt deagh dhuine eòlach as Port Sgiobaidh (Port Charlotte): “Tha na Gaidheil an diugh air am fuadach amach as Ile, a cheart cho cinnteachs a bha iad san linn a dhfhalbhach chan ann le caoraichach le dìth suim nan Sasunnach.”

Ged a bhuineas an talamh do Shasunnaich, ’s ann air spiorad an Ilich as a tha sin adìoladh. ’S beag an t-iongnadh a réisde an t-Ileach a bhith cho ceangailte ri Ile.

S e uisge-beatha (nodramamar a their iad an so) prìomh obair eile an eilein. Tha na tighean-staile ann am Bogha-mór; Port Eilein; Lagphròaig; Lag-a- mhuilinn; An t-Ard Beag; Port Sgiobaidh; Caol Ile agus Bun-na-h-abhainne. ’S e obair airgeadach a tha so, tha e coltach, agus nas na sin, tha tigheannan cois far am faigh am fear-oibrich sgàth do theaghlach. Ach tha na tighean-staile dhiubh fhéin, a thaobh tighean a bhithnan cois, atarraing choigreach asteach cuideachd.

Tha an tigh-staile ag iarraidh fear-riaghlaidh, agus chan ann glé thric a tha e sin as Ile, agus gàidsear, no dhfhaoidte dithis. So far a bheil na daoine le beagan fòghluim atighinn don eilean, agus adol a mheasgachadh ri sluagh an eilein. Ach tha dòigh eile air a bheil


[308] coigrich an diugh atighinn gu Ile. Tha móran Ilich apòsadh mhnathan bho Tir-mór, gu h-àraidh taobh Ghrianaigs na h- àiteachan sin. Tha an R.A. F. cuideachd dìreach air Ile fhàgail, ’s tha fear no dhithis de na phòs clann-nighean san eilean air fuireach ann.

S ann a rèir an dòigh smuaineachaidh a bhitheas buaidh nan daoine a thig asteach ameasg slòigh eile. Tha iad, anns abhitheantas, de dhà sheòrsamath is dona! ’S e sin iadsan a tha ag aideachadh gu bheil iad atighinn ameasg dhaoine aig a bheil dòigh-beatha agus cànan eadardhealaichte riu fhéin; agus iadsan a tha den bheachd gur iadsan clann taghta Israeil, atighinn asteach a thàmh ameasg fhine aineolaich bhuirb. Mar as trice, tha achiad seòrsa nas gainne, ’s an dara seòrsa ro phailt! So an seòrsa a bhios acumail bhaile air ghoil, agearain nach fhiach am maighstir-sgoile, nach eil fhios aige a tha e adèanamh, gu bheil cus Gàidhlige air a teagasg san sgoil sin, gu bheil ise dol a thoirt a cloinne gu sgoil abhaile eile, nach eil i dolgam fàgail an sud. Sin am fear a bhitheas ag ràdh gun tug esan sùil airRiaghailtean nan Sgoil,” ’s nach eil còir aig aGhàidhlig a bhith air a teagasg san sgoil bhig, ’s ma bhitheas aig inghinn-sa ris aGhàidhlig a ghabhail san sgoil mhóir, gun sgrìobh esan a ràdh nach gabh!

Ach ged a tha iad sin searbh, tha iomadh duine atighinnna choigreach a tha acur cuid de luchd-labhairt na Gàidhlige gu rughadh-gruaidhe, leis cho eudmhors a tha iad air aGhàidhlig a sheinns a ionnsachadhs a bhrosnachadh.

S en t-imrich sin a dhaobhraicheas gum bi clann gun Ghàidhlig adol don sgoil còmhla ri cloinn le Gàidhlig, agus a chionn gu bheil e nis luaidhte ann am fuil an eileanaich, gur h-e an rud a tha bho thir-mór as fheàrr, ’s i aGhàidhlig a ghéilleas, ’s aBheurla a bhuannaicheas.

Chan eil, mar gun canadh tu, prìomh-bhaile ann an Ile idir. Be obair an fhearainn am prìomh bith-beò gus an tainig obair na drama. Far an do dhéirich na tighean-staile dhéirichnan cois tighean a tha air an togailnan sreathan, ann an dòigh abhaile, is trannsa no clobhsa eadar na tighean. Air an dòigh sin dhéirich Bogha-mór, Port Eilein, Lagphròaig, Lag-a- mhuilinn, An t-Ard Beag, Port Sgiobaidh agus Bruaich aChladaich, ach gu h-àraidh achiad dhà, ’nam beag bhailtean air an càradh air fuidheall thuathanasan. Mar nach eil prìomh-bhaile ann, tha an t-urram air a roinn eadar na dithis. ’S ann mu seach gu Port Ascaig agus Port Eilein a tha am bàta atighinn, agus mar sin gheibhear air abhus gu Bogha-mór gach , agus Port Eilein an dara , as a h-uile h-àite ach ceann a tuath Chill Chomain, Caol Ile agus Bun-na-h-abhainne.

Air dhòmhsa thighinn an toiseach gu Bogha-mór, ben culaidh-iongnaidh bu mhotha bhagam a bhith afaicinn treud chruidh asiapadh amach samhadainn troimh chlobhsaichean nan tigheans acoiseachd air an staran-sràide sìos an t-sràid. San fheasgar an ceudna. Dhòmhsa, gu ruig sud, cha bhiodh crodhgam faicinn ach air glasachs dìgeans boglach adol asteach do bhàthaich air croit no air tuathanachas. Ach an so, tha am fearann sin a bhuineas do na croitearan a tha atàmh sna bailtean sin a dhfhàs ri linn nan tighean-staile, air falbh bhon bhaile. Mar a thuirt Léodhusach eile, ’s e coimhead achruidh sìos rathad-mór tearra Sràid-na-Sgoil Bhogha-


[309] mhóir, suas an staran-sràide, ’s asteach sachlobhs gu cùlaibh tighe mu nach robh cairteal de dhacair de thalamh, “Chan eil fhiosam fo Dhia seòrsa àit tha so!”

Port-na-h-Abhainne (Domhnall Bell)

Caol Ile agus Bun-na-h-abhainne, air taobh an ear-thuath an eilein, an bhaile as ùire a thann, agus tha iadsan gu tur an urra ris an drama airson am bith-beò. Chan eil barrachd air deich tigh ar fhichead anns gach fear dhiubh, agus leis gu bheil luchd-oibreach gu tric atighinn bho thir-mór, ’s gu bheil cuid aca pòsda aig Goill, tha mu thrian de na teaghlaichean gun aGhàidhligga bruidhinn san tigh.

Tha sin afàgail Port-na-h-abhainne, am baile as fhaide deas anns na Roinn Ileach, aguss ann an so a gheibhear na croitean as coltaiche ris na croitean beaga a thagainne mu thuath, aguss ann ris a sin, ’s beagan iasgaich a tha bith-beò nan daoine so an urra. ’S e so am bad de Ile as fhaisge air Eirinn, agus bha mór ann nuair a be Port-na-h-abhainne port iasgaich air leth, as am bitheadh na bàtaichean afalbhs atighinn as Eirinn. Dhfhàg sin luchd-àiteachaidh abhaile ealanta air an sheòrsa Gàidhlige. Tha fear ann am Bogha-mór a tha ag ràdh rium gum bu mhath a bhruidhneadh a sheanmhair-san, is chan eil cho fada bho shiubhail ise. Ach an diugh, ged as e Port-na-h-abhainne as Gaidhealaich, ’s ged is ann ann tha barrachd Gàidhlig na ann an àite eile, chithear spiorad na h-eudòchais acaogadh amach troimh leòsan thighean gealas buidhes gorma a tha fàs, falamh fad na bliadhna gus an tig na coigrich a thàmh annta greis san t-samhradh. ’S ged is ann as an àite so fhéin a thug na daoine an casan leotha cha dean iadsan a bhith tilleadh san t-samhradh beòthas sgìreachd. Bi abhochdainn a bhuail an saoghal anns na bliadhnachan bho 1920 a chuir


[310] sgrìob nimheil sna bàtaichean-iasgaich aca. Thog na h-iasgairean sin orra, ’s tha e coltach gum bu mhór an t-imrich as bhon uair sin. Tha an t-aon cheangal acasan a tha air fhàgail ris amhuir, aguss ann am Port-na-h-abhainne, no ameasg nampiùcaidh” (mar a their na h-Ilich eile riutha) a gheibhear achuid as motha de sheòladairean.

Cho math ri bhithgam far-ainmeachadhpiùcaidh” (ainm éisg ris an can sinn liùgh) their na h-Ilich cuideachd gu bheil Gàidhlig Phort-na-h-abhainne eadardhealaichte ri Gàidhlig àitean eile an eilein, agus tha cuid acumail amach gur h-i buaidh na Gàidhlig Eireannaich a tha so. Co-dhiùbh an è no nach è, ’s ann aig achloinn aca as fheàrr agus as motha a tha aGhàidhlig, agus gur tric iad acumail mo chridhe rium.

Agus a nis cor na Gàidhlig ann an Ile fhéin? Theirinn-sa nach eil an cor sin glé fhallain, ach dhfhaodainn-sa bhith ceàrr, ’s bu mhath gum bitheadh. Bha uair anns be aBheurla a bha dhìth air aGhaidhealtachd, ach an diughs e chluinneas tu, ann am Bogha-mór, le beagan urraim anns aghuth, “He’s good at speaking the Gaelic.”S ann nuair a bhios cànan is luchd-bruidhinn afàs tearc a bhithtear aluaidh a leithid sud ma deighinn.

Tha Comuinn Ghaidhealaich anns gach baile, ach chan ann glé lùthmhor a tha iad, ach dìreach Bogha-mór agus Port Eilein fhéin. Chaidh ràdh rium barrachd air aon uair nach fhaigheadh iad làn talla dhaoine a dhéisdeadh ri òrain, nan deanadh iad cuirm-chiùil a bhiodh gu tur anns aGhàidhlig; dhfhaodadh gur h-e sin as aobhar gu bheil a h-uile seinneadair Ileach a choisinn bonn òir no airgid, de na chuala mi fhathast an so, aseinn co-dhiùbh an dara leth de a chuid òran anns aBheurla chruaidh, anns nach do sheinn e ann an co-fharpais.

An uair a bha dhealbh-chluich Ghàidhlig rin cur air beulaibh an t-sluaigh, ’nam measg-san a bha amonmhur bha ball den Chomunn Ghaidhealach! Bha ise ameas nach bfhiach dealbh-chluich Ghàidhlig éisdeachd ris.

Gabhamaid an toiseach aGhàidhlig anns na tighean: aig achuid as motha de na daoine a chaidh an togail ann an Ile, ged is i aBheurla as trice a chluinnear, tha amannan ann air an cluinn thu aGhàidhlig gu math làidir. Ach thoir deagh shùil air aois an duine tha labhairt. Cha chluinnear ach tearc duine fo aois còig bliadhna fichead abruidhinn na cànain air an t-sràid. Ann am Bogha-mór abraidh na ceannardan-teaghlaich nach robh ach aGhàidhlig aig achloinn acasan, agus gur ann bhon chaidh iad don sgoil a chaill iad i, agus an uair a bhruidhinneas iadsan riutha, gur e am freagairt Beurla a gheibh iad.

Air an tuath gheibhear barrachd Gàidhlig ameasg sean is òg, ach ma leanas na tuathanais a bhith air an gleidheil le Goill mar a tha iad an dràsda, chan fhada gus an tòisich i crìonadh an sin.

Thubhairt mi gu robh e mar fhasan aig fir an eilein so, aig a bheil aGhàidhlig, a bhith taghadh mhnathan bharr Galldachd, agus tha sin gu tric afàgail teaghlaich gun Ghàidhlig, mas ann an urra ris an tigh aca fhéin a tha iad gu bhith. Tha achlann còmhla ri am màthair gu aois na sgoile, agus an uair sin anns an sgoil, agus gu tric ruigidh iad an bhliadhna dheug gun ach corra fhacal Gàidhlige. Na cailean,


[312] stadaidh an eòlas san sgoil, ach a rèir obair abhalaich tha cothrom aige eòlas a mheudachadh. Ma tha e adol a dhobair air fearann còmhla ri athair, ’s adol a bhithna chuideachd, no ma tha e dol a dhobair don tigh-staile, no ameasg còmhlan fhear san Tigh Bhàn, no an àite air bith far a bheil na h-Ilich ag obair còmhla, an sin togaidh e aGhàidhlig gus a dhìon fhéin, oir chan fhaic mi fir abhaile so, a tha ag obair san tigh-staile, uair air bith nach ann anns aGhàidhlig ni iad conaltradh. Aguss e sin an dearbh fheadhainn leigeas len teaghlach am freagairt saBheurla. Ann an tigh-staile Bhogha-mhóir, cho mórs gu bheil iad leis aGhàidhlig a bhith aig achloinnanns an sgoiltha iad ational mu leth-chrun an duine san t-seachdain, gu leabhar a chur an làimh na feadhna as fheàrr anns gach bliadhna, bho chóig gu cóig-deug.

S an déidh na dìchill sin, ma thadhaileas tu air céilidh aChomuinn Ghaidhealaichs gann duine aca a chì thu ameasg na dòrlach a bhitheas an làthair, agus gun tighinn air stiùireadh no riaghladh aMhòid dhaibh.

Tha na h-Ilich air daoine cho gasdas a luthaigeadh tu coinneachadh; coibhneil, gasda agus clis gu gàire. Tha seanfhacal ann a tha ag ràdh: “Bheat am Muileach an t-Ileach, ach bheat an t-Ileach an Deamhain.” ’S en deamhain a tha miseg ùrnuigh gum beat iad a rithis An Coigreach aineolach uaibhreachs aBheurla bhuadhach!


[311]

Port Wemyss (Domhnall Bell)

An cidhe, am Port Asgaig (Alistair Ailpein MacGriogair)

titleIle: An t-Eilean Crom
writersMargaret MacAskill / MacTaggart
internal date1959.0
display date1959
publication date1959
level
reference template

Mairead NicAsgaill in Gairm 28 %p

parent textGairm 28
<< please select a word
<< please select a page