Gairm a’ Bhòcain

BHO chionn sia mìosan air ais, car mu ám aMhòid, bha boireannach, glic, grunndail, ann an aon de bhailtean na Gàidhealtachd. Bha i an dùil a bhith aig aMhòd, ach leig i sin dhith oir cha robh ach beagan mhìosan bhon a chaochail a céile—duine suairc, bàidheil, ciallach.

Bha ina suidhe ri taobh aghealbhain beagan roimh mheadhoin oidhche, an déidh dhith bhith ag éisdeachd ri Cuirm na Cloinne, is i ag amharc air na caorain dhearga bha losgadh. Bha i acuimhneachadh air na làithean a dhfhalbh; air an teaghlach a bha a nis sgapte, agus air an fhear nach bu mhaireann. Mu dheireadh, dhéirich i gu dhol a laighe. Ach an uair a thog i a ceann, a shaoil leatha a chunnaic i ateachd ga h-ionnsaigh ach a fear—esan a bhana shìneadh am measg sluagh tosdach na cille.

Cho luaths a dhearc a sùil air, thug i sgreuch aisde agus thuit ina paiseanadh air an ùrlar. Chual iad so an ceann eile an tighe, agus ghrad ruith iad a steach far an robh i. Ghabh iad rithe gu cùramach, coibhneil, agus an uair a thàinig i as a laigsinn chuir iadna sìneadhsan leabaidh i. Ach cha do dhinnis i facal de na chunnaic i. Chuir i roimpe gun diog a ràdh ri duine beò mu dheighinn. Smaoinich i nach robh ann ach seòrsa de dhaisling, eadar cadal is dùsgadh.

Cha robh an còrr air aig an ám, ach oidhche no dhà an déidh sin, is i air dol mu thàmh is an cadalga tréigsinn, mhothaich i mar gum biodh rudeigin timcheall oirre. Ann am marbhan amheadhoin oidhche, is an saoghal uile cho ciùin tosdach, a chunnaic i ach am fear nach maireann a rithist, is e atighinn gu taobh na leapa.

Bhrùchd am fallas fuarna bhraon a mach oirre, is bha a sùilean an impis leum as a ceann. Ghluais e na bu dlùithe. Tharruing e an cùirteir agus dhlùth bheachdaich e oirre. Thainig crithna feòil. Dhfhairich i mar gun robh iga tacadh. Bha fuil a cridhe mar gum biodh i rèotana cuislean.

Dhamhairc i suasna aodann, is thug i fa-near gun robh a shùil bàidheil, aoidheil, gràdhach mar a bàbhaist. Dhfhiach i ri labhairt ris, ach briathran cha tigeadh. Mu dheireadh thàinig a cainnt agus ann an guth fann ospagach, labhair i. “Eóghain. Eóghain,” arsise, ciod a ghràidh a tha acur smuairein ort. Ciod a tha dhìth ort?”

Sheas e is dhamhairc e oirre car tacain, agus arsesan . . . “A Sheònaid . . . . A Sheònaid, tha thu brònach, aonaranach as maonais. Tha thugam chaoidh gu tùirseach muladach, leat fhéin. Ach a ghràidh, éisd thusa rium. Ceannaich thusa Gairm. Bi cinnteach gun cuidich thu leis. Bheir sìneadh math dha, is a luaidh, pàidh gu riaghailteach e. Ma thu sin, cha bhi thu gun deagh chuideachd a bhith agad!”

Nis, mas math leibh a leithid sin a sheachnadh, agus an deagh chuideachd a bhith agaibh, nach labhair aon fhacal ruibh a bheir rudha gruaidhe do mhaor no do mhinistear, chan eil agaibh ach earail Eòghain a ghabhail. Is ma ghabhas, cha bhith eagal nam bòcan no aithreachas oirbh gu bràth.

(Le aideachadh taingealachd donChuairtear. ”)

titleGairm a’ Bhòcain
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
reference template

Gairm 3 %p

parent textGairm 3
<< please select a word
<< please select a page