Leabhar-Latha Mhgr. Ailein Domhnullaich
III
Deasaichte le FEAR CHANAIDH.
6mh Màrt, 1898 (Di-Domhnaich).
Tha mi dol a dh’fhiachainn ri sgialachd a chur ri chéile.
(Tha sgialachd mhór fhada chràbhach leantail an so, sgialachd a rinn Mgr. Ailein fhéin air choltas Turus Naoimh Bhrianain.)
Bha ’n latha an diugh gle bhriagh ’s bha deagh-phobull as an Eaglais aig an Aifrionn ’s aig a’ Chràbhadh fheasgarra. Chuala mi tairneanach mu mhiadhoin latha. Loisg mi air an fheadhainn nach robh tighinn leis a’ mhòinidh, ’s tha mi an dòchas gun gabh ’ad rudeiginn tàmailt. Thàinig Eóghann Cléireach ’s a phiuthair a nuas greis air chéilidh is thug sinn greis air sean-fhaclan. Thug mi brath dha na daoine mu’n fhiabhrus dhearg a bhith feadh a’ Chinne Deas.
7mh Màrt (Di Luain).
Bha mi ’m beachd Aifrionn a dhianamh an diugh ach cha robh sgial air Cléireach. Bha ’n latha cho math ’s gun do thog a h-uile duine riamh air falbh gu muir is mòine is buntàta.
Thàinig deagh-thonn mònadh feadh an latha, ’s bha feum air. Thug mi greis a sgaoileadh smùr na mònadh air an fhiar as a’ ghàradh, fiach an cuireadh e gu fàs na’s luaithe e. Bhuain mi corra phloc is chàirich mi ’ad as na sluic a chladhaich na cearcan as a’ bhile de ghlas air bialaibh an taighe. Ged nach robh an obair mór, chuir i fallus gu leòir orm. Chan eil fhios co an latha a rinn mise ’n uiread fhéin a dh’obair le spaid. Bha ’n latha cho àluinn ’s cho blàth ’s cho grianach ’s nach iarradh duine stigh air an dorus fad a latha. Cha tàinig a leithid am bliadhna, ach tha mi ’n dòchas nach e lath’ eadar-a- shìn a th’ann. Bha speur dorcha gu leòir as a’ bhad as an deachaidh a’ ghrian fodha.
Cha do gabh mi a dhìnneir ach bonnachan beag grùthain. Cha deargainn air dad a ghabhail ach e fhéin ’s cha robh sian a shannt agam air biadh tuilleadh fad an latha. So an treas fear a ghabh mi dhiubh air an earrach-sa, ’s cha do bhlais mi riamh air biadh cho sgoinneil riutha, ’s chan eil iad idir cho fiadhaich ann am blas ’s a shaoileadh duine. Dh’fhiach mi ’ad air an dianamh le min choirce ’s le min chruithneachd. ’S e ’n fheadhainn a rinneadh air a’ mhin chruithneachd bu ghrinne ’s a b’fhasa ghabhail. Tha ’ad pailt cho math ri maragan geala, ’s chan eil teagamh agam nach iad tha a’ cur trian dha’n bhloinig air boireannaich an eilein-sa. A dh’aon àite dha’n
do shiubhail mi chan fhaca mi boireannaich òga riamh cho trom ann am feòil riutha, ’gan gabhail bhar a chéile.
Chuala mi nach robh Niall Mac Eóghainn, an duine as aosda as an eilein, ach gu math fad air ais as na lathaichean-sa. Chan eil dòigh aige air cumail ris móran na’s fhaide, ged nach biodh air ach an aois fhéin. ’S e glé bheag a tha ’ga dhìth dhe ’n chiad. ’S e firionnach ainneamh a tha ruighinn a bheag os cionn na trì fichead ’s a deich an Eirisgeidh. Tha caitheamh shaoghail aig na h-iasgairean cho ànrach. Tha bodaich Uibhisd a’ faighinn saoghal na’s fhaide bhar a chéile, ged nach eil ’ad air am beathachadh cho fìor-mhath. Ach tha ’n t-socair aca, ’s chan eil ’ad faighinn cur as dhaibh leis a’ chaithris mar a tha na h-iasgairean, a dh’fheumas a bhith ’g obair a dh’oidhche ’s do latha a’ sàs ann an lìon sgadan ’s ann a’ lìn mhóra.
Nan leanadh an t-sìde so ’s gum faighte a bheag no mhór dha’n sgadan gu biadhadh, dhiante iasgach earraich a bhiodh ainmeil. Tha langa ’s an trosg anabarrach pailt a h-uile cur eadar Gob Rùisnis agus bial na h-Oitreach.
Thàinig bigean beag a stigh dha’n taigh an diugh is seobhag ’ga ruith. Cho briagh blàth ’s gu robh latha, ’s ged a rinn i tonn math do dh’uisge mu mhiadhoin latha, tha buacarsaich a shneachda air a’ Bheinn Mhór fhathast. ’S ann a tha e coltach gun do reoth e ’s gur e sin a dh’fhàg cho buan e.
Tha na h-iasgairean a’ cumail ar dìol éisg ruinn. Tha h-uile fear dhiubh cho còir ’s cho beag mosaiche ’san dòigh sin.
Shàraich mi mi fhéin ag obair a muigh an diugh, ’s chan eil sunnd sam bith orm an nochd gu fiachainn ri sgialachd Bhrianain a chur sgath an ìre. Chan eil agam ach eadar-theangachadh as a’ chuid as mua dha’n chorr dhith co dhiubh. Chan eil sian a dh’fhios agam an dearg mi air a cur ri chéile mar bu mhath leam. Mura faigh mi blas oirre nuair a bhios mi ullamh, cha ghabh mi do dhuine gu bràch i.
8mh Màrt (Di Màirt).
Chaidh mi choimhead Néill ’ic Eóghainn is dhleasaich mi e. Thug mi dleasnas Càsga do dhithis bhoireannach air taobh deas na h-Acairseid. Bha mhaduinn anabarrach briagh. Bha sgàile tana de dheigh air na lòin (no lùin their muinntir Baile Eirisgeidh) ri oir a’ cheum a’ dol a mach.
Tha gu leòir feadh an eilein ag gearain am muineil, agus tha e coltach gum beil treabhluidh air choireiginn air am feadh a tha toirt at air na cinn ’s na muineil. Dh’fhaoidte nach eil ann ach an t-at busach. Bha mi ’gam fhaighinn fhéin anabarrach fann air mo thilleadh thun an taighe. Bhuain mi làn mo dhà chròig a slabhcan air sgeirean na Coilleag. Dh’òl mi balgam dha’n t-sùgh aige nuair a fhuair e goil, ’s cha robh e ao-coltach ann am blas ri sùgh na feòla(beef tea) .Dh’fhiach mi beagan dhe fhéin( ?) cuideachd ’s fhuair mi car coltach ri càl greannach, ach gun robh e aithneachadh na bu ruighne agus na bu mhìsle. Cha robh sian a dh’eòlas aig a’ bhean-taighe cia mar bu chòir dhith a làimhseachadh, ’s tha i air bharail gum bu chòir dha bhith na bu leaghte na bha e.
Fhuaradh beagan sgadan air cùl an Eilein an raoir.
Tha coltas atharrachaidh oirre nochd, co dhiubh ’s e uisge no sneachd a tha tighinn. Chan fhaod sinn a bhith talach—bu mhath na trì lathaichean a rinn i as deaghaidh a chéile ann a so. Bha na daoine—na boireannaich ’s e b’àill leam a gh-ràdh, ag gearradh mu na sgeirean fo’n bhaile nuair a bha muir-tràigh ann. Air an ath- reothart—reothart mór na h-Fhéill Pàdruig—no reothart nan ian, mar a their ’ad ris—bithidh cothrom na’s fhearr aca air na sgeirean, ma bhios an t-sìde gu math.
Chan eil orm an diugh ach gun gluais mi air éiginn. Tha leithid de neo-shunnt orm thun na h-uile rud, mar a h-e an obair neonach a bha mi ris an dé a dh’fhàg cho deireannach mi. Bidh greisean dha’n laigead so ’gam thadhal co dhiubh air uairibh, ma’s ann o ghaiseadh air choireiginn air an taobh a stigh dhiom a tha e tighinn. Cha bhi mi faireachdainn sian de chràdh. Ga brì dé tha ’ga dhianamh, chan eil dad a dh’eirbheirt a’ dol air sgialachd Bhrianain ri linn.
Chuala mi ’n latha roimhe seanfhacal mu’n fhaide a bhios a’ tighinn as an fheasgar earraich: —
“Mar bhoin chaoil a’ tighinn gu baile
Ruighneachas an fheasgair earraich.”
A’ bhó bhochd a bhios air thogail, bithidh i gu math fadalach a’ ruighinn a’ bhaile, is cion a’ bhidhe air a sgoinn ’s a lùth a thoirt aisde.
[Dealbh]
Maighstir Ailean aig luathadh a’ chlò.
(Le cead P. J. W. Kilpatrick.)
9mh Màrt (Di-Ciadain).
Bha deagh-lath’ ann, ’s bha h-uile duine nach robh an cuan cho trang ’s a ghabhadh e ’sa chladach ag gearradh ’s a’ feamanadh air am mian. Cha deach mi mach air an dorus. Cha robh fonn no sunnd math sam bith orm. ’S e rud a bha glé neonach a chuir cho mór bhar mo dhòghach mi. Tha ’n inntinn agam cho oglaidh ’s cho corrach air fàs ’s gum beil mi toiseachadh ri smuaineachadh gu bheil an t-am agam dhol a dh’àite far am faic mi cuideachd a chuireas a’ mhi-shunnd so dhiom.
Sheòl mi air falbh Pàipeir nan Lochlannach thun na Cailliche Bige*, is litir thun an Easbuig ag aideachadh gun d’fhuair mi £7 bho’n Chomunn Airgid na Sgir-Easbuig, ’s ag g-ràdh ris gur e £10 a dh’inns ’ an Rùn-Chléireach dhomh a bh’agam ri fhaotainn. Dh’fhorfhaisich mi aon uair eile mu’n riamh a chuir mi huige mu’n Fhéill Aindris, ’s cha do ghabh e ris fhathast gun d’fhuair e e. Chuir mi litir gu Mgr. Domhnall am Mùideart a dh’fhoighneac dheth co dhiubh ’s e £10 no £7 a chuireadh a mach dhomh. Chuir mi litir gu Ealasaid mo phiuthair is 10/- ’na cois.
10mh Màrt (Diardaoin).
Thàinig Mgr. Somhairle a nall a dh’éisdeachd an diugh ’s am màireach. Co bha comhla ris ach C. a Baghasdal mu dheidhinn lic Mhgr. Seòrus. Dh’inns’ mi dha nach fhaodadh reilig nan sagart a bhith ceangailte ri reilig eile, ’s nach b’fhuilear troidh co dhiubh a bhith eadar an dà reilig. Bha so ceart gu leòir leis.
Thàinig brath chabhagach mu dheidhinn carraidh na Hann, ma dh’fhaodar sin a gh-ràdh ris a’ ghàradh dìon a thathas a’ bruidhinn air a chur as a’ mhuir a’ ruith a mach bho Sgeir na h-Aireadh. Fhreagair mi as a’ mhionaid mar a dh’iarradh orm. Tha e coltach gum beil ’ad deònach beagan a lughagachdainn dhuinn, ach cha n-e beagan a nì feum.
Fhuair mi litir o’n lighiche Mac L. ag innse dhomh gu robh e sgur a bhith fo thuarasdal aig an tuath, ’s nach robh e dol fhreasgairt cuireadh sam bith tuilleadh ach dha’n duine a phàigheadh e air son a h-uile turus a chuirte ’ga iarraidh. ’S e gnothach truagh a th’ann, an dùthaich a bhith gun dotair, mar a bhios i nis, ’s nach téid aig daoine bochd air na bhios an dotair ag iarraidh a phàigheadh. Chuala mi gun do lig an dotair bhuaithe a bhith fo thuarasdal aig an tuath air 26mh. Februarymun do thionndaidh an sluagh air icheadh ’s a chàineadh an cladh Bhaghasdal latha tòradh D. Chuala mi a thaobh an fhiabhruis dheirg a thathas ag g-ràdh a tha mu dheas, gun do chuireadh ’ga iarraidh gu taigh Dhomhnaill ’ic Dhomhnaill Ruaidh na Ceilpe ’s iad bochd, ’s nach tàinig e gu ceann fichead latha as a dheaghaidh sin, gu robh chlann air dol dha’n sgoil an uair sin, ’s gun duirt e ’n uair sin gur e fiabhrus dearg a bh’ann!
A thaobh an Taigh Mhóir† an Dalabrog chan eil sian a dh’ioghnadh leam ged nach frithealadh e do mhuinntir Bharraidh no do mhuinntir Bheinne Bhaodhal an asgaidh. Bha e coltach gu leòir dha roimhe so
* Miss Freer.
† An tigh-eiridinn a tha ’n Dalabrog, a thogadh le Mórbhar Bòid.
coimhead as deaghaidh muinntir a’ Chinne-deas an asgaidh chionn ’s gu robh e fo thuarasdal aig an tuath. Cha ruig e leas tuillidh a dhol a staigh air am dorus mura togair e fhéin. ’S éibhinn fhéin a tha ’n dùthaich air a fàgail air sàileabh beagan dha’n droch-nàdur o thoiseach. Nam biodh an dotair air innse càite ’n robh am fiabhrus dearg an toiseach dha’n Mhgr Sgoil, ’s dòcha nach do chinn a leithid so de dh’ùpraid a’s dùthaich.
Dh’fhàs gille laghach bochd an so ’n diugh. —Ruairidh Mac ’ Illeasbuig—dh ’fhàs e bochd dhà na trì lathaichean bhuaithe le greim a bhuail ’na thaobh. ’S ann an diugh a chuala mis’ iomradh air. Chaidh bhràthair a dh’Uibhist thun an dotair mu dheidhinn. Cha do thachair dha bhith a stigh. Tha e coltach gur fheudar dhomh fhéin làmh a thoirt air dotaireachd a nis!
Chuir mi fualite mhustaird a null mu chliathaich ’s i gu math làidir.
Fhuair mi ’n diugh Sgialachdan Mhic an Iarla Ilich, is cumaidh ’ad sin rium greis.
’S e aon duine diag a thàinig a nochd gu éisdeachd an nochd (sic). Cha robh sin ach deireannach gu leòir an deaghaidh do Mhgr. Somhairle thighinn a dh’aona ghnothach air an astar-sa gu éisdeachd a thoirt dhaibh.
11mh Màrt (Di h-Aoine).
Chuir Mgr. Somhairle cuairt air na lapaich mu dheas. Bha naoinear ann, gun tighinn air an triùir a bh’air Taobh deas na h-Acarsaid. Feasgar thàinig 49 gu’n éisdeachd. ’S e Mgr. Somhairle a thug éisdeachd dhaibh uile. Bha mise leughadh Roimh-ràdh Mhic an Iarla Ilich as a’ chiad leabhar sgialachd aige. Nach mór an àireamh sgialachdan Gàidhlig a fhuair e sgrìobhadh—200 a Gàidhlig agus 200 eile air an tionndadh gu Beurla; ’s chan eil sin fhéin ach beagan dhe na gheibheadh e nam biodh e air leantuinn roimhe. Dh’fhàg e na pàipeirean aige do thaigh nan leabhraichean ris an can iadAdvocates ’ Libraryann an Dùn Eideann. Chan eil fhios an cuirear a mach gu bràch ’ad.
Cha robh Ruairidh Mac ’Illeasbuig a bheag na’s fhearr an diugh. Latha math.
12na Màrt (Di-Sathuirne).
Car garbh moch ’sa mhaduinn. Bha dùil ris an toiteach ach cha tàinig i. Tha làn-am aice nochdadh ’sa chaolas. Tha mu chóig miosan bho na thadhail i mu dheireadh. Dh’fhalbh Mgr. Somhairle mu mhiadhoin latha. Chuir mi litir leis gu Mac ’Ille Mhìcheil an Dùn Eideann agus té eile a Lunnainn dha’n fheadhainn a tha cur a machSt Peter’ sis thug mi 7 tasdan dha gus an cur ’na broinn. So am pàipeir as a bheil eachdraidh Mhgr. Seòrus gu bhith air a sgrìobhadh.
Bha Ruairidh Mac ’Illeasbuig gu math na’s fhearr an diugh. Dh’fhalbh an cràdh as a’ bhad as an robh am musdard air a chur air.
Tha e faighinn beagan cràidh os cionn far an robh e ’n toiseach. Dh’iarr mi air fuireach as an leabuidh màireach fhathast ’s nam biodh dad de’n chràdh ann feasgar am màireach, gun cuirte tuillidh dhe’n mhusdard air.
Thug mi greis a’ coimhead thall ’s a bhos feadh leabhar sgialachd a’ Chaimbeulaich chòir. ’S e ’n aona rud bu mhua bha fonear dha-sa fhaighinn—greim a dhianamh air a h-uile fhriamhaig de chleachdainnean ’s de na rudan a bha na daoine toirt géill dhaibh—cha robh móran diù aige de sheanchas nan sgialachd. ’S fhearr leam fhéin an seanchas na na rudan a bhios unnta, ged a tha na rudan tlachdmhor gu leòir leam.
Thàinig aon trì daoine diag an nochd gu éisdeachd. Bha ’n oidhche glé bhriagh ged a tha na h-iasgairean a’ cur air mhanadh gum biodh i dona gu leòir an nochd no màireach. Mu dhà uair dhiag a dh’oidhche, bha mi dol a chadal. Mar is minig a rinn mi, thug mi sùil a mach air uinneag an t-seòmair-chadail fiach am faicinn an robh a h-uile duine air gabhail mu thàmh. Cha robh lios (i.e. leus) ri fhaicinn a taigh. Mu’n eaglais, cho math ’s a b’urrainn dhomhsa dhianamh a mach—ach cha bu léir dhomh an eaglais ged nach robh i ro-dhorcha a làthair—is theirinn gum biodh i cheart cho ard a’ coimhead ’s ged a bhiodh e anns an uinneig ann an ceann a bhos na h-eaglais, chunnaic mi solus beag dearg—cha bhiodh e na bu mhua na solus aona choinnleadh ’s an lasair aige dearg, a’ fantail dhà no trì mhionaidean ’san aon àite. Reachadh e sin as mionaid bheag—co dhiubh , bha e dol as an t-sealladh ormsa, is chìthinn a sin a rithist e. Sheall mi gu dùrachdach air, ’s cha b’urrainn dhomh ràdh gun deach e ’n iar no ’n ear, deas no tuath, air a’ bhad as am fac’ mi an toiseach e. Cha robh ’n oidhche cho dorcha ’n uair ud co dhiubh, ’s gum feumadh duine ath-theine, agus ’s gann a chreideas mi gun toireadh duine sam bith a ghnàth-mhuinntir an àite ath-theine leis an raoir roimhe sud. Roimhe sud ’s ann a bha speur cho briagh le rionnagan. As an am ud bha toiseach aig na speuran a bhith fàs salach. Cha robh solus ao-coltach ri solus beag a thigeadh o chaoirinn a thuiteadh o ath-theine. Dh’eubh mi dha na searbhantan ’s iad air dol a chadal, iad a dh’éirigh ’ga choimhead, ach cha do ghabh ’ad an dragh. “Chan eil ann” osa bhean-taighe, “ach manadh. ’S fhad o chunnaic feadhainn eile ’n solus sin aig an eaglais* .” “Theagamh gur e ’n teine-biorach a bh’ann.” “Chan e gu dearbh, ach manadh air choireigin.”
An déidh dhomh solus a chur as agus an leabaidh a thoirt orm, mhùthaich mi do thosgan lasadan(match box)a bh’air sgeilp, ’s air an robh an dath blianach soillseach a dh’fhàgas cur boisgeil e ’san dorchadas, gu robh e gu math na bu léirsinneach na tha cuimhn’ agam fhaicinn riamh roimhe. Bha ’n solus aig an eaglais dearg. Cha mhionnaichinn nach robh solus a bha mu’n eaglais beagan na b’àirde no beagan na b’fhaide deas mu’n eaglais. Bho nach robh mi faicinn na h-eaglais, cha n-urrainn dhomh bhith cinnteach.
(R’a leantainn)
* Cha robh eaglais Eirisgeidh an uair sin far a bheil i ’n diu, ach pìos air falbh bho thigh an t-sagairt.
title | Leabhar-latha Mgr Ailean Dòmhnallach |
internal date | 1953.0 |
display date | 1953 |
publication date | 1953 |
level | |
reference template | Ailean Dòmhnullach in Gairm 3 %p |
parent text | Gairm 3 |