Gnothaich Bhoirionnach
LE CAIRISTIONA NICAOIDH.

MA dheireadh thall, tha sinn afàgail làimhe sgaoilte aig dorchadas agheamhraidh agus adeanamh othail ri soilleireachd an earraich. Ach ma thà, chan eil dhòigh air nach e an rud as motha a thatighinn fa-near dhuinne mar mhnathan tighe—glanadh tighe an Earraich! Anns abhaile mhór gu sònraichte, tha toil aig mnathan a bhith an greim cho luaths a shaoileas iad gun do leag an ceò dubh grannda a bhrat air son na h-uarach mu dheireadh. Creidibh ged tha, gun cluinn sibh seanachas air an spàirn mhóir so fada mus tòisich i! Cluinnidh sibh air na sràidean iad—mnathan adeanamh deasbaireachd air paipear ballas air pent; air stuth glanaidhs air stuth gleusaidh. Ma dhéisdeas sibh riutha uile, cha bhi ann am buth amharsanta nach bi sibh asireadhs aceannach.

Bithidh fear an tighe adeanamh dheth nach eil anns an dol air adhart so ach seòrsa de anshocair dom bheil na mnathan buailteach aig an ám so den bhliadhna! Anshocair a tha glé ghabhaltach gu dearbh! Fad seachdaine no corr, tha an tigh bun os cionn. Chan fhaighear na àite àbhaisteach. Aig ám dìnearach, cha bhi sgeul air dìneir agus feumaidh an duine bochd a bhith riaraichte le cupan tea agus ceapaire càise, ’na shuidhe air stòl anns achidsin. Nuair a bhios dùil aige snàgadh as an rathad gun fhios gun fhàth, thig glaodh air e thighinn a dhfhàsgadh phlaideachan no a ghluasad dreasair. Chan fhaigh e fiùs aphìob a lasadh no sùil a thoirt air paipear naidheachd.

ACH anns abhliadhna shònraichte so, tha cuspair eile air bilean nam mnathan—Crùnadh na Banrigh. Chan eil paipear naidheachd, agus chan eil leabhran bhan a dhfhosglar anns nach leughar mun ullachadh a thàtar adeanamh mu choinneamh an latha mhóir. Bithidh gach baile fadis farsuinn air feadh Bhreatainn gu léir acur an uidheam ann an iomadh dòigh a chum gàirdeachas an t-sluaigh a nochdadh agus am meas air abhanrigh òig a chur an céill. Tha na bùthan làn le cuimhneachain de dhiomadh seòrsa—bràistean , is fàinneachan is neapaigean pòcaid cho math ri truinnsearan, cupannan is soithichean eile. Tha móran de fhasain ùra na bliadhna air an stéidheachadh (ann an dòigh air choireigin) air na fasain a bha ann ri linn nan Tudors an uair a bha Ealasaid eilena banrigh air Sasunn.

Achs iad a bhiosnan othail achlann! Gheibh iad trì làithean far na sgoile aig ám achrùnaidh agus nach mór an t-aobhar gàird-



[74]

eachais sin fhéin. Chan eil pàisde de aois sgoile air feadh na dùthcha nach fhaigh cuimhneachan beag air choireigin.

Tha fios gum bi feill mhór air an telebhisean an uair a thig an t-ám. Tha mi acluinntinn gum bheil ullachadhga dheanamh mar thà gus cruinneachaidhean beaga a chumail ann an tighean aig am bheil telebhisean, ach feuchadh sibhse an urrainn dhomhsa smaoineachadh air aon de mu luchd-eòlais aig am bheil e. Ach mar a fhaic sinn an crùnadh, tha fios gum faic sinn sealladh beag den bhanrigh an uair a thig i nuas do dhAlba anns an Og Mhìos.

THA mi acluinntinn gum bheil comhairle Aitreabh nan Gàidheal an Glaschu deònach air oidhirp mhóir a dheanamh gus togalach ùr a chur an àite na seann . Tha e coltach gum bheil an h-uibhir de chomuinn Ghaidhealach an tòir air seòmraichean fhaighinn agus gum bheil an Aitreabh, mar a tha i an dràsda, fada ro bheag. Chan eil móran Ghàidheal ann an Glaschu nach do chuir seachad feasgar mùirneach uair no uaireigin airElmbank Street, agus ged is fheudar, is ann le seòrsa de chianalas a chuireas sinn cùl ris an t-seann togalaich. An uair a chaidh an t-àros so a cheannach an toiseach, chaidh a bhuileachadh mar chuimhneachan air na Gàidheil a chaill am beatha anns acheud chogadh mhór.

Tha móran airgid ra lorg mun ceannaichear Aitreabh ùr. Tha móran oidhirpean gan deanamh air feadh na dùthcha, agus tha mi acluinntinn gum bheil Féill Mhór gu bhith ann an ath bhliadhna, anns am bi gach comunn Gaidhealach ann an Glaschu aco-phàirteachadh. Am bheil cuimhne agaibh air an Fhéill Mhóir a bha aig aChomunn Ghaidhealach bho chionn trì bliadhna? A leithid eile mata! Agus feuch sibh fhéin gun tòisich sibhs an deagh ám air fuaigheals air fighe.

MUM bi Gairm an clò, ’s dòcha gum faic sibh anns na bùthan na còtaichean ùranylonair am bheil sinn an diugh acluinntinn iomraidh. Tha iad coltach ri còtaichean béin, agus gu dearbha, tha iad ag ràdha rium gum bheil e duilich feadhainn aca aithneachadh bho chòtaichean ermin, agus feadhainn eile bho chòtaichean beithir. Tha min dòchas gum fainichear air aphrìs iad. Tha aon mhathas orra—gabhaidh iad glanadh le uisges le siabunn!

NACH buamhasach fhéin an toiseach earraich a bhann le gaoiths le gailleann. Chan fhacas anns na paipearan naidheachd fad làithean ach sgeul air creichs air dórainn. Rinneadh milleadh cianail air bàtaichean iasgaich air an taobh siar, ach, taing don t-Sealbh, cha do chailleadh beatha mar a chailleadh an Sasunn. Am measg an fheadhainn a bha an teas mheadhon an uamhais an ceann a deas Shasuinn, bha seana bhean a Barraidh, aois ceithir ficheads a seachd. Fad ùine mhóir dhiùlt i a dachaidh fhàgail, oir cha bu lugha oirre-se an tuils - taca ris aChuan Sgìth air an robh i eòlach. Ach mu dheireadh thall thug i thairis leis an fhuachd agus thugadh air falbh gu tigh fasgaidh i. Tha sinn duilich nach cuala sinn an t-ainm aice, ach tha sinn an dòchas gum bheil i slàn fallain.

titleGnothaich Bhoireannach
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
reference template

Cairistiona NicAoidh in Gairm 3 %p

parent textGairm 3
<< please select a word
<< please select a page