Breacach
Le ALASDAIR URCHARDAN.

Ged a tha leth-cheud bliadhna co-dhiùbh bhon cheud latha thog mi orm gu Abhainn an Fhùrnais tha mo chuimhne air a cheart cho soilleir is ged bu an a bha ann. Cha robh annam ach an giullan beag, le slataig chaoil chaorainn air mu ghualainn, is mu dhusan troigh de shnàth-lin ris an do shnàgail mu sheanair dubhan ceangailte ri a barr.

Chì mi fhathast an linne bhòidheach anns an dfhuair mi acheud dubadh agus as an tug mi cheud bhreac. Ged a dhfheumas mi aideachadh an diugh nach robh e ach beag (chan eil mi ag ràdh gun dèanadh e na sia òirlich a tha laghail) bu mhór leamsa e, agus nan robh mi air mo chasan a thoirt leam dhachaidh leis bha e air tàmailt a chaomhnadh dhomh. Ach leis abhreac bheag so is ann a thòisich dian-iarrtasnam chridhe nach fhàg mi fhad is a tha an deò annam. Shìos fodham bha linne bhrèagha eile le gorm-mholna h-iochdar far am bàbhaist do na mnathan a bhith nighe. Dhfheumainn fheuchainn, ach gu mi-fhortanach nach ann a thug an sruth-cuairtealain timcheall an driamlach gus an deach an dubhan an sàs an aodach a bha am bogadh ann le bean Dòmhnuill, nàbaidh bun na h-ursainne. Dhfhairtlich orm a thoirt as is shèap mi dhachaidh afàgail dubhan is driamlach is slat an sud. Bha mi gabhdaireachd mu chùl an tighe is nàir orm a dhol a steach an uair a chunnaic mi bean Dòmhnuill asmèideadh orm. Bha i air a bhith shìos aig an abhainn, thuig i mar a bha, thug i an dubhan as an t-sàs is dhfhàg i an t-uidheam air abhruaich. “Siuthad,” arsise, “falbh air tais gun fhios nach fhaigh thu breac mór.” Am boireannach grinn còir, is i thuigeadh na balaich.

Bann am baile-monaidh chaidh mise thogail agus ged nach robh muir faisg oirnn ag iarraidh a thadhal, bha uillt is aibhnichean is lochan gu leòir a thàlaidheadh balach èasgaidh thuca. Agus ged a chì mi an diugh gur ann beag a tha na h-uillt agus gur ann cumhang a tha na h-aibhnichean cha chreid mi idir gum be an-caitheamh air mo shaoghal a liuthad latha chuir mi seachad orra. Is ann orra a thog mi eòlas air dòighean abhric ged nach tàinig e annam gun robh miga ionnsachadh, oir ma tha thu latha an déidh latha afeuchainn nan linneachan is nam buinneachan leis abhaoiteig chan fhada gus an aithnich thu far a bheil an t-iasg. Tha cuimhe agam air uillt air nach robh mi bho làithean mòige agus nan rachainn thuca an diugh bhithinn làn chinnteach chan e mhàin as an uisge as an toirinn iasg ach cuideachd as an t-seòrsa is amheud a thigeadh as. Is duilich a thoirt bhon làimh na chleachdas, ach tha barrachd air sin ann; tha seòrsa eòlais afàs riut, an t-eòlas maith dhfhaoidte a tha aig achorra no aig an dòbhran, is nach urrainn duit a theagasg do chàch. Nam bithinn atoirt comhairle air balach chuirinn chun nan allt e leis abhaoiteig. Ni iad iasgair dheth ma tha e idir ann.

Is dòcha gun canar rium gur suarach neo-inntinneach an obair do dhuine sam bith a bhithna shuidhe an cladach locha fad fionn shuaimhneach an latha is a shùil air àrc. Ach an fheadhainn tha ris is aithne dhaibh chan e mhàin càit am feuch iad ach ciamar a riaghlas



[77]

iad àirde na h-àirce a réir na doimhne agus a réir an ama: anns an earrach tha an dubh-bhreac afaighinn abhìdh air aghrunnd agus is e an t-iasgair aig a bheil am biadhadh gu math domhain a gheibh an gad as motha. Is fheàrr leam fhein a bhith gun àrc idir. Ma ghabhas tu an cladach leis, asiabadh an aghaidh na gaoithe chan eil thu idir cho buailteach air a dhol an sàs anns aghrunnd: saoilidh mi gur onfhadh no gluasad nan tonn a tha cumail an dubhain as na clachan. Na fàg fada am bogadh e agus an uair a thogas tu e dragh a steach e slat air an t-slait le faochaidhean beaga. Leanaidh am breac e steach ris achladach agus glé thric is ann mar sin a mheallas tu am fear as motha. Ma tha an dubh-fhèath ann na caill do mhisneachd. Is minig a rinn mi an deagh iasgach ag èaladh achladaich, asiabhadh air gach breac a chithinn ag éirigh le biathadh beag, dìreach aon bhaoiteag bheag a shiabas tu cho grinn socrach agus as aithne dhuit.

A thaobh chuileag bi mo cheud chomhairle do dhuine sam bith: “Air na chunna tu riamh seachain na bùthan a tha reic beairt-iasgaich. Cuir gan iarraidh leis aphost.” Ma théid thu don bhùth tha na cuileagan cho brèagha is cho tlachdmhor don t-sùil is nach eil diùltadh orra is thig thu aisde le làn cuairsgein de sheòrsachan nach cuir thu an sàs gu bràth. Tha leth-dusan cuileag gu leòir agus dèan seann eòlaich dhiubh as a bheil earbsa agad. Tha roghainn fhéin aig gach iasgair ach bhithinn-sa riaraichte is gu math cinnteach a iasg nam biodh agam cuileag dhubh no ruadh is i ròmach gu h-ìosal, ghlas is dhubh le suaineadh airgid oirres amheadhon, is le ite dhubh (no ruadh) is calpa airgid oirre gu h-àrd. Mhiannaichinn cuideachd roisean beag dearg an cuileig. Anns an fhoghar tha le calpa uaine fìor mharbhtach.

A thaobh latha tha math gu breacach—is e sin ceist, agus chan eil a fuasgladh agamsa. Ach aon theirinn agus chan eil ann ach rud a dhearbh mi uair is uair—fhad ’s a tha aghaoth ann tha gabhail air an iasg an àit-eigin air an loch. Is iomadh uair a chuala mi bhith càineadh na gaoithen ear ach cha bheag orm fhìn idir i, gu h-àraidh am beul na h-oidhche, agus mar as cruaidhe agus as fuaire tha i, is ann as fheàrr leam i. Thoir an cladach leis ort is siab a mach dìreachna h-aghaidh (cuiridh e iongantas ort cho math is a ni thu so leis achleachdadh) agus thoir na cuileagan dìreach thugad. Na biodh cabhag ort, cùm adol iad is cùm am bogadh iad ach na toir spadhannan orra. Tha am breac an sin, ag obair anns an taoim a tha aghaoth atogail air achladach. Ma tha chuileig agad gu h-ìosal an ceangal ri chéile an deidh is ann as fhìor-fheàrr.

Anns an t-saoghal a tha ann is fheàirrde duine cur-seachad a bhith aige, agus as fheàrr na cleas a tharraingeas tu gu lochan caomh amhonaidh is àile ghlan nam beann. Am fear air an gabh am breacach greim chan eil air ach leigeil leis. Ma thig e ann chan eil guth no smuain air a chaochladh; bidh am bàrr gun chur, amhòine gun bhuain, achlannsan rànail is abheanna bantraich. Ach is coma leis-san, tha sìth is sàmhchair is obair thaitneach aige far a bheil e, is ged a thigeadh e dhachaidh gu cànran-teallaich, nach milis an cadal, nach inntinneach an oidhche a thoirt air bruadar mu lochan a tha fhathast rim feuchainn is bric mhóra a tha fhathast ri an teumadh.

titleBreacach
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
reference template

Alasdair Urchardan in Gairm 3 %p

parent textGairm 3
<< please select a word
<< please select a page