A’ Mharag
Le CEIT NICDHOMHNUILL.

“ ’S fheudar gum bheil Iain Mór gu bhith ri marbhadharsa Domhnullse tighinn dhachaidh feasgar an t-seachdain so chaidh. “Chunnaic mi e atighinn a nuas am bruthach agus caora aige air ceann ròp.”

Gu sealladh an t-Àgh ormarsa mi fhìnchan iongnadh ged a tha pluicean atighinn air fhéins air Màiri. Chan eil mìos bhon mharbh e molt na bliadhnùire agus bha ceathramh—mur an robh an corr—aige de mhart Uilleim Thormoid.”

Gu dearbh matà,” arsa Domhnull, “cha chuir i so móran sail orra. ’Se mo bheachd fhìn gur e cho caols a bhà i a thug air a toirt dhachaidh.”

O, siuthad thusa, Dhomhnuill,” thuirt mi fhìn, “ach tha mise fada ceàrr mur a bheil rudeigin fon eun aig Màiri.”

Shaoileadh sibhse leis mar a tha mise abruidhinn gur ann a tha mi fhìns Màiri a mach air a chéile. Achsinn nach eil. Tha meas mór agamsa air achreutair ach tha i eagallach falachaidh ann an cuid de rudan. Ach so aon rud anns nach leigeadh i leas a bhith falachaidh no falachaidh; ma bha i an dùil ri marbhadh na caorach a chleith ormsa bha i fada fada ceàrr. Gabhaidh a leithid cleith air Lloyd George bochd (ged nach e an Lloyd George a baithne dhuinne a thann) ach cha ghabh e cleith air Ceiteig. Agus, co-dhiùbh, chan eil uair a mharbhas sinne beathach nach eil ise afaighinn deagh chaob dheth. Ach tha mi acur stad air mo sheanchas . . . .

Nis tha e mar chleachdadh agam-sa bho chionn mìos an so, a bhith dol a null a thigh Iain a h-uile feasgar Di-Ciadain a dhéisdeachd ris an t-searmon Ghàidhlig air an radio. Chan eil an te againn fhéin ag obair bhon a chur Domhnull air dòigh i, ach, co-dhiùbh, ’s ann is math leamsa sgrìob a thoirt a mach. ’S ann ainneamh a bhios Domhnull a stigh mun ám ud den latha, agus chan eil blas air searmon an uair nach eil cuideigin còmhla riut.

Mar sin, cha be droch rud sam bith a bhanam bheachd an uair a thug mi ceum a null gu tigh Iain Mhóir feasgar Di-Ciadain. “Ach a Cheitarsa mise rium fhìn” ’s dòcha nach e searmon a bhios air aire dhaoine an diugh!” Agus mar a thubhairt bfhìor.

Cho luaths a nochd mi a steach thàinig am fàileadh mharag a buamhasaiche orm, agus an àite a bhithna suidhe gu stòldas am Biobullna h-uchds ann a bha Màirina fuils na fallus afuaigheal na maodail mhóir. Bha poit aplupadaich air an teine, agus air an dreasair mu mo choinneamh bha truinnsear agus trì maragan eile air. Thug i leum gus a chur am falach ach bha i tuilleadhs fada. Chunnaic Ceitna bha ri fhaicinn! Thug min aires an dol seachad gun robh móran treallaich mun bhòrd nach fhaca mise riamh adol am broinn maraig, ach cha do leig mi dad orm.

Chan eil fios tha searmonachadh an diugh?” arsa mi fhìns mi cur dhìom mo chòta.

Oarsisechan eil biùc aig an radio an diugh. Theirig e leis na h-òrain Ghàidhlig oidhche Di-Luains tha mi eagallach tàmailteach.” Thuig mi fhìn glé mhath gur ebhreug a bhaice ach



[80]

cha do leig mi dad orm, ’s chùm ise oirre. “Am bheil thu tighinn a nall an ath oidhch? Tha oidhche mhór gu bhith againn.”

Oarsa misegu so?”

Tha sinn adeanamh suipearach mar chuimhneachan air prìomh bhàrd ar dùthcha.”

Gu dearbharsa mi fhìnMàiri Mhór nan Oran.”

Nam faiceadh tu am plìon a thainig air a h-aodann. “Obh, obh, chan i—ach Rob Burns!”

Tha mi cinnteach gun robh i an dùil nach cuala mise guth riamh air Rob, ach clan eil Ceit cho gorm! An uair a bha mise òg, bha fear Gallda asuirghe orm agus bhiodh e an còmhnaidh aseinn òrain a bha ag ràdh gun robh mi coltach ri ròs dhearg, dhearg, agusse Burns a rinn e. Cha mhór a bfheàirrde am fear Gallda sin ma tha, an uair a thàinig Domhnull leis na h-òrain Ghàidhlig.

Ach, co-dhiùbh, cho luaths a dhainmich Màiri Rob Burns thuig mise nach e marag a bha Mairi adeanamh ach haigis! “Gu dearbh mataarsa mi fhìnbfheàrr dhut gu mór cuimhne a chumail air bàird deilean fhéin, ’s cha leigeadh tu leas caora no molt a mharbhadh. ’S airson na haigis a tha sin—bhiodh cho math dhut a deanamh ann an de na stocainnean glùine aig Iain.”

Cha do chòrd sud rithe. Ach bha mise coma co aca. Thilg mi orm mo chòtasa dhfhalbh mi. An uair a dhinnis mi do Dhomhnull mar a bha, rinn e mothal gàire. “Maragan no haigis dha bheil agad oirre, cha robh de gheir anns abhrùid ud na lìonadh caolan. Feumaidh gur e de na mulachagan làrd a thainig air an tràigh a tha i acur gu buil.”

Thainig oidhche Di-ardaoins thog mise orm. Cha be cho deidheils a bha mi air ahaigis, no idir idir cho deidheils a bha mi air bàrdachd Burns a chuir a mach as an tigh mi, ach dìreach gum bu mhath leam fhaicinn gu bha dol air adhartsan tigh thruagh ud.

Mar a bha mi an dùils e uaislean na sgìreachd a bhan làthair. Bhàn dotair ann leis an fhéileadh, ’s gu dearbhas olc a thig e air iosgaidean caola. Bha am maighstir sgoile ann agus abhean, agus am bàillidhs a bhean cuideachd. Bha slaoid mhór eile ann nach do dhaithnich mise gus an do dhinnis e fhéin dhomh gur ann ag obair aig anhydroa bha e. ( ’S e mar a gheibh Màiri a stigh air a h-uile duine!) Bha feadhainn eile ann nach robh cho uasal—mar a bha mi fhìn is Curstaidh Neills am polasman, ’s tha mi cinnteach nach e na bha de dhiarraidh oirnn a dhfhàg ann sinn.

S ann shìos anns an rùm a bham bòrd air a shuidheachadh. ’D eile ach an rùm! Cha robh teine ann riamh on latha bha iad aglanadh simileir achidsin an uiridh agus gu dearbha cha robh e ach gu math aognaidh. Bha na boirionnaich eile air chrithnam muilcheanan goirids bha mi fhìn glé thoilichte gun do do chuir mi orm an cardagan cloimhe.

Achs ann an sud a bham bòrd! Cha robh aon chàil air a rinn Màiri fhéin ach aon fhoileag thruagh. Bha eallach a croite de bhrioscaidean a Cho-op aice agus bonnach milis eile a bha an uinneag bùtha Choinnich bho chionn corr is mìos. Bha mise den bheachd, a réirs mar a bhithinn aleughadh anns na paipearan naidheachd, nach bu chorr rudan grinn mar sud a bhith aig suipear Burns—chan e gun robh



[81]

iad cho uamhasach grinn, ach bha iad, mar gun canadh sibh, as an rathad.

Cha robh sgeul air bean tighe! Ach bha Iain truagh apraoisgeil beurla cho maths a burrainn dha ri fear anhydro, ”ach bha mi fhìn acrac anns aGhàidhlig ri Curstaidh Neill. (Tha e uamhasach duilich Beurla a bhruidhinn ri feadhainn as aithne dhut!)

Sùil dhan tug mi fhìn air Curstaidh, nach ann a chunnaic mi i acuimseachadh a beòil gu toiseachadh air Beurla ri fear anhydro, ”ach an àite sin nach ann a rinn i an tapag a buamhasaiche an uair a chualas ràn na pìoba móire anns achidsin. ’S e cheud rud a thainig a steach orm fhìn gur i Màiri a bhadol a nochdadh le na duis air a gualainn (duis na pioba tha mi aciallachadh) ach cha bì! Nochd Aonghas Chaluim a steach le seann deiseHome Guardair agus fuaim aige airBùth DhomhnuillIc Leòid.” a bhair a chùlaibh ach Màiri le dreasa mhór dhubh oirre a cheannaich i an uair a chaochail a màthair agus aiseid mhór liath aice os cionn a cinn. A leithid de shealladh chan fhaca mise riamh. Bha mo shùil fhìn air amharaig mhóir uamhasaich a bha arolladh air aiss air adhart air an aiseid, agus bha e cho math gun robh. Tha e coltach gun robh an na laighe fon bhòrd agus an uair a chuala e an t-sraoilich leig e glamhadh as agus rinn e mach mu chasan Màiri. Sud a mach amharag agus bha e cho math gun robh mise ann gus a glacadhnam achlais. Cha bu mhisde amharag dad a turus ach a mhàin gun robh i rud beag mollach an déidh achardagan agamsa. Co-dhiùbh no co-dheth, chàirich sinn air abhòrd is shuidh sinn a steach. “Siuthad Iainarsa Màiridean an t-altachadh.” Dhéirich an duine bochd agus thug mi fhìn an aire gun robh rudhadh air a ghruaidh nach robh uile gu léir nàdurra, agus thuirt mi rium fhìn gur ann adol a dhfheuchainn air an altachadh anns aBheurla a bha e. Ach feuch an ann. Cha be Beurla no Gàidhlig a bhaige ach rann beag goirid nach tuigeadh duine sam bith. “Obh, obh,” arsa mise rium fhìn, “mar a tig breitheanas air an tigh so, chan eil guth ri ràdh.”

Thug mu sùil air Bean Alasdair Ruaidh ann an dùil gum biodh ise cuideachd agabhail uamhais, ach nach ann a thionndaidh mo laochag ri Alasdair agus arsise“ ’Se altachadh Bhurns fhéin a tha sgiobaltas chan e na rannghalan a bhios tusa adeanamh.” Nach beag a dhfhios aig duine thaige!

Thòisich roinn na maraige agus dhaithnich mi fhéins a spot nach robh an dòigh cheart aig Màiri air roinn no air riarachadh. Ciamar a bhitheadh—te nach robh aig a cosnadh riamh mur do rinn i latha sgùraidh anns amhansa. Bha i a cheart cho Gaidhealach mun ghnothaichs ged nach biodh ann ach i fhéins Iain, ’s bha sin Gaidhealach gu leòir.

Cho luaths a bhlais mi air amharaig thuig mi gur en fhìrinn a bhaig Domhnull mu chor na caorach. Cha ghann nach robh i bog plannach ach dhaithnicheadh duine sam bith nach be geir cheart a bha innte. Ach bha a h-uile duine cho trangga sticeadh sìoss nach robh guthga ràdha, agus thuig mi fhìn glé mhath nach robh i acòrdadh ri duine ach Màiri fhéin agus fear anhydro. ”Bhan seabhaltach ud adol rithe mar nach fhaca e greim bidhe riamh agus thuirt mi rium fhìn gur e Sasunnach a bhann.



[82]

[Sanasan]



[83]

An uair a bha achuirm seachad thòisich an òinseallachd cheart. Dhéirich am maighstir sgoile agus rinn e òraid mhór mu dheidhinn abhàird. Tha mi cinnteach gun robh na bha an duine ag ràdha ciallach gu leòir, achse bha eagallach a bhith faicinn Màiri agnogadh a cinn mar gum biodh i aig coinneamh cheist. Cha robh ceòl sgur aig amhaighstir sgoiles bha mi fhìn glé thoilichte an uair a bhuail an aileag e agus a bfheudar dha suidhe. Thuirt an dotair beagan an uair sin aguss ann a theab cuairt tighinn orm an uair a ghairm e air bean an tighe gus rann a thoirt dhuinn. Ach, feuch thusa, dhéirich Màiri aig ceann abhùird agus an déidh casad beag no dhà a dheanamh—a bheireadh a chreidsinn ort gun robh i eòlach air bruidhinn—thòisich i airTam oShanter. ”

Thug mise uinnleag do Churstaidh Neill, agus ma thug, thòisich aphraoisgeil. Bheirinn rud sam bith air a bhith air taobh eile an doruis. Ach chùm Màiri roimpe agus ghabh i cheathramh den rud a bhann agus dhaithnich mi fhìn gun robh e failleachadh oirre. Dhaithnich agus an dotair, agus thòisich esan air bualadh nam bas feuch an saoileadh daoine gun robh i ullamh.

Gann a chreidinn mo chluasan an uair a chuala mi an dotair afaighnich dhiom fhìn an gabhainn rann. Nise, cha do choisinn mise bonn òir riamh achs math as aithne dhomh puilleachdan beag òrain a ghabhail, agus leis mar a bha mi air mo thàmailteachadh nach ann a thuirt mi gun gabhainnGed tha mo cheann air liathadh.”

Thainig plìon air aodann Màiri, agus thainig e fodham de bhrioscaidean a Cho-op a thoirt dhith eadar an shùil, ach chum mi orm agus an uair a ràinig mi an rann mu dheireadh—

“ ’S na Sasunnaich air am fuadach
A Eilean uain acheò.”

thug mi sùil mhì-cheutach air fear anhydroach bhan trusdarna chadal.

Chan eil fios cho maths a chòrd mi ris an dotairs ris amhaighstir sgoile— ’s aithne dhoibhsan rud math an uair a chluinneas iad e—ach bha mi air mo thàmailteachadh an uair a dhiarr an dotair air aGhall dùsgadh agus fear de dhòrain Burns a thoirt dhuinn.

Dhéirich esan. Rinn e meuran mór agus shéid eshròn agus thug e sùil ormsa. Cha do thuig mi fhìn carson an toiseach, ach nach ann a rinn an trusdar òraid bheag ag innse gun robh e anns an Eilean an uair a bha ena bhalach agus gun gabhadh e òran a bhiodh e agabhail an uair sin. Cha do shaoil mi fhìn dad den rud a bhann, ach nach ann a thòisich e agus e asìor choimhead orm. Agus am bheil fios agaibh a ghabh e? Ghabh an t-òran ud a dhainmich mi, munròs dheirg, dheirgaguss ann an uair sin a dhaithnich mi a bhagam!

Cha do rinn mi dad ach leum gu mo chasan agus a ràdha ri Màiri nach robh mi gu math. Rinn mi air an dorus agus dhachaidh gu Domhnull cha luaths a burrainn dhomh. Arsesan an uair a nochd mi, “An cuala tu a thas abhaile, a Cheit? An Gall grannda ud a bhiodh agabhail òrain Bhurns dhut mun tàinig mi fhìn an rathad!” Rinn Domhnull snodha gàire, ach cha do leig mise smid orm.

titleA’ Mharag
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
reference template

Ceit NicDhomhnuill in Gairm 3 %p

parent textGairm 3
<< please select a word
<< please select a page