An Sgeilb Leabhraichean

Island Heritage, ”leWilliam Cubbon. (George Faulkner & Sons, Ltd., Manchester, 16. 18/- . )

S e cuis-iongnaidh a thann, nuair a smaoinicheas sinn air, gu bheil eilean beag, nas lugha ann am meudachd na Ile, ’na laighe eadar Alba, Sasunn is Eirinn, a ghleidh chun an -an-diugh móran de a shaorsa is a nàisinneachd, agus nach do leig e fhéin riamh gu tur fo chuing Bhreatainn. ’S e sin Eilean Mhanain, no a réir an sgrìobhaidh fhéin Ellan Vannin.

Chan eil duine thogas an leabhar, Island Heritage,nach fhaigh solus ùr, beag no mór, air eachdraidh is staid an eilein sin. Bu chòir do mhuinntir Innse Gall gu h-àraidh suim a ghabhail den eachdraidh sin, oir fad trì cheud bliadhna bha na h-Eileanan a Siar agus Eilean Mhanainnan rìoghachd air leth bho Albainn. Bha am Pàrlamaid fhéin aca, anTynwald, is an righrean fhéin, is tha móran diubh sin air an adhlacadh an I Chaluim Chille. ’S an sin, ’s e naSudreys, noSudreyjar, a theirte ri Innse Gall, agus tha an t-ainm air a ghleidheadh fhathast anns an sgìre easbuigeachSodor and Man.

Ma dhfhàg na Lochlannaich iomadach comharradh air cuid de na h-Eileanan a Siar, mar a tha Leódhas, dhfhàg iad barrachd air Eilean Mhanain, agus tha an sluagh an sin an diugh fada nas mothaichaile air a sin, agus adeanamh barrachd uaill as. Ma thàinig na Lochlannaich a spùinneadh an toiseach, thàinig iad mu dheireadh a lorg fearainn is dachaidh, is thàinig sochairean an déidh achreachaidh. Dhionnsaich iad fhéin is dhionnsaich iad do chàch. Tha so aithnichte anns achunntas a tha Mgr. Cubbon atoirt air an obair-shnaidhidh is an obair-ghràbhalaidh a tha fhathast ri fhaicinn air seann chlachan-uaghach is chroiseansan eilean. Tha feadhainn diubh sin adealbh-riochdachadh nan seann sgeulan Lochlannach, mar a tha anVolsunga Saga, fada mus robh iad air an cur an sgrìobhadh an Lochlainn no an Innis-Tile.

Bha Mgr. Cubbonna cheann air aMhuseum Mhanainich, agus tha e eòlach air seanadaireachd(archaeology)an Eilein. Ach tha e cuideachd ag innse móran mu eachdraidh an Eilein, anns na seann làithean, agus a rìs nuair a bha e an seilbh nam Morairean Stanley agus Diùcannan Athoill, agus gu ruig an -an-diugh. Tha cunntas ann air aPhàrlamaid aca, air bathar is marsantachd, air aMhuseum, air litreachas an eilein, agus air daoine ainmeil na dùthcha.



[87]

Ma tha coire ri fhaotainn air an leabhar, ’s e gu bheil an t-ùghdar cho làn de euchdan a dhaoine. Dhfhaodadh nach fheàirrde an eachdraidh sin corr uair, ach gabhamaid a leisgeul. Chan eil an leabhar gun àbhachd. So eadar-theangachadh air na tha sgrìobhte air clach-uaghach an Easbuig Rutter:

Anns an tigh so a ghabh mi om chompanaich, na cnuimhean beaga, tha mise, Sam, le cead Dhé Easbuig air an eilean so, ’nam laighe an dùil ri ais-eirigh fhaotainn. Stad, a leughadair! Thoir sùil is dean fanaid air Pàilis an Easbuig. Chaochail e air an 30mh den Mhàigh, 1662.”


The Scottish Islands, ”le George Scott-Moncrieff. (Batsford, 1952.)

Tha ughdar an leabhair bhrèagh so e-fhéin eòlach air a bhith afuireach air eilean—Eilean Eige—agus chan eil abheag de na h-eileanan a tha e adeanamh luaidh orra air nach do chuir e cas uair no uair-eigin. Theagamh gu bheil cuid dhiubh nas dlùithe do a chridhe na cuid eile. Dhfhaodadh gur h-fheàrr leis Arcaibh na Innse Gall, agus gur h-iad na h-eileanan Caitligeach as motha ghluaiseas aigne na na h-eileanan Pròstanach. Dhiarramaid an cuid de earrannan tuilleadh eòlais air na daoine agus nas lugha air na h-eòin. Ach feumaidh fear-sgrìobhaidh a leithid so de leabhar srian a leigeil le a mhac-meanmain far an fheàrr a dhfhuilingeas e e, air eagal gum fàs an luchd-leughaidh sgìth de dhabhdail.

Tha móran aig Scott-Moncrieff ri ràdh mu chumadh na dùthcha is mu chumadh nan togalaichean a tha air feadh na dùthcha. Tha e mion-eòlach air gach rian-togalachd a bha air a chleachdadh an Albainn, air tigh no air eaglais, agus mar sin tha ena fhear-iùil ealanta gu broch ann an Sealtain, no Cathair-eaglais an Naoimh Magnus an Kirkwall, no Tur Chliamains na Hearadh.

Ach ma thabête noireaige os cionn chàich, ’s e sin an tigh ris an can an sluaghprefab .Tha e acur cais is fearg air gu bheil an leithid air brùchdadh a mach air cneas glan na Gaidhealtachd. Ach chan eil an sin, tha e ag ràdh, ach aon de na dòighean anns a bheil truailleadh nam bailtean móra, na truailleadhIndustrialismatighinn oirnn—biadh an canastairean, aran air fhuinne mu dheas, paipearan is leabhraichean is dealbhan air an seotadh oirnn ann an cànain nach buin dhuinn is gu tric air cuspairean nach fhiù.

Agus cuide ri sin uile tha faisg air ceud dealbh, thalls a bhos air feadh nan eileanan. Bfhiach an leabhar a cheannach air an sgàth-san fhéin.


Scotch, ”le Sir Raibeart Brus Lockhart, K.C. M.G. (Putnam, 15/- .)

Uisge-beatha! Chan eil dad mu dheidhinn deoch nàiseanta na h-Albann nach eil air a chur sios ann an dubhs an geal an so. Chan e fear gun eòlas a dhfheumadh feuchainn ri eachdraidh an uisge-bheatha a chur an clò, agus chan e fear gun eòlas a rinn sin ann an so. Chan eil seòrsa de uisge-beatha air nach eil an sgriobhaiche eolach, agus chan eil seòrsa air nach eil e atoirt iomradh. Blas, cosguis, dath, deanamh—tha iad mu ar coinneamh ann an so, agus



[88]

chomhairlicheamaid dhuibh an leabhar so a cheannach agus a leughadh gus feasgar fliuch a chur seachad ged nach blaiseadh sibh air a chuspair gu brath. Tha sinn fior thoilichte fhaicinn cuideachd, gun dthugadh a mach clò-bhualadh eile de aon de leabhraichean eile an ughdair so—“My Scottish Youth. ”Tha e air a chur a mach leis na clo-bhualadairean so shuas aig pris, 7/6.

Anns an dol seachad, tha aon leabhar eile a thainign ar rathad a bu mhath leinn ainmeachadh. Còrdaidh e ruibh ma tha ùidh agaibh ann an sealg agus anns an toileachas a tha co-cheangailte ris. “No Sportsman At All, ”le J. K. Stanford. Faber & Faber, 18/ -.


Eilean Fraoich.” (BhonStornoway Gazette, 67 Kenneth Street,Steòrnabhagh, 3/- .)

Bho a thàinigEilean Fraoicha mach aig ám na Nollaige, faodaidh gun saoil cuid gum bheil e anmochs an latha gus iomradh a thoirt air. Ach chan eil. ThaEilean Fraoich,” a thaobh crutha agus sgrìobhaidh, ùr bho dhara ceann na bliadhna chun achinn eile, agus gu dearbha, bho bhliadhna gu bliadhna.

Is e so an dara uair aig Gasait Steòrnabhaigh am bliadhnachan taitneach so a chur a mach, agus is e rùn an fhìr deasachaidh (an sàr sgrìobhaiche sin Seumas Grannd) dealbh shoilleir a chlàradh de bheatha agus de chaithe beatha nan Eileanan, agus Eilean Leódhais gu sonraichte. Tha còrr agus trì fichead dealbh an so—a ’ toiseachadh leis aBhanrigh abruidhinn ri banaltruman Leódhasach agus acrìochnachadh leis an t-sàr ghaisgeach, am Polasman Iain Macleòid, a chaill a bheatha an ceann a dhleasdanais an Glaschu. A thuilleadh air a sin, tha againn suas ri fichead earrann sgrìobhaidh—earrannan geur-thuigseach taitneach agus earrannan aotrom éibhinn. Ach saoileam gur e call a tha ann nach eil eadar na clàran ach aon earrann bheag Gàidhlige. Co-dhiùbh no co-dheth, so leabhar a bu chòir a bhith air sgeilpe an dreasair aig a h-uile Leódhasach agus Hearach, agus leabhar a bu chòir a chur gu gach caraid thar chuain. Tha e ri fhaotainn bho oifis a Ghasait an Steòrnabhagh, agus cuiridh trì sgillinns bonn nan sia a bharrachd air na trì tasdain gu ceàrna sam bith den t-saoghal e.


Herdsmanship, ”le Newman Turner.
(Clò-bhuailte le Faber & Faber, 18/- .)

Cha robh Newman Turner ach cóig bliadhna dhaois an uair a bhleoghain e a cheud bhó. Aig bhliadhna dheug, bha e ableoghan dusansan latha agus bhon uair sin cha tug e sùil riamh air ais; an diugh tha e am measg an fheadhainn as eòlaichesan t-saoghal air crodh bainne. Anns an leabhar so, tha e atoirt dhuinn comhairle air àrach is togail chruidh bainne agus, a bharrachd air a sin, iomradh air galairean laoigh is chruidh agus air an leigheas. Chan eil rùm an so gu leudachadh air maitheas agus grinneas an leabhair, ach theireamaid so—gum bu chòir e bhith ri laimh a h-uile duine a tha idir an sàs an crodh.

titleAn Sgeilb Leabhraichean
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
reference template

Gairm 3 %p

parent textGairm 3
<< please select a word
<< please select a page