Eachdraidh an Iasgaich an Leódhas

Le SEUMAS MACTHOMAIS.

III.Clann-nighean an Iasgaich.

CHA bhiodh eachdraidh an iasgaich idir coimhlionta gun iomradh urramach a dheanamh air acho-roinn a bha aig achloinn-nighean anns an obair agus air gach fearas-chuideachd a bhana cois. Is ann ri iasgach an sgadain a bha togradh gach caileige is maighdinn eadar sia bliadhna deug agus leth cheud bliadhna air feadh an Eilein air fad. Be an cutadh acheud obair aig nìonaig agus be an obair dheireannach roimh ám pòsaidh.

Cho luath agus a rachadh na fir gu muir mun deicheamh den Chéitin, thogadh na boirionnaich orra gu Steòrnabhagh, am prìomh phort iasgaich, far an tionaileadh iad as gach clachan. Achuid diubh a bha tighinn fad as, is ann glé ainneamh a thilleadh iad chon an dachaidhean fhéin gus am biodh an t-iasgach Samhraidh seachad mu na Dròbha, fìor thoiseach an Iuchair, ach na bha tighinn as na bailtean dlùth air abhaile mhór bhiodh iad sin air aiss air adhart on dachaidhean dan cois, oir cha robh innealan giùlain ann anns an ud.

Baighearach air cabhsair iad afeitheamh gus an ruigeadh na bàtaichean fo làn aodach an laimrig gach madainn. Bu ghrinn, sgoinneil iad, gach le muilichinnean truiste os cionn nan uilnean, ’s le polca druidte teann mu a meadhon agus còta goirid drògaid, ceann-ruisgte no le beannaig mu a bathais. Bu ghreadhnach an iomairt agus bàrd a sheinneadh iad na seann òrain agus na puirt Ghàidhlig a bha cho fileanta air am bilean. Bhiodh mire-chatha air bioran afigheadh stocainean dearga is gorma, agus geansaidhean bòidheach putanach.

Ach cha bu luaithe bhiodh an sgadan anns abhucas na sguireadh an t-seinn, agus aphaisgte na bioran. Bu chlis a ghluaiseadh achutag an làimh gach nìonaig, agus bu trang am pacair acàradhs adinneadh sreath air muin sreatha anns abharaille. Bha an tuarasdal a réir na lionadh iad, dithis anns gach sgioba acutadh agus apacaigeadh. Cha robh dìth comhraidh orra am feadhs a bha an obair adol air adhairt, ach cha chuireadh gearr-ghobach maille air aon agus be dian shaothair am fearas-chuideachd bu docha leotha.

Cho luaths a bha an cunntas luathaireach seachad bha na bàtaichean ach beag afalbh dhionnsaigh nam puirt a sear, gu ruige Gallaibh, ABhruaich, Ceann Phàdruig, agus Sealtain, agus bha achlann-nighean a mach air an sàil. Cha tigeadh iad air ais tuilleadh gu deireadh Lùnasdail.

Fad na h-ùine a bha iad air falbh as an dùthaich cha robh gainne air sùgradh no cur-seachad. Far am biodh na caileagan gheibhte na gillean an oidhche nach biodh iad aig muir, agus far an robh iad le chéile bha eòlas agus càirdeas air an neartachadh, iochd is coibhneas is carrthanas air am fadadh daonnan, agus cha robh sòradh air toil-inntinn is cridhealas far an tionaileadh iad. Fad agheamhraidh aig an tigh chumadh e comhradh riutha adeanamh ath-luaidh air na h-àiteachan a thadhail iad, na nithean a chunnaics a chuala iad aig an iasgach, agus air na fir agus na mnathan air an do chuir iad eòlas.



[18]

Bu chlis a ghluaiseadh achutag . . . .”
(J. Allan Cash.)

Ma bha togail aig achloinn ri ath-philleadh nam bàtaichean á Gallaibh agus ris na briosgaidean cruaidhe, cruinne bha air an dòrtadh air am beulaibh air amhol gus nach biodh beul no pòcaid ann a chumadh an corr, agus ma bha biadh is fiodh is ùirneis air son tighenan toil-inntinn do na màthraichean, cha be ruighinn sàbhailte nan cisdeachan oiseannach aig achloinn-nighean bu lugha ris an robh sùil aig sean is òg. Abhliadhna bha an cosnadh gu math chan ann leth-fhalamh a thigeadh iad ach làn agus acur thairis leis gach goireas a bfheàrr na chéile—aodach tighe, aodach caitheamh, ribinnean, soithichean, is tiodhlacan do gach aon a bha feitheamh gu dòchasach aig baile. ’S e mór anns achlachan an thigeadh na cairtean á Steòrnabhagh luchdaichte le annasan de gach seòrsa. Is iomadh dachaidh a dhfhàg am beannachd aig cridheachan farsuing, fialaidh clann-nighean an iasgaich.

Bha an cosnadh-san, gun teagamh sam bith, adeanamh barrachd feuma do na teaghlaichean na bha cosnadh nan gillean. Bha iad acur gu buil mhath na gheibheadh iad, gun anacaitheamh no -stuamachd. Ach ged a bha na fir dìcheallach gu leòir asolaradh an teachd-an-tìr, bha iad gu minig glé ullamh gu bhith dealachadh air bheagan feuma ris na choisneadh iad.

Cha bann dìomhaineach a bha na caileagan acaitheamh an ùine nuair a thigeadh iad dhachaidh. Bha na tighean ran uidheamachadh, am bàrr ra chruinneachadh agus ra thasgadh gu sabhailte air son agheamhraidh. Cho luaths a bha crìoch air obair an fhoghair, an t-arbhar anns na cruachan fo lìons fo shìoman,



[19]

agus am buntàta anns na sluic, bha iad uile, ach an fhìor fheadhainn a bòige, dol gu iasgach Shasuinn far an robh iad an sàs gu deireadh na Samhna.

Nuair a thilleadh iad á Sasunn bha fois aca o obair a muigh gus an tigeadh ám an àitich an ath Earrach. Ach cha robh làmh no cas dhìomhain a stigh. Bha glanadh is nighe is sguabadh ag agradh gàirdeanan fèitheach, agus chan ann idir gun saothair làitheil a bha gach being is séis, gach stòl is tallan air an sgùradh cho geal ri sneachda na h-aon oidhche.

Is minig a dhearbh calanas mun chagailt gur e lìonmhorachd nan làmh dhfhàgas an obair aotrom. Bhiodh màthraichean is nigheanan acìreadhs acàrdadh, asnìomhs atachrais fad nan oidhcheannan geamhraidh mus ruigeadh cloimh nan caorach abheirt. Bha fuaigheal is figheadh daonnan air bòrd oir cha robh aodach atighinn á bùth a dheanadh làmhan aig baile.

Ach gheibhte ùine air son sùgradh agus cur-seachad cuideachd. Be ám agheamhraidh ám na céilidh. Chruinnicheadh an òigridh ri ra-soluis anns na tighean céilidh, aguss e an t-anmoch a bheireadh dhachaidh iad. Am feadh a bhiodh na gillean ri deasbaireachd, aseinns acomhradhs ag innseadh sgeulachdan bhiodh achlann-nighean afigheadhs adeanamh ath-luaidh air na chuala iad agus na thachair riutha air falbh far an dfhuair sluagh an Eilein eòlas buan agus mionaideach air a chéile.

Cha robh ach aon àite bheireadh faochadh don tigh chéilidh, agus be sin an tigh luaidh. Nam biodh luadhs abhaile chluinnte e, agus far am biodh luadh bhiodh cuideachd. Mu àrd fheasgair chruinnicheadh na caileagan. Le gàirdeanan rùisgte agus beannagan iomadh dathach shuidheadh iad mun chlèith, ochdnar no deichnear, le sùrd is aighear is glòir.

Gus an obair aotromachadh thogte fonn nan iomadh rann, agus cha robh òran luaidh a chualas a riamh nach seinneadh iad mus biodh an obair ullamh. Cha luaithe thòisicheadh na h-òrain na thionaileadh fir is mnathan, òigridh is clann gus am biodh an tigh air a lìonadh. Cho luath agus a bhiodh an t-aodach air a luadh agus air a phasgadh, agus an t-suipeir seachad bha an danns atòiseachadh, ’s aleantainn. Be an toil-inntinn da rìreadh a bhith an cridhe na cuideachd.

Bha an céilidh agus an luadh gu math ach bho ám gu ám bha cur-seachad ann a bheireadh barr orra le chéile. ’S e na rèitich agus na bainnsean barr-mullaich an t-sùgraidh. Far am biodh banais bhiodh cruinneachadh de gach seòrsa, inbhich is òigridh. Gheibheadh na dlùth chàirdean cuireadh chon an rèitich bhig, nuair a bha cumhnant pòsaidh air a sheulachadh le biadh is deoch gun ghainne. Chruinnicheadh inbhich abhaile dhionnsaigh an rèitich mhóir far an robh ceòl is aighear gu madainn -arna-mhàireach, ach gheibheadh muinntir abhaile gu h-iomlan cuireadh fialaidh dhionnsaigh na bainnse. Bhiodh ceòl is dannsadh o anmoch gu madainn aig an òigridh, ith is òl is othail aig gach neach gus an cuireadh iad achàraid òg a chadal. Aguss e clann-nighean an iasgaich a bha air toiseach agus air deireadh gach cuirme.

Chrìon obair an iasgaich uidh air n-uidh o chionn iomadh bliadhna a nis, dhfhalbh móran de na cleachdaidhean air an robh sinn eòlach, agus saoilidh sinn nuair a thachair sin gun deach an solus as.

titleEachdraidh an Iasgaich an Leòdhas III – Clann-nighean an Iasgaich
writersJames Thomson
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
reference template

Seumas MacThómais in Gairm 3 %p

parent textGairm 3
<< please select a word
<< please select a page