“An Dotair Bàn”
le IAIN N. MACLEOID
(Alasdair Mór).
B’E an lighiche Alasdair Macleòid, no “An Dotair Bàn” mar a chanadh iad ris, aon de na laoich a bu chliùitiche agus a bu mhóralaiche a rugadh an Innse Gall anns an ochdamh linn deug. An uair a bha mise òg, bhithinn a’ cluinntinn gu tric mu chuid de na h-euchdan móra a bha e an còmhnaidh a’ deanamh, oir bha móran beò anns an Eilean Sgitheanach an uair sin aig an robh cuimhne air a ghnìomharan fhéin-àicheil, agus air gach obair iongantach a rinn e iomairt airson cor nan eileanan a leasachadh cho fada is a b’urrainn da. Anns a’ chunntas ghoirid so bu chaomh leam aithris a dheanamh air cuid de na gnìomharan cliùiteach a rinn an Dotair Bàn—gnìomharan a rinn e ’na dhuine cho fiùghail agus a bha beò ’na latha fhéin an Innse Gall.
Rugadh Alasdair Macleòid an Cille-Pheadair an Uibhist a’ Chinn a Tuath, anns a’ bhliadhna 1788. Bha e an dlùth chàirdeas do Alasdair Macleòid, an t-seachdamh Ceann-cinnidh a bha an Ratharsaidh, agus bhuineadh a mhàthair do Ruairidh, an ochdamh Triath air Dun-bheagain, a bha pòsda aig nighean an naodhamh Morair MacDhòmhnuill Shléite. Bha na daoine ó an tainig e ’nan tuathanaich ré iomadh linn an Ruige, air taobh-sear Thròndairnis, agus mar sin bha e an dlùth dhàimh ri teaghlaichean urramach an Eilein Sgitheanaich agus Uibhist ’na latha fhéin.
Fhuair an Dotair Bàn toiseach a fhoghluim an sgoil na sgìre anns an d’rugadh e. An uair a bha e glé òg, thuig a oid-fhoghluim gu robh tàlantan buadhmhor air am buileachadh air a’ bhalach òg so, agus aig an ám a bha sud, bha sùil a’ mhaighstir-sgoile an còmhnaidh air gach sgoilear acfhuinneach a bhiodh air a bhialaibh, agus bhiodh e a’ gabhail saothrach nach bu bheag ri an ionnsachadh, oir bha a chliù fhéin mar oid-fhòghluim gu mór an crochadh air àireamh nan sgoilearan a bha e comasach air ullachadh airson a dhol dìreach do aon de na h-Oilthighean. Bha móran de na seann mhaighstirean-sgoile aig an ám ud glé fhileanta an Laidinn agus an Greugais. Bha aon diubh sin, do am b’ainm Arbuckle, ’na mhaighstir-sgoile an Tigh Ghearraidh, an Uibhist a’ Chinn a Tuath, agus an uair a bhiodh e airson aon sam bith de na nàbaidhnean a chàineadh, shìneadh e orra am bàrdachd Laidinn an làraich nam bonn!
Tha e soilleir gun do ghabh am maighstir-sgoile saothair a bha mór ri Alasdair òg, agus o na bha a athair ’na dhotair anns an sgìre, rinn esan cuideachadh leis aig an tigh. Mar sin, bha uaill agus pròis nach bu bheag air a’ mhaighstir-sgoile an là a bha e comasach air Alasdair a chur do Oilthigh Dhun-eideann a mach as an sgoil aige fhéin an Uibhist a Tuath.
Thug Alasdair Macleòid a mach foghlum na dotaireachd anns a’ bhliadhna 1809, agus fhuair e àite a athar mar dhotair an Uibhist. Cha b’fhada gus an do sgaoil a chlìu mar lighiche sgileil, acfhuinneach, air feadh an eilein gu léir, agus bhiodh daoine tinne a’ tighinn as
gach ceàrnaidh de Innse-Gall a dh’iarraidh leigheis air. Bha lighichean glé annamh agus fada o chéile an Innse-Gall an uair sin, agus bha e uamhasach duilich faighinn o eilean gu eilean le cion ghoireasan aisig. Cha robh teleafon no teleagrabh aig an Dotair Bhàn an Uibhist ’na latha, agus cha mhotha bha carbad de sheòrsa sam bith aige, agus ged a bhiodh na goireasan sin aige, cha bhiodh iad gu feum sam bith dha a chionn nach robh òirleach de rathad mór an Uibhist aig an ám ud, ach frith-rathaidean troimh na boglaichean agus na monaidhean. Agus cha robh dòigh air faighinn gu tìr-mór ach leis a’ phacaid a bha a’ seòladh uair no dhà anns an t-seachdain o Loch nam Madadh gu Dùn-bheagain.
Gun teagamh , tha e fìrinneach nach robh lorg anns na h-eileanan, ri linn an Dotair Bhàin, air móran de na h-eucailean a tha buailteach do mhuinntir Innse-Gall an diugh. Bha na h-eileanaich làidir, fallain an uair sin. Bha caithe-beatha nàdurrach aca, agus bha iad beò air a’ bhiadh fhallain a bha a’ fàs air an croitean fhéin, agus bha an t-iasg ùr a bha cho pailt timcheall air na cladaichean aca a’ cur smior agus smuais ’nam bodhaigean. Ach a dh’aindeoin sin uile, bha eucailean ’nam measg agus cha b’ann do an deòin a leigeadh iad ris gu robh iad a’ gearan gus an toireadh an dubh-éigin orra.
Ach a dh’aindeoin gach cnap-starraidh a bha sin, lean an Dotair Ban còir air a bhith toirt leighis agus comhfhurtachd do gach neach a bha a’ cur feuma air sin, agus bha a thigh an Cille-Pheadair gu tric na bu choltaiche ri tigh-eiridinn na ri fàrdaich dotair.
Anns a’ bhliadhna 1818, phòs e Màiri, nighean Choinnich Chaimbeil a Srannda, an ceann a deas na Hearadh, agus b’i bean Choinnich Chaimbeil nighean Dhòmhnuill MhicLeòid Bheàrnaraidh na Hearadh—caraid dìleas do Phrionnsa Teàrlach.
A bharrachd air a bhith ’na dhotair an Uibhist a Tuath agus anns na h-eileanan eile mun cuairt air, bha an Dotair Bàn ’na bhàillidh aig Bean Mhic Gille Eathain a bha ’na h-uachdaran air Boraraidh agus Griomasaidh. Anns an dreuchd sin dh’fhoillsich e na ceud-fadhan iongantach a bha air am buileachadh air.
Dhealbh e innleachdan airson am fearann a dheanamh na bu toraiche, agus shoirbhich an iomairt sin a rinn e. Ghabh e tuathanachas Chille-Pheadair air mhàl, agus cha b’fhada gus an do dhearbh e gu robh e cho acfhuinneach mar thuathanach agus a bha e ’na lighiche. Thog e tigh air an tuathanachas, agus bha e fuireach an sin gus an d’rinn e imrich gu Baile an Lòin timcheall air a’ bhliadhna 1820.
Chuala am Morair MacDhòmhnuill, aig an robh oighreachdan anns an Eilean Sgitheanach agus an Uibhist, mu dhealas an Dotair Bhàin mar lighiche agus mar thuathanach acfhuinneach, agus mar sin, timcheall air a’ bhliadhna 1829, rinn am Morair e ’na bhàillidh air a oighreachdan gu léir, agus thainig an Dotair Bàn an uair sin a dh’fhuireach do Phort-righeadh. Thug an oifig urramach sin cothrom dha air a bhuadhan iongantach a chur an céill ann a bhith a’ cur air adhart oibrichean de gach seòrsa.
Tha an dà Uibhist làn de lochan thall is a bhos, agus tha a’ mhuir a’ cladhach fada stigh do na lochan-mara air gach taobh. Thug e mun airidh gum biodh na lochan-mara sin air an tràghadh, agus an uair a
rinneadh sin fo a stiùireadh glic fhéin, bha am fearann a bha roimhe sin fo an mhuir ’na thalamh torrach le bàrr trom agus feur am pailteas. Is e fhéin a dhealbh na gàraidhean-dìon a chaidh a thogail airson a’ mhuir a chumail a mach. Thràigh e cuideachd móran de na lochan beaga a bha cho lìonmhor anns an eilean, agus bha coirce, eòrna, buntàta is feur a’ fàs anns an talamh mhìn thorrach a bha roimhe sin còmhdaichte le uisge.
Chan eil teagamh sam bith nach bi cuimhne mhaireannach air an Dotair Bhàn an Uibhist airson gach innleachd a chuir e an cleachdadh ann a bhith tràghadh Loch Scolpaig an Uibhist a’ Chinn a Tuath. Bha an t-innleachd sin a’ cur dragha air airson ùine fhada.
Chuir e na croitearan a dh’obair gun dàil, agus ri tìde bha Loch Scolpaig air a thràghadh gu tioram, tràsgaidh. Bha seann dùn no daingneach am meadhon an locha. Bha an làrach so air a fàgail mar a bhà i, agus thog iad dùn beag oirre agus chuireadh Crois a fhuaradh an seann chladh Chille-Pheadair air mullach an Dùin, agus is e so eadar-theangachadh air an sgrìobhadh a chaidh a ghràbhaladh air a’ Chrois: “Thogadh an seann Chrois so a fhuaradh an seann chladh Chille Pheadair air a’ churra so le Alasdair MacLeòid an Dotair Bàn, Baile an Lóin, 1830-40.”
Ri linn an Dotair Bhàin bha mìltean de ghainmhich ghil air taobh an iar Uibhist a Tuath—gainmheach a bha air a luasgadh a null agus a nall leis gach gaoith a shéideadh agus anns nach robh feum sam bith do dhuine no do ainmhidh. Chuir an Dotair còir roimhe gun tionndaidheadh e a’ ghainmheach sin, gu bhith ’na talamh feuraich airson ainmhidhean a’ bhaile.
Far an robh gainmheach fhuasgailte chuir e muran a tha an còmhnaidh a’ fàs anns a’ ghainmhich. Cha b’fhada gus an do sgaoil freumhan a’ mhurain air feadh na gainmhich agus an ùine nach robh idir fada bha machair réidh ann le muran is feur is neòinean. An uair a thainig am muran gu ìre bhiodh na croitearan ’ga ghearradh le corrain agus ’ga chur ’nan saibhlean. A bharrachd air sin bhiodh iad a’ deanamh iomadh acuinn-tighe de an mhuran mar a bha bratan-ùrlair, ròpan, stòil, cathraichean agus bràidean-each.
Tha an Fhaodhail Mhór a tha eadar Càirinnis an Uibhist a Tuath agus Gramasdal am Beinn-Bhaodhla cóig mìle air fad. Faodaidh neach coiseachd a null oirre ri muir-tràigh ach tha an t-slighe sin glé chunnartach eadhon do na h-eòlaich a chionn gu bheil lochain dhomhain air a fàgail leis a’ mhuir an uair a tha i tràghadh agus tha sùghanaich far nach saoil neach. Ma théid an coisiche air àruinn aon diubh sin tha e air a shlugadh as an t-sealladh agus chan fhaicear a dhubh no a dhath gu bràth tuille. Is ioma sgiorradh muladach de an t-seòrsa sin a thachair an uair a bhiodh daoine dol thairis air an fhaodhail.
Thug an Dotair Bàn mun airidh gum biodh cùirn air an togail a’ comharrachadh a mach na slighe shàbhailte a null air an fhaodhail. Tha na cùirn sin ri am faicinn fhathast ged a tha cuid aca gu mór air tuiteam. An uair a bha an Dotair Bàn ’na bhàillidh anns an Eilean Sgitheanach rinn e réidhlean grinn còmhnard air mullach a’ Mheall am Port-righeadh, airson gum biodh e ’na fhaiche-cluiche aig
muinntir a’ bhaile, agus fhuair e flùraichean agus craobhan beaga, a chuireadh ceithir thimcheall air an àite sin.
Thog e Tùr am meadhon a’ Mheall agus b’e a bheachd gum biodh seana rudan a bhuineadh do’n eilean air an gleidheadh gu cùramach anns an Tùr sin. Tha an Tùr an sin fhathast ach cha deachaidh crìoch a chur air riamh.
Bha ’na bheachd cuideachd amaran-failcidh a dheanamh shìos air cladach Phort-righeadh ach cha deachaidh leis anns a’ chùis sin.
Is ann ri linn an Dotair Bhàin a chaidh Loch Chaluim Chille an Cille Mhoire an Trondairnis a thràghadh gu muir. Rinn am Morair MacDhomhnuill fhéin dà ionnsaigh air an loch sin a thràghadh, an 1715 agus 1760 ach cha deachaidh leis gu maith anns na h-oidhirpean sin. Ghabh an Dotair Bàn an obair os laimh agus chaidh Loch Chaluim Chille a thràghadh gu tioram anns a’ bhliadhna 1824. Chaidh saothair shia bliadhna a chur anns an obair sin a chosg £10 ,000.
Chaochail am Morair MacDhòmhnuill anns a’ bhliadhna 1835, agus an uair sin chaidh an Dotair Bàn air ais gu a sheann dachaidh am Baile Lòin an Uibhist agus bha e ’na lighiche an sin ’na sheann sgìre.
Timcheall air a’ bhliadhna 1844, rinn an Coirneilear Gordon e ’na bhaillidh air a oighreachdan am Beinn-Bhaoghla, Uibhist a’ Chinn a Deas agus Barraidh, agus an uair a chaochail an Coirneilear thainig an Dotair Bàn air ais do Phort-righeadh gu bhith ’na lighiche air son an Eilein Sgitheanaich gu léir. Chuala am Morair MacDhomhnuill a leithid de chliù iongantach air an Dotair Bhàn agus gun do thairg e dha bhith ’na lighiche an Sléite agus anns an t-Srath, agus an Cnoideart air tìr-mór. Ghabh an Dotair ris an tairgse sin.
Is ann air an 12mh de an Ghiblein 1854 a thug e a’ cheud sgrìob gu Cnòideart mar lighiche. Chaidh fios cabhagach a chur air airson a dhol a dh’amharc air bean cìobair a bha tinn an gleann iomallach an Cnòideart. Cha robh rathad mór no frith-rathad a’ treòrachadh a dh’ionnsaigh an tighe sin ach dìreach ceum cam duatharach troimh an mhòintich. Thàinig an oidhche air mun d’fhuair e tilleadh agus chaill e a shlighe agus thuit e le creig agus chaidh a leòn gu bàs. Fhuaradh a chorp an ceann dà latha agus chaidh a ghiùlan gu cladh Chille Mhoire an Uibhist a’ Chinn a Tuath.
B’e an Dotair Bàn Gàidheal cho urramach agus a sheas am bròig leathraich anns an naodhamh linn deug—duine a bha gach là a’ deilbh ghnìomharan agus innleachdan a bhiodh a chum maith a cho-chreutair. Agus gach innleachd a dhealbh e air an d’ rinn mi iomradh chuir e an cleachdadh agus thug e iad uile gu buil air a’ cheann thall. Bha ceud-fadhan iongantach air am buileachadh air agus cha do chaomhain e a chorp no a inntinn ann a bhith ’gan cur gu feum nan eileanach. Ged a tha nis suas ri ceud bliadhna o na chrìochnaich e a thurus tha e fathast a’ labhairt agus bu chòir do na h-eileanaich agus na h-Uibhistich gu h-àraidh am mìle beannachd a thoirt air an latha a thàinig e ’nam measg an toiseach.
[Tha móran sgeulachdan mun Dotair Bhàn air bilean an t-sluaigh fhathast—ann an Uibhist agus anns an Eilean Sgitheanach agus air Tìr Mòr. Bhitheamaid fada an comain dhaoine aig am bheil an leithidean sin nan cuireadh iad thugainn iad—NA FIR- DEASACHAIDH] .
title | An Dotair Bàn |
internal date | 1953.0 |
display date | 1953 |
publication date | 1953 |
level | |
reference template | Iain N. Macleòid in Gairm 3 %p |
parent text | Gairm 3 |