[210]

Dòmhnall Mhogastad agus Seasaidh Bhaile Raghnaill

COINNEACH MAC A’ PHEARSAIN (Cille Mhoire)

BHO linntean ciana bha Iochdair Thròndairnis iomraideach ann an eachdraidh na h-Albann. Is gann gu bheil òb no rudha, cnoc no gleann den cheàrn seo den Eilean Sgìtheanach aig nacheil a sgeul fhéin ri innseadh. Tha aon sgeul àraidh ann a tha min dùil a bhios air aithris an Cille Mhoire cho fads a bhios aGhàidhlig mar a tha i fhathast ri cluinntinn mun chagailt. ’S e sin an sgeulachd mu Dhòmhnull Mhogastad agus Seasaidh Bhaile Raghnaill.

Bha Dòmhnull Mhogastadna òganach cho sgairteil is cho eireachdails a bhasan Eilean Sgìtheanach, agus Seasaidh Bhaile Raghnaillna maighdean cho bòidheach dreachmhors a gheibhtes na h-Eileanan an Iar gu léir, is bha meas mór orra le chéile. Bha Dòmhnull de theaghlach uasal mar a bha Seasaidh i fhéin, ach ged a bha baile fearainn aig Uisdean Mhogastad, athair Dhòmhnuill, bha teaghlach mór ann is cha robh sùil aig Dòmhnull ri roinn a bfhiach a thighinn air fhéin.

S e duine cothromach a bhann am Fear Bhaile Raghnaill is cha robh e afaicinn Dhòmhnuill math gu leòir don nighinn aige-san. Gu ach gun tàinig bàillidh Gallda, dom bainm Cooper gu ruige Uidhist is thuit esan an trom ghaol air Seasaidh. Bha gu leòir de chuid an t-saoghail aige-san agus chòrd an gnothach gu ro-mhath ri Fear Baile Raghnaill. Cho-éignich e Seasaidh gu gealladh pòsaidh a thoirt do Chooper is rinneadh cuirm mhór air sgàth achùmhnaint a sheulachadh. Cha robh dìth air ceòl is fleadhachas.

A suas ri meadhoin oidhche ghearain Seasaidh nach robh i afaireachadh gu math is thog i oirre suas an staidhir gu a seòmar fhéin. Las i coinneal is chuir i anns an uinneig i agus cha bfhada gus an do nochd Dòmhnull e fhéin, is gun fhios gun fhàth, gun fhaireachadh rinn e fhéin is Seasaidh air achladach. Bhagam feitheamh an sin bàta le ceatharnaich a Tròndairnis. Thog iad orranan deann adèanamh air an Eilean Sgìtheanach, ach, mar a bha am mi-fhortan an dàn, bha gaoth an eara-dheasnan aghaidh is i asìor shéideadh na bu chruaidhe. Bha an oidhche dubh, dorcha, is cha robh solus no combaist aca. Cha robh ann daibh ach leigeil leatha ruith leis aghaoith.

Ann an camhanaich an latha fhuair iad iad fhéin mu choinneamh cladach Roghadail anns na Hearadh, an dearbh àite a bu mhath leotha leotha a sheachnadh, oir nach bann an sin a bha a chòmhnuidh aig bràthair-màthar Seasaidh, ach bha an soirbheas cho garbh is mach robh an còrr air ach am bàta a leigeil gu tìr. acheud fhear a chunnaic iad air an lamraig rompa ach Fear Roghadail?

Chaidh Seasaidh bhochd a thoirt gu taigh bràthair a màthr agus fhuair Dòmhnull a chàineadh gu bhrògan agus mhaoidheadh air gun a dhubh no a dhath fhaicinn an taobh ud tuilleadh. Ach mun do dhealaich Dòmhnull ri Seasaidh chuir e cagarna cluais gum bitheadh


[211] e air ais an taobh a staigh de thrì làithean no mar thuirt am bàrd e:

Sin thubhairt Maighstir Dòmhnull,
A Sheònaid na bigam chaoidh,
Mun tig an ath Di-Dòmhnuich
Bithidh sinn pòsda ge boil len cridh’;
Fàilte dhuit, deagh shlàinte leat’ .”

Chuireadh Seasaidh fo chìs. Bha bean an taighe acadal anns an aon sheòmar rithe is bha fear faire air a chois fad na h-oidhche.

Ach gu mu Dhòmhnull? Bha e cho math ri fhacal. Thill e don Eilean Sgìtheanach is fhuair e soitheach eile an Uige le sgioba sgoinneil a bha gu math deònach cuideachadh leis. Stiùir iad gu tuath acumail gu math a machs achuan gus an tàinig beul na h-oidhche. An sin dhatharraich iad an cùrsa agus gu bog, balbh aig amheadhon-oidhche, theann na laoich rin gnothach. Mun do mhothaich am fear-faire gu bha tachairt chaidh stail a chur mu bheul, is dhfhiosraich e ceangal nan trì caol gu teann is gu daingeann.

Thachair gun robh caileag shearbhanta a mhuinntir Thròndairnis an taigh Fhir Roghadail agus cha robh ise gun làn eòlas a bhith aice air mar a bha cùisean eadar Dòmhnull is Seasaidh. Bha co-fhaireachdainn aice riutha agus bann le rùn a cridhe a dhaontaich i cuideachadh le Dòmhnull. Mun deach i a laighe dhfhàg i de na h-uinneagan gun a glasadh. Bann oirre sin a fhuair Dòmhnull a staigh.

Cha bfhada gus an dràinig e an seòmarsan robh Seasaidh; thug e rabhadh air an dorus gun robh e air tighinn ach gu a thachair ach gun do mhothaich bean an taighe dhi agluasad is i ag éirigh. Ghabh i amharus gun robh an t-eun a shaoil i bhithsan nead adol a sgaoileadh a sgiathan, is dheubh i na creachan. Dhùisg so a h-uile mac màthar a bha fo chromadh an taighe. Cha robh mionaid ri chall. Chuir Dòmhnull a cheann am mach air an uinneig is ghlaodh e ris na gillean a dhfhàg e am muigh gun robh ena phrìosanach. “Ma tha,” arsa Dòmhnull Ruaraidh a Cille Mhoire, “cha bhi thusa fada mar sin,” is e acur a ghuala ris an dorus is adèanamh bùird dheth. ’S ann an siud a bha an ùpraid, adìreadhs ateàrnadh na staidhre, briseadh ghlasan, fosgladh dhorsan, gus mu dheireadh, neo-ar-thaing do Fhear Roghadail no aon a bha leis, an deach Seasaidh a toirt air falbh, is mun dfhuair an fheadhainn a bha air ùr dhùsgadh as an cadal an toinisg air ais, bha na gillean is na bha iad an tòir air gu sàbhailte air bòrd na soithich, “Ealasaid.” Cha robh iad fadaga cur fo aodach, i thug iad air ball farsuingeachd cuain dhi.

Faodar a thuigsinn gu am beachd a ghabh Fear Roghadail den iomairt seo agus cho luath is a ghabhadh dèanamh, chuir e fios cabhagach gu Baile Raghnaill asparradh air a theachdaire gun e a dhèanamh moille sam bith air a thurus. Ràinig an teachdaire a cheann-uidhe an ath latha agus bha maoidheadh is mionnan an sinnuair a chuir e an céill fàth a thuruis. An làrach nam bonn fhuair Cooper aiseag gu Dun-bheagain far an dfhuair e long agus sgioba a dhfhalbhadh leis an tòir air bàta Thròndairnis. Ach bha iùbhrach Dhòmhnuill am fianuis Rudha Réidh an Geàrrloch, mun dràinig iad Rudha Hunais. Cha robh aca ach saothair an dìomhain is bfheudar tilleadh mar a dhfhalbh iad.


[212]

Ràinig anEalasaidUllapul gu sàbhailte. Chaidh achàraid òg air tìr an sin. Chuir iad an aghaidh ri Glaschu agus le snaim aphòsaidh thug iad bòidean dìleas do chàch a chéile. Chionns nach robh tilleadh dhachaidh ann dhaibh thog iad orra gu Austràilia, far an robh tomhas math de shoirbheachadh aca.

Ged bha Dòmhnull is Seasaidh an nis far nach cuireadh bàillidh no neach eile cùram orra cha bann mar sin a bha achùis do na gillean a chaidh còmhla riutha air anEalasaid.” Cho luath is a fhuair iad dhachaidh, chaidh an lagh a chur orra. Thugadh iad gu cùirt an Inbhirnis, ach fhuair iad dheth. Air abhinn seo a bhith air a toirt am mach, rinn òigridh abhaile othail mhór riutha is bha a leithid de fheala-dhà is de mhagaireachd aca air Cooper is gum bfheudar don duine bhochd teicheadh am mach air dorus-cùil na cùirte, agus thug e aMhanachainn air.

Mu thimchioll ochd bliadhna air ais thàinig dithis ghillean òga, coigrich, do Iochdar Thròndairnis. Co bha seo ach na h-oghaichean aig Dòmhnull Mhogastad is Seasaidh Bhaile Raghnaill, a thàinig a Austràilia a dhfhaicinn na dùthcha as an dfhalbh achàraid air am bi cuimhne fhads a bhios bainne aig boin bhric agus muir abualadh ri lic ann an Tròndairnis mhóir nam bonnach far an dfhàg am bochd a bheannachd.

titleDòmhnall Mhogastad agus Seasaidh Bhaile Raghnaill
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Coinneach Mac a’ Phearsain in Gairm 31 %p

parent textGairm 31
<< please select a word
<< please select a page