[219]

Sean Eolas-Luibh

(II) AN T-AITIONN

LE ALASDAIR IMAC’LLE MHAOIL

GHEIBHEAR an t-aitionn fo iomadh ainm mar, Staoin, Iubhar-beinne, agus Iubhar-àigh. O shean bha ena ghnàths-glanaidh aig na Gàidheil teine aitinn fhadadh air Latha na Bliadhna Uires an taigh-chòmhnuidh agus anns abhàthaich. Dhfheumtadh an connadh seo a spìonadh le a bhun, na meanglanan a roinnnan ceithir pasgan eadar na cóig meòir, agus an duan a ghabhail:—

Buainidh misan t-iubhar-àigh
Roimh chóig aisnean croma Chriosd,
An ainm an Athar, a Mhics an Spioraid Naoimh,
Air bhàthadh, air ghàbhadhs air ghrìobhadh.”

Aig aon am bhatar atrusadh nan caorunn-staoin air monaidhean na Gàidhealtachd, agusgan cur don Olaind, far an robh iad gu bhith leasachadh na braiche on robh an deoch-làidir gin air a tarruing. Tha an t-ainm Tom-aitionn, baile beag faisg air Inbhirnis, mar theisteas air cho pailts a bha am preas seo anns acheàrnaidh.

Loisgeadh na Greugaich caoruinn-staoin aig adhlacadh, gus na deamhain fhuadach. Chuireadh samh an tomain-staoin na coin-sheilge air seacharan, agus bheireadh amhaigheach a casan as aghàbhadh.

Anns an Eadailt chuirteadh am preas-staoin ri taobh an doruis gus na buidsich a ghràineachadh; bha e mar fhiachaibh orra na duilleagan àireamh mus tigeadh iad a steach, a bha ach beag eucomasach.

titleSean Eòlas-Luibh
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Alasdair Mac’Ille Mhaoil in Gairm 31 %p

parent textGairm 31
<< please select a word
<< please select a page