A’ Fàgail Loch Bhraoin
DONNCHADH MACLEOID (Achadh a’ Chàirn)
IS anns a’ bhliadhna 1773 a thàinig soitheach a steach do Loch Bhraoin, an tòir air luchd-imrich a rachadh do Ameireaga a Tuath. Cha b’ e so a’ cheud turus a chaidh an t-soitheach seo, do ’m b’ ainm “Hector,” thar chuain le eilthirich, oir tha e coltach gun chuir i Albannaich air tìr roimhe seo ann am Boston anns a’ bhliadhna 1770. Gu math fada roimh an am sin, cuideachd, tha e coltach gun deach muinntir a taobh Inbhirnis air imrich, le Iain Mór Mac an Tòisich a Borlum air an ceann, agus gu ’n do thuinich iad an Georgia an 1736.
Ach ’s ann air muinntir Loch Bhraoin a tha mo sgeul an dràsda. Bhuineadh an t-soitheach a dh’ ainmich mi cheana do Mhgr. Pagan, marsanta a Grianaig. Cheannaich esan agus fear ris an canadh iad Dotair Witherspoon trì roinn fearainn ann am Pictou, agus as an leth ghabh Mgr. Iain Ros os làimh an t-soitheach a thoirt dhachaidh agus a lìonadh an Albainn le fir-àiteachaidh a bhiodh deònach tilleadh leis do ’n dùthaich chéin seo. Cha bhiodh sgillinn ri phàidheadh air faradh agus a thuilleadh air an sin, ghealladh do gach fear tuathanas ann am Pictou agus lòn bliadhna a nasgaidh. ’Nuair a ràinig an Rosach Alba, agus a thug e cunntas deas-chainnteach air cho taitneach ’s a bha an dùthaich thall, bha móran deònach falbh air ais leis, gach fear a’ roimh-bheachdachadh air an tuathanas àillidh a bhiodh aige a dh’ aithghearr.
Thàinig an t-soitheach gu Grianaig, far an deach trì teaghlaichean agus cóig gillean neo-phòsda air bòrd. A sin sheòl i gu Loch Bhraoin, an Siorrachd Rois, far an d’ fhuair an Rosach trì teaghlaichean deug air fhichead agus cóig gillean fichead. Bhiodh mu dhà cheud eilthireach air bòrd. Tha beul-aithris an Ach- ’ille-bhuidhe ag ràdh gun deach aon fhear a bhàthadh ’nuair a bha iad a’ dol air bòrd ’s an t-soitheach air acair anns a’ chaolas.
B’ ann an deireadh an t-samhraidh, matà, ann an 1773 a ghabh an còmhlan seo soraidh dhùrachdach le dùthaich am breith ’s a chuir iad aghaidh air an dùthaich chéin, is tha e coltach nach robh air bòrd air an turus seo ach dithis, aon seòladair agus Iain Ros e fhéin, a chaidh riamh roimhe thar a’ Chuain Siair. Thàinig pìobaire air bòrd dìreach mu ’n do sheòl iad gun réiteachadh ’sam bith a dhèanamh roimh sin air son falbh, ’s e gun airgiod gun bhiadh. Cha robh an caiptean deònach a thoirt leis, ach rinn càch eadar-ghuidhe air a shon, agus gheall iad a bheathachadh. Mar sin chaidh e còmhla riutha, agus gu dearbh cha bu mhisde an gnothach sin. Bha feum gu leòir air ceòl airson an cridheachan a chumail suas mu ’n do ràinig iad an taobh thall, is bha am pìobaire glé mheasail aca uile. Tha e coltach gu ’m biodh iad a’ seinn, a’ dannsadh, agus a’ gleachd cuideachd, airson an tìde chur seachad air bòrd.
Bha an soitheach cho grod, breòite ’s gun toireadh iad am fiodh as a chéile le meòirean is bha cùram gu leòir air na bha tuigseach ’nam measg. Faisg air Newfoundland thàinig stoirm gharbh is chaidh iad dhe chùrsa cho fada ’s gun tug iad ceithir là deug mu ’n do ràinig iad an dearbh àite a rithist. Cha robh réite no goireasan air bòrd ann, agus gu mì-fhortanach thàinig tinneas nan car agus chaill iad ochd
deug de ’n chloinn leis a’ bhreac agus an tinneas-gearraidh. Smuainich fhéin air an àmhghar a dh’ fhuiling iad ’nuair a leig iad na leanabain ud leis a’ chuan. Mu dheireadh cha robh móran bìdh air fhàgail is bha uisge gann cuideachd. Cha b’ fheàirrd a’ chùis sin oir b’ ann air feòil shaillte a bha iad a nis a’ tighinn beò. Bha an t-aran coirce air liathadh, ach chuir Uisdean MacLeòid ann am poc’ e, ’nuair a bha càch a’ dol ’ga thilgeil air falbh, agus bha iad glé bhuidheach air an déidh sin, ’nuair a bha an t-acras ’gan tolladh. An déidh aon seachduin deug, air a’ chóigeamh là deug de ’n t-Sultuin, leag iad acair anns an acarsaid faisg air an àite ’s a bheil Pictou an diugh. Chuir cuid de na gillean orra an deiseachan Gàidhealach—ged bha iad toirmisgte an Albainn an uair ud—agus, leis a’ phìobaire air an ceann, chaidh iad air tìr ’san fhàsach uaigneach fhiadhaich ud. Nach b’ e siud am briseadh-dùil! Càit’ an robh na h-oighreachdan brèagha ris an robh sùil aca? Cha robh an seo ach coille dhùmhail gun réiteach gun fhàrdach. Cha robh guth air a bhiadh a ghealladh dhaibh. Thòisich iad air togail bhothan airson dìon dhaibh fhéin ’s an teaghlaichean, ach cha b’ e obair coille rud air an robh iad eòlach. Cha robh e ’nan comas sìol a chur no bàrr a bhuain aig an am ud de ’n bhliadhna, is bha cùisean buileach na bu mhiosa bho ’n a bha am fearann a fhuair iad trì mìle co-dhiùbh bho ’n chladach agus cha robh e furasda dhaibh mar sin a bhith ri iasgach. Bha Innseanaich is beathaichean fiadhaich pailt cuideachd, agus chan ’eil ioghantas ’s am bith orm-sa gun dhiùlt cuid dhiùbh tuineachadh far an do threòraich an Rosach agus na fir-ionaid iad. Mu dheireadh thall fhuair na fir-ionaid bathar, ach bho’n a bha iad fhéin ’s na h-imrich a nis a’ dol a mach air a chéile cha toireadh iad seachad dad, ged a bha na Gàidheil ainniseach ’nan airc.
Bhòidich iad gu ’m faigheadh iad an lòn a bha dhìth orra, agus chaidh iad gus na fir-ionaid a cheannach na b’ urrainn dhaibh. Dhiùlt an dithis a choinnich iad dad a thoirt seachad, ach thug na Gàidheil leotha le làmhachas-làidir gach nì air an robh feum aca aig an am. Cheangail iad na fir, an déidh an gunnachan a thoirt bhuapa, thomhais iad a mach gach bathar a bha dhìth orra is rinn iad suas cunntas do gach neach mu ’n do dh’ fhalbh iad, a’ fàgail aon fhir chalma treun airson na fir a leigeil saor ’nuair a bhitheadh càch aig astar sàbhailte.
Chaidh fios gu Halifax gun robh na Gàidheil ri ar-a- mach agus fhuair Caiptean Archibald òrduch saighdearan a thoirt ’nan aghaidh. Dhiùlt e seo a dhèanamh, ag ràdh gun robh esan eòlach air na Gàidheil, nach b’ e reubailtich a bha annta, ’s gu ’n robh iad feumach air cuideachadh. Tha an laoch so airidh air cliù buan airson na rinn e as an leth; fhuair iad cuideachadh nach bu bheag agus tha e air a ràdh gu ’n phàidh a h-uile fear riamh na thugadh dha air dhàil.
’S iomadh rud a dh’ fhuiling iad air a’ cheud gheamhradh ud. Dh’ fhàg cuid dhiùbh an dùthaich agus fhuair cuid eile obair latha meadhonach faisg air làimh, ach bha mhór-chuid ’nan éiginn. Bha an aimsir stoirmeil, le sneachd is gaillionn. Choisich cuid dhiùbh ceithir fichead mìle gu Truro a cheannach bhuntàta is flùr is thug iad leotha sin air ais air an druim. Tha e air aithris gun robh aon teaghlach a’ bruich gucagan nan craobh-beithe airson lòin, is gun do thog teaghlach eile sgoilteannan bhuntàta airson an itheadh, an déidh an cur air son sìl.
Ach ’nuair a thàinig an t-earrach agus an samhradh bha cùisean na b’fheàrr, ged nach robh air fhàgail dhiùbh an uair sin ach trì fichead ’s a h-ochd deug. Bha iad a nis math air sealg, is thòisich iad ri reic fiodha as a’ choille. Beagan bhliadhnachan an déidh sin tha e coltach gu ’n bhuain iad as t-fhoghar 269 tomhais (bushels) de chruithneachd, 13 de sheagal, 56 de pheasar, 36 de eòrna agus 340 puinnd de lìon. Bha stoc aca cuideachd—trì daimh dheug, trì mairt dheug, cóig laoigh dheug, cóig caoraich fhichead agus aon mhuc. Bhiodh iad a’ togail eisear bho ’n chladach agus bha pailteas éisg anns a’ mhuir, is mar sin cha robh eagal an acrais orra tuilleadh, ach ’s mi tha cinnteach nach do dhì-chuimhnich an linn ud ri ’m beò a’ cheud gheamhradh a chuir iad seachad an Ameireaga.
title | A’ Fàgail Loch Bhraoin |
writers | Duncan MacLeod |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Donnchadh MacLeòid in Gairm 31 %p |
parent text | Gairm 31 |