[223]

Piobairean An Eilein

EOIN DOMHNULLACH (Cille-Mhoire)

AN co-cheangal ris gach beinn is bealach, glac is càrn ann an Gàidhealtachd na h-Albann tha eachdraidh no sgeul air choir-eigin. Mar a tha na bliadhnaichean adol seachad, is sprochdach leam a ràdh gu bheil móran de na sgeulachdan taitneach ud air an diochuimhneachadh. Tha an seann sluagh còir a bha agabhail tlachd anns na sgeulachdan a nis afàs tearc air feadh na Gàidhealtachd, agus mo nàire! Chaneil an gineal òg a tha agabhail an àite acur ach ro bheag de ùidh anns na nithean a bha atoirt a leithid de thoil-inntinn do an sinnsearan.

Ann an ceann an iar an eilein Sgitheanaich ri taobh Loch Follart agus dlùth do Dhun-bheagain tha baile ris an canar Boirearaig, agus gu dearbh is iomadh sgeul sòlasach agus eachdraidh dhìomhair a dhinnseadh mu dhéidhinn mu thimchioll aghealbhain mhòna ann an dachaidhean an eileins na làithean a dhaom. Bann an ceàrn de Bhoirearaig a bha an sgoil phìobaireachd aig Cloinn MhicCruimein, na pìobairean cliùiteach ud a choisinn urram agus meas anns gach àits an deachaidh iad.

Bàgh Phort-rìgh as t-Fhoghar (Alasdair MacDhonnchaidh)

Anns na làithean ud bha e mar chleachdadh aig gach triath Gàidhealach pìobaire, lighiche, bàrd, fear-ionmhais, gobha agus clàrsair a bhith aige. Fad iomadh linn bha Clann MhicCruimeinnam pìobairean aig cinn-fheadhna nan Leòdach. Tha iad ag ràdh gun tàinig achiad fhear den ainm so maille ri MacLeòid o bhaile


[224] anns an Eadailt dam bainm Cremona, ri am Rìgh Alasdair na h-Albann. A réir coltais bu chruitear a bhas an duine seo agus bha ena fhear ciùil sònraichtena latha isna linn féin. Dhainmicheadh e an déidh an àit anns an drugadh e agus na thàinig uaithe fhuair iad an t-ainm Clannic Cruimein. Their cuid eile gur h-ann o shliochd dhraoidhean a thàinig an treubh seo agus gum buin iad do shliochd rìoghail Eireannach, oir bha aig aon am rìgh air Eireann dom bainm Crimthann. Is dòcha an àite seo uile gur h-ann on t-seann treubh CheilteachClann Mhic Gurimen a fhuaireadh an t-ainm. Ach ge be cia as a thàinig an sliochd ud cha robh pìobairean ann an Albainn cho ainmeil ri Cloinnic Cruimein an Dùin.

Bha iadnam pìobairean cho cliùiteachs gun robh oil-thaigh air a thogail leotha don robh uaislean agus cinn-fheadhna na h-Albann agus na h-Eireann acur an luchd-ciùil a chum oileanachadh fhaighinn. Bha na bailtean-fearainn ris an abrar Boirearaig agus Galltrigil aca gun mhàl o MhacLeòid maille ri iomadh sochar eile. Faisg air an Oil-thaigh bha Slochd nam Pìobairean, far am biodh na pìobairean acluich. Dlùth air seo, cuideachd, bha Uamh nam Pìobairean, anns am biodh na pìobairean ainmeil mar bu trice adol an àm a bhith dèanamh phort ùra. A réir beul-aithris cha bhlaiseadh MacCruimein air biadh no air deoch am feadh a bhiodh e ri cur ri chéile pìobaireachd shònruichte. Aig uairean bhiodh e anns an uaimh trì làithean is trì oidhchean gun dol dhachaidh, ach aig ceann na tìde seo bhiodh ceòl-mór ùr air choir-eigin air a dhèanamh aige agus bha a luach-saothrach aige air mhaireann. ’S e a bainm don cheud phìobaire dhiùbh Iain Odhar agus be am fear mu dheireadh anns an dreuchd Iain Dubh. Bha mac aig Iain OdharDòmhnull Mór MacCruimein— ’n a fhear-ciùil cho ainmeils a bhas an rìoghachd, agus chluich e ann an Sasuinn is ann an Eirinn an làthair mhaithean agus uaislean le mór urram. Bha mac aig Dòmhnull Mór dam bainm Pàra Mór agus cha robh esan ceum air dheireadh air athair, agus chuir e ra chéile barrachd de phuirt phìobaireachd air aon duine eile air a bheil cunntas againn. Bha ochdnar mhac aig Pàra Mór cho eireachdail, a réir eachdraidh, ’s a sheas riamh air bonn bròige. Gu mi-fhortanach thàinig aon do Loch Dhuin-bheagain long a bhuineadh do thìr chéin agus aig an robh air bòrd fiabhrus ro mhairbhteach. Gu h-aithghearr sgaoil an fhiabhrus air feadh Dùthaichic Leòid agus chaochail seachdnar de mhicic Crumein. ’S ann mar thoradh air seo a rinn e am port tiamhaidh, muladach, ris an canarCumha na Cloinne.”

Anns abhliadhna sia-ceud-deug, da fhicheads a h-aon deug bha MacLeòid Dhuin-bheagain agus Fear Thalasgair, tànaistear an teaghlaich, air an dèanamhnan Ridirean le Rìgh Teàrlach II, agus mar bu dual bha Pàra Mór, a bu phìobaire dhaibh aig an am, còmhla riutha. Thugadh MacCruimein an làthair an rìgh agus an sin chluich e aon de a phuirt féin. Bha an rìgh cho math air a dhòigh is gun do cheadaich e do Phàra a làmh a phògadhonair nach dfhuair móran eile roimhe no na dhéidh. ’S ann aig an am sin a rinn am pìobaire cliùiteach am portThug mi pòg do làimh an Rìgh.” Bha Ruaraidh Mór MacLeòid, a réir eachdraidh, ’na dhuine fìor eireachdail agusna cheann-feadhna measail, fialaidh. Bha e féin is Pàdruig glé mhór aig a chéile, agus an


[225] uair a chaochail Ruaraidh cha burrainn Pàra fantuinn na bfhaides an Dùn. Thog e air a dhionnsaigh a thaighe féin ann am Boirearaig agus air dha an caisteal fhàgail shéid e suas an ceòl tiamhaidh, drùiteach, ud, “Cumha Ruaraidh Mhóir.”

Tha facail ris aphort seos aGhàidhlig:—

Tog orm mo phìob is théid mi dhachaidh,
S duilich leam fhéin, mo léir mar thachair.
Tog orm mo phìobs mi air mo chràdh
Mu Ruaraidh MórMu Ruaraidh Mór.

Tog orm mo phìobtha mi sgìth,
S mur faigh mi ithéid mi dhachaidh;
Clàrsach no pìob cha tog mo chridh
Cha bheò fear mo ghràidh, Ruaraidh Mór.

Tha beul-aithris ag innse, an uair a bha Pàdruign a bhalach òg gun robh ena shuidhe air bruaich aibhne air àillidh, ciùin, grianach samhraidh is e ri cluich port air feadan cuilce a rinn e féin, an uair a thàinig da ionnsaigh maighdean ro-sgiamhach a rinn suidhe ra thaobh. “Tha thu féin math air cluich an fheadain, a Phàdruig,” ars ise. Fhreagair am balach nach robh, ach gum biodh e afiachainn ri port a chluich. “Thoir éisdeachd dhomh-sa am feadh a dhionnsaicheas mi am port seo dhuit,” ars ise. Cha chuala cluas neach riamh port cho milis, ceòlmhor, ’s a dhionnsaich i dha. An am dhaibh dealachadh thug amhaighdean sionnsair airgid as a pòc agus shìn i do Phàdruig e ag ràdh, “Cuir thusa an sionnsair seo anns gach pìob a gheibh thu agus cha tachair riut neach a bheir bàrr ort cho fad is nach ionnsaich thu am port seo do neach eile.” Bho an am seo chaidh cliù Phàdruig fad is farsaing. Bha e ainmeil mar shàr-phìobaire air feadh na Gàidhealtachds na Galltachd.

Chan e seo idir deireadh an sgeòil, ach bheir sinn iomradh a nise air dòigh eile air a bheil an sgeul air a h-innse. An uair a bha Pàdruign a bhalach beag bha e gu tric abuachailleachd spréidhe. de na làithean bha co-fharpuis phìobairean agabhail àite ann an Dun-bheagain agus air do Phàdruig a bhith air a bhacadh o dhol chum na féise bha e gu dubhachna shuidhe aig cois aibhne. Ann am prioba na sùla thàinig bean-shìthe òg, mhaiseach, far an robh e agus, arsise, “A bheil do phìob agad an diugh?” Air do Phàdruig a ràdh nach robh, fhreagair ise, “Bheir mise dhuit, mata, mar thiodhlac do roghainn de thrì cumhachdancomas gu seòladh air chor is gun stiùir thu bàta cho dìreachs gun gearradh a sròn dias eòrna air a fad, neart gu cath air chor is an uair a théid thu gu batal gum faigh fithich an dùin an sàth de fhuil do naimhdean, no comas nam meur air aphìob mhóir gu ìre cho mórs gun toir do cheòl na h-eòin far bharraibh nan geug agus gun tàlaidh e na daoine leòinte agus na mnathan aosmhor liath.” “Thoir dhomh, guidheam ort, tiodhlac na pìobaireachd,” arsa Pàdruig, agus air dhi sionnsar airgid a shìneadh dha chaidh amhaighdean sgiamhach as an t-sealladh. Ruith an gillòg don Dùn agus an sin bha an co-fharpuisna theis-meadhon. Gun ghuth gun ghabadh chaidh an co-fharpuiseach òg air aghaidh am measg nam pìobairean cliùiteach agus chluich e cho sònruichtes gun do dhaidich iad uile


[226] nach cualas a riamh ceòl cho drùiteach agus gun robh aige gu cinnteachBuaidh na Pìobaireachd.”

Ann an ceann a tuath Eilean aCheò ann am baile beag, Peighinn aGhobhann, bha an sgoil phìobaireachd aig Cloinn MhicArtuir, agus ged nach robh iadsan buileach cho ainmeil ri Cloinn MhicCruimein bha móran phìobairean sgileilnam measg. Fad iomadh linn be Clannic Artuir a bu phìobairean do thriath nan Dòmhnullach aig an robh an còmhnuidhs an am ud an caisteal glas Dhùntuilm. Bha Hungladar an Trondairnis aca gun mhàl, dìreach mar bha Boirearaig aig pìobairean nan Leòdach, agus bann air mullach Cnuic-Phàil ann am Peighinn aGhobhann a bhiodh na h-oileanaich acluich.

Bha aon bhalach òg, tapaidh, anns an sgoil seo dom bainm Teàrlach MacArtuir aig an robh deagh chluas-chiùil agus dheònaich na taoitearan a chur do Bhoirearaig a chum oileanachadh fhaotainn bho Phàdruig Mór. Tha e coltach gum feumadh gach oileanach a rachadh don sgoil seo a bhith innte seachd bliadhna agus aig deireadh na h-ùine sin cuimhne choimhlionta a bhith aige air naoi ficheadsa cóig deug de phuirt mus measar ena phìobaire ionnsaichte. Bha e air a chunntasna shàr-phìobaire ma bha seo aige agus gun robh seachd ginealaich de a dhaoinenam pìobairean.

Co-dhiùbh, thaitinn Teàrlach gu math ri Pàdruig agus ann an ùine gheàrr bha iadnan deala chompanaich. Aon tha bha Pàdruig ann am prìomh-bhaile an eilein agus mar bu chleachte leis, ghabh e gu smùid. Air dha tighinn dhachaidh chaidh e féin agus Teàrlach a chadal mar bu nòs, ach bha inntinn Phàdruig air a buaireadh leis an deoch, agus, gun fhios da, thòisich e air feadaireachd aphuirt a dhionnsaich amhaighdean dha agusga chluich le mheuran air broilleach Theàrlaich a bhana chadal ri thaobh. Mhosgail Teàrlach, agus air dha am port ùr, annasach, a chluinntinn dhfhan e tosdach, sàmhach, gus an robh fios aige air. Gu moch an ath mhaduinn chaidh MacCruimein a Tharsgabhaig air gnothach agus am feadh a bha e air falbh bha Teàrlach, anns an uaimh anns am bu ghnàth leotha a bhith apìobaireachd, acluich aphuirt ùir a dhionnsaich e an oidhche roimhe. Aig ciaradh an fheasgair an uair a bha Pàdruig atarraing dlùth do Bhoirearaig chuala e ceòl binn atighinn bhon uaimh anns am biodh iad apìobaireachd, agus be an ceòl sin am port a dhionnsaich amhaighdean sgiamhach dha féin. Bha e fo imcheist agus air dha dol a steach don taigh dhfheòraich e debhean-phòsda càit an robh Teàrlach. An uair a chuala e gun robh Teàrlach anns an uaimh thàinig murcasna chridhe. Rinn e air an uaimh, agus thuirt e ri Teàrlach, “Falbh dhachaidh a nis oir fhuair thu an t-ionnsachadh a bfheàrr a burrainn mise a thoirt dhuit, agus am feadhs a chumas tu am port seo agad féin cha tachair neach riut a bheir bàrr ort.”

Phill Teàrlach dhachaidh do Pheighinn aGhobhann agus thòisich e air teagasg phìobairean an sin. Thaitinn a cheòl cho math ri triath Dhùntuilm agus gun tug e Teàrlach leis aig aon am air chuairt do Pheart. Aon am feadh a bha iad am Peart bha co-fharpuis agabhail àite aig beinn shònraichte an sin agus bha Teàrlachna cho-fharpuiseach. Bha ad làn de bhuinn airgid air mullach na beinne agus am pìobaire a ruigeadh a mullach gun stad de chluich chosnadh esan an duais.


[227]

Thòisich an t-strì agus bha Teàrlach acumail air thoiseach air càch, ach bha pìobaire beag, cam, atighinn glé fhaisg air. Bha an smuain gun cailleadh e féin an duais acràdh aphìobaire chaim cho mórs gun tug e sgianag as a phòc agus stob e ann am màl Theàrlaich ì. Dhfhairich Teàrlach an a ghabh àite ach chum e anail anns aphìob agus ràinig e am mullach fada roimh chàch. Air mullach na beinne rinn Teàrlach suas port ùr agus chluich e e uair acoiseachd timchioll na h-aide mun dràinig càch. An uair a bha pìobaire na leth-shùla aruighinn amhullaich thug Teàrlach breab don aid agus thuit i féin agus an t-airgiod car mu char leis abhruthach. Chaidh cliù Theàrlaich MhicArtuir a chraobh-sgaoileadh air feadh na h-Albann ach tha mi acreidsinn gun robh am pìobaire cam acaoidh an airgid iomadh latha.

Phill e féin agus MacDhòmhnuill dhachaidh do Chaisteal Dhùntuilmnam baideal àrdaagus chuireadh fàilt is furan orra an sin nach bu ghann. Bha Teàrlach fad iomadh bliadhna an déidh sinna phìobaire don triath a dhfhàg an Caisteals a chaidh a thàmh do Thaigh Mhogastads abhliadhna 1730, far an do thadhail am Prionnsa Teàrlach agus Fionnghal NicDhòmhnaill air an t-seachdamh fichead den Og-Mhios 1746.

Se an cunntas mu dheireadh a tha againn air Teàrlach MacArtuir e a bhith air amhlacadh Fionnghail ann an cladh Chille-Mhoire anns abhliadhna 1790. ’S e achill seo as àite tàimh do dhuslach an dithis aca agus tha an uaighean car mu fhichead slat o chéile. Air cloich-chuimhne Fionnghail tha na briathran cliùiteach adhfhàg an Dotair MacIain mu a timchioll ann an Taigh Chinnseaborg an uair a thadhail e oirre. Air lic Theàrlaich am Pìobaire tha sgrìobhte briathran a shnaidh a mhac agus air nach dfhuair e crìoch a chur oir bhàthadh es aChuan Sgìth mus dfhuair e na bu mhiann leis de theist athar a chur air chuimhne mhaireann. Ach ged nach biodh sgial air uaigh Theàrlaich bithidh cuimhne air Cloinn Mhic Artuir cho fads a bhuaileas tonn air cairidh Dhùntuilms cho fads a laigheas eun-mara air tobhtaichean maola achaisteil. ’S nacheil e fìor da-rìreadh gum mair cliù agus eachdraidh Clann MhicCruimein achiùil cho fads a shéidear gaoth ann am pìob-mhóirs cho fads a bhios clach air muin cloiche de Chaisteal aosmhor Dhùin-bheagain.

titlePìobairean an Eilein
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Eoin Dòmhnullach in Gairm 31 %p

parent textGairm 31
<< please select a word
<< please select a page