[232]

Cha Do Sheas An Cuil-Lodair ...

Le SOMHAIRLE MACGILL-EAIN (Am Ploc)

CHA robh e, mar a bha Uillean Siosal, slinneanach leathann. Cha mhotha bha e, mar a thuirt Màiri Bhàn Iain MhicLeòid an Camus Dianabhaig mu fhear eile, beag buaidheach no mór grànda. Cha robh mealladh sam-bith ann; cha bu sgàthan òinsich e. Cha robh ann ach an truaghan dheth; beag, plamach; gun leudna ghuailnean; aodann dearg builgeineach; guth àrd caol. Bha speuclanan air, agus tha seòrsa de chuimhne agam gu robh a ghlùinean ableith a chéile. ’S e Sasunnach a bha ann, mar a bha anns amhór chuid den reisimeid uaibhrich anns an robh ena oifigeach. Theireadh na saighdearan: ‘ ’S iomadh creutair caca thana oifigeach anns an Arm Bhreatannach; ach n aon truaighe a rinn oifigeach de Mhgr. Lodan!” Cha toireadh saighdear feairt air, mur robh oifigeach a bàirdesan éisdeachd. Choimhideadh N.C. O. thar a ghuailne fiach bha faisg, aguss etaigh na gala dhuta gheibheadh Lodan, ma bha e ag iarraidh rud nach còrdadh, agus mur robh cluas inbheach acluinntinn. Cha ghearaineadh Lodan bochd ri còirnealair, oir bha eagal air gun robh na h-oifigich a cheart cho beag truais ri fear nach cumadh smachd is a bha na saighdearan; cha robh a choltas no a ghiùlan fhéinna fhàbhar; cha robh e air a bhith riamh ann an cath, agus bha ciad reusan eile annga chumailna thosd, ged nach aithne dhomh-sa iad.

Bha dùil ri ionnsaigh latha sam-bith. Anns achiad seachdain no dha air dhuinn Libia a ruigheachd, be abharail gun robh sinne adol ga dèanamh; gun tugadh na tancan móraGranndachagainne fead air tancan Roimeil; ach ciamar a bheireamaid ionnsaigh troimh na mèinean eadar Gasàla is Bir Haicheim? Mu fhìor dheireadh na Céitein 1942 chaochail ar beachd. Bha a nis iomadh comharradh ann gum be Roimeal a thòisicheadh, ach ciamar? Bha na raointean mhèinean cho doirbh dhà-san is bha iad dhuinne; agus an seanalair air an t-saoghal a thigeadh tiomchioll deas air Bir Haicheim?

Bha Mgr. Lodanna chomanndair air trùp de cheithir gunnachan sia-puinnd air carbadan. Bha sia gunnachan-deug anns abhataraigh seo, acheud den t-seòra an Libia. Bha a h-uile coltas ann nach be an ceòl-gàire a bhiodh aig Lodan agus a leithid; agus gu h-àraidh mur robh na tancanGranndachcho math ri tancan Roimeil, no mur làimhsichteadh iad mar a dhèanadh Roimeal, bhiodh na gunnachan sia-puinnd anns acheud shreath mu choinneamh armailt Roimeil. Theireadh saighdear, ‘ ni Lodan anns achath?’ Bha aon chomhfhurtachd aig na gunnairean a bha an trùp Lodain, “Bidh cus eagail air fhéin; cha dèan e dad idir.’

Bha sinne air an làimh chlì den arm Bhreatannach. Bu sinne na tancan agus na gunnachan móra Breatannach a bfhaisge air Bir Haicheim. Bha na Frangaich agus na Spàinntich a bha am Bir Haicheim cho tapaidh ri fir air an t-saoghal, ach cha robh tancan no a bheag de ghunnachan móra aca-san.

Air an 27mh den Cheitein thàinig am fios, tràthsamhadainn, gun robh an t-arm Gearmailteach le mór-roinn an tancan, an carbadan-airm is an gunnachan móra atighinn tiomchioll deas air Bir Haicheim.


[233]

Air ball ghluais sinnenan coinneamh agus thòisich blàr thancan is ghunnachan móra; agus is iomadh barail a dhatharraich ra linn.

Choimhlionadh droch amharus no a dhà. Cha robh naGranndaichagainne cho math ri tancan móra Roimeil; air neo cha robh seòltachd Roimeil aig ar comanndairean. Bha naGranndaich” ’gan sìor chall; agus mar bu mhiosa call nan tancan, bann bu dorra do na gunnaichean, agus be gunnachan nan sia-puinnd a chrean gu h-àraidh air call nan tancan. Bha iadsan a nis adìon ar tancan-ne bho thancan Roimeil, agus bha sgrios eagalach am measg nan gunnairean.

Bha mi fhìn mar bu trice air O.P. Uaireanan bhithinn faisg air ar gunnachan, ach iomadh uairs ann a bhithinn còmhla ris na tancan. Cha dfhuair mi ach sealladh an dràsda is a rithist air Lodan fad na ceud seachdaine; ach bha e soilleir gun robh gunnachan nan sia puinnd is gaisgich air an cùl; agus thuig mi nach be trùp Lodain bu tàire.

Thàinig aiteal soirbheachaidh roimh dheireadh na seachdaine. Bha sinne adol air ar n-adhart, agus bha beagan faochaidh ann. Bha dùil againn gun robh an latha leinn. De cheithir chomanndairean nan trùp sia-puinnd, bha dithis marbh cheana, ach bha Lodan agus fear eile beò. Latha a bhann, an uair a bha deàrrsadh na gréinena h-àirde atoirt seòrsa de sguir air na gunnachan móra le cion fradhairc, thàinig N.C. O. de thrùp Lodain a nall far an robh mi. Bha e air gnothach, ach fhuair mi beagan mhionaideanna chòmhradh, agus bha mo cheisteannan sruth; bha beò is bha marbh is bha leòinte? Bha móran marbh is móran air an leòn; agus cha robh dùil aige fhéin ri sìneadh saoghail. Chuir mi acheist nach gabhadh seachnadh mu Lodan fhéin. Chrath an N.C. O. a cheann agus thuirt e beagan, “Duine uamhasach! Chaneil a leithid anns an fhàsaich. Chaneil eagal idir ann. Chumadh e a ghunnachan far nach cumadh oifigeach eile air an t-saoghal iad. Nan leigteadh leis, sheasadh e le aon ghunna ri réisimeid thancan. Mur be gu bheil ciall aig amhàidsear is aig caiptean na bataraigh, cha bhiodh duine dhinne beò an diugh. Gille glan laghach a tha an Lodan ach curaidhcuraidh sgriosail! Mur téid a mharbhadh an no dhà, chan fhàg e duine beòna thrùp.’

Thuig mi gun dfhuair Lodan a chothrom. Thàinig an cogadh da-rìribh agus be diol-déirce na réisimeid a prìomh ghaisgeach. Cha robh sgeul a bhàis fada gun tighinn. lathana dhéidh, thug itealain Gearmailteach le bomachan is frasan pheilear ruaig air bataraigh nan gunnachan sia-puinnd. Ghabh gach oifigeach is gunnar gu dìon, agus cha robh an call mór. Mar bu nòs, be Lodan am fear mu dheireadh a chuir mu dhìon a ghabhail. Bha gach oifigeach is gunnar eile air am broinn an trainnsean no air aghainmhich luim, ’nuair a dhéirich Lodan gu socair gu teàrnadh as achàr. Fhuair e fras pheilearan mun stamaig.

Cha dfhuair Lodan duais no bonn-suaicheantais. Ma chunnaic sùil inbheach dad de na rinn e ann an deich latha, cha do leig i oirre. Cha bu toigh leis achòirnealair Lodan. Bha am màidsear, fìor dhuine uasal, ri uchd bàis e fhéin; cha robh anns achaiptean ach an trusdar. Tha Mgr. Lodan anns an uaigh staoin faisg air Bir Bel Hamaid. Chaneil duslach nas tréine an gainmhich Libia.

titleCha do Sheas an Cuil-Lodair
writersSorley MacLean
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Somhairle MacGill-Eain in Gairm 31 %p

parent textGairm 31
<< please select a word
<< please select a page