Naidheachdan
DOMHNULL R. MOIREASDAN (Scalpaidh na Hearadh)
Neadachadh
Air do chaillich Ghàidhealaich an latha-sa a’ chiad itealan fhaicinn a’ chiad uair ’na beatha a’ falbh os a cionn anns na speuran dh’ eubh i ri gillean òga a bha gabhail an rathaid sìos seachad air an taigh aice, “Dé tha siud, a Dhòmhnuill?” “Tha,” ars Dòmhnull, “itealan.” “Càit a bheil a’ bhiasd a’ neadachadh?” ars a’ chailleach.
Diricleit
Bha cailleach dhaidhaidh uair a’ fuireach air taobh siar na Hearadh. An latha bha seo bha i coiseachd suas sràid an Tairbeirt agus có thachair rithe ach fear air an robh i glé eòlach, ’s thuirt i ris, “A Dhòmhnuill, chan e seo baile a mhaireas.” “Mur e,” arsa Domhnull, “nach toir thu Diricleit ort.” (Baile beag eile th’ ann an nàbachd ris an Tairbeirt.)
Clùdach
Bodach a thug an aire beagan bhuntàta an dràsda ’s a rithist a’ falbh as an t-sabhal air dhòigh air choir-eiginn. Air a’ mhaduinn a bha seo chaidh am bodach am mach dha ’n t-sabhal ’s thug e an aire do sgian a nàbuidh ri taobh an tòrr bhuntàta. “Ged tha Sàtan carach, the e clùdach,” ars’ am bodach.
Air muin tairbh
Bha gille anns na Hearadh a bha suirigheadh air nighinn a bha fuireach ann an eilean beag a bh’ air a sgaradh le caolas cumhang nach robh buileach a’ tràghadh ri làn mór reothairt, eadhoin. Bha an nighean a’ còmhnuidh air an dara taobh dha ’n chaolas anns an eilean agus an gille air tìr-mór na Hearadh air an taobh eile. Bha e ri aithris ’nuair nach bitheadh lorg aig a’ ghille air eathar no ràmh no taoman, gum bitheadh e a’ faighinn tarsaing caolas an eilein air muin tairbh a bhitheadh a’ snàmh a null a dh’ eilean faisg air an aon am a h-uile oidhche gu fiar an eilein seo.
An t-Organ ann.
Ann an aon de na h-eaglaisean Gàidhealach thugadh organ a steach innte gu bhith ’na chuideachadh leis an t-sluagh a bhitheadh a’ frithealadh na h-eaglaise gu seinn. Cha robh aon de na bodaich a bhitheadh a’ frithealadh na h-eaglaise-sa idir, idir, idir airson an orgain ’s an eaglais. An latha bha seo thuirt am ministeir ris a’ bhodach nach robh airson an orgain a bhith anns an eaglais e dhol ann an ceann ùrnuigh. “Cha téid,” ars am bodach, “cuiribh an t-organ ann.”
Annta an dràsda
Bha Alasdair mus do chaochail e air càraid bhròg a thoirt dha nàbaidh, Dòmhnull. Bha Dòmhnull an latha seo ’s e air tachairt air fear eile aig an robh fhios gu robh brògan Alasdair air Dòmhnull. Bha fear seo ag éisdeachd ri Dòmhnull a’ moladh Alasdair. “Is e fìor dhuine dha riribh bh’ ann an Alasdair; cha b’ e h-uile fear a sheasadh ’na bhrògan” ars’ Dòmhnull ris an fhear eile. “Nach ’eil thu fhéin ’nad sheasamh annta an dràsda?” ars’ am fear eile.
Spaìd
A’ Chailleach (a’ caoidh cho bochd agus a bha iad): Chan ’eil sinn a’ fàgail càil as ar déidh a thiodhlaiceas sinn.
Am Bodach: Nach ’eil sinn a’ fàgail spaid.
title | Naidheachdan |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Dòmhnull R. Moireasdan in Gairm 31 %p |
parent text | Gairm 31 |