[238]

Solus Anns An Iar

DOMHNULL IAIN DOMHNULLACH (Inbhirnis)

GU tric bha Sgìre Loch Carrann air taobh a muigh de na cùisean móra a rinn suas eachdraidh na h-Albann, ach bha a h-uairean fhéin aice.

Air tùs, mun tàinig solus an t-soisgeil da crìochan, bha neul tiugh an aineolaisna laighe air a cuid bheanntan is shrathan. Tha àite faisg air an rathad iarruinn ris an can iadAn Teampullgus an n diugh. Cho faisg oirnn fhéin ris an t-seachdamh linn deug bha fir na Comraich air beulaibh na cléire ann an Inbhir-pheofharain airson a bhith ag ìobradh mairt ann an Achadh na Seilich.

Ach cha robh astar fada eadar Loch Carrann agus aChomraich fhéinnuair a thàinig Maol Rubha agus a chuid mhanach a Eirinn leis an sgeul aoibhneach. Chithear Eilean nan Naomh ri taobh Eilein Chròlaig, agus Clach Ruaraidh Mhóir Mhic Chuigein aig geata achladha. Is e clach mhór ruadh a tha innte, is toiseach croise air a ghearradh aiste. Be Ruaraidh ard-mhanach na Comraich agus bha e air astar do Thaigh Ollamh Mór Bhangoir an Eirinn le còrr is dusan mhanach òganuair a chailleadh am bàta aca. Bi achlach seo cuimhneachan air-san. Carson a stad am fear-gràbhalaidh(sculptor)chan fhios cinnteach duinn. Theagamh gum faca e fhéin agus a chompanaich cabhlach Lochlannach atighinn dlùth orra agus gun do theich iad don mhonadh agus nach do thill iad tuilleadh. Math dhfhaoidte gun do mharbhadh esan leotha agus gum beil a chnàmhannan laighe ri taobh cnàmhan Mhaoil Ruibhe ann an cill na Comraich. Tha beul aithris ag innseadh gum bheil clachan den aon seòrsanan laighe gu pailt fo làr na h-eaglaise. Bha aon de na croisean a bha acur air leth crìochan na Comraich mar bhaile-dìdeinna seasamh gus abhliadhna 1860, ’nuair a bhris clachair a Leódhasna bloighdibh i mar iodhal aoraidh a bu chòir a bhriseadh a bith. AchseAChomraicha chanas eadhon a h-uile neach fhathast ris an àite bhrèagha agus uaigneach seo.

Is iomadh turus a rinn Maol Rubha as AChomraich mar theachdair a Mhaighstir. Agus is ann troimh Loch Carrann bu tric a ghabhabh e. Aig ceann an locha thaAn Clachan,” agus innsear fhathast gun robh seipeal beag aig an naomh an sin. Tha Loch Ma-Ruibhe air ainmeachadh air, agus is ann bhuaithe-san a thàinig, theirteadh, comas leighis na tobrach a tha anns an eileanna mheadhon. Ràinig e Baile Chéith an Siorrachd Bhainbh oir is e Céith Ma Ruibhe a bainm dha anns na linntean a dhfhalbh.

Mhurtadh Maol Rubha leis na Lochlannaich ann an coille eadar Fearann na Tòiseachd agus Cromba anns an Aird Mheadhonaich. Tha faoin sgeul ag innseadh nach burrainn do fhir an àite sin a chorp a thogail, cho trom agus a bha e, ach, ’nuair a ràinig a dheisciobuil fhéin as AChomraich bha e dhaibh cho aotrom ri iteig, agus a mach gun tug iad leis gus AChomraich. Ris na h-àitean far an do stad iad feadh na h-oidhche their muinntir na tìreSuidhe Mhaoil Ruibhe.” Tha aon diùbh aig Conntainn agus fear eile ri taobh na h-Annaide ann an Toireardan.


[239]

An Sgùrr Dubh an Gleann Toireardan (Domhnull B. MacCulloch)

Bho am Mhaoil Ruibhe gus an tàinig an Eaglais Chléireach gu Loch Carrann chaneil eachdraidh sam bith as aithne dhomh-sa air staid spioradail na sgìre ach dìreach sgeul nacheil ro bhrèagha. Anns an t-siathamh linn deug, ’nuair a bha MacDhòmhnuill a Gleann Garaidh agus Clann MhicChoinnich asabaid mu chaisteal an t-Stròim, bha MacDhòmhnuill air a shumanadh guComhairle Uaigneachan Dun-Eideann agus, a réir coltais, bha daoine ann an Loch Carrann adeilbh iodhalan air a shon. Tha an seanachas eile ag innseadh gun robh ministear Gheàrrloch, a bhana mhinistear ann an Loch Carrann cuideachd anns an t-seachdamh linn deug, afaighinn a dubh bhon Phàrlamaid do bhrìgh agus gun do bhris e air Maighstir Sinclair anns aChananaich, ministear nan reubalach!

Tha e coltach bho sin nach robh an t-Ath-leasachadh air Loch Carrann a ruighinn ri am iodhalan Ghlinne Garaidh. Bhuineadh ministear Gheàrrloch do Eaglais Easbuigeach na h-Albann, agus be sin eaglais muinntir Loch Carrainn, ’nuair a ràinig Aonghas Sage, an Sàigeach Mór, ceud mhinistear na h-Eaglais Cléirich, an sgìre anns abhliadhna 1725. Ach ma bha muinntir Loch Carrannnan Easbuigich, bann an ainm amhàin, oir cha robh ministear no Eaglais aca. Le Aonghas Sage thòisich as ùr eachdraidh spioradail na sgìre.

Thàinig Mgr. Sage do Loch Carrann anns abhliadhna 1725 agus chaochail e anns abhliadhna 1774, agus e ceithir fichead bliadhnas a h-ochd. Fad nan leth cheud bliadhna sin thug e iomadh ionnsaigh air an-diadhachd muinntir na sgìre; faodar cuid de na rinn e a leughadh


[240] ann an amMemorabilia Domestica, ”leabhar a sgrìobhogha, ministear Ruith-Sholuis an siorramachd Rois, leabhar nach urrainnear a cheannach an diugh.

Bha sluagh Loch Carrainn air taobh nan Stiùbhartach agus cha robh iad ro thoilichte ministear Chuigseach a bhithnam measg. Bfheudar dha Mgr. Sage eaglais agus taigh a thogail, agus cha bann gun chunnart a rinn e sin. Chuir e seachad acheud oidhche ann an sabhal. Aig meadhon oidhche chaidh teine a chur ris, ach, air ruith a mach don mhinistear, bhreac e air a nàmhaid agus air amhionaid bhan duinena laighe air an làr gun chothrom éirigh, oir be duine cumhachdach a bhanns an Sàigeach. Bha eagal a bheatha air aCharrannach bhochd, agus cha burrainn da a chluasan a chreidsinnnuair a leig am ministear fa sgaoil e, aig an aon am acur fa chomhar biadh is deoch. Anns na bliadhnaichean a lean thionndaidh fear an teine gu bhithna dheagh Chrìosdaidh, agus besan acheud eildear a bha aig Mgr. Sage.

Bu neònach feadhainn de na dòighean a bfheudar do Mhgr. Sage a chleachdadh ann a bhith acur fa chomhair nan Carrannach teagasg na h-Eaglaise. Bu ro chruaidh dhaibh lagh na Sàbaid ionnsachadh. Be sin na camanachd agus iomadh seòrsa de fheala-dha eile, agus is ann air beulaibh taigh amhinisteir a bu trice a chluicheadh iad. Cha dèanadh facail feum. A mach far an robh iad ghabh am ministear le aran is càise is uisge-beatha. An déidh an drama bha iad deònach gu leòr an eaglais a thoirt orra.

Fhuair Mgr. Sage a phàigheadh fo Chailean Dearg, factar Shìthphoirt, ach cha robh càirdeassam bith eadar am ministear agus Cailean, oir bhruidhinn an Sàigeach ro thric ri Cailean an rathad rabhaidh agus cha robh an gnothach acòrdadh idir ris. Aon nuair a bha Mgr. Sage air turus, dhfhàg Cailean pàigheadh amhinisteir ann am feoirling. Turus eile dhfhàg Cailean an sgìre gun dad fhàgail air a shon idir. Bha e mìltean air an rathad gu Caisteal Bhrathannnuair a thuig Mgr. Sage thachair. Air muin eich ghabh e agus rug e air Cailean aig taigh-òsda an Luib, faisg air Achadh na Sìne. Bha Cailean aig a shuipear. “ ’S bochd a rinn thu orm, aChailein,” arsam ministear. “Càite a bheil mairgiod?” “Seo an t-aon phàigheadh a thagam dhuit-safhreagair Cailean, atarraing achlaidheimh. Cha robh sin a nasgaidh dha. Mun robh fios aig Cailean thachair bha e an àird anns an t-similear, agus chum Mgr. Sage an sin e gus an do dheugh e airson tròcair. Fhuair Mgr. Sage a phàigheadh.

Beagan ùine an déidh sin bha Iarla Shìthphort adol troimh Loch Carrann air an rathad gu Eilean Leódhais. Còmhla ris bha tòrr math sluaigh, agus Cailean Deargnam measg. Ben t-Sàbaid a bhann, agus air don mhinistear fàilte a chur air an Iarla agus aoigheachd a thoirt dha, dhiarr e air a thurus a leigeil dheth gus an ath agus aoradh a dhèanamh anns an eaglais. “Na éisd ris an fhear sin,” arsa Cailean. “Faodaidh thusa sin a ràdh an diugh,” fhreagair am ministear gu sòlamaichte, “ach, a Chailein bhochd, is e seo an turus mu dheireadh a thu.” Agus, a réir an sgeòil, bhàthadh Cailean anns aChuan Leódhasachnuair a bha e atilleadh gu Tir-mór.

Fhuair an Sàigeach na Carrannaichnan sluagh borb, gun Bhìobull, gun eaglais. Dhfhàg ena dhéidh sgìre shìtheil, coimhthional agus


[241] eildearan, agus solus an t-Soisgeil. ’Na àite thàinig an t-Urramach Lachlann MacChoinnich. ’Nuair a bha mis’ ’nam leanabh ann an Loch Carrann, leth cheud bliadhna air ais, cha chluinneadh neach ainm Mhgr. Sage ach ro ainneamh, ach baithne do na h-uile, sean is òg, cliù Mhgr. Lachlainn. Be duine ioghantach a bhann, duine naomh agus blàthna fhaireachdainnean. Sgeòil ma thimchioll, cuid de shearmoin, a bhàrdachd spioradail, Ceit Mhór, a uaigh agus achraobh neo-àbhaisteach a tha afàs a mach a ceann, agus far an robh a chùbaid, agus a fhàidheadaireachdbiad sin còmhradh cagailte aig iomadh tac teine gach geamhradh air an astar aig an am.

Bha Loch Carrann beannaichtena theachdairean, iadsan a thàinig thuige agus iasdan a thàinig as. Anns an naoidheamh linn deug bha an t-Ollamh Iain Ceanadach, aig an robh buntanas ris an sgìre, an Inbhir-pheofharan, agusnar fhéin bha an t-Ollamh Dòmhnull MacIlleathain, ùghdair còrr is aonan leabhar ainmeil mu litreachas agus eachdraidh na Gàidhealtachd. Agus tha iad beò an diugh a tha acumail an àird bratach an deagh sgeòil mar a bha na seòid o shean, agus, tha mi an dùil, gum bi an còrr ann fhathast.

Loch Ma-ruibhe bhon Tollaidh (Domhnull B. MacCulloch)

titleSolas anns an Iar
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Dòmhnull Iain Dòmhnullach in Gairm 31 %p

parent textGairm 31
<< please select a word
<< please select a page