[249]

A’ Ghaidhlig agus an Sgoil

MURCHADH MACLEOID (Inbhirnis)

CHA bann an diugh non a thòisich neart na Gàidhlig air fàilneachadh, ged a tha e soilleir dhuinne a fhuair i mar ar ceud chànain gur h-ann acall a treòir nas s nas a tha i gach . ’S en teaghlach aice fhéin, ann an iomadh àite, as truime oirre a thann agus tha sinne bu chòir a bhith cumail taice rithe gu math tricga tréigsinn agus ataobhadh ris achànain choimhich a tha, mean air mhean, ’ga slugadh suas.

Cha mhór de luchd-lubhairt na Gàidhlig nach canadh gum bolc an airidh nan rachadh i bàs gu tur. Ann an seadh, tha sinn uile glé mheasail oirre, ach aig acheart am tha e ro bhuailteach dhuinn a bhithga fàgail gu math fann, le -chùram agus cion-smaointich, faodaidh e bhith, ’s chan ann le naimhdeassam bith no le droch rùn a thagainn dhi. Tha aBheurla ag èaladh a steachnar measg gach latha, agus sinne, cha mhór gun mhothachadh dhuinn, ’ga fàilteachadh gu ar teallach, agus adèanamh dhi, leis acharthannas sin a tha nàdurrach dhuinn mar shluagh, agus gun iomradh againn gum bheil ar cànain mhàthaireil gun fhrithealadh anns achùlaist, ’s i cur feum air cobhair.

Tha e soilleir gu leòir gur h-ann adol air chùl a tha aGhàidhligcha ruig sinn a leas cus rannsachaidh a dhèanamh airson seo a thuigsinn; achs en rud nacheil sinn, maith dhfhaoidte, agabhail thugainn fhéin gu h-iomlan, nach bi aGhàidhlig idir ann a dhùine gun a bhith fada, ma leanas cùisean orra mar a tha iad an dràsda. ’Nuair a bheir sinn sùil air na cunntasan a rinneadh a thaobh àireamh a luchd-labhairt, o thòisicheadh air rannsachadh a dhèanamh air na cùisean sin o chionn ceithir fichead bliadhna, ’s gann gun gabh e creidsinn dhuinn mar a mheudaich an diosg a thàinig anns aGhàidhlig ann an ùine cho fìor aithghearr. Ach chaneil àicheadh airtha e againn an dubhs an geal. ’Nuair a rinneadh acheud chunntas, anns abhliadhna 1881, bha 231,594 pearsa os cionn tri bliadhna dhaois ann an Albainn a bhruidhneadh aGhàidhlig. Be sin 6. 76% dhen t-sluagh air fad. Cha robh ach 95, 447 de luchd-labhairt na Gàidhlignar dùthaichno 1. 98% dhen t-sluaghaig achunntas mu dheireadh, anns abhliadhna 1951. Faodar a bhith cinnteach nach ann nas a tha an àireamh an diugh; ’sann asìor dhol sìos a tha i gach bliadhna, agus mur a dèanar teann oidhirp gus casg a chur air aghalair, chaneil -choltas nach ann a théid aGhàidhlig a bith buileach glan.

Ann an aon seadh chan ann ri Gàidheil an lathan diugh a tha an gnothuch an urra— ’se an ginealach a tha ri teachd a chumas aGhàidhlig beò air neo a leigeas i bàs; ach co-dhiùbh mhaireas aGhàidhlig beò no théid i a dhìth, ’sann oirnne a thàinig gu inbhe a bhitheas an t-uallach. Chaneil math dhuinn a bhith smaoineachadh gun téid aig achloinn air gnìomh a dhèanamh mur a faigh iad cuideachadh, treòrachadh, agus eisimpleir.

an treòrachadh a fhuair achlann thuige seo? Feumar gabhail ris nach dfhuair móran. Gun teagamh, faodar a ràdh gum bheil an riaghaltas air a bhith toirt na h-uiread de bhrosnachadh do sgoiltean na Gàidhealtachd, o chionn fhichead bliadhna, gus aire a thoirt dhan Ghàidhlig agus gus feum a dhèanamh dhith ann an ionnsachadh[250]


[251] na cloinne. Ach cia mheud sgoil a tha gabhail achothroim a tha an lagh asìneadh thuca? ’S dòcha gum bheil oidhirpga dèanamh anns achuid as dhiùbh ach tha amharus gur h-ann mar làimh a bha i gu math tric. O chionn bhliadhnaichean a nissen rud as tha fainear dha na sgoiltean cothrom a thoirt dhan chloinn Beurla ionnsachadh, agus sin cho luaths a ghabhas, co-dhiùbh tha iad comasach air a togail gus nacheil. ’Nuair a bhitheas aBheurla air a stéidheachadh ann an inntinn na cloinne, gheibh iad an uair sin cothrom air choir-eigin air beagan leughaidh agus beagan sgrìobhaidh a dhèanamh anns achainnt aca fhéin, agusnuair a thig iad gu aois an sgoil fhàgail, tha iad, anns achumantas, fileanta gu leòir anns achainnt ùir agus cha mhór gun eòlas idir air an t-seann , ach a mhàin gum bheil comas an còmhradh a dhèanamh innte, agus beagan leughaidh.

Chaneil teagamhsam bith nacheil aBheurla feumail agus éiseil dhuinn uile ach cha tuirt sin nach bu chòir dhuinn, agus nach fhaodamaid, eòlas a bhith againn air ar cànain fhéin cuideachd. ’S e duine gun seadh a chanadh nacheil am pàisde a dhfhàgas an sgoil gun eòlas math air aBheurla achna bhloigh, anns an t-saoghal a thann. Ach an gabh e dèanamh, clann-sgoile a bhith anns a h-uile seadh ealanta anns aGhàidhlig agus a cheart cho math ri muinntir na Beurla fhéin anns achànain eile? Cha do dhearbhadh achùis fhathast, oir cha dfhuaradh cothrom sin a dhèanamhair neo cha do ghabhadh an cothromach tha clann ann an dùthchannan eile afaighinn cothrom air eòlasagus eòlas coimhliontaa chur air chànain aig an aon am, agus an rud a ghabhas dèanamh ann an aon àite bithidh e coltach agus nàdurrach nach fairtlich e air àiteile.

S annsan sgoil a nis a dhfheumas ath-bheothachadh na Gàidhlig tòiseachadh, ma tha e dol a thighinn gu ìre ann an àitidir. Bha latha ann a dhfhaoidte aGhàidhlig fhàgail an urra ris an dachaidh; achse a tha ann a nis suidheachadh eile ann an iomadh àitair feadh nan Eileananchaneil cus Gàidhlig ann an àitach anns na h-Eileanan fhéin an ceartuairagus tha gu leòir dhe na dachaidhean nacheil abrosnachadh an cuid chloinne gus aGhàidhlig a ghleidheadh. ’Sann tha cuid air achaochladh. Tha iad atoirt gach misneachd dhan chloinn gus a leigeil seachad. Tha oideachadh na cloinne, matà, a thaobh na Gàidhlig, mar a tha e a thaobh iomadh cuspair eile, an crochadh ri obair na sgoile. Ma gheibhear air ùidh a thogail agus a bheathachadh am measg na cloinne, cha bhi sinn buileach gun dòchas gu mair aGhaidhlig beò, ciurramachs gum bheil i. Air acheann thallsin dachaidh agus eisimpleir nam pàrantan as treise, agus is dòcha gum bheil cuid dhen bheachd nacheil cus brìgh anns na gheibh achlann de Ghàidhlig anns an sgoil mur a cluinn iad aig achagailt i. Faodaidh e bhith, ’na dhéidh sin, gum bi obair na sgoilena meadhon air aGhàidhlig a thoirt air ais dha na dachaidhean as am bheil i sruthadh a mach agus air a daingneachadh far a bheil i fhathast an ìre mhaith fallain. Chaneil inntinnean òga cho doirbh an stiùireadh, agus an ìre mhaith fallain. Chaneil inntinnean òga cho doirbh an stiùireadh, agusse deagh eisimpleir as tha dhìth orra. Càite bheil eisimpleir cho éifeachdachs a gheibh iad anns an sgoil?

Chan e mhàin leas na cànain a tha fainear dhuinnnuair a tha sinn


[252] abeachdachadh air cho feumails a bhitheadh e a h-àite dligheach fhéin a thoirt dhan Ghàidhlig ann an sgoiltean nan Eileanan. ’S iomadh buannachd a bhitheadh aleantainn na h-oibreach. Tha móran ann a tha e duilich dhaibh sin a chreidsinn, agus cha bheag na ghleusas iad de dhargumaidean an aghaidh abheachd seo. Thoireamaid sùil air cuid dhe na beachdan a tha cath an aghaidh na Gàidhlig:

1. Chan fhiach en t-saothair. Chaneil feum anns aGhàidhlig aon uairs gum fag thu na h-Eileanan. Cha choisinn i sgillinn dhuit.

S cinnteach gum bheil barrachd air airgiod anns an t-saoghal seo, ged a tha e éiseil. Gun teagamh, chaneil e soirbh dha na h-eileanaich bith-beò a chosnadh an diugh gun a dhol gu tìr-mór, achse duinainneamh nach toir cuairt chun na dachaidh uair seach an uair. Nach e bhitheadh tàmailteach mur a cluinneamaid ach aBheurla anns na h-Eileanan! Dhfhaodadh tu a ràdh nach be an t-aon àite bhitheadh ann. Nach mór an toileachas, cuideachd, a neach a fhuair aGhàìdhlig aig glùin a mhàthar agus a tha nis air choigrich an uair a chluinneas e cainnt òige! A thaobh buannachd shaoghalta cuideachd chaneil aGhàidhlig idir cho deireannachs a tha feadhainn acumail a mach: faodaidh neach a tha leantainn an fhoghluim aGhàidhlig a ghabhail anns acholaisd no anns an oil-thaigh, agus tha an aon inbhe aices a tha aig cànainsam bith eile. Shaoileadh tu gum bitheadh e na bfhasa do dhuine a chànain fhéin ionnsachadh na bhith strì ri cainnt ùir, mar a tha móran oileanach adèanamh.

2. Cumaidh aGhàidhlig achlann air ais mar a chum i sinn fhéin. Chan ionnsaich iad aBheurla cho math.

S minic a chuala sinn feadhainn agearan nach dfhuair iad air adhartas a dhèanamh anns an t-saoghal cho maths bu mhiann leotha, agus afàgail na coire air aGhàidhlig. Faodaidh e bhith nach e na bhaca de Ghàidhlig a rinn an call, ach na bha dhìth orra de rud-eigin eile. Cha deach a dhearbhadh a riamh nach ionnsaich pàisde aBheurla a cheart cho coimhlionta ged a bhitheadh e air oideachadh anns aGhàidhlig cuideachd. ’S ann a tha foghlumaichean acumail a mach mar as bhitheas aig duine de chànainean gur h-ann as fhasa bhitheas e dha cànain ùr a thogail, agus gum bheil an dàrna acuideachadh na téile. Chan ann idir gun bharantas a tha iad acur nam beachdan seo an céill. Chaneil ann ach rud a thair a dhearbhadh.

3. Tha a leithid aca ri dhèanamhs an sgoil an diugh agus nacheil rian aca ùine a thoirt do chuspair mar a tha aGhàidhlig nach bi cho feumail ri rudan eile a dhfheumas achlann ionnsachadh. Ma chosgas iad ùine air aGhàidhlig, chan urrainn nach bi uireasbhuidh air rud-eigin eile.

Faodaidh na sgoiltean na tha feumail de dhùine a thoirt dhan Ghàidhlig gun easbhuidh fhagail air dadsam bith eile. Tha e fìor gum bheil amannan àraidh annnuair a dhfheumar aire mhór a thoirt dhan Bheurla, ach tha cuid de chuspairean-sgoile a ghabhas an ionnsachadh anns an chanain, mar tha eachdraidh, eòlas dùthcha, eòlas nàduir, leasain ciùil, leasain aBhìobaill agus mar sin. Tha na leasain sin a cheart cho feumail a thaobh na Gàidhlig ri leasain Ghàidhlig fhéin, agus tha an t-eòlas a cheart cho furasda a lìobhraigeadh agus a


[253] thogail anns aGhàidhligs a bhitheadh e anns aBheurla, agus, gu math tric, cus nas fhasa.

4. Tha chuis air a dhol ro fhada. Chaneil ach àireamh bheag de chloinn a bhithdadh leasain Ghaidhlig feumail dhaibh.

Faodaidh e bhith nacheil an fheadhainn a their seo fada ceàrrnam barail. Tha na cunntasan a dhainmicheadh cheana adearbhadh dhuinn gur h-ann bho chionn leth-cheud bliadhna a bfhasa leasachadh a dhèanamh. Nan robh maighstirean-sgoile air a bhith a dhatharrachadh inntinn anns na bliadhnaichean a dhfhalbhs dòcha nach bitheadh cuisean cho -mhisneachail an diugh. Gu fàbharach, bha cuidnam measg a ghabh tlachd dhen Ghàidhlig agus a thug a h-uile cothrom a burrainn dhaibh dhi anns na sgoiltean a bhan urra riutha, agus tha an t-saothair a rinn iadsanna cuideachadh agusna brosnachadh dhaibh-san a than sàs an diugh anns an obair a leig iadsan dhiùbh. Tha an àireamh de chloinn na Gàidhligair a dhol an lughaid, is fìor, ach nach math na thann dhiùbh fhathast, agus air cho ganns gum bheil iad, nach math is fhiach iad an cothrom nach dfhuair na chaidh rompa? ’S e sin am beachd a thaig comhairle an fhoghluim ann an Siorrachd Inbhirnis air achùis agus tha iadsan, maille ri corra dhuine léirsinneach air feadh na dùthcha, air a dhol am beò mu shuidheachadh na Gàidhlignar sgoiltean.

A thaobh togail a thoirt dhan Ghàidhlig ann an obair na sgoile, tha Siorrachd Inbhirnis ceum air thoiseach air càch, agus ged nacheil e soirbh breith a thoirt fhathast air abheagan a rinneadh, tha sinn an dòchas gur h-ann am feabhas a tha cùisean adol, agus gum faicear brìgh na saothrach ceann sreath. Chaneilsan t-siorrachd air fad ach mu thrì mìle pàisde sgoile aig a bheil aGhàidhlig agus tha iad afrithealadh sgoiltean a tha sgapte air feadh an Eilein Sgitheanaich, na Hearadh, Uibhist agus Bharraidh. Tha àireamh bheag cuideachd an siuds an seo air tìr-mór. Chaneil an seo uile ach fuidheall an coimeas ris na dhfhaodadh a bhith ann, ach ged is e fuine thana tha againn am bliadhna chaneil càil a dhfhios nach bi mhin nas pailte an ath-bhliadhna. Cha builear dhuinne ceartas a thoirt dhan bheagan a thann.

N uair a thòisicheadh air brosnachadh na Gàidhlig ann an Siorrachd Inbhirnis bha iomadh cnap-starraga fhaicinn agusga ainmeachadh leis an luchd-teagaisg, agus ged nach deach iad sin uile a fàire fhathast, ’s ann nas lugha a tha iad afàs a thaobh meud agus àireimh. Feumar a ràdh gun do ghabhadh gu h-aoidheil ris na chuireadh fa chomhair an luchd-teagaisg agus gun robh iad glé dheònach dòighean ùra a chur air chois airson leasachadh na Gàidhlig. Cha tuirt sin idir gun robh iad gun chùram agus gun iomaguin. Chan ann idir adèanamh tarcuis air aGhàidhlig a bha iad an uair a chuir iad teagamh anns na dòighean ùra, ach bha iad fo chùram gun coisneadh iad nach bitheadh achlann cho adhartach ann an obair-sgoiles a bu mhath leotha. Bha móran fo imcheist gun robhas adol a thòiseachadh gun dàil air achlann a theagasg uile gu léir anns aGhaidhlig anns acheud bhliadhna, agus cha robh e ach nàdurrach gu leòir gum bitheadh cùram air cuid gun cuireadh seo dragh cho mór air na dòighean-teagaisg a bhaca agus gur h-ann a bhitheadh call aig achloinn dhen ghnothuch[254]


[255] ’s chan e buannachd. ’S dòcha gun tig an latha fhathast a dhfhaodas sinn achlann as òige a theagasg gu h-iomlan anns aGhàidhlig, ach bithidh an greiseag thuige, agus cha ghabh e dèanamh anns a h-uile sgoil, oir tha àireamh mhath chloinne gun Ghàidhlig idir ann an cuid de sgoiltean. Bhathas mothachail cuideachd air cho beags a thagainn de dhuidheam airson teagasg na Gàidhlig, agus cha bheag an dragh a bhaagus a thaaghainne seo adeanamh dhuinn. Mairidh aghainne seo greis fhathast, ach tha dòchas math againn gur h-ann am meud a bhitheas leabhraichean agus goireasan eile adol gach bliadhna.

Chaneil againn fhathast ach toiseach tòiseachaidh, ach tha beagan misnich gur h-ann asìor dhol am feabhas a bhitheas cùisean. Airson seòladh a thoirt dhan luchd-teagaisg air fad chuireadh comhairlean air chois air feadh nan Eileanan agus tha iad seo air sgrùdadh geur a dhèanamh air an t-suidheachadh gu léir, agus air beachdachadh ach ciamar a bhuineas na dòighean ùra ri obair na sgoile air fad. Tha na beachdan a chuir iad seo an céill a nis air am filleadh an altaibh a chéile agus air an craobh-sgaoileadh air feadh nan sgoiltean. ’S iomadh atharrachadh a dhfheumar a dhèanamh fhathast agus is iomadh dòigh ùr a dhfheumar fheuchainn, achs e obair-latha tòiseachadh. Tha sònruichte fainear dhuinn anns an oidhirp a tha seo: togail a thoirt dhan Ghàidhlig, agus feum a dhèanamh dhith ann a bhithg oideachadh na cloinne.

Tha sinn acreidsinn nach misde aGhàidhlig achlann a bhithga labhairt, ’ga leughadh agusga sgrìobhadh anns an sgoil, agus tha sinn dhen bharail cuideachd gum bi an t-ionnsachadh a gheibh iad anns an dòigh ùirleis an da chànain taobh ri taobhnas fharsuinge na bhitheadh am foghlum a gheibheadh iad leis aBheurla a mhàin. Chan ann idir acur na Gàidhlig an àite na Beurla a tha sinn, ach aleasachadh na Beurla leis aGhàidhlig. Tha sinn an dòchas gum faigh clann na dùthchagainne, mar sin, an cothrom a thaig cloinn ann an dùthchannan eile, gum bi am foghlum coitchionn a gheibh iad nas coimhlionta na bha e roimhe, agus gum faigh iad eòlas nas mionaidiche air an cànain fhéin, air an dùthaich fhéin, agus air na daoine on tàinig iad. Chaneil teagamhsam bith nach gabh achlann fhéin tlachd dhe ’n teagasg ùr, agus mar as bhitheas aca de thoil dha ’n ionnsachadh ’s ann a ’s aotruime bhitheas an t-uallach orra.

titleA’ Ghàidhlig agus an Sgoil
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Murchadh MacLeòid in Gairm 31 %p

parent textGairm 31
<< please select a word
<< please select a page