Am Bòcan
Le L. M.
CHAN e nì annasach a tha anns a’ bhòcan; bha agus tha iad ’nar Gàidhealtachd ’s ’nar n-eileanan, agus bu mhór am call na ’n togadh iad an imrich air falbh. Aig iomadh uair is ann tosdach balbh a bhitheadh an taigh-céilidh as an aonais, oir có againn aig nach ’eil cuimhne air seanchasan tomadach a chuala sinn mu na bòcain a chunnaic ’s mu ’n cuala seanachaidhean còire ar latha? Na ceasnaich mi idir ciod e no ciod i tha anns a’ bhòcan, oir tha cuid de ’n bheachd gur ann mar as trice ann an aon de sheòmraichean na h-inntinne a tha an àite-còmhnaidh, agus chan ’eil an nì a tha a mhàin ’san inntinn furasda fhaicinn ged a dh’ fhaodadh e bhith glé fhurasda fhaireachadh. Tha cuid eile de ’n bharail gur e creutair faicsinneach a tha ann, ’ga nochdadh féin ann an iomadh cruth is dath. Co-dhiùbh, is e mo bheachd féin air a’ chùis, cho fada ’sa ruigeas mo sholus air, nach ’eil anns a’ bhòcan bhochd ach cuspair neo-lochdach, rud-eigin coltach ris an nì a tha fo ’n ainm “ùruisg”: is e sin sealladh ’ga fhaicinn air ni nach ’eil idir ann. Bitheadh sin mar a bhitheas e, ach ’se naigheachd bheag mu mo thimchioll féin as fheàrr a chuireas solus air an nì ris an canainn-sa bòcan.
Am bial na h-oidhche, air latha goirid Geamhraidh, chuir m’ athair air cheann-turuis. Bha agam ti teachdaireachd a thoirt gu caraid a bha fuireach mu chuairt air dà mhìle bho ’n taigh againn fhéin. Dh’ fhalbh mi, agus air dhomh a bhith cas-ruisgt’ agus smùid mhath air gaoith an iar-dheas ’nam chùl, cha tug mi fada air dìreadh agus air cromadh gualainn na Beinne. An ùine gheàrr bha mi ’nam dheann-ruith a null thar Druim-nam-Blaoch, seachad air a’ Phàirc Chaoil, suas mu Mhansa na h-Eaglais Stéidhte, null gu Bruthach Bhastaire. Bha i air dorchnachadh gu math mus do ràinig mi am Bruthach agus air dhomh a bhith smuaineachdadh, le fiamh beag de dh’ eagal, gu ’m bitheadh i na bu duirche mus tillinn, is ann a chuala mi fuaim mi-ghnàthaichte air mo chùlaibh. Thug mi sùil air mo ghualainn ach, ma thug, ciod a chunnaic mi ach cnap mór geal is e dèanamh orm le leum is sìnteig a chuir dearg eagal mo bheatha orm! Cha robh fios bho Shealbh dé bh’ ann, ach aon rud air an robh fios is cinnt agam-sa agus b’e e sin gu ’n robh mo chridhe ’nam sgròban agus mo chasan a’ pliusgadh fodham. Thug mi sùil a rithist agus chunnaic mi gu ’n robh am bòcan mar gu ’m bitheadh e leigeil anail. Thug seo misneachd dhomh, agus mar ùrnuigh a’ bhalaich bhig, agus e’ ruith airson na sgoile— “Tog Thusa iad agus cuiridh mi fhéin sìos iad,” —rinn mise as aig peilear mo bheatha. Ach mo thruaighe, nach ann a chuala mi an t-uamhas a rithist agus e tarruing na bu dlùithe ’s na bu dlùithe, gus fa-dheòidh an tug e aon leum-roid air mo mhuin! Thuit mi air mo bhial ’s air mo shròin ’sa’ ghainimh. Bha sinn ann an siud, an glaic a chéile. Sheall mi air mo shocair agus gu fiataidh feuch dé bh’ ann, agus a bheil fios agaibh-se dé bha fo mo chomhair. Bha dìreach paipear-naigheachd, an Glasgow Herald. Nach mise a bha taingeil!
Bha am ministear bochd a’ cnuasachadh is a’ rùrach air feadh an taighe feuch an lorgadh e am paipear, ach cha do smuainich e riamh gu ’n robh am paipear air turus na donaidh, dhòmhsa co-dhiùbh, is e
Sin agaibh, a chàirdean,
Mar shàruicheadh mis’ am bhalach,
A’ teiche, ged is nàir e,
Bho thàbharnadh Thràigh Bhastaire.
title | Am Bocan |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | L. M. in Gairm 31 %p |
parent text | Gairm 31 |