[261]

Turas Do Lochlann

ANNA NIC AN ROTHAICH (An Leathad)

Loch-mara Hardanger

IS fhada bho bha ùidh agam ann an turus a ghabhail gu Lochlann. Ach cha robh neach de mo chàirdean no luchd-eòlais aig an robh an t-aon eud rium-sa. Mar sin thog mi orm leam fhéin agus sheòl mi bhon Tyne air smuigeach ceothach anns an Iuchair bho chionn trì bliadhna air ais. Cha robh mi ach ma uair a thìde air bòrd an uair a choinnich mi ri ceathrar chaileagan laghach a Siorrachd Fiobh a bha air an dearbh chuairt rium fhéin. Agus biad fhéin na deagh chompanaich! Ged a bha misenam choigreachnam measg cha daithnich mi nach robh mi eòlach riamh orra.

Bha mi air mo chasan tràths amhaduinn air son acheud shealladh fhaighinn air an dùthaich. Bha aghrian asoillseadh air eileanan is air tìr-mór a thugnam chuimhne glé mhór an dachaidh a dhfhàg mitaobh an iar Siorrachd Rois. Ach bha eileanan beaga air an àiteachadh an siud, agus cha bhiodh beathach no duine orra an Albainn, ach math dhfhaoidte, ròn no eòin-mhara! Bha bàtaichean aig gach eilean, agus lìn an crochadh air maidean anochdadh gun robh an sluagh atoirt achuid mhór den teachd an tìr as amhuir. Tha an talamh anns an earrainn seo den dùthaich anabarrach cas. ’S ann a bha e cur ioghantais orm-sa gun gabhadh taighean a thogail ann am pàirt deth idir. Bha achuid mhór dhiùbh air an togail de fhiodh, agus gu dearbh cha chreid mi gun rachadh aca air clachan a tharruing suas na bruthaichean casa ud. ’Se Leitir aChlachain ann an Loch Bhraoin am baile chroitearan as motha shamhlaichinn ris na bailtean beaga air taobh an iar-dheas Lochlainn.

Ràinig sinn Baile Bhergen mu dheich uaireansamhaduinn, agus bha mi ann gu deich uairean -rna mhàireach. Tha na sràidean anns abhaile seo glé chas agus fìor choltas na h-aoise air pàirt de na togalaichean.


[262]

Thug min aire gun robh na clachan a bha anns na sràidean nocobblestonesair an cur ri chéile ann an cumadh brèagha adol ann an cearcaill. Agus gu dearbh bha na sràidean air an cumail glan. Bha na bùthan car coltach ri bùthan nam bailtean móra againn fhéin. Ni motha bha mór eadar-dhealachadh sam bith anns na fasanan. Ach shaoil leam gun robh móran mhnathan air an còmhdachadh ann an dubh, agus eadhon na stocainnean aca dubh.

Tha margadh mhór fhosgailte am Bergen far a bheil flùraichean, luibhean, annlan, measan agus iasg air a reic. Be an t-iasg a tharruing maire seach sam bith eile. Bha dathan agus cumadh orra nach fhaca mi riamh agus tha mi acreidsinn nach fhaic mi ann an aithghearr.

Chaidh mi air trèn a dhìrich bruthaich chasa gus an do stad i air mullach beinne, agus be sin an sealladh òirdhearc. Bha an loch nofiordair a bheil am baile air a shuidheachadh asgaoileach a mach airson mhìltean. Chaidh minntinn air ais gu làithean an Righ Haco agus an treas Rìgh Alasdair an Albainn. Bann as an dearbh àite seo a sheòl achabhlach mhór Lochlannach air an tàinig deireadh tubaisteach aig Blàr na Leargaidh.

Taigh tuathanaich mar a chithear gu tric an Lochlann

Dhfhàg sinn Bergen air bus agus rinn e iomadh dìreadh is teàrnadh mun dràinig e baile-puirt beag air an Hardanger Fiord far an deach sinn air bòrd bàta smùid a thug sinn gu Ulvik. Dhfhaighnich ri mo thaobh rium cia as a bha mi, agus an uair a thubhairt mi gun robh mi a taobh siar Siorrachd Rois an Albainn phut Bann-Sassunnach air mo chùlthaobh mi ag ràdh, “Ciod a tha thu dèanamh seo? —chan fhaic thu àite sam bith cho àluinn ris an àite as an tàinig thu.” Ghabh mi leatha ach thubhairt mi gum bfheàirrd sinn fios a bhith againn ciamar


[263] a tha sluagh beò ann an dùthchannan eile. Gun teagamh chaneil na dathan air monaidhean agus sléibhtean Lochlainn idir cho òirdhearcs a tha iad an Albainn. Tha na coilltean cho dorcha agus tha na monaidhean cho cass gum beil iad agearradh an t-seallaidh. Ach tha na h-easan an Lochlann atoirt bàrr air eas sam bith a chunnaic mises aGhàidhealtachd. ’Nuair a dhamhairc mi air beinn le còta de chop geal adòirteadh sìos ri a sliosse thàinig ri minntinn an seòrsa òrain-molaidh a dhèanadh Donnchadh Bàn nan Oran no Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair air an t-sealladh ud?

Ach nach truagh nach urrainn Rìoghachd Bhreatuinn le a beartas rathaidean móra a dhèanamh troimh chreagan gu àitean iomallach na Gàidhealtachdnuair a tha rìoghachd bhochd mar a tha Lochlann agearradh troimh chreagan uamhasach a chum rathaidean a chur gu bailtean beaga anns nacheil ach mu dhusan chroitean. Tha iad eadhon acur an rathaid troimh tholl-talmhainn air a lasadh le solus an dealain. Shaoilinn gum biodh e móran na bfhurasda rathad mór a dhèanamh aig taobh tuath Loch Beag Bhraoin gu Scoraig no gu bailtean na Comraich na tha e troimh chreagan Lochlainn.

Thug am bàta sinn gu Ulvik, baile beag air an Hardanger Fiord. Fhuair an t-àite so a shadadh leis na Gearmailtich ri am achogaidh. Chuir iad as thaigh-òsda agus an sgoil, agus mharbhadh mu dhusan pearsa. Ach tha an diugh thaigh-òsda ùr agus sgoil mhór air an togailnan àite. Be taigh-òsda Ulvik an taigh a bfheàrr leam de na chunnaic mi. Bha na h-uile seòmar air uidheamachadh le fiodh buidhe agus bha na làir air an aon dath. Agus gu dearbh bha am biadh pailt agus math. Bha am biadh-maidne air a chur air bòrd mór agus na h-uile neach atoirt dheth na bha e ag iarraidh. Bha trì no ceithir a sheòrsachan feòla agus iasg ann, aran dorcha, aran geal, agus iomadh seòrsa càise. Bha càise dorcha ann air a dhèanamh de bhainne goibhre. Bha càise bog no gruth ann am meadar dharaich le spàin fhiodha airson a thogail as. Bha e glé choltach ri gruth a bhiodh mnathan na Gàidhealtachd adèanamh le bainne math anns agheamhradh, air a shailleadh agus bhiodh cuid acurcarabhaidhdubh ann. ’S e biadh beathail a bha an seo an uair a bhiodh biadh is annlan gann as t-earrach. Bha mìos no meadar eile air abhòrd làn bainne tiugh no blàthach agus liagh fhiodha ann airson a thogail as. Bha mo chuid agam dhe seo na h-uile maduinn.

Cha robh anns an earrainn so de Lochlann ach croitean. Ni motha bha taighean móra ann coltach ri taigh uachdarain, agus fhuair mi a mach gun robh gach croitearna uachdaran air a thalamh féin. Bu leis fhéin an talamh, achoille, agus an t-iasg geal no glas aig taobh achladaich. Chunnaic mi bean agus nighean abuain an fheòir timchioll air craoibh le corran. Bha móran den talamh cho briste agus cho cass nach dèanadh tractar no inneal-buana feum ann. Thug min aire gun robh an crann-speala fada, agus an duilleag goirid agus glé gheur. Bha achuid bu mhotha dhe na h-eich ruadh agus nas lugha na gearrain Uidhisteach. The bocsa achùirn àrd agus na rothan beag. Chunnaic mi feadhainn atarruing eallaich feòir air an druim.

Cha chreid mi gum beil taighean nan croitearan cho goireasachs a tha iad air aGhàidhealtachd an diugh. Ged tha solus agus puthar


[264] an dealain aca, tha móran thaighean gun uisge annta. ’S tric a chunnaic mi boireannaich anigheadh aodaich ri taobh uillt agus poit mhór dhubh air teine noleide” .

Balaich bheaga bhana an Ulvik

Air an àirigh faisg air Geilo

Spealadair Lochlannach

Dhfhàg sinn Ulvik air bus troimh mhonadh àrd fiadhaich far nach robh taigh no eadhon no caora ra fhaicinn airson mhìltean. Thug enam chuimhne an earrainn de Chataibh eadar Luirg agus Tunga. Bha an sneachd aig taobh an rathaid ann an àitean agus sheall fear-stiùiridh abhusglacierdhuinn a bha mu mhìle on rathad.

Stad sinn airson ann am baile Gheilo. Bha na tuathanasan na bu mhotha an so oir bha gleann leathann torrach air gach taobh dhe abhainn. Chaidh sinn suas ann an cathair air oibreachadh le dealan gu mullach creige àirde. Feumaidh mi aideachadh nach robh mi glé shonanam shuidhe glaiste ann an cathair agus afaicinn na tìre mìltean fodham. Ach bfhiach an sealladh a fhuair mi aig ceann an turuis beagan fiamh. Bha am monadh lom briste le seòrsa de fhraoch afàs air. Cha robh e idir cho àluinn ri fraoch Albann. ’Se feasgar a bhann agus chuala mi fuaim ghlagan a chuir ioghnadh orm. Air mullach aonaich chunnaic mi grunnan chloinne asaodachadh greigh chruidh-bainne. Mu mhìle bhuam bha pàirce réidh ghorm le taighean fiodha an siuds an seo innte. Chuir e ioghantas orm nach robh coltas àiteachaidh air an fhearann. ’S e bha seo an àirigh, far an robh mnathan agus clann asamhrachadh achruidh agus adèanamh ime agus càise a bha air an reic ris na taighean-òsda. Bha nabothananàirighna bu ghrinne air an togail na na bothanan a chunnaic mi ann an Leódhas. Thatar adèanamh airgid air na taighean seo anns agheamhradh oir tha iad air an suidheachd air sluagh a thagan cluich fhéin anns an t-sneachd.


[265]

Shiubhail sinn ann an trèn eadar Gheilo agus Oslo. Mar a bfhaide a bha sinn adol gus an ear bha an talamh na bu chòmhnairde agus na bu bheartaiche, na tuathanasan na bu mhotha, agus taighean nan tuathanach na bu ghreadhnachaile.

Tha Oslona bhaile a tha asgaoiledh a mach air móran fearainn, agus tha craobhan afàs eadar na sràidean. Chuir na Gearmailtich talla-mhór abhailena teine agus tha talla àluinnna h-àite, air a togail fagus air achala.

Ghabh sinn turus air bàta gus rudha far a bheil amFram,” anns an do sheòl Nansen, air a cumail. Chunnaic mi cuideachd an raft ioghantach an Kon-tiki , a sheòl troimh chuan aPhacific. Bioghantach amhisneachd a bhaig na daoine a dhearb am beatha ris na maidean truagha ud air cuan mór an t-saoghail.

Ghabh sinn sgrìob gu taigh-bìdh mór a tha air slios beinne os cionn Oslo. Bha an grianach blàth agus bu ghlòrmhor an sealladh a fhuair sin air muir, baile mór, agus monadh cho fada air falbh ris an t-Suain. Fhuair sinn breac ròsda slàn (eadar cóignear), lan cuaich-airgid de shuibheagan-làir, agus mu chàrt de uachdar beartach. Bha e math, ach bha an sailleadh sin air! Ach, mar a thuirt am fear a phàigh not mar pheanas airson sgleog a thoirt air nàbaidh nach bu toigh leis, “cha dfhuair mi luach nota riamh a bu docha leam.”

Dhfhàg sinn Oslo aig naoi uaireans amhaduinn agus bha sinn uair dheug a thìde air an turus gu Stavanger. Mar a bfhaisge bha sinn atighinn air Stavanger bha na bu lugha de choille ra fhaicinn. Chunnaic mi cruachan mòna an seo agus bha na taighean air an togail de chlachan.

Bha an cuan a Tuath ciùin gorm, agus cha robh sgòthsan adhair an uair a sheòl mi dhachaidh a Stavanger. Dhfhuirich mi air bòrd gus an deach aghrian fodha anns an àird-an-iar air mheudachd uighe. ’Nuair a dhùisg mis amhaduinn bha sinn ateannadh air oir-thìr Shasuinn agus bha an smuigeach fliuch mar a bha e an a dhfhàg mi e. Ach cha tug mi dùil nach till mi fhathast gu tìr àluinn Lochlainn, agus nach fhaic mi a shluagh càirdeil aoidheil aon uair eile.

titleTuras do Lochlann
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Anna Nic An Rothaich in Gairm 31 %p

parent textGairm 31
<< please select a word
<< please select a page