[283]

Air An Spiris

THA an àireamh so de Ghairm acur crìch air an ochdamh bliadhna bhon a thòisich sinn. Agus bhon a thòisich sinn tha sinn an dùil gur h-ì abhliadhna so mu dheireadh bliadhna cho misneachail agus a chunnaic an coileach.

Bha abhliadhna misneachail do Ghairm a chionns na comharran a chunnaic sinn air saoghal nas fheàrr don Ghaidheal. Dùsgadh beag an sud. Plap beag an so. Neartachadh ann am buille na cuisle.

Seallaibh air cuid de na rudan beaga a thachair.

Thòisich Iain Rollo (tapaidh riamh as leth na Gaidhealtachd) acladhach diatomite ann am Beàrnaraigh Leódhuis. Chuir MacGilleathainn-Fullarton obair fighe air chois ann an Tobar Mhoire. Chuireadh ban-fhigheadairean Leódhuis agus Na Hearadh ann am buidhinn gus geansaidhean eileanach fhighe agus a reic air feadh an t-saoghail. Thòisicheadh air trèanadh a thoirt do bhalaich far an taobh siar ann an iasgach sgileil le innealan an lan diugh.

Faodaidh nach eil na rudan sin mór annta fhéin, ach tha iad cudthromach. Leth-dusan duine afaotainn obrach an sud no an so. Tha sin aciallachadh leth-dusan teaghlach afaotainn teachd-an-tìr as aonais am feumadh iad imrich. Tha na h-obraichean sin beag, ach is ann beag as fheàrr iad. Chan eil feum air coigrich a thoirt a steach. Chan eilear acur dragh air gnè achomuinn no air achànain.

Chunnaic Gairm Coimisean nan Croitearan a’, dol an uidheim. Chuir Gairm fàilte air aChoimisean, ach bha teagamh anns an fhàilte. “Coimisean gun ùghdarras.” Sin an t-eagal abha òirnn. Tha an Coimisean fhéin ag aontachadh leinn a nis, agus ag aideachadh nach urrainn dha a chuid obrach a dheanamh gu coimhlionta as aonais an tuilleadh ùghdarrais. Tha sinn an dòchas gu faigh e sin.

Anns an iomradh mu dheireadh a chuir an Coimisean an clò sheall e dhuinn cho leibideach agus a tha cùis na croitearachd. An treasa cuid de chroitean na Gaidhealtachd fàs no gun a bhith air an obrachadh ceart. An treasa cuid! Leis an dìlseachd a tha e mar thà anochdadh, agus leis an ùghdarras a tha e a nise asireadh, tha sinn an dùil gun toir an Coimisean buaidh mhìorbhaileach air cor na Gaidhealtachd.

Chunnaic sinn rudan -fhortanach atachairt cuideachd. Tha e tuilleadh is tràth tomhais a dheanamh air abhuaidh a bheir obair nan rocaidean air beatha nan Uibhistean. Tha a h-uile coltas gun tòisich obair mhór fo ùghdarras N.A. T.O. ann an Leódhus. Chan urrainn dhuinn casg a chur airaobhar an rìghach mar as treise a tha sinn mar shluagh air ar talamh fhéin is ann as fheàrr a sheasas sinn gach cunnart a bhagras ar beathas ar cànan.

titleAir an Spiris
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
parent textGairm 32
<< please select a word
<< please select a page