A’ Chiad Uair A Dh’Fhàg Mi Uibhist
(mar a dh’inns Bean Nill do dh’ Fhear Chanaidh)
A’ CHIAD trip a dh’ fhàg mi an t-eilein, cha robh mi ach gu math deireannach. Bha mi ag obair foghar ann an Ormaclait, agus ’s e tasdan san latha a bh’ agam, agus rinn mi ’m foghar ann; ach co dhiù, gun do chuir mi not gu taobh. Agus bha iomadach rud agam ri fhaighinn leis an not; bhiodh dreas a dhìth orm, agus bhiodh a h-uile rud a dhìth orm. Neo ’r thaing nach robh mi faicinn feodhainn eile leòmach, ’s gun rathad agam fhìn air sian fhaighinn; agus bha mi cumail agam an not.
Bha sin ann Di-Dòmhnaich, agus chaidh mi dha ’n eaglais; nuair a sgaoil an eaglais, thànaig nighean a mhuinntir Staonaibrig a mach, agus thuirt i:
“Bheil duine ’n seo théid a chosnadh deagh-thuarasdal idir” ors ise “no do dheagh-àite?” Cha robh gin no duine ag radha guth. Thuirt mise air mo thurrag, on a bha mi car abaich:
“Théid mis’ ann.”
“O, m’ eudail, hugainn” ors ise “tha mise falbh am màireach, ’s bi falbh còmhla rium, ’s chì mis’ thu air ùrlar tigh do mhaighstir, agus théid mi latha sa bith ’gad choimhead ann.”
O, siod an rud a bha math agamsa. Ach dh’ fhalbh mi còmhla rithe sìos dha ’n tigh aca fhéin, gu ruige Staonaibrig, agus dh’ inns mi gu robh not agam, dùil a’m gura mi bha beairteach, nach teirigeadh e idir dhomh! Well, ’s e crùn a bhiodh an uair sin oirnn a dhol dha ’n Oban leis ansteamer. Dh’ fhalbh mi madainn Di-Luain, ’s thug mi leam na badan a bh’ agam ann an oisein bhig, a h-uile bad a bh’ agam, tha mi cinnteach gu robh e umam co dhiù. Well, nuair a ràna sinn an t-Oban, bha ise Gàidhealach gu leòr, ach nuair a rànaig i sin, cha chluinneas ach Beurla, ’s cha robh Beurl’ agamsa, ’s cha robh sgoil agam. Cha robh mi ach truagh.
“O” ors ise “gheobh thu rud sa bith a bhios a dhìth ort ann am bùth an seo gu ’m bitermann; ach” ors ise “bheir dhomhsa beagan thasdan fiach an déid mi a stigh a phàidheadh umbaralla a chuir mi ’ga chàradh ann a sheo nuair a bha mi dhol dhachaidh a bhrist mi.”
O, thug mise siod dhi, ’s mi bha math dheth. Chaidh i stigh do sheop liom ann a shin agus thuirt i “Am faigh searbhanta an seo rud guterm ?
“O, gheobh” ars am fear sin, “agus litir a maighstir aice.”
Siod rud nach robh agams’ ann. Cha robh mise foighneachd airson maighstir, ’s i fhéin a’ dol dha m’ fhàgail ann. Cha robh mi airson mo chur am fhaicinn. Bha seo ceart gu leòr, ach chaidh sinn an seo air an trèan. Cha robh fios agamsa cà robh mi dol, ach gu robh mi ’ga leanail-sa. Agus nuair a stad an trèan an Loch Obha ann an sin, thog ise uinneag na trèin’, agus thòisich i air smìdeadh. Agus bha bàta dol a thighinn a nall air an locha, air Loch Obha, ’ga h-iarraidh; bha ise ceart gu leòr, bha i tilleadh dha ’n à’ ’n robh i reimhid. Thionndaidh i rium agus thuirt i:
“Well” ors ise “thig thusa aisde a nist air an ath-stàisean, neo
“Tha mise tighinn aisde ann a seo” ors ise “agus mura dig thus’ aisde an uair ud, aig Dia tha brath cà ’m bi thu!”
Thionndaidh an seo té dha na boireannaich a bha sa’ chearraids, agus thuirt i:
“A bheil sgoil agad, a ghalghad?”
“Chan eil” orsa mise.
“Bheil Beurl’ agad?” ors ise.
“Chan eil.”
“Dà, ’s truagh leam thusa gun sgoil gun Bheurla.”
Cha robh mise ach a’ caoineadh. Dh’ fhalbh iad sin, a h-uile duin’ aca, mach as a’ chearraids; ach gun dànaig fear obrach a stigh. Shuidh e mar sin mu’m choinneamh air an taobh eile. Bha mise caoineadh. Theireadh esan an dràsd ’s a rithist:
“Teann a nall goirid domh, gun fhios a ’m nach tu as bean domh fhéin.” Cha robh mise ach a’ caoineadh.
“Bheil airgiod agad?” ors esan.
“Chan eil” orsa mise.
“ ’S cà’il thu dol?” ors esan.
“Chan eil fhios a ’m gu dearbh, chan eil fios a ’m cà’il mi dol, ach g’ eil agam tighinn amach aig an ath-stàisean.”
“Well, tha mise tighinn a mach an sin cuideachd” ors esan. “Agus an ann gu cosnadh a tha thu dol?”
“ ’S ann” orsa mise.
“Well” ors esan “chan eil agad ach bruidhinn ris a’ phoilisman nuair a thig thu mach as an trèan.”
“Dà, chan eil bruidhinn agam dha ’n phoilisman ann, tha mi gu don’ air.”
“O” ors esan “chleachd e Gàidhlig a bhith aige.”
Well, nuair a ràna sinn Dail-Mhàilidh, thàna mise a mach, ’s thànaig am fear sin a mach. Dh’ fhalbh e far an robh ’m poilisman, ’s thànaig am poilisman. Bhruidhinn e rium, ’s dh’ fhoighneachd e dhiom cà’ robh mi dol, ’s thuirt mi gu robh mi dol gu fear MacFhilib. Bha e treiseag a’ coimhead orm. “O” ors esan, “ ’s e crathadh a chinn, “chan eil duine dha ’n ainm sin an seo ach aoinfhear, ’s chan eil e gleidheadh searbhanta idir. Chan eil searbhanta idir aige uair sa bith,” ors esan. Cha robh mise ach ’nam ghurraban ann a shin.
Thànaig an sin am fear sin a bha còmhla rium, thill e agus bha pacaid bhriosgaid aige dhomh agus flasg aige ’na phòca, agus thug e orm balgam a thoirt as a sin. Dh’ fhalbh am poilisman agus dh’ fhàg e ’n sin mi; agus thànaig e seo an ceann treiseig a rithist.
“O” ors esan “tha mi nist, a chaileag, a’ tuigsinn cà’il thu dol. Thig a mach. Seall am faic thu am bad coilleadh tha ’n sin.” Bha e cóig mìle bhuam, am bad coilleadh ud, ach gu dearbh bha e mór, agus bha e car air leath o ’n chòrr. “Siod” ors esan “far eil thu dol, siod far eil an tigh far eil thu dol, far eil am bad coilleadh ud.” Ach cha robh mise deònach carachadh air a shon sin as an à’ ’n robh mi, cha robh fhios a ’m cà’ ’n robh mi gus a dhol.
[316]Thànaig an sin dà chnapach ghille agus thuir fear aca rium:
“An ann á Uibhist a tha thu?” ors esan.
“ ’S ann” ors mise.
“ ’N e Raonaid Dhòmhnallach thug gu tighinn thu?”
“ ’S i” orsa mise.
“O, well” ors esan“ ’s ann còmhla ruinn bhios tu falbh.” Dh’ fhalbh mi an uair sin còmhla riutha ’n sin, ’s cha robh agams’ air ruighinn an àite sin ach pàipear sgrìobhte ’s dhà no trì stampaichean, tasdan no dhà, sin na bh’ agam dha ’n not, ’s cha robh mi ann ach sia mìosan, ’s gu dearbh cha robh mi ro-thoilichte ann. Sin mar a thachair dhòmhsa a’ chiad fhalbh a rinn mi!
(Tha Bean Nill ceithir fichead ’s a trì deug am bliadhna. B’ann sa’ bhliadhna 1882 a thachair so.)
title | A’ Chiad Uair a dh’fhàg mi Uibhist |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Bean Nill in Gairm 32 %p |
notes | Recorded (and edited) by Fear Chanaidh/Iain Latharna Caimbeul. According to Gairm Index: Bean Nìll = Mòr Chaimbeul |
parent text | Gairm 32 |