Feachd Ghearrloch de Chomunn na h-Oigridh ann an cladh Ghearrloch a’ coimhead air an t-seann chloich air uaigh Uilleim Rois.
Oigridh Ghearrloch ’S A’ Ghaidhlig
LE CEITEIREIN NICMHATHAIN (Inbhir-àsdail)
Bha riochd is dreach an àite so ’gam thàladh thuige riamh,
Beanntaichean is gàrraidhean is màigh aig bun an t-sliabh;
Fhuair mi sìth is sàmchair, am measg chàirdean bàigheil fial
Sa’ chlachan san deach m’ àrach an Sgir Gheàrrloch, Rois-an-Iar.
SIN mar a labhair Bàrd òg Inbhir-àsdail agus ’s e an aon smuain a réir coltais a tha ruith troimh inntinn a’ chuid as motha de òigridh Sgìr Gheàrrloch an diugh. Tha an òigridh a’ sìor thilleadh dhachaidh ma gheibh iad an cothrom air obair fhreagarraich idir is tha am barrachd dhiubh a’ fuireach aig an tigh na fhad’s is cuimhne dhomh-sa. Ach dé tha ’gan tarraing air ais? Chan e na cur-seachadan ùra co-dhiùbh, air a bheil òigridh nam bailtean a’ tighinn beò, bhon chan eil iad ann dhaibh. Ach tha de thoinisg aca a nì toileachas-inntinn dhaibh fhéin, a’ toirt feart air an t-sean-fhocal “is buaine dùthchas na oilean.” Is tha mise de ’n bheachd gu bheil iad cho sona is cho toilichte le ’n suidheachadh ri òigridh ann an ceàrnaidh sam bith de Albainn.
Beus na tuath— “far am bithear ’s e nithear,” is tha e fìor an so, oir ged a tha móran sluaigh air tighinn a steach dha ’n sgìre bho ’n Ear is bho Dheas chan aithnicheadh duine an diugh air a’ chloinn nach robh iad riamh anns an Sgìre. Gu dearbha fhéin tha na feadhainn sin nas deònaiche na na Gaidheil gun ionnsaicheadh a’ chlann aca a’ Ghàidhlig agus té de na sgoilearan Gàidhlig as fheàrr ann an sgoil an Leothaid, far a bheil an cànan gu math beò ’s ann á Deas a thàinig a cuideachd.
Ach ged a tha beusan nan Gaidheal aca, cia mheud a tha a’ gabhail suim anns a’ chànain. Bheil a’ Ghàidhlig beò fallain a measg an
’S e mo bheachd-sa gur e an rud as cronaile do adhartas na Gàidhlige a measg an òigridh, chan e a mhàin ann an Geàrrloch ach anns a’ Ghaidhealtachd air fad, an t-aineolas a measg na feadhna a bhruidhneas i gu fileanta a bheir orra a bhith fanoid air luchd-ionnsachaidh ma nì iad mearachd ann am fuaim facail no an gnathasan-cainnte. Bu chòrr dhaibh cuimhneachadh an rud a fhuair iad fhéin an asgaidh gu bheil an luchd ionnsachaidh a’ cur fada bharrachd luach air na tha iad fhéin is gu bheil iad ag obair gu math cruaidh airson a chosnadh. Is an àite bhith dèanamh cuis-mhagaidh dhaibh bu chòir dhaibh a bhith toirt gach cobhair dhaibh, bhon ’s e na dearbh fheadhainn a tha gabhail an dragh ri ar cànan ionnsachadh a tha dèanamh oidhirp mhór airson a’ Ghàidhlig ath-bheothachadh—rud nach ruigeadh iad a leas mur b’ e gun do ghabh na Gaidheil cho beag suim de an dìleab fhéin. Chan eil suim neo foighidinn agam airson nan Gaidheal ’nar measg a tha mar sin, ach tàir is truas airson an an-fhios. Agus airson na feadhna eile a tha de ’n bheachd nach eil iteagan bòidheach ach air eòin fad as chanainn riutha “ged is grinn an sìoda is coma leis có air am bì e.”
Stiùirear a’ chlann le ceithir nithean sònraichte gu bhith gabhail tlachd de ’n Ghàidhlig.
1. An Eaglais
Gun teagamh ’s e a’ Ghàidhlig a tha air a cleachdadh mar is trice anns na seirbhisean is na coinneamhan-ùrnuigh ach mach air a sin chan eil Comunn airson na h-òigridh no buidheann airson fir togail an fhuinn idir ann—rud a dhèanadh cuideachadh mór.
2. An Dachaidh
’S dòcha gum faigh mi mo chàineadh, agus ma gheibh mo thogair, ach tha e follaiseach nach d’ rinn a’ chuid as motha de na pàrantan an dleasdanas gu toirt a’ chànain a fhuair iad fhéin mar chòir-bhreith do ’n cloinn. Chan eil ach aon ghille nis ann an Aird-Sgoil Gheàrrloch a tha fileanta sa’ Ghàidhlig. Ach tha aon bhaile beag anns an Sgìre nach eil mi cur cuide ris na feadhainn eile. Is e sin Mealbhaig, far a bheil a’ Ghàidhlig cho fallain a measg sean is òg is a tha i ann an gin de na h-Eileanan an Iar, is guma fada mhaireas i mar sin. Aon chleachdadh a tha dol as anns na dachaidhean nach eil a’ deànamh cuideachadh do ’n Ghàidhlig a chumail beò a measg an òigridh ’s e adhradh teaghlaich. Tha fios agam fhìn gur e bhith leantainn an adhraidh a dh’ ionnsaich dhomh a’ Ghàidhlig a leughadh an toiseach is tha mi glé chinnteach gun robh móran òigridh coltach rium. Bithidh sinne a’ cluinntinn móran leisgeulan aig pàrantan carson nach eil a’ Ghàidhlig aig an cloinn ach tha mi fhìn de ’n bharail gur e an reusan as bitheanta an leisg agus nach gabh iad an dragh.
3. Camp Comunn na h-Oigridh
Tha Càmp bhliadhnail Comunn na h-Oigridh aig Cnoc nan Ròs, Baile Dhubhthaich, glé mheasail aig a’ chloinn. Tha iad glé dhéidheil air a dhol ann, agus gu dearbh bha fìor-chliù math orra bho na h-inbhich as gach ceàrn a bha air ceann na càmpa. Chaidh seachd pearsa deug á Geàrrloch do Chnoc nan Ros an uiridh agus cha robh aon diubh sin a bheireadh droch ainm d’ a dhùthaich air a bheatha. Is dòcha gum bi an còrr a’ dol ann am bliadhna. Is mór is fheàirrd a’ chlann a bhith a’ coinneachadh ri cloinn eile; tha iad a’ faicinn gu bheil na h-Eileanaich nas fileanta na iad fhéin is tha sin a’ toirt orra oidhirp nas motha a dhèanamh nuair a thilleas iad dhachaidh. Tha iad ag ionnsachadh na Gàidhlige a h-uile madainn aig a’ champ, agus amhrain Ghàidhlig is ceòl gach là. Is mór an nì sin oir ann an sgìre Gheàrrloch chan eil neach a tha oileanaichte ann a bhith a’ teagasg ciùil dhaibh.
4. An Sgoil
Chan eil ach aon sgoil a nis anns an sgìre far nach eil ceann-teagaisg Gaidhealach agus tha an sgoil mar sin bho chionn bhliadhnachan is cha chluinnear facal Gàidhlig aig a’ chloinn as a’ bhaile bheag sin ged a tha iad glé dheònach air a’ Ghàidhlig ionnsachadh nuair a thig iad do ’n sgoil mhóir. Tha rud eile a’ dèanamh cron mór air aobhar na Gàidhlige. ’S e sin: ma tha sgoilear math tha e air a chur gu Inbhir-pheofharain aig dà bhliadhna dheug, baile a tha nas Gallda na a’ Ghalldachd. ’S chan eil misneachd sam bith air a toirt dha ’n chloinn bho ’n taobh an Iar spéis a ghabhail anns a’ chainnt mhàthaireil aca fhéin. Ach air an làimh eile tha a’ Ghàidhlig air a teagasg gu cruaidh ann an cóig sgoilean ann an sgìre Gheàrrloch agus tha trì feachdan de Chomunn na h-Oigridh air a stéidheachadh san sgìre.
(a) Ann an sgoil an Leothaid fo stiùireadh Anna Nic an Rothaich, bana-Ghàidheal a tha air uabhas obrach a dhèanamh fad a beatha as leth na Gàidhlige.
(b) Feachd a measg 12-15 bliadhna dh’ aois ann an sgoil Gheàrrloch far a bheil fìor Ghaidheal ’na mhaighstir-sgoile, Donnchadh MacLeòid as a’ Chóigich a tha ag oibreachadh gu cruaidh is a’ toirt gach cuideachadh do gach gnothaich a bhuineas do ’n Ghàidhlig anns an sgìre.
(c) Feachd 8-12 bliadhna dh’ aois ann an sgoil Gheàrrloch a tha cho deònach air a’ Ghàidhlig is pìobaireachd ionnsachadh ’s gu bheil iad a’ tilleadh an déidh àm na sgoile airson leasanan. Is nuair a tha mi a’ faicinn a’ ghinealaich a tha ag éirigh suas cho dùrachdach air an cainnt mhàthaireil ’s na cleachdainnean Gaidhealach, bu mhiann leam cur fo chomhair am pàrantan agus an linn do ’m buin mise na faclan aig “Fionn” nach maireann ann an òraid do na Gaidheil ann an 1908—
“Cuimhnich orra-san a thig ’nad dhéidh is dèan buil cheart de na fhuair thu, oir ma leigeas tu a dholaidh an oighreachd luachmhor so, éiridh ginealach as do dhéidh a mhallaicheas thu airson mar a chuir thu a dhìth oighreachd “Chlanna nan Gàidheal.”
title | Oigridh Gheàrrloch ’s a’ Ghàidhlig |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Ceiteirein NicMhathain in Gairm 32 %p |
parent text | Gairm 32 |