Aili Mal
ISEABAIL NICNEACAIL
(Cill Fhaolain)
’S e a’ chiad chuimhne a tha agam air Aili Mal a bhith falbh air madainn bhrèagha shamhraidh còmhla ri mo phiuthar a dh’ amharc air an aiseal aige. ’S ann orm fhéin a bha an sùrd ’s mi ’na mo nighinn bhig mu cheithir bliadhna a dh’ aois, oir an uair ud ’s e beathach fìor iongantach dhòmhsa bh’ ann an aiseal. B’ e ar ceann-uidhe an Càrn Feàrna, far an robh dà bhràthair, Alasdair is Dòmhnall MacAoidh, agus am piuthar Ealasaid, a’ còmhnaidh. Ach ’s e theireadh sinn riutha an Cinn t-Sàile Aili Mal, am Bàrd, agus Lìsidh. Bha an tigh beag tughaidh aca ’na sheasamh ’na aonar ri taobh frith-rathaid, letheach slighe eadar Camus Laoinidh agus Coille Rìgh ann an Gleann Eilcheig, agus an abhainn a tha toirt a h-ainm do’n ghleann mhaiseach so a’ ruith faisg air an dorus aca.
Chan eil duine de ’n teaghlach so beò an diugh agus chan eil air fhàgail de ’n dachaidh aca ach na ballachan. Ach nam b’urrainn do na ballachan bruidhinn nach iomadh sgeul a dh’ innseadh iad! Ged nach robh an fhàrdach ach beag bha meas mhór aig gach sean is òg sa’ ghleann a bhith tadhal innte. Gheibheadh iad fàilte bhlàth is furan agus dibhearsain gu leòr. Bhiodh Aili ag aithris nan euchdan treuna aige fhéin, am Bàrd a’ gabhail òran éibhinn a rinn e do chuideigin, agus Lìsidh a cheart cho eirmseach agus cho geur air a teangaidh ri càch. Bha iad eòlach air gach gnothach iongantach a bha dol feadh na dùthcha, oir cha robh tigh eadar dà cheann na sgìre anns nach biodh Aili agus am Bàrd a’ céilidh. Nach dubhairt Lìsidh aon latha ri gèidsear a dh’ fhaighnich aig an dorus a robh fear-an-tighe a stigh, “Chan eil fear-tighe a so ach tha fear ann a bhios a’ falbh nan tighean.”
Cha robh duine anns na dùthchannan mun cuairt nach robh eòlach air Aili Mal, oir cha robh féill no banais no coinneamh sam bith ceart gun e bhith ann. Bha e ’na dheagh òranaiche, agus làn a chlaiginn aige de sheann òrain agus iomadh seann sgeulachd cuideachd.
Ged nach e duine mór a bh’ ann an Aili, bha e dèante ’na phearsa agus cho tapaidh agus cruadalach ri duine bha ri linn an Cinn t-Sàile. Bha ùidh mhór aige ’na neart fhéin agus cha robh e airson aideachadh gun toireadh duine sam bith buaidh air. Nuair a bha e an tréine a neart bha e air a chuartachadh le Cloinn ’Ic Rath. Bha e sgìth bhith cluinntinn bhuapasan cho làidir ’s cho foghainnteach ’s a bha na daoine aca thar chàich. Shealladh esan dhaibh gu robh e cho math ris an fhear a b’ fheàrr dhiubh. Nach tric a theireadh e fhéin, “Tha mi da fhichead òirleach ’s a sia timcheall am broilleach rùisgte, agus có fear anns a bheil barrachd?” Ma bha curaidh sgoinneil sam bith ann de Chloinn ’Ic Rath a bha math air ruith, leum no gleac, sin am fear a dh’ fhiachadh Aili.
Bha e cuideachd cho math air snàmh ri breac. Bliadhna ’s e ’g obair air a’ Phait, ’s e an spòrs a bh’ aig a chompanaich a bhith toirt e fhéin is cù-eun a mach ann am bàta air Loch Monar. Am meadhon an locha thilgeadh iad an cù a mach as a’ bhàta, agus a mhaighstir air a’ chladach ag éigheach ris. Mach as déidh a’ choin leumadh Aili rùisgte a’ strì có bu luaithe ruigeadh tìr.
Feumaidh mi aideachadh nach robh ùidh mhór aig Aili ann an obair fearainn. B’ fheàrr leis fada a bhith a’ toirt bradan as an linne no a’ sealg an daimh chròcaich. Cha robh còir laghail aige air a h-aon dhiubh ach có ’n geamair a chumadh bhuaithe iad? Mar a dh’ fhaodas sibh a thuigsinn cha robh gaol mór sam bith eadar e fhéin is na geamairean, oir bhiodh sitheann is bradan gu leòr aige ge b’ oil leotha. Nam biodh iad an cruinneachadh sam bith, thigeadh Aili ’nam measg agus seann seacaid air le druim dearg le fuil féidh. Bheireadh e deagh aire gun tionndaidheadh e a chùl riutha gu math tric airson tàmailt a chur orra.
Nis ged a bha Aili Mal ’na dhuine còir, gasda, agus ann an dòighean eile cho onarach ri fear a bha riamh an Cinn t-Sàile, bha tlachd mhór aige a bhith sabaid an aghaidh luchd-ùghdarais. Thug e fad a bheatha a’ còmhstri ri uachdarain is an cuid bàillidhean, agus a’ toirt a’ char as geamairean is gèidsearan. Carson a bhiodh esan umhail dhaibh? Cha robh e ’na nàdur a bhonaid a thoirt a nuas do dhuine geal.Cha robh croit idir aige air a’ Chàrn Fheàrna, cha do phàidh e sgillinn mhàil riamh, agus mar sin cha robh còir aige air òirleach fearainn. A dh’ aindeoin sin bha mo liadh a’ cumail trì mairt, aiseal, cearcan agus, mu dheireadh, suas ri dà cheud caora. Bha an tigh aige anns a’ chrìoch eadar Camus Laoinidh, baile chroitearan, agus Coille Rìgh, a bha an toiseach ’na thuathanas. ’S iomadh cath mór airson talamh a sheas e an aghaidh bodaich Chamus Laoinidh air an aon taobh, agus an aghaidh an tuathanaich a bhiodh an Coille Rìgh air an taobh eile. Chumadh Aili trod riutha, agus aig an aon àm bhiodh am Bàrd a’ deanamh aoirean nimheil dhaibh.
Nuair a chaidh Coille Rìgh a chur fo fhéidh agus frìth a dheanamh dheth, bhiodh na caoraich aig Aili daonnan a’ cur na seilge aig na
Aon latha thainig an t-uachdaran e fhéin air a thòir. Bha na caoraich aig Aili ’ga shàrachadh agus bha ’n dearg chuthach air. Thòisich an trod agus abair thusa trod. ’S e duine mór calma a bha anns an uachdaran is e òirlich thairis air sia troighean a dh’ àirde, ach ’s beag eagal a bh’ aig Aili roimhe, agus le cuaille mhór bhata a bh’ aige ’na làimh mhaoidh e bheatha air. Cha robh Beurla aig Aili, no Gàidhlig aig an fhear eile, agus bha sin cho math. ’S e geamair a bha còmhla ris an uachdaran bha ’na eadar-theangair. Bha am Bàrd ’na fhalach air cùl pris ag éisdeachd, oir cha robh esan ’na shaighdear idir cho math ri bhràthair. Mu dheireadh thall b’ fheudar do ’n uachdaran teicheadh agus Aili ag éigheachd as a dhéidh, “Their ris gun sùil no dùil a bhith aige gun cuir e mise air falbh agus mi so trì cheud bliadhna roimhe fhéin.”
Tha iad beò fhathast an Cinn t-Sàile ’s an Loch Aillse a chuir seachad oidhche chridheil, thoilichte còmhla ri Aili Mal ann an tigh-dubh. ’S math a b’ aithne dha an stuth cruaidh a dheanamh agus bha “an deoch Ghaidhealach aig Aili Mal,” mar a theireadh iad rithe an Cinn t-Sàile, ainmeil fad is farsaing. Ged bu tric a ruith e gu math caol cha deachaidh a ghlacadh riamh.
Aon gheamhradh bha tigh-dubh aig Aili ann am badan coille ri taobh Allt-an-Daimh air oighreachd Cille Fhaolain. Thachair gu robh geamair Gallda a bha ann an Cille Fhaolain a’ siubhal a’ mhonaidh aon latha, agus mar a rinn am mì-shealbh thainig e air an tigh-dhubh. Chuir e fios cabhagach do na gèidsearan agus an ath mhadainn thàinig iad. Bha am Bàrd agus companach a’ cumail teine ris a’ phoit dhuibh. Aon tarraing eile ’s bha an t-uisge-beatha ullamh. Bha Aili aig an tigh
Bhiodh Lìsidh air a sàrachadh le na gèidsearan a’ tighinn do ’n tigh a cheasnachadh agus a rannsachadh. Aon uair lìon i trì pigeannan le fual. Chuir i corcais annta agus fhalaich i iad ann an cùil dhorcha. Bha iad an sin airson beagan sheachdain. Thàinig na gèidsearan a rithist a ruarach agus cha robh a stigh ach am Bàrd agus Lìsidh. Mu dheireadh laigh sùil fear dhiubh air na pigeannan. Shlaod e fear a mach, thug e as a’ chorcais agus chuir e a shròn ris. Ach ma chuir cha dheanadh e rithist e. Theab am fàileadh a chaidh suas a chuinnleanan a thachdadh. ’S ann air a bha an fhearg, gu h-àraidh nuair chunnaic e am Bàrd a’ dìdearachd air agus snodha ghàire air aodann Lìsidh.
Latha eile cha dainig na gèidsearan follais idir, ach air dhaibh a’ chreag air cùl a’ Chàrn Fheàrna a dhìreadh, laigh iad anns an fhraoch a’ cumail sùil gheur air dé bha dol air adhart gu h-ìosal. Seòlta ’s ga robh iad, ’s math bha fios aig Aili gu robh iad an sud. Chuir e fios air balach òg a bha fuireach an Coille Rìgh a thighinn a nuas le bocsa-ciùil a bh’ aige. Thàinig an gille, thug Aili a mach e gu lianaig air beulaibh an tighe, chuir e ’na shuidhe e air cloich agus dh’ òrdaich e port aighearach. Thòisich e fhéin air dannsa ’s air “luchail” agus air éigheachd gus an cluinneadh na gèidsearan e, “ ’S e ’n deoch Ghaidhealach fhéin a chuireas spionnadh ann am balach.”
Bha Aili fialaidh leis an uisge-bheatha aige agus bha e air òl air iomadh banais shunndach an Cinn t-Sàile, agus cha tigeadh Callainn gun deurag de shùgh an eòrna bhith air a riarachadh air a’ Chàrn Fheàrna.
Bha e fhéin an dùil nach laigheadh an aois air gu bràth, agus bhiodh e daonnan a’ cantainn gu robh e smaoineachadh gum biodh e beò gus am biodh e sia fichead, ach dh’ eug e aig aois tri fichead ’s a dhà dheug. Tha fichead bliadhna a nis bhon a chaochail e ach tha muinntir a dhùthcha ’ga chuimhneachadh ’s ’ga ionndrain fhathast. Nach iomadh gàire cridheil a rinn iad air a sgàth, agus dh’ fhalbh cridhealas agus fealla-dhà ás Gleann Eilcheig an uair a shiubhail e.
title | Aili Mal |
writers | Isobel Nicholson |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Iseabail NicNeacail in Gairm 32 %p |
parent text | Gairm 32 |