[335]

Tigh Còmhnaidh An Innse-Gall 1777

TORMOD MACLEOID.

Bha aghaoth aséideadh thar Innse Gall.

Bha na h-eileanaich eòlach air aghaoth.

Thog iad an tighean còmhnaidh, agus gach togalach eile air cumadh iosal rèidh ionnas gun éireadh aghaoth thairis gun mhailles gun deidheadh i seachad gun dlòth tughaidh thoir leatha. ’S ann a shaoiliste le coimhead orra gu robh na tighean agreimeachadh gu daingeann ris achruitheachd air eagals gu sguabadh aghaoth á bun iad.

Bha balla an tighe eadar 4 agus 6 troigh a thiughad agus eadar 7 agus 9 troigh a dhàirde. Bha aodann a muigh agus aodann a stigh abhalla de chlach nach fhac òrd. Eatorra bha clacha beaga, morghan agus ùir. Bha clachan abhalla muigh air an claonadh gus an t-uisge chur a mach agus bha clachan abhalla stigh air an claonadh chums gun cuireadh iad uisge na tobhtach steach dhan abhalla far an sùigheadh an t-uisge air feadh na h-ùireach. Mu dheireadh na 19mh linn bha am balla stigh air a chriadhadh agus uisge aoil neo paipeir sgaoiltga sgeadachadh.

Gu ruig mu thimcheall 1850 bann de fhiodh cladaich a bha cabair an tighe. Bha bun nan casan-ceangail suidhichte air bàrr abhalla stigh. Bhiodh tiughad throigh de thughadh air muin nan cabair agus bha liad dha no tri throighean de mhullach abhalla lom. Casan a bha so, bharr na tobht, a bha ro fheumail aig àm tughadh an tighe an déidh na buain agus a rithis mu mheadhon an t-samhraidh nuair a bhiodh na sparranga rùsgadh air sgàth an t-sùithich. Bha an sùithichga sgaoileadh am measg bàrr maoth abhuntàt airson a mhathachadh.

TUGHADH. —Bun abheum eòrna, be sin an tughadh. Bha an t-eòrna air a spìonadh as a fhriamh. An déidh don arbhar uile a bhith teàruint fo shìoman san iodhlann thigeadh latha sgathaidh .i. latha gearradh nam bunan, latha crathadh nam bunan on cuid ùir; thigeadh latha tughaidh an tighe, dìreadh suas nan staidhreachan le eallach bhunan, chun na tobhta, far am biodh fear an tigh, asgaoileadh an tughaidh agusga chlapan, leis amhaide slathaig.

Dhfheumadh dithis a bhith sìomanachadh an tighe, fear air gach taobh; cha bu mhisd an obair triùir: an trìtheamh fear am mullach an tighe. Bha acheirle shìomain fhraoich neo lùib dhan t-sìomanga thilgeadh bho thaobh gu taobh agus acraichean .i. leacan cloiche, ’gan cur anns gach lùib. Bha leac eile .i. clach bun-bac, fo gach acair. Bha clach bun-bacna seasaibh air an tobht, sìnte an aird ris an tughadh. Ann an cuid de thighean bhiodh sgrath fon tughadh ri bun-bac. Bha na sgrathan air an cur gu feum mar chòmhdach air bothain, air tighean-chaorach agus air àirigh. Bhiodh luachair mar thughadh air cuid de thighean, bhiodh agus fraoch fhéin.

Bho chionn lethcheud bliadhna bann de chriadh a bha làr an


[336] tighe. Criadh air muin chlacha beaga, a bha air muin chlacha móra ris an abarar: stéidheachadh an ùrlair.

Tigh Choinnich MhicRuairidh (1777) am Bradhagair, Eilean Leódhuis

LARACH 1777. —Chan e làrach a mhàin a than so. Tha am balla togte fhathast ionnas gum faicear rian na togalaich. Rinneadh dealbh agus tha a mheud agus a thomhais air. Tha iomall an suds an so a dhìth air an làrach ach rinneadh an deablh iomlan bho beul-aithris san nàbaidheachd.

Tha aghaidh an tighe ris an àirde deas. A cheann ris an àirden ear. Tha uchdan talamhain ag éirigh thun na h-àirden ear-thuath air cùl an tighe acur fasgadh air an tigh bho ghaoith ghreannaich fhuair an earraich.

Bha aithneachadh de leathad air an àilean mu thimcheall an tighe leis an ruitheadh bùrn éirigh no uisge na speur. Cha robh tighinn fodha no thairis air an ùrlar. Bha an làr tioram seasgair fon cois. Cha robh sileadh dubh mun ceann, fhads ghabhtair gu math mun tigh le tughadh tiugh bhunan dubha agus sìoman fraoich na mòintich.

AIG AN TEINE. —Aig an teine: be so meadhon an tighe agus be an teine a theis mheadhon. Bhiodh leac an teinntein daonnan blàth. Mun deidheadh an tigh mu thàmh, bha an teinega thasgadh, be sin, fòid air an sàthadh air an ceann a steach am measg nan éibhleags na luaithre. An àm éirigh samhadainn bha an luaithrega cur a thaobh, na h-éibhleagan air an cruinneachadh an glaic a chéile, fòid agus caorain mun cuairt agus bha teine lasrach loinnireach ris a thiotadh.

SOLUS. —Biad corr-fhàd agus mòine-bhàn tasgadh, ach be an caoran dubh a thogadh solus geal an fheasgair. O shean bha an crùisgean ann le ola éisg agus sifeag luachrach adeanamh leus beag soluis. Thàinig an sin an ola ghuail ann alàmpa dhubh nan ceàirdean, cumadh cluig a bhair an làmpa dhubh agus dubhan àrd an àird aistgu a crochadh air taraig no air spàrr. Thàinig an sin làmpa mhór bhrèagha as abhùth (1900-1930). Bha sin Tilley ann agus Aladdin, gus mu dheireadh an dfhuaireadh solus an dealain. Bha bho thùs uinneagan tughaidh am bàrr abhalla, agus craicionn glan chaorach orra. Bha sin mìr gloine rithe. Mur a bitheadh leigeadh an toll ceò na mònach a mach.

CULAIST. —Bha cailbhfhiodha gu àirde abhalla adealachadh na cùlaist. Be achùlaist an àite cadail agus a thuilleadh air leapaichean bha ann cisteachan anns am biodh aodach agus ionmhasan.

LEABAIDH BHALLA NO CRUB. —Cùil a bha so, leth chruinn, troigh steach dhan bhalla, 4 troigh a leud aig a beul, air an làr, agus troigh a dhàirde, aig a beul: casan a steach agus ceann a mach ri blàths an teine. Ceann leac a bhair a chrùb. Leac air muin licga toirt a steach gus an deach an leac-mhullaich orra. Bha seorsa eile ann de leabaidh-bhalla: air fad abhalla. Bhiodh an leabaidh so aon troigh na bàirde na làr an tighe, 6 troigh air fad, 5 troigh air leud aig a ceann agus troigh aig na casan. ’S e ceann leac a bhiodh orra. Thainig na leapaichean dùinte fiodha mu 1850 agus chaidh na leapaichean balla á cleachdadh.


[337]

Sealladh sìos air leabaidh chruinn abhalla.

TEINE
balla
cinn
casan

Sealladh bho a taobh air leabaidh chruinn abhalla.

làr
cinn
casan


[Dealbh]
Sealladh sìos air leabaidh bhalla air fad abhalla.

TEINE
balla
cinn
casan


[Dealbh]
Sealladh bho a taobh air leabaidh bhalla air fad abhalla.

leac mhullaich
làr


[338]

TALLAN. —Bho thùs, an àm nan creach, cha robh air an starsaich ach an Leac Urlarachna seasamh taobh nan daoine dhan dorus. Bha na daoine agus an crodh steach agus a mach air an aon dorus, dorus beòil an tighe. San dol a machs san teachd a steach bha an crodh ationndadh aig aLeac Urlarach; mach tre dhorus an fhosglain, no steach, sìos air an todhair. Linntean an déidh sin, chuirear streath chlach air an starsaich agus an déidh sin leth-bhalla. Ach bha sùil fear an tighe air na beathaichean. Bfheudair dhà. Lean cleachdadh an leth-bhalla, linntean eile, leis an leisgeul gum bfheàirrde an crodh an teine. Chaidh ceud bliadhna seachad agus togail nam agus creach nam bailtean gun chuimhne orra nuair a dhéirich an tallan suas chun na sparran agus a thugair an teine bho ùrlair an tighe gu taic an tallain, ann an simileir le fàrlus.

AN TIGH UARAICH (E). —Bha dorus an tigh-uaraich fa chomhair an teine. Dhfhóghnadh blàths agus solus an teine dhan tigh-uaraich. Bhiodh leabaidh no dhà ann, anns gach ceann dhfhaoidte, cisteachan eudaich agus ciste mhór le min airson aran agus ciste mhór le càth airson làghan. Bha an trìtheamh ciste mhór le feòil: sia muilt air an sgoltadh air am fad, air am brùthadh air muin a chéile ann an salainn. Ann an ceàrnan den Ghaidhealtachd theirteir tigh-uaraich ris an tigh-bhainne.

SABHAL (F). —Bha dorus an t-sabhail air an todhar. Bha cruach eòrna no cruach choire, mu seach, ’ga cur a steach dhan t-sabhal. Bha an t-arbhairga bhualadh le sùiste .i. làmhchrann 5′ × 2″ , iall a chraiceann caorach, buailtean 3′ × 2½″ . Bhiodh an sìol air a thiùrradh ri leac an t-sil .i. leac 6′ × 3″ a bha togte air a taobh am balla an t-sabhail chums nach caillear an sìol ann an tuill abhaile. Bha a dhàird air dorus a stigh an t-sabhail gum faigheadh duine troimhe le ultach no mùillean arbhair a riarachadh nam beathaicheannan tràth

TOLL AN T-SABHAIL. —Ach dorus a muigh an t-sabhail, cha robh ann ach toll: 2′ × 3″ tre an robh an t-arbhar, am bad coirc no am beum eòrnaga thilgeadh a steach gu fear a thilgeadh e a rithis gu fear a stéidheadh e. Bha toll an t-sabhailna tholl mar so bho linnteann nan creach. Ged nach robh creachadh ach ainneamh an Innse Gall bho thogadh na daoine gu Blàr Allt Eireann (1645), lean ena chleachdadh bhith deanamh toll an àite dorus. Be cuimse lughad an tuill nach fhaighte seice sìl a mach troimhe. Tha sabhal togte fhathast agus arbhar ann gach foghar, sabhal a thogadh ann an 1900. ’S e toll 2′ × 3″ thair. An cleachdadh aleantainn còrr air 200 bliadhna gun aobhar. Nuair a bhiodh an t-arbhair a stigh dhùnadh an toll le clachan, cha robh còmhla ris.

Cha robh e comasach don teaghlach ultach no eallach droma thoirt a steach tre tholl an t-sabhail. Cha bu mhotha bha rian aig luchd nan creach ultach no eallach a thoirt a mach gu h-àraidh ann an dorchadas na h-oidhche, agus an toll dùinte le balla cloiche.

AIR AN TODHAR. —Bha thrian den tigh aig achrodh agus trian aig na daoine. Bha na daoine agus an crodh fo na h-aon chabair, air faiteas nan creach. Air cho bochds gun robh an dachaidh bha stéill achruidh ann agus sabhal arbhair gu am beathachadh. Mur a bitheadh


[339]

TUATH
ear
iar

BEULTHAOBH DEAS

SABHAL
TAIGH
FOSGLAN
SEALLADH TROIMHE

Rannan an tighe:—
A aig an teine.
B cùlaist.
Bi crùb, no.
Bii leabaidh bhalla.
C cailbhe.
D tallan.
E tigh uaraich.
F sabhal.
G air an todhar.
Gi stéill.
H fosglan.
I àth.
J tigh falaich.
K dorus beòil.
L toll an t-sabhail.
M toll-each.
O teine.

sin ann cha bhiodh san fhàrdaich ach bothan mar a chìtear aig seana dhaoine bochda laga gun chrodh gun chaoraich gun raon gun fhearann.

Bha gach beathach mairt a bhair an todhar ceangailt air stéill le smeathag mu h-amhaich. Bha bun nan stiall daingeann san làrs am bàrr ann an lùib a chasa-ceangail. Bha cothrom aig an smeathag èirigh mu thimcheall na stéill mar a bha an todhar ag éirigh leis na bha an crodh acur ris agus an talamh a bhatar a cur a steach airson an cumail tioram. Mun tigeadh an t-earrach bha an todhar cho àrds gum biodh adhaircean achruidh toirt brag air na casan-ceangail. Bha fear ann, ’s cha baonfhear, agus thàinig air an tughadh fhosgladh do chinn achruidh.


[340]

Bho chionn fhada cha robh e ceadaichte talamh a chur a steach a measg an todhair. Bha san àm sin staran leacan ris an abairear Leacan Seisearachd afalbh bhon astarsaich gu ruig an toll-each. Fòpasan bha sùgh an todhair aruith chun an toll-lodains mach air tòin an tighe.

An àm obair an earraich bha an toll-eachga fhosgladh an tòin an tighe, ’s bha an capull-uallaich le chuid chlèibh acur a mach na h-inneireach. Linntean an déidh sin bha cart aca. Am fear aig nach robh each no cart bfheudair dhàsan an todhar a chur a mach air a dhruim fhéin, agus nuair a bha an todhar gu léir a muigh, bha an toll-each, no mar a theireadh cuid, an toll-inneireach, air a dhùnadh mar a bha e, le balla cloich, airson bliadhna eile.

FOSGLAN (H). —Bha am fosglan acur dìon air an tigh. Bha àite ann dhan each. Bha àite ann dha na h-òisgean. Bha cùil ann do fheamainn achladaich air an robh meas aig achrodh. Bhiodh srathair ann, ’s cléibh, ’s cliath, cas-chrom, cas-dhìreach, plocan, ploc-lomaidh, agus iomadh treallaich a bhitheadh goireasach do dhaoine bha strì ri muirs ri tìr.

DORUS BEOIL (K). —An dorus a muigh, agus dhorus eile; dorus a stigh an fhosglain agus dorus a stigh an t-sabhail, be iad sin na trì dorsaibh tren coisicheadh fearna sheasamh. Nan cuirte casg air coigreach coimheach aig an dorus a muigh cha robh bealach eile air an coisicheadh e steach don fhàrdaich. Ma bha e an dùil èaladh a steach a dhaindeoin bann air a chnàmhspogan a dhfheumadh e gluasad agus cha bhiodh dìth fàilte roimhes e snàgadh a steach an comhair a chinn, ann an dorchadas na h-oidhche, bhiodh di-bheatha roimhe.

AN ATH (I). —Mu thimcheall 1900 cha robh àth air a suidheachadh an ceann tighe no an ceann sabhail, ach tha e soilleir gu robh an àth aig ar sinnsearachd ceangailt ris an dachaidh. Bhiodh teine mór anns an teallach, teas mór agus deatach suas an sòrn gu ruig an surrag far an robh an tìoradh acruadhachadh. Bha an àth buailteach a dholna teine. Nan deidheadh an àth ri teine dheidheadh teine ris an tigh. Air an aobhar sin thogadh na h-àthan mu dheireadh a bha togte astar bhon tigh.

S dòcha nach e àth a mhàin a bhann. Bha cùil-thigh an ath-dhorus ris an abarar an tigh-falaich. Cha robh feum aig àth air tigh falaich. Tha san amharus mar sin gur iongantach mura biodh an àth an dràsd agus a rithistna tigh-staile, ach chan fhaoidite luaidh a thoirt air ainm tigh-staile bho an uair a sgaoil sgaoth dhubha dhorch de ghàidsearan air feadh na dùthcha.

AN TIGH FALAICH. —Bhon taobh a muigh cha shaoileadh duine gu robh àth ann. Cha be a bhann theireadh tu ach ceann an t-sabhail. Mar an ceudna bhon taobh a muigh theireadh tu gum be ceann an tigh-uaraich bha san tigh falaich. Ged a thigeadh tu steach dhan tigh uaraich, ’s cha chuirte bacadh air neach tighinn a steach, chitheadh tu balla cruaidh chlach romhad: leac mhór àrd a bha dhith féin ach beag lìonadh balla ceann an tigh uaraich. Bha an leac cho mór is ged a bhiodh ina laighe air an raon gun toireadh i an dùbhlan do thriùir dhaoine car a chur dith le geamhlag.


[341]

Do dhaoine a bhitheadh an teagamh be ceann an tigh uaraich ceann crìch an tighe dha-rìribh.

Bha i mar mhìr den chruthachadh mhór fhéin, nach caraicheadh, neo-ghluaisteach daingeann sìor. a bha gu bhith air cùl a leithid sud de chloich? ’S ged a bhitheadh cionnas a gheibheadh neach mu chuairt oirre no fòipe no os a cinn? Cha robh rian air. Bha an leac alìonadh ceann an tighe. Be sud a chrìoch, gu deimhinn bè.

TUILL CRUBAIDH. —An toll a bheadar achùlaist agus an àth bfhurasd fhalach le mìr de dhàirneis an tighe .i. ciste mhór na mine. An toll crùbaidh a bheadar an àth agus an tigh-falaich, bha esan mar an ceudna furasda fhalach le seice gràin no connlachna sreithig air muin slinnteach na surraig. Bha toll a muigh na h-àthaidh mar a bha toll an t-sabhail, dùinte le clachan, nuair nach bidhte cur feum air. ’Se sin, nuair nach biodh an àth air ghleus.

A nuas gu linn Napóleon bann le airgead an uisge bheatha bha móran de na h-eileanaich a dìoladh màl an fhearainn; le airgead an uisge-bheatha agus le feòil agus le min agus le ìm; feòil is min is ìm, thuilleadh air airgead. Cho fad air aiss théid cuimhne agus beul aithris bha ena chleachdadh a bhith deanamh uisge beatha agus ged a bhà, mu dheireadh, na gàidsearan atighinn agus adol air an cuairt, cha tigeadh iad gun fhios. Cha robh carbaid siùbhlach aca, ’s ged a bhiodh, cha robh ròidean ann. Cha tigeadh marcach air each air luathair tarsainn mìltean de mhòintich bhog réisg.

Bha sùil cuideigin air gach bealach air am faodadh gàidsearan teachd. Nan deanadh gach neach a dhleasdanas, nam biodh gach cleas air ghleus, cha lorgadh na gàidsearan . Nan gléidhte an dorus beòil cha robh e comasach do choigreach tighinn a steach don fhàrdaich ach le cead an teaghlaich; cead mar a thug Dòmhnall mac Iain Bhàin, nuair a thogair e cead a thoirt.

Thainig na gàidsearan air fàire gun fhios. Chuir Dòmhnall a bhràthair Iain gu àrd-doruis an doruis bheòil le clach mhór mhuilna làmhan agus lasadh coimheach fuar feargach fuathach air a bhathais agus le earalas rinn e na gàidsearan a chumail a muigh gus an cuireadh an teaghlach an t-uisge-beatha air falach.

Nuair a bha gach réidh, tháinig Dòmhnall a mach le aghaidh chaomhail choibhneil chàirdeil chridheil agus chuir e fàilte air na daoine uasal a bhaig an dorus agus dhiarr e steach iad gu biadh agus blàths an tighe. Sheall iasdan an àirde gu h-amharusach ri fear feargach na cloiche muile a bha shuas air an tobht. Sheall Dòmhnall suas agus thuirt echa dean esan cron air duine, chan eil ann ach amadan.” “Cias ainm dha?” ars iasdan. “ ’S e is ainm dha Blaghastair, ’s leig am baile thairis e.”

titleTigh-còmhnaidh an Innse-Gall 1777
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Tormod MacLeòid in Gairm 32 %p

parent textGairm 32
<< please select a word
<< please select a page