[351]

Diatomite Bheàrnaraigh

MAIRI NICILLEMHOIRE

So an Dubh-Ob, an ear air Loch na Cuilce. Thogadh an dealbh so le Dr. Tormod Innesam fear a thug air falbh an toiseach cnap de stuth Loch na Cuilce o Mhurchadh agus a fhuair a mach gur e diatomite a bha ann.

Nuair a tha thu aig an tigh nach toir tha sgrìob a Bheàrnaraigh a dhfhaicinn seòrsa rud a tha san diatomite sud a fhuaras ann?” Bu bheag fhios-san a labhair mar so cho moiteils a bhithinn-sa sin a dheanamh! An toiseach is math leisgeul sam bith a bheir suas a dhùthaich mo sheanar mi. A rithisd tha fasan grànda air bonn aca am Bradhagair o chionn bliadhna neo dhà air ais. Tha iad abuain na mònach aig cead sgoile na Càisge agus tomhais carson! Dìreach ach am beir iad air mo leithid-sa aig baile. Co leis nach bfheàrr plubraich aChaolais thar slupraich nan tairsgeir? Thàrr mi ás co-dhiùbh le mo leabhar sgrìobhaidh, is mo chamara.

Ràinig mi Beàrnaraigh gu socair, tioram an carbaid mo dheagh charaid Calum Gobha. Agus bu mhath ann e. Chan eil bus aca san eilean a nis idir.

Dhfheuch mi steach do thigh fear de mdhlùth-chàirdean, Murchadh Dhànaidh. Is ann air an lot aigesan a tha cuid den stuth, agus is e a fhuair a mach o thùs nàdur nacailceannasaich ud.

Dhinnis mi an ceann greis gu a bhair maire. Shìn Iona, bean Mhurchaidh, a null botul beag chugam, anns an robh bùrn sgleòthach ruadh. BhaGlisnsgrìobhte air abhotul agus bha e ag innse gur ann aig factoraidh Ceann Loch Raineach a chaidh a dheasachadh, maille ri ainmean gach a bhinnte a bharrachd air diatomite Bheàrnaraigh.


[352]

So agaibh, air Loch na Cuilce, iadsan a chladhaich achiad earrann a chaidh air falbh, maille ri fear na factoraidh Mgr. Rollo. So an ainmeannan: Tormod MacIllinnean (Tormod aGhaidheil), Alasdair MacIllinnean (Alasdair Iain aMhaighistir), Mgr. Rollo, Tormod MacDhòmhnaill (Tormod Spung), Eachann MacAmhlaidh (Eachainn Firidh), Fionnlagh, bràthair Alasdair, agus Murchadh Dhànaidh.


[353]

An e so thu?” arsa mise leam fhéin, “a bheir fhathasd beartas ùr a Bheàrnaraigh agus a chumas obair ri òigridh ar tìr aig an tigh?” Mas è, shaoil mi, nach fhaodadh gum bi am factoraidh fhathasd am Circibost? Ach fóghnaidh sin de mo smuaintean dìomhainchan eil uam ach fuireach is faicinn.

A nis bha Iona asealltainn dhomh mar a dhobraicheadh e. Bhog i luideag ann agus an uair sin leacraich i an sgàthan leis. Shuath i e gu math an sin le te ghlan. Agus geall gu faiceadh tu dfhaileas as! Os cionn an teinntean tha srianag de umha aice, agus chuir i mór-iongnadh orm an uair a thug i gleansa bhuidhe as a sin leis cuideachd. Tha ise air poilis nan carbaid fheuchainn cuideachd agus tha moladh aice air gach cuid.

So dhut pìos dhetharsa Murchadh agus e cur cnap bhuidhe-gheal, aotrom, mìn-ghràineachna mo bhois. Be so an stuth tioram. Tha an stuth, a tha dorch-ghlas, afàs geal mar a tha e tiormachadh. The e coltach gur e cnàmhan beathaichean beaga bìodach a bha ann o chionn fhada a tha ann. Tha feum an diatomite cuideachd airsoninsulation, ”ann am pent, agus a chùm sìolaidh sùgh fèoil na muice-mara. An uair a bha e san sgoil, thubhairt e, is ecailca bha aca air, agus bhiodh na balaich ag iarraidh air pìos a thoirt chuca á Loch na Cuilc. Bhitheadh na cailleachan air a thòir; bha e aca air na tallain o chionn fhada mus robh guth airwhiting. ”Chan eil lorg aig Murchadh ma bha ainm aca gu sònraichte air a shon.

Cha robh uam a nis ach dealbh a thogail den Loch. ( “Chan e Loch ach Boglachmar a thubhairt cuideigin rium.) Ach rinn sùil a mach an uinneig achùis dhomh. Bha e cur nam praisean.

Cha robh muinntir Chrùilbhig fada gun innse dhomh gur e Rotach na Càisge a rug orm am Beàrnaraigh, agus sheas an droch aimsir trì latha mar a thubhairt iad. Mar sin bha mi toilichte na deilbh fhaotainn o Mhurchadhcha thogainn-sa cho math co-dhiùbh.

Soirbheachadh math le obair ùr Bheàrnaraigh. Tha mi an dòchas gu lean iomadh tonna an aon a dhfhalbh gu ruige so. Rinn mi mo shlighe air ais a Bhradhagair. Cha robh ach aon ceàrr. Bha Rotach na Caisge aca am Bradhagair cuideachd. Cha robh fàd air a buain!

titleDiatomite Bheàrnaraigh
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Màiri NicIlleMhoire in Gairm 32 %p

parent textGairm 32
<< please select a word
<< please select a page