[358]

Beagan Anns An Onair

CATHAIR A’ CHUL-CHINN

BHA an oidhche socair ciùin. Bha a’ ghealach a’ coimhead sìos air an t-saoghal chadalach le fiamh-gàire aoigheil air a gruaidh. Bha sàmhchair air muirs air tìr agus cha robh osag na gaoithe ach fann. Bha mi agabhail an rathaid air mo shocair air ais gu Baile nan Con, agus bha aghealach adeàlradh air mo shlighe.

Bha céilidh air a bhith aig muinntir aChomuinn Ghallda ann an Cnocasaidh agus bha e seachad air meadhon-oidhche mus do sgaoil na bha an làthair. Bha Calum Cealgach amìneachadh seanfhacail na Gaidhealtachd aguss ann aige fhéin tha am beul, ged a tha seanfhacail aige nach cuala mi fhéin riamh. riamh a chualaIs fheàrr caraid sachùirt na dheug air iteig?”

Ach bha seanfhacal aig Calum a chòrd rium fhéin anabarrach math— “Is fheàrr beagan anns an onoir na an donas is ceithir cheud.” Thug Calum cairteal na h-uaire adearbhadh dhuinn cho fìor agus a tha an seanfhacal so. Dhinnis e dhuinn mun latha a chaidh Alasdair a bhràthair a null don Eilean Sgitheanach a dhfhaicinn bratach-sìdhe nan Leòdachachs e sgeul eile tha sin.

Co-dhiùbh, bha mise asmaoineachadh air briathran Chaluim is mi atogail orm gu Baile nan Con. Ach bha aon acur dragh orm. Dhfhaodainn-sa a bhith onorach gu leòr ach an creideadh Curstai gur ann an dràsda a sgaoil luchd na céilidh agus gu robh am bus mu dheireadh air falbh?

Ann an tiota dhfhalaich neul dùmhail aghaidh na gealaich agus thàinig dorchadas air an talamh uile. Dìreach aig an àm ud bha mi adol seachad air Loch Mhic Fhearchair aguss ann a chuimhnich mi air naidheachd a dhinnis mo sheanair dhomh is mi atadhal air aon latha. Bho chionn iomadh bliadhna air ais chunnaic Seonaidh Gobha beathach ana-cneasda aleum anns an loch. Their cuid nach dfhuair Seonaidh riamh seachad air oir seachdain an déidh sins ann a phòs e Màiri Mhór.

Ach, arsa mise rium fhéin is mi alasadh na pìoba, chan eil duine glic sam bith acreidsinn gu bheil a leithid de rud ri each-uisge no uile-bheist Loch Nis ann. Ach thàinig crith orm agus ar leam gun cuala mi coiseachd air mo chùlaibh. Bha mi asmaoineachadh gur ann a bha mo chluasan air fàs caran neònach an déidh bhith ag éisdeachd òraid Chaluim. Achs ann a bha achoiseachd atighinn na bfhaisge agus na bfhaisge.

A mach á so,” arsa mise rium fhéin ach rug làmh air mo ghuaillean agus chuala mi guth ag ràdh, “ Stad, a dhuine”. Bha mi cha mhór adol an laigse leis an eagal, ach thionndaidh mi. bha so ach Sasunnach bha mi air faicinn aig achéilidhnach mise bha taingeilBheil lasadair agaibh,” ars esan, “is mo phìob air dol as.”

Choisich sinn le chéile suas an rathad agus dhinnis an Sasunnach dhomh cho math agus a chòrd an oidhche ris. (Bha e air Gàidhlig aChomuinn Ghaidhealaich ionnsachadh agus thuigeadh e facal no dhà den Ghàidhlig againne). Dhinnis mise dha gu robh luchd na Gaidhealtachd air leth ceart agus onorach agus bha làn fhios aca gur fheàrr


[359] beagan anns an onoir na an donas is ceithir cheud. Dhaontaich an coigreach leam oir bha e air a bhith anns gach dùthaich eadar ceann Bharraidh agus Calcutta ach bha e den bheachd nach eil sluagh air aghaidh na talmhainn cho onorach ris na Gaidheil.

Mu dheireadh ràinig sinn an tigh agamsa agus chuir mi mo làmhna mo phòcaid fiach a lorgainn iuchair an tighe. Cha robh sgeul air mo sporan! Choimhead mi air an t-Sasunnach aguss ann a bha dreun air. Chuimhnich mi air na seòid a bhair an telebhisean nuair a bha mi an Hiort an uiridh. Thug mi mo phìob as mo phòcaid agus stob mi ris an druim aige i. “Tog suas do làmhan,” ghlaodh mi, “agus sìn thugam an sporan a thagad an sin!” Thilg e an sporan air an fheur agus theich e cho luath ris an dealanach. Nach mise bha moiteils mi air mo sporan fhaighinn air ais on trusdar!

Dhfhosgail mi an dorus is dhìrich mi an staidhre gu socair. Bha Curstai saleabaidh ach leig i fhaicinn dhomh nach robh ina cadal. “Càite robh thusa amadain thruaigh,” dhéigh i, “agus ciamar a chaidh agad air bus a phàidheadh is thu air an sporan fhàgail air bòrd achidsein.” Cha robh ùine agam inniseadh do Churstai gun tàinig orm coiseachd air ais ach leum mi sìos an staidhre le mìle cabhaig. Theib mi tachdadh nuair a sheall mi air abhòrd. bhan sin ach mo sporan! Ma bha mo sporan-sa air abhòrd co leis an sporan a bhanam làimh . . . . ?

Tràth samhadainn thàinig cnogadh chun an doruis. Bha fhios agam glé mhath bhiodh annUilleam Ruadh, am polasman, agus an Sasunnach còmhla ris. “Sin e, sin e,” ars an Sasunnach, “sin am fear a theib mo mharbhadh, agus a ghoid mo sporan.”

Bha tigh-na-cùrtach làn aon latha grianach goirid an déidh sin. Bha agam ri seasamh ann am bocsa mór agus innseadh mar a thachair ach dhaithnich mi nach do chreid an siorram facal dheth. Rinn e gàire beag mìmhodhail. “Cha mhisd thu mìos no dhà ann an Ceann Phàdruigan cuala tu riamh, a ghràidhein, an seanfhacal udIs fheàrr beagan anns an onair na an donas is ceithir cheud . . . . ’”

titleBeagan anns an Onoir
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Cathair a’ Chul-chinn in Gairm 32 %p

parent textGairm 32
<< please select a word
<< please select a page