Sean Eolas-Luibh
(12) A’ BHEITH
Le ALASDAIR MAC’ILLEMHAOIL
Dh’ fhàg sgrìobhaiche Ròmanach, a bha beò anns a’ chiad linn, iomradh mu ’n bheith, agus b’ e a bheachd-san gur anns an Fhraing a chinn i air tùs.
Anns a’ Ghaidhealtachd gheibhear i a’ fàs air na monaidhean àrda, teann air trì mìle troigh os cionn na mara, agus is i an aon chraobh a sheasas ri fuachd coimheach Roinn a Tuath na cruinne.
Bha ’n rùsg air a cur am feum gu bhith a’ cairteadh leathrach. Dheanadh a rùsg uachdrach, méilleag mar a theirte rithe, leus soluis, agus an rùsg a stigh clàr sgrìobhaidh. A réir eachdraidh dh’ fhàg aon de rìghrean na Ròimhe, seachd ceud bliadhna roimh Chrìosd, sgrìobhaidhean air clàir de ’n t-seòrsa so.
O shean, dh’ iarradh am fear-bogha saighead beithe, agus ri àm calanais gheibhte a’ chuidheall-shnìomha air a dealbh de ’n fhiodh cheudna.
Ann am Breatann na Frainge tha na duilleagan air an cur sa’ chreathall chum slàinte aisig gu leanabain anmhainneach.
Thairgneadh na Gaidheil deoch-làidir á brìgh na craoibhe, agus tha mionchunntas againn fhathast air an t-seòl tarraing a bh’ aca. Bha bruicheadh de na gucan òga air a chleachdadh gus falt nam ban a chumail rìomhach òrdail.
title | Sean Eòlas-Luibh |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Alasdair Mac’IlleMhaoil in Gairm 32 %p |
parent text | Gairm 32 |