Eunabal (Embo)
ALASDAIR CALDER
“ANN am fichead bliadhn’ eile cha bhi Embo ann.” Sin agaibh mar a labhair aon de bhuill Comhairle Riaghlaidh Chataibh ann an 1950, agus gu dearbh, aig amannan, tha sinn ullamh air a bhith a’ creidsinn gun tig a bhriathran fìor agus gun teid am bail-iasgaich so a bha aon uair cho ainmeil air an aon slighe ri iomadh bail’ eile anns a’ Ghaidhealtachd. Ann an coimeas ri móran de bhailtean Gaidhealach, chan eil Embo ach òg, oir chan eil iomradh againn air fiù aon tigh anns a’ cheàrn so roimh fhuadach an t-sluaigh, no na “Clearances” .Mar tha fios agaibh shuidhich Diùc Chataibh móran de ’n t-sluagh a dh’ fhuadaich e ás na glinn air airthir na siorramachd. Rinneadh fàsach bheanntan agus mhòintichean de ’n a’ chuid mhòir de ’n t-siorramachd, agus bha na croitearan bochda—móran diubh aig nach robh eòlas sam bith air iasgachd—air an suidheachadh air fearann cruaidh creagach ri taobh na mara.
B’e clann Mhic Aoidh á Gruimbeg ann an Srath-Nabhair a’ chiad luchd-còmhnaidh a bha ann an Embo agus tha a’ chiad tigh a chaidh a thogail fhathast ’na sheasamh agus MacAoidh agus a theaghlach a’ còmhnaidh ann. Lean iomadh MacAoidh eile a’ chiad teaghlach a thainig do dh’ Embo air chor is gun robh am baile air ainmeachadh orra— “Baile Chlann MhicAoidh.” Do bhrìgh is nach robh talamh aca a ghabhadh àiteachadh, thionndaidh iad do’n mhuir agus le dol seachad nam bliadhnachan thainig sluagh am follais a dhearbh iad féin mar iasgairean fulangach, calma agus comharraichte. Bha na daoine sin air ais agus air adhart eadar Embo agus bailtean-iasgaich taobh an ear Siorramachd Rois—Inbhir, Portmahomaig agus Bail’ -an-Todhair. Chan e mhàin gun tug na fir mnathan pòsaidh as na bailtean sin ach thainig fir á bailtean Rois do dh’ Embo a dh’ iarraidh bana-chompanaich a bhiodh air an ceangal riutha ann an snaim urramach a’ phòsaidh. Mar sin gheibhear sliochd nan Rosach, nam Frisealach agus nan Cuimeineach ann an Embo gus an latha ’n diugh.
Bha soirbheachadh leis an iasgach, agus dh’ fhàs am baile. Ann an 1900 bha àireamh an t-sluaigh mu chóig ceud, barrachd agus a bha ann am Baile Dhòrnaich a tha cho faisg air làimh. Dh’ innis am maighstir-sgoile a bha romham agus a thainig do Embo ann an 1902, nach robh bail-iasgaich air taobh an ear na h-Albainn a bha cho soirbheachail ris. Bha eadar cóig agus deich ar fhichead de bhàtaichean beaga ann agus ochd bàtaichean móra a bha a’ dol gach bliadhna do bhailtean-iasgaich Shasuinn agus do eileanan an iar Albainn. Bha an sluagh air leth gnìomhach, agus a dh’ aindeoin gach cruadail bha iad sònraichte sona. Bha iad beò ann an tomhas mór dhaibh féin, agus bha iad a’ labhairt an cànain féin. Cha robh a’ Bheurla air a bruidhinn aig leac an teinntein no leis a’ chloinn ’nan cleasachd aig an sgoil. Gidheadh, cha robh maighstir-sgoile aig an robh eòlas air ar cànan Gaidhealachd anns a’ bhaile gu 1933. Bha sin tuilleadh is anmoch gu bhith “ag aiseag nam bliadhna a dh’ ith an lòcust.”
Sin mar a bha Embo gus a’ chiad Chogadh. An sin thòisich cùisean
Eunabal, bho’n Chidhe
Dheònaich an Riaghaltas na bàtaichean a cheannach airson sgrìobadh nam mèinn. Reic na daoine còire na bàtaichean anns an dòchas an uair a bhiodh an Cogadh seachad, gum biodh e ’nan comas feadhainn eile a chur ’nan àite. Fhuair iad prìs mhath orra, agus chuireadh air leth an t-airgead airson an aobhair a dh’ainmich sinn. Chrìochnaich an Cogadh ach bha prìsean air éirigh cho àrd ’s nach robh e ’nan comas ceannach agus air sgàth sin thainig crìoch air là nam bàtaichean móra ann an Embo.
Ach thill na balaich a bha air falbh—nach mór an aobhar iongantais agus molaidh gun urrainn duinn a ràdh gur e a mhàin aon duine de’n seachd fichead ’s a deich a dh’ fhalbh nach do thill, agus chan ann aig muir a chaill e a bheatha ach a’ sabaid air blàran na Frainge—agus chuireadh làmh a rìs ri iasgach nan lìn bheaga agus bha cùisean a’ dol gu math gu 1930. Aig an àm sin bha fir òga Embo air an tàladh do na bàtaichean marsantachd a bha a’ dol do thìrean céin. Cha robh an cosnadh cho cruaidh ’s a bha e air na bàtaichean iasgaich, agus a thuilleadh air sin, bha iad cinnteach ás an tuarasdal. Lean na boireannaich air a bhith a’ dol gu cutadh an sgadain ann an Inbhir-Uig, ann an Yarmouth agus air taobh siar na dùthcha. Ach cha robh càil sam bith aca a bhith a’ tilleadh do ’n tràigh a thrusadh biadhadh lìn bheaga agus a’ siubhal nan sgìre le cléibh air an dromannan. A thuilleadh air na nithean sin thainig na bàtaichean sgrìobhaidh no na tràlairean a steach do na bàighean brèagha agus sguab iad leò na bha air na
Sin agaibh ’nam bharail-sa na h-aobharan airson dol sìos Embo mar bhail-iasgaich. Ach bha móran de na seann daoine a bha de ’n bheachd nach robh am baile idir freagarrach airson bail-iasgaich agus mar sin nach maireadh an t-iasgach. A rèir na daoine sin, chaidh am baile a shuidheachadh anns an àite cheàrr. Chan eil teagamh nach robh brìgh anns a’ bharail sin oir nan robh am baile air a shuidheachadh aig “A’ Phort Bheag” aig ìochdar abhainn Fleet dh’ fhaodadh gum biodh cùisean na b’ fheàrr. Airson aon rud tha fios againn gun gabhadh caladh fhreagarrach agus shàbhailte a thogail an sin. Bha na bàtaichean móra ann an acarsaid a’ Phuirt Bhig dà mhìle air falbh bho ’n a’ bhaile. A thaobh nam bàtaichean beaga, cha robh ann ach a bhith ’gan cur gu sàile agus ’gan toirt gu tìr leis na làmhan. Agus cha bu shoirbh an obair sin, gu sònraichte anns a’ gheamhradh nuair a dh’ fheumadh na mnathan na fir a ghiùlan a mach chun nam bàtaichean.
Ged a b’ i a’ Ghàidhlig cànan an t-sluaigh chan fhaighear ’nam measg gnàthan cumanta luchd-labhairt na Gàidhlige. Cha robh céilidh ann idir agus cha deach agam air sgeul no òran a’ lorg a thainig gu bith anns a’ bhaile. Cha robh ann ach obair, obair, agus obair chruaidh aige sin. Mar sin cha robh tìm ann airson aigheir agus spòrs ach aig bainnsean agus air dà là aig a’ Bhliadhn’ Uir.
Sin agaibh Embo mar a bhà e. Gu dé mu dheighinn an là an diugh? Far an robh cóig ceud duine chan eil an diugh ann ach beagan is dà cheud. Càit a bheil iad? Thà ann an Canada, ann an New Zealand agus ann an Ameireaga. Sin far am faighear an dachaidhean. Agus có chuireadh coire orra? Chan eil iasgach no obair eile ann gu an cumail aig baile. Tha prasgan beag ann a tha a’ faotainn cosnaidh aig Bòrd nan Craobh. Tha mu chóig duine deug de na fir as òige air bàtaichean iasgach nam muc-mhara ann an Georgia mu Dheas. Anns an t-samhradh tha móran de na boireannaich ag obair anns na tighean-òsda agus anns na tighean eile a bhitheas a’ gabhail a steach luchd-turuis. A bharrachd air sin, gheibh iad corra là cosnaidh aig obair an Earraich agus an Fhoghair. Tha a’ Ghàidhlig an impis a dhol bàs. Chan eil i air a cleachdadh anns na dachaidhean agus is ann ainneamh a tha i air a labhairt le duine fo leth cheud bliadhna a dh’ aois. ’S e fìor chorra fhacal a tha aig a’ chloinn, agus a thaobh a bhith ’ga teagasg, bhiodh sin cho doirbh ri teagasg cànan nan Ròmanach no nam Frangach. Agus is duilich leam a ràdh nach eil suim aig na pàrantan gu bheil a’ chùis mar so. Gidheadh ’s e Embo daingeach mu dheireadh na Gàidhlig air taobh an ear Chataibh, ach, och! och! tha na ballachan a’ tuiteam ’s e tha ’na aobhar bròin dhuinn cho beag ag urrainn duinn a dhèanamh mu dheighinn.
title | Eunabal |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Alasdair Calder in Gairm 32 %p |
parent text | Gairm 32 |