[293]

Posadh Mairi

AONGHUS T. MACLEOID

CHA robh fhios aig Seònaid bho rian gu a seòrsa litir a thug am post thuice bho chionn ghoirid an so. ’S ann a bha i an toiseach den bheachd gur e sumanadh a bha ann airson nach robh i air cìs a ràdio a phàidheadh. Chan e gu robh Seònaid chòir adol a phàidheadh airson an ràdio. Mar a thubhairt i fhéin. “Mar a bheil iad airson mise a chluinntinn faodaidh iad a ghearradh dheth.” Agus bha i fhéin is Curstaidh Néill glé chinnteach nach burrainn dhut a ràdio a chreidsinn, no uaireannan co-dhiùbh. Thainig iad uair no dhà chon acho-dhunaidh nach e an aon rud a chuala an dithis air a ràdio a bha stigh aca. Ach cha be sumanadh a bha so idir ach fiathachadh gu pòsadh Màiri nighean a peathar ann an Glaschu. “Abair pròis,” arsa Seònaid, “ nuair a phòs mi fhìn agus Ruairidh cha robh càil mar so ann.” Cha do thuig Seònaid bhochd air fad gu a bha sgrìobhte air achuireadh, gu seachd àraid a bha R.S. V.P. aciallachadh, ach bha Ruairidh asmaoineachadh gur ann ceàrr a chaidh iad agus gun e R.I. P. a bu chòir a bhith ann—“Write in ink please. ”

Cha tainig smaointinn gu Màiri gun tigeadh Seònaid chun aphòsaidh; na robh tha mi glé chinnteach nach robh i air an cuireadh fhaighinn. Ach smaoinich Seònaid gun deidheadh i fhéin is Ruairidh ann chionn bha comanachadh ann an Glaschu an aon seachdain, agusbha cheart cho math dhuinn seachdain mhath a dheanamh dheth,” arsa Seònaid.

Abair ùpraid nuair a thòisich Seònaid air ullachadh airson a turais. Fhuair i aodach ùrcòta dubh a dheanadh an comanachadh agus am pòsadh, ad liath agus ite bhuidhe innte a bha aig Mèarag Chaluim anns abhùtha bho linn cogadh nan con, brògan dearga agus bucaill ruadha annta bho fhear a chunnaic i anns anExchange and Mart.Fhuair Ruairidh deise ùr dhubh agus brògan buidhe.

Mu dheireadh thall thog iad rithe an déidh abhó agus na cearean fhàgail fo chùram Curstaidh Nèill, ach chan fhaigheadh iad duine aig am fàgadh iad an chaorach agus bfheudar dhaibh thoir leotha.

Ràinig an triùir aca Glaschu gun tubaist. Bha Màirinan coinneamh (bha i air tulagram fhaighinn anns amhadainn sin fhéin— “Tha miarriving , me andRuairidh”) agus bha sin cho math, oir chaidh Seònaid agus am bodach a thug bhuaipe a ticead a mach air na h-aon deug. Shìthich Màiri i agus dhfhalbh i chun an tighe, ach gu tubaisteach chaidh iad suas an staidhre air abhus gus am faiceadh Seònaid am baile na bfheàrr, agus nuair a chunnaic Seònaid nach robhsgiobairann, mar a thuirt i fhéin, chaidh i gu ùpraid.

Bha Ruairidh agus Seònaid latha anns abhaile roimhn aphòsadh, agus a chionn gu robh Màiri cho trang ag ullachadh bha iad air an treòiristean fhéin. Bha Seònaid airson a dhol a thadhal air seann fhearga feadhainn. Dhinnis Màiri dhi mar a gheibheadh i annasubawaymar a theireadh Seònaid fhéin a ghabhail gu Kelvinbridge. Dhfhalbh i fhein is Ruairidh agus an am beathach bochd bha e gus a dhol ás a chiall. Chuir Màiri air asubwayiad, ag ràdh rithe fhéin nach burrainn iad a dhol ceàrr, ach is beag a bha fhios aice bhaice. Chaidh Seònaid agus Ruairidh a chath dhith anns an dearbh àite anns an do thòisich iad


[294] an déidh a bhith timcheall trì uairean. Bha Seònaid glé chinnteach nach deach iad seachad air Kelvinbridge, ach cha robh bodach nan ticeadan den bharail sin idir.

Bha e tàmailteach le Ruairidh agus Seònaid atilleadh dhachaidh cho tràth, agus seach gu robh aig Ruairidh ri lìon sgadain a cheannach dhfhalbh iad air a tòir. Mu dheireadh ràinig e bùth mhór uabhasach a bha, ann am briathran Seònaid, “na bu mhotha na Eaglais Cheann a Loch.” bha so ach bùth mhór Lewis, agus chuir Seònaid agus Ruairidh seachad am feasgar innte alorg lìon sgadain, rud nach robh innte. Ach gu tubaisteach nuair a bha iad adol a dhèanamh air an tighs ann a leig Ruairidh ás an agus e dol a lasadh a phìob, agus an ath shùil a thug e cha robh sgeul air. Sheall iad thalls a bhos, shìos agus shuas, afaighneachd do dhuine an sud is an so am faca iadCaileag.”

Mu dheireadh thall thainig àm dùnadh na bùthadh agus cha robh for air achù. Nuair a chaidh Ruairidh agus Seònaid a mach chun na sràide chunnaic iad poilisman an sin agus còta fada geal air, agus chaidh Ruairidh a dhfheòrach dheth am fac e Caileag. Cha be freagairt a bfheàrr a fhuair e. “Feumaidh,” arsa Seònaid, “gur eCommunista bha ann.”

Cha robh aig Seònaid agus Ruairidh ach a dhol dhachaidh gu trom tùrsach agus an déidh ochd busaichean a ghabhail ràinig iad gu tèaruinte tigh Màiri air an ath shràid.

Bha Ruairidh airson SOS a chur air awirelessairson achoin, ach cha leigeadh Màiri leis, ach chuir iad dhan aphaipear e agus madainn aphòsaidh bha fear aig an dorus leis.

Chaidh Ruairidh agus Seònaid chun aphòsaidh ann an taxaidh, agus bfheudar dhan duine a bha leis acharbad so a charbad a thionndadh agus a dhol a mach ceann eile na sràide, oir cha deidheadh Seònaid thairis air pìos dhan rathad a bha aig acheann eile, chionn gu fac i daoinega chur sìos air latha Sàbaid an uair mu dheireadh a bha i anns abhaile ann an 1926.

Cha robh Màiri air a dòigh an seòrsa aodaich a bha air Seònaid ach cha burrainn i càil a dheanamh dheth. Ach cha leigeadh i leotha an a thoir leotha idir. Cha do chòrd an t-searmon ri Seònaid idir. Cha burrainn i faighinn seachad air aphiàno a bha iad acluiche anns an eaglais.

An déidh aphòsaidh chaidh iad do thigh-òsda mór agusabair thusa,” arsa Seònaid, “fidenalls.” Bha duine ann thall agus a bhos ag éirigh a bhruidhinn. Cha robh Seònaid gu bhith air a fàgail air dheireadh, agus dhéirich i fhéin is thug i facal comhairle air an òigridh agus dhinnis i dhan chuideachd mar a chaidh i fhéin iompachadh leis aMhinistear Ruadh.

Bha Màiri air a maslachadh ach bhan còrr gu tighinn. Chuir Seònaid crùn air a h-uile càil a bha ann nuair a shéid i sròin leis aphìos pàipeir a bha anns aghloinne air abhòrd.

Ach feumaidh sinn Seònaid agus Ruairidh fhàgail anns abhaile, oir tha iad ann fhathast agus tha e acòrdadh glan riutha mura biodh an t-eagal a tha orra gun caill an aGhàidhlig.

titlePòsadh Màiri
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Aonghus T. MacLeòid in Gairm 32 %p

parent textGairm 32
<< please select a word
<< please select a page