[295]

T.B. Ann An Leodhus

IAIN M. MACLEOID agus IAIN M. MACMHAOILEIN

THA Màrtainn Màrtainn ag innse dhuinn nach robh na Hiortaich buailteach don chnatan idir, ach cho luath agus a thigeadh bàta-tadhail gu lamraig air an Eilean gun robh na Hiortaich, eadar bheag is mhór, aglacadh achnatain. ’S e baobhar don so gun robh luchd-àiteachaidh an Eilein iomallach agus nach robh dian-cuirp aca airson gleac an aghaidh ghalairean coimheach.

Anns achiad leth den naoidheamh linn deug cha robh móran comuinn na comhluadair eadar na h-Eileanan an Iar agus Tir-Mór, ach mu 1840 thòisich na h-iasgairean atadhal Taobh Sear na dùthcha agus thòisich achlann-nighean ri dol air mhuinntireas gu bailtean móra na Galltachd.

Mar a bha an cnatan ann an Hiort bhagalair an t-srainnseir,” mar a theirte ris, a cheart cho annasach mun àm so sna h-Eileanan an Iar. Chan eil e, réisd, ’na aobhar iongantais nuair a thàinig na h-iasgairean agus achlann-nighean dhachaidh, nach be a mhàin gun robh cuid dhiùbh fhéin air an galair a ghlacadh ach gun do sgap iad e an measg an cuideachd is an càirdean.

Ma ghabhas sinn a nis beachd air cor nan Eileanan aig an àm chì sinn cho soirbh is a bha e don ghalair sgapadh.

Mar a thubhairt sinn a cheana cha robh dian-cuirp aig na h-Eileanaich mu choinneamh an tinneis so, agus thuilleadh air a sin cha do mheas iad gun robh an galair gabhaltach. A rithist, bha na h-àiteachan-còmhnaidh acanam meadhon-sgapaidh air, oir bha an tigh-dubh blàth agus cha robh móran soluisna bhroinn. Bha, mar bu bhitheanta, tuilleadh is na bu chòir acadal san aon seòmar, agus cha robh móran de àile ghlain nam beann aruighinn cùiltean is oiseanan nan tighean dubha.

Aig an àm so bha lighichean da-rìribh tearc anns na h-Eileanan agus cha robh e furasda do na bhann siubhal eadar bailtean a choimhead air luchd an tinneis, agus co-dhiùbh is e an fhìor éiginn a bheireadh air duine sam bith cur air tòir an dotair, oir bha an sgillinn ro ghann.

Tha e coltach gun glac duine tinneas tuilleadh nas luaithe ma tha e sìosna chorp agus cha robh a h-uile duine cho math dheth o chionn ceud bliadhna is a tha iad an diugh, agus mar sin bha e na bfhasa don t-sìol-tinneis gréim a ghabhail.

Bha aobhar eile ann cuideachd, agus be sin gu robh nàire air daoine aideachadh gu robh an galair aca, eadhon an déidh dhaibh toirt fainear gun robh e gabhaltach. Cha robh daoine atuigsinn an seòrsas galair a bhann agus bhitear abruidhinn air ann an sanais. Mu dheireadhs e achaitheamh an ainm a chaidh a thoirt air agus chuireadh e tàmailt mhór air duine a ràdh ris gu robh achaitheamh anns na daoine aige.

Air eagal bruidhinn na nàbachd cha deidheadh duine a ghlacadh i chur air leth idir, aguss e bun a bhiodh ann gun glacadh an teaghlach gu léir ino co-dhiùbh achuid mhór dhiùbh.


[296]

Aireamh Sluaigh Leodhuis

Dealbhcunntais 1

Aireamh an t-sluaigh

Anns achiad dealbh-cunntais chì sinn gu robh àireamh-sluaigh Leódhuis asìor fhàs anns an leth mu dheireadh den naoidheamh linn deug agus gun do ràinig e àirdead mu 1910. Mun àm so bha cùisean asoirbheachadh san Eilean againne oir bha 8000 an sàs anns an iasgach air dhòigh air choreigin anns abhliadhna 1893. Ged a bha sin mar sin cha do mheudaich àireamh an t-sluaigh agus bha tuilleadh is cus de dhaoine afuireach anns gach tigh.


Aireamh-Bàis

Dealbh-cunntais 2
[Dealbh]
Aireamh de bhàsan anns acheud mhìle (100,000)

Ma bheir sinn sùil air an dara dealbh-cunntais chì sinn gu h-ann mun àm so cuideachd a dhfhalbh achaitheamh le barrachd, a réir


[297] àireamh-sluaigh, na aig àm sam bith eile an eachdraidh ar n-Eilein. Mar sin saoilidh sinn gu robh cus sluaigh sna tighean-còmhnaidhna phrìomh aobhar-sgapaidh air aghalair. Tha am beachd so air a dhaingneachadh ma choimheadas sinn ris an treas dealbh-cunntais far am faic sinn gun do ràinig an galair àirdead ann am baile Steònabhaigh timcheall air da-fhichead bliadhna mun do rinn e sin air tuath abhaile (An Rudhas am Bac).


Aireamh-Bàis

Dealbh-cunntais 3
[Dealbh]
Aireamh de bhàsan anns acheud mhìle
Baile Steòrnabhaigh
An Rudhas am Bac

Chan eil teagamh sam bith nach robh tighean-còmhnaidh na bfheàrrgan togail an Steòrnabhagh bliadhnaichean mun deach an togail air an tuath, agus mar a bfheàrr na tighean is ann bu lugha a bha bàsachadh leis achaitheamh.


Aireamh a rèir gach seòmair

Dealbh-cunntais 4 (Baile Steòrnabhaigh)
[Dealbh]

Le sùil a thoirt air acheathramh dealbh-cunntais chì sinn gu robh na bu lugha is na bu lugha de dhaoine mu choinneamh gach seòmair am am baile Steòrnabhaigh mar a bha na bliadhnachan ri dol seachad, ach air an tuath cha deachaidh móran thighean geala chur suas gu ás déidh 1924 nuair a thug Achd Pàrlamaid cuideachadh do na croitearan airson tighean ùra thogail.


[298]

Aireamh-Bàis

Dealbh-cunntais 5

Aireamh de bhàsan anns acheud mhìle (100,000)
Firionnaich
Boirionnaich

A nis nach coimhead sinn ris achóigeamh dealbh-cunntais far am faic sinn (a dhaindeoin cho duilich is a tha e dhuinn aideachadh!) gu bheil am boireannach tòrr nas righinn na am fireannach. Bha móran a bharrachd de dhfhireannaich abàsachadh leis achaitheamh aon uair is gun do dhfhàs na boireannaich rudeigin cleachdte ris aghalair. Tha na boireannaich righinn da-rìribh!

Anns an àite mu dheireadh coimheadaidh sinn air ais air an dara dealbh-cunntais agus chì sinn gu soilleir gun robh an àireamh ás acheud mhìle a bha abàsachadh leis achaitheamh asìor dhol na bu lugha o chionn còrr is lethcheud bliadhna. a baobhar don so?”

S e am prìomh aobhar, mar a chunnaic sinn, an leasachadh a bhatar adèanamh air na tighean-còmhnaidh ach bha gnothaichean eile ann a bha cuideachadh.

Bha bainne achruidh anns an latha againne nas fallaine, oir thatar adèanamh oidhirp mhór air achaitheamh a chur á bith am measg crodh na rìoghachd, agus mar sin chan eil daoine cho buailteach a togail as abhainne.

Tha anX-ghathair cuideachadh mór a dhèanamh oir is iomadh neach a lorgadh air an dòigh so mun dfhuair achaitheamh cus gréim air, agus mun dfhuair i cothrom air sgapadh gu daoine eile. Eadhon ged a bhitheadh achaitheamh air gréim fhaighinn air duine an diugh tha tigh-eiridinn ann an Siorramachd Obar-Dheadhain far a bheil lighichean cho ealanta leis an sgithinn is gu bheil iad aleigheas na mór-chodach a tha dol fon làmhan.


[299] Bho dheireadh achogaidh tha cungaidhean ùra air an lorg marstreptomycin,” “isoniazidagusP.A. S.” a tha marbhtach air achaitheamh, agus an so feumaidh sinn facal aràdh mu Dhotair Doig, a tha air a bhith toirt B.C. G. don chloinn o chionn bhliadhnachan a nis. Bha e air fear den chiad fheadhainn a thòisich air an obair so, agus chan eil teagamh sam bith nach eil an obair aige a nis asealltainn a toraidh, agus tha an Eilean againn fadana chomain airson a theòmachd agus a dhìlseachd san obair chliùitich a ghabh e os làimh.

Chan eil e cho fada bho bha Taigh-eiridinn na Siorramachd air bràigh Steòrnabhaigh làn a mach air a bheul le feadhainn air an robh achaitheamh, ach tha uimhir de leapaichean falamh ann a nis is gu bheil pàirt den aitreabh air a cur gu feum eile.

Nach ann a bhios an latha ann nuair a thig an duine mu dheireadh a mach air achachaileith air a leigheas, aguss e ar dùrachds ar dòchas nach eil an sin ro fhada as, oir is iomadh fleasgach is òigh, a bha glé ghealltanach, a chaidh a ghearradh asnan òige le galair grànda an t-strainnseir.

titleT.B. ann an Leódhus
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Iain M. MacLeòid and Iain M. MacMhaoilein in Gairm 32 %p

parent textGairm 32
<< please select a word
<< please select a page