Sùil Air Ais
SEORAS MACLEOID (Alanais)
(An Eaglais ann am beatha muinntir Roscuidnidh anns an ochdamh linn deug.)
IS mór agus is ùidheil an eachraidh a tha againn air eaglaisean an t-seann aimsir, agus tha taisgeach nach eil beag ann an leabhraichean cléire thall ’s a bhos. Bheir sinn criomag no dhà á cunntasan cùirtean eaglais Roscuidnidh ann am meadhon na h-ochdamh linne deug.
Rinn cogadh Phrionnsa Teàrlach léir-sgrios air eaglaisean nan sgìrean eile anns a’ choimhearsnachd—an Cille-Mhoire agus an Alanais—ach thàrr Roscuidnidh ás gu h-iongantach, agus trì eaglaisean ann a’ feitheamh searbhadas a’ Chogaidh. Tadhailidh sinn air aon diùbh—Eaglais an t-Sruthain.
Goirid an déidh a’ Chogaidh (1715) rinn muinntir an àite móran dìchill gu cùisean na h-eaglaise so a leasachadh. Chithear fhathast an làrach aice, agus ged nach eil dealbh againn dhith, tha fios gum b’ e clach a thog na ballachan, gu robh iad air an dèanamh réidh a muigh ’s a stigh agus air an aoladh. Bha am mullach de fhiodh le còmhdach mhath de fhraoch. Bha an clag-thigh cho àrd os cionn na binneige ’s a thigeadh aca air a chur. Bha gach mìr de ’n làr fo leacan móra còmhnard. Cha robh dìth luaidhe, ullagan, no gloine air na h-uinneagan—ged a thàinig orra dealachadh ri £8 19s 11d airson gloine an teampuill gu léir! B’ iad a bha cùramach mu na gloinichean sin oir leughaidh sinn a leithid so anns a’ Chunntas Bhliadhnail— “10/6 airson stoban iarainn gu cumail slaodairean bho bhith suidhe anns na h-uinneagan”!
B’e cuid de obair a’ mhaoir-eaglaise taobh a stigh nam ballachan aoladh bho àm gu h-àm, an làr a sguabadh gu tric, agus dèanamh cinnteach nach robh dìth àile ghlan air an luchd adhraidh. Feumas e bhith gu robh am bodach aig an am so anabarrach dìchiollach oir bha e gu tric ag iarraidh sguaban ùra. Tha e coltach gu robh e air a shàrachadh gu mór le uisge a bha laighe air làr na h-eaglaise; bu bheag an t-iongnadh ’s i an cliathaich bruthaich. Cha robh móran airgid a’ tighinn thuige bho ’obair mar mhaor-eaglaise ach bha e cinnteach á sia sgillinn airson an clag a bhualadh. B’ ann aige a bha ris na h-uaighean a chladhach agus bha a thuarasdal a réir an inbhe an neach a bhàsaich: tasdan airson uaigh dhuine bhochd—rudeigin eu-domhainn; uiread eile airson fear no té an inbhe mheadhonail; agus bha na h-uaislean a’ toirt seachad ceithir tasdain airson doimhne neo-àbhaisteach. Cha robh am bàs fhéin a’ dèanamh co-inbhich dhiùbh! Bha leth-chrun air a chur air leth eadar e fhéin agus an Ceisdear airson caisbheairt!
B’ e sgrùdadh an t-sluaigh air eòlas litreachail na Fìrinn agus an ceasnachadh air Leabhar-Aithghearr nan Ceisd obair dhligheach a’ Cheisdeir. Bha e mar fhiachan air an Fhìrinn a leughadh do shean is
Bha aig an àm ud Ceisdear am Portmaholmaig a rinn àrdachadh ain-dligheach air inbhe. Bha e car làn dheth fhéin agus cha b’ e am furasda chumail ’na àite. Thàinig a reasgachd gu cluasan na cléire agus cha b’ fhada gus an deach an glas ghuib a chur air ar caraid. Goirid an déidh so bha e a rithist le a bhonaid ’na làimh—iad a’ cur ás a leth gu robh e a’ cur dragha air an t-seirbhis le bhith seinn àird a’ chlaiginn le fonn eadar-dhealaichte ’s a bha aig càch. Fhuair e achmhasan geur, ’s a leabhraichean ’na chois! So am meas a bha a’ chléir a’ cur air cuideachadh Mhurchaidh a’ Cheisdeir ás leth leasachadh na seinn!
An uair a thàinig Dàniel Bethune gu Roscuidnidh anns a’ bhliadhna 1717 bha cùisean na diadhachd glé ìosal. Chan fhaca e freagarrach Bòrd an Tighearna a fhrithealadh fad cheithir bliadhna an déidh a phòsadh ris a’ choimhthional. Aon eildear cha robh aige agus mar sin bha e gun seisean. B’ e duine anabarrach diadhaidh a bha an Dàniel agus mun do chaochail e thug e a chumadh fhéin air móran de ’n sgìre.
Bha e fhéin agus am fear a thog àite a’ caitheamh móran de ’n ùine ann an oidhirp air leasachadh cor ìosal nam bochd, agus bhatar a’ crìochnachadh iomadh seisean le greiseag air “Airgead nam Bochd.” So a bha ac air là mar siud—
1. Banntrach a’ Phìobaire Dhoill, 2/6.
2. Aobhar feumail,1/ 2¾.
3. Sìne a’ Mhuilleir (Sìne Allaban), 2/6.
4. Bean Chuthaich a’ Mhuilleir, 1/ -.
5. (Bliadhna an déidh sin.) Banntrach Gharg a’ Mhuilleir, 4/- (chaidh an truaghan fodha fo chudthrom na deuchainn).
6. Seòras Rothach, 1/- (air uairean).
7. Seann Seòladair, l/ -.
8. Caileag Bhochd Swanson, 1/ -.
Aon cuis-thruais eile—agus cha b’ ann air dheireadh bu mhath leam e bhith—Uilleam Amadan. Thigeadh e bliadhna an déidh bliadhna, bho bhràighean grianach Chulcàirn, a dha làimh gu dòchasach sìnte mach airson a shia sgillinn, is deàlradh ’na ghnùis fo ghàire neònach na h-inntinn nach robh làidir.
’S math gu bheil fhathast againn sgàthan anns am faic sinn mhuinntir a’ bh’ ann, is an rian beò a bh’ aca. Is mór an caochladh a thàinig air cùisean bho ’n là ud. Tha daoine gu mór nas soirbheachaile, ach, ma thà, chan eil teagamh nach eil éire-thruim ’na chois. Chunnaic iadsan tròcair Dhé suainte suas ann an drap de ’n uisge fhuar; faiceamaid-ne a làmh fhialaidh ann am meadhon ro-lìonmhorachd ar sochairean.
title | Sùil air Ais |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Seòras MacLeòid in Gairm 32 %p |
parent text | Gairm 32 |