[11]

Air an Spiris

OBAIR do na h-Eileanaich! nach deanadh toileachas ris an naidheachd sin? Rinn sinn toileachas roimhe so rithe, nuair a thòisich obair na feamad asoirbheachadh a rithist ann an Uibhist; nuair a dhfhidir sinn gu robh croitearan Thiridhe afaotainn teach-a- steach bho chur nam bulbaichean; nuair a thòisich feur uaine acinntinn air mòinteach riabhach Leódhuis is Na Hearadh. ’S e bha sin rudan anns a robh fàs agus beatha. Beatha do na h-Eileanaich, sùgh milis dhan teaghlaichean, cothrom-fàis don chaitheamh-beatha, do na subhailcean, don chànan a bhuineas dhuinn. Cha leig duine a leas a ghuth a thogail a ràdh nach dean sinn aoibhneas ri naidheachd den t-seòrsa sin.

Ach tha obair is obair ann. Obair a mhaireas is obair a mharbhas. Sùgh an fheòir a bheathaicheas is sùgh na brèaghlaich a thachdas. Agus ged a tha coltas brèagh gainmheachail air machair Mhealboist, far a bheil aPhàrlamaid agealltainn gun cuir NATO bonn tioram cruaidh do na soithichean-adhair aca, tha amharus againn nach eil innte ach abhrèaghlach, is gun tig fàileadh loit dhith mun toir i bàrr.

Tha sinn searbh de chùilteireachds de shliogaireachd an Riaghaltais a tha a nis fad bhliadhnaichean adeanamh armlann is daingneach de na h-Eileanan-an-Iar. Beinn-a- bhadhla an toiseach, agus lamraig-adhair Steòrnabhaigh; ionad-rocaid Uibhist an uair sin, le stéiseanan freiceadain is freasdail an Uibhist-a- tuaths an Hiort; Ard Uige an Leódhus. ’S a nis NATO an Leódhus. Gach atighinn oirnn cho fèathchaidh, mar nach biodh gnothach aig an dara rud ris an rud eile. Is beul-bòidheach an Riaghaltais abrìodal ruinn fad na h-ùine, agealltainn obair do na h-Eileanaich, agealltainn rathaidean dhuinn, agealltainn telebhisean is VHF dhuinn. Na drochaideangan togail, is na Ban-rìghinnean is na diùcannan atadhal oirnn len cuid chon is an slatan-iasgaich. Mus sluig sinn a h-uile baoiteag a tha air a thairgsinn dhuinn bithidh cnuimhnar n-innibh a shluigeas beò sinn.

Ach their fear gu feum sinn an rìoghachd a dhìon an aghaidh ar nàimhdean. Chan ann on iar a thig ionnsaigh ma thig i idir, agus ged a bann, tha innealan-sgrios an -an-diugh cho cumhachdachs cho cinnteachs nach leig iad a leas a bhith ri beul an nàmhaid nuair a loisgear iad. Cuireadh iad na h-innealan an sàs air bràigh Lunnainn, is ionnsaichidh sin modh is ciall don Riaghaltas. Bfheàrr dhuinne air aGhaidhealtachd gu robh an Riaghaltas fhathast cho caoin-shuarach mur deidhinns a bha i roimhe so.

titleAir an Spiris
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Gairm 33 %p

parent textGairm 33
<< please select a word
<< please select a page