Daimh An Seomraichean-Cadail
DONNCHADH MACDHUNLEIBHE
Thainig Uilleam MacCoinnich do an dùthaich so an deaghaidh réite chogaidh nam Boaire; mac tuathanaich an Hunndaidh, ach bu e fear-togalaich a bha ann-san. Duine làidir, calma, mu sheachd bliadhna fichead a dh’ aois, agus an treun a neirt. Bha Uilleam ciùin, sàmhach, gu dearbh rud beag diùid cho fhada is nach robh e pòit, ach fìor allaidh agus an dram air. Bha e a mach san fhàsaich a’ togail dhrochaidean mu thuairsme dà bhliadhna agus rinn e an deagh airgead. Thainig e an sin gu baile, gu aon de na tighean-òsda, ach cha bu fhada a mhair stuamachd na fàsaiche, agus gus an robh e air an dearg dhaorach. A mach a ghabh e an sin feuch có a thachradh ris agus ’na chuairt dh’ amais e air an mhargadh, agus ciod e a rinn e ach ceannach seisreach dhamh, sia-deug dhiubh. Bu e daimh, is cha bu e eich, a bhatar a’ cleachdainn airson iomchair san dùthaich so ro theachd an iomchar-ola, sia daimh dheug mar sheisreach anns gach feun. Fhuair e gille dubh no dhà g’ a chuideachadh chum an saodachadh, agus rinn e air an tigh-òdsa leo. O chionn leth cheud bliadhna cha robh na tighean-òsda ionann ri togalaichean móra ioma-lobhtach na h-aimsire so. Mar bu trice bha am bùth-dibhe agus an phroinn-lann ’nan aon togalach air oir an chabhsair, agus bha na seòmraichean-cadail ’nan aon sreth an togalach air leth, a bha air cùlaibh an togalaich a bha ris an t-sràid, agus mu chóig slatan de rathad a’ ruith eadar an dà thogalaich. Shaodaich MacCoinnich na daimh chun an tighe-òsda agus chuir e damh anns gach seòmar-cadail, agus cha bu fhada gus an robh an hóro-gheallaidh ann agus Uilleam, is ceann caol a bhata ’na dhòrn, a’ toirt dùbhshlan do luchd an tighe-òsda a bha a’ feuchainn ri cur nan damh ás na seòmraichean. Chaidh teachdairean a chur airson pholasman agus thainig leth-dusan dhiubh chun an duine chuthaichte, agus cha bu e sin an sùgradh. ’Nan caraibh a ghabh MacCoinnich le a bhata is le a bhrògan, agus bha fuil air iomadh mala mu an d’ fhuairear glas-làmh air agus mu an do chuirear clach is aol mu a shròin. Air an là-rna-mhàireach chaidh binn trì mìosan prìosain a chur air. Ach ciod a dheanar leis na daimh? Chan eil leithid “lagh Cill-mo-cheallaig” san dùthaich no gu cinnteach chuirear iadsan an carcar fòs. Is e a rinnear an toirt air iasad do fhear-iomchair aig punnd san latha, agus nuair a fhuair MacCoinnich saor as an phrìosan nach ann a choisinn na daimh dha a suas ri ceud punnd, suim nach bu bheag an 1905. Reic e na daimh air prìs na b’ fheàrr na thug e orra, agus thug e am blar-a- muigh air a rithis, far an do rinn e gu glé mhath, oir sguir e de an deoch buileach. Nuair a bhri cogadh an Chaisear oirnn thill e do Albainn agus bha e an aon de na réisimeidean Gòrdanach agus, ciod air bith a thachair dha, cha do thill e do an dùthaich so tuilleadh. Ach mhair a chuimhne, agus bu fhada an deaghaidh na h-aimsire sin a bha iomradh an Pretoria air an Albannach Chuthaichte a chuir a dhaimh san seòmraichean-cadail san tigh-òsda.
title | Daimh an Seòmraichean-Cadail |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Donnchadh MacDhunléibhe in Gairm 33 %p |
parent text | Gairm 33 |